II. TINNEAS ’US IOCSHLAINTEAN.

Na h-euslaintean dom bheil sibh nis mo bhuailtiche, ’s iad tinneas stamaic, teasachean, ’ghriuthrach, an teasach sgarlaid, a bhreac, casadan, ainteas sgamhain, losgaidhean, sguchaidhean, leointean, gortas-luirgein, agus cuid a dhuairean cnamhan briste. Ach gidheadh tha tinneasan eile rin coinneachadh anns cho liugha de shluagh, agus ged nacheil e comasach ann an leabhar coslach ri so aire a thoirt do na h-uile euslaint, agus eadhon duilich a chuir sios riaghailtean dearbhte gu bhi air an leantuinn anns na h-uile cor dhiubh sud a dhainmich mi, gidheadh freagraidh na seolaidhean a tha air an toirt airson gach cor le beagan athrachaidh.

Tinneas Stamaic.

Tha tinneas stamaic air aithneachadh le bhi neo-shlan, le call cail, gaoth cuime, losgadh-braghaid, agus cuid a dhuairean le faireachduinn piansan stamac. Ann an cuid de chorain tha leanntaidhean uisgidh air a thilgeadhn airdsa mhaduinn a bheir beagan saorsainn don neach euslan.

[28]
[29]

Than euslaint so gu h-araidh air aobhrachadh le bhi beo ro mhor air buntata no luibhean eile gun fheoil, no le ol cus de dhuisgebeatha, no leis an stamac a bhi air a luchdachadh le biadh sam bith.

Anns a chaibideil air Lon thug mi cuid de sheolaidhean air deasachadhur buntata, &c. a bhios, ma leanar iad, nis feumail ann am bacadh an euslaint so na na h-uile iocshlaint than Albuinn. Gidheadh, ’n uair nach leanar mo chomhairl-sa, ’us neach a bhi air a bhualadh le tinneas stamaic, ’se cheud cheum am biadh athrachadh gu aon n is beathachaile m as comasach le feoil aon uairsan la. Ma tha sibh ro ainniseach gu ruigsinn air sin, feumaidh sibh stuthan beothaichidh, leithid as peabar, uinneanan &c. a mheasgadh maille rir buntata. Tha deochan searbh, leithid as tea chamomile, no sugh an luis thri-bhileach gle fheumail. Deanaibh an sugh gu maith laidir, agus cuiribh maille ri botul dheth aon ghloin uisge-bheath a chumas e bho oibreachadh. Faodaidh lan gloine dheth sobhi air a ghabhail gach maduinn, ’usnuairbhios mor losgadh-braghaid no gaoth cuime, bheir lan spain-tea de charbonate soda air a ghabhail aon uair no da uairsan la ann am beagan buirn, saorsainn. Cha chluinn mi ach mu thearc de thinneasan stamaic ma leanas sibh mo chomhairl a thaobh n- ’ur loin. Marbhaibh agus saillibh aig a chuid as lugha aon mhucsa bhliadhna anns gach teaghlach, air sga n- ’ur slaint mur ann airsonur cofhuirt.

Teasach.

Tha so gu cumantatoiseachadhsan fheasgar le piantansan druimus anns na lamhansna casan, faireachduinn fuar thairis air a chorp uile air a leanmhuinn ann an uin aithghearr le tinneasus mor theas, —a chuisle laidir agus abualadh moran nis luaith na babhais (mun cuaird do 72 bhuillean ann am mionaid ann an neach thair fas), agus an teangaidh ach beag a ghna geal Tha gu cumanta gortas cinn, an taobh stigh ceangailte, ’sam fual gann agus dorch.

Tha e do ghna iomchuidh deoch thilgidh a thoirtn uair a shaoileas sibh gum bheil neach ann an teasach, agus ma bheirear gu trathail i, is tric a chaisgeas ian aon uair an euslaint. Tha tarruing fola feumail ach beagsna h-uile chas, agus bu choir a dheanamh cho luathsa bhios sibh cinnteach gur e teasach a thann. Anns na h-uile cas, cuimhnichibh gur

[30]
[31]

coir do mhuinntir seasamhnuair a tharruingear fuil asda, agus gun a tarruing idir nan luidhe, agus is coir an fhuil a stad cho luathsa dhfhannaicheas iad no dhfhasas iad tinn. Bithidh e gu maith a chuimhneachadh gum bheil mu choinneamh gach neach a tha air a mhilleadh le call cus fola, deich mile abasachadh le call ro bheag. Deanaibh am fosgladhsa chuisle farsuing air choirs gum faigh sibh na dhiarras sibh de dhfhuil gu grad; oir an coimeas chaneil ach beag feum air larg tarruing fola a fosgladh beag. Giulanaidh neach mheadhon-aoiseach, ma tha e gu nadurach slainteil, call 5 no 6 lan cup-tea mus fannaich e, ach chan iarr clann no sean mhuinntir uiread. An deigh tarruing fola, thoiribh purgaid laidir de sheors sam bith, mar a tha tea shenna, jalapus calomel, no pileachan, no salts: oir mur glanar gu h-iomlan an taobh stigh cha bhi ach beag earbsaa ath-leasachadh aithghearr. Faodaidh ebhi feumail fuil a tharruing nis trice na aon uair ann an teasach, agus tha e a ghna feumail mairsinn ri toirt tomhasan beaga de dhiocshlaintean fhuasglaidh na h-uile cheann 3 no 4 laithean gus an lughdaich an teasach. Ma tha agaibh deigh sam bith airson slaint don neach thinn, sparram oirbh gu gle laidir an tur fheum air cumail luchd-seanachais dhiomhainmach as an tigh, ’sgun idir an leigeadhsteach do a sheomar. Cha bu choir a bhi idiran sin ach aon neach aig aon am, mur bi gu caradh na leapa no leithid sin de ghnothaich, agus gun fhuaim os ceann sanais a bhi air a chluinntinnsan tigh. Na biodh nis mo de dhaodach air na dhfhairicheas e taitneach, uime-sin aig aman feumaidh sibh cuid a thoirt dhethsa risd an cuir airnuair a dhiarras e sin. Tha so agus comas an ailidh le fosgladh dhorsainus uinneagain gu cumail an ailidhsan t-seomar urus fionnar (ach a mhain ann an aimsir ghle fhuar) tur fheumail gu toirt earbsa ri ath-leasachadh. Faodaidh e ol nas aill leis de bhurn dhe aran loisgte (air a dheanamh le taomadh burn teth air mir de dharan coirc loisgte agus leigeadh leis seasamh gus am fuaraich e), meog, burn le beagan de shlaman-milis dhearcain dubh lis ann, no burn leis-fein. Ma tha eagal oirbh nach basaich e, ’s ma tha sibh airson cuir as da gu grad, thoiribh uisge-beathdha; ach ma tha sibh airson a leigheis, na faigheadh e ni sam bith nis treise na burn, no brochan tana, no tea. Ma tha a cheann gort no abreislich, gearraibh dhethfhalt, ’us cumaibh aodach fliuch le burn fuarus fion-geur richeann.

[32]
[33]

Tha gidheadh seors den goirear gu tricteasaichean iosalnoTiphusairson nacheil e iomchuidh fuil a tharruing. Ged tha chuislesan teasach so luath chaneil i laidirus lan, ach caolus lag, an teangaidh gu luath air a cuibhrigeadh le sgrath dhorch an ait a bhi geal, agus nis mo laigseus sgios bhon toiseach na thann an teasaichean cumanta. Gheibh sibhnuair a thaisbeanas an teasach so gum bi iomadh tinn leathasan ait mun cuairt duibh, gum mair i uin fhada, gu minig mios no 6 seachduinean mus fas an neach tinn slan; achsann a thachras teasach chumanta ann an cuisean singilte agus gu cumanta criochnaicheas i ann an deich la no ceithir la deug.

Aig toiseach an t-sheors teasaich so tha deoch thilgidh iomchuidh agus cho luathsa ghuilaineas an stamac e, thoiribh purgaid laidir de sheors shabhailt sam bith. An deigh so tha purgaidean gu bhi air an toirt an ceann gach 3 na 4 laithean gu ceann cheithir la deug, agus an deigh sin bithidh tomhas de chastoir ola gu cumanta laidir gu leoirnuair a dhfheumar a leithid. Na stad idir bho phurgaid a thoirt ged nach bi an neach tinn ag ith ni sam bith. Faodaidh an deoch a bhi mar ann an teasach chumanta, ach cha choir seors sam bith de bhiadhbhi air a ghabhail. Tha an teasach so ag iarraidh moran nis mo shamhchairsa dhfhois nan teasach chumanta. ’Nuair a than craiceann anabarrach tethus tioram tha e feumail an corp uile a fhliuchadh thairis le burn meagh bhla’ ’us aiteal fion-geur aon uairsan la. Thabhi anigheadh nan casains nan lamhain le burn tethsan fheasgair gu tric acuideachadh gu faighinn fois us cadal.

Ghriuthrach.

Tha so gu cumanta atoiseachadh le cnatansa cheann, le tomhas beag de theasaich na chois, agus 2 no 3 laithean an deigh sin taisbeanaidh na spotan dearg a chomhraicheas an galar; agusn uair a rannsaichear gu dlu iad gheibhear iad a ghna nan cuairteagan beaga anns am bheil i eadar-dhealaichtbho na h-uile bhrisidhean-mach eile.

Than doigh a ghabhar rithe gle shimplidh, agus mur much sibh an neach tinnn aird ann an eallach aodaich leapa, agus mur toir sibh uisge beatha no biadh dha, chan iarr nadur oirbh de chobhair ach an tras’ ’sa risd tomhas de dhiocshlaint fhuasglaidh agus aisigidh an neach tinn gu luath gu shlainte. Is ainmig a bhios feum air tarruing fola mur bi an teasach arda. Na cumaibh an neach tinn ro theth no ro fhuar. Biodh an

[34]
[35]

seomar a ghna air a chumail fionnar agus thoirear pailteas de dheoch dha, coslach ri sin a tha air a mholadh ann an teasach.

Cuid a dhuairean theid no spotan, an deighbhi muigh uin ghoirid, a steach gu h-obainn, air neo cha tig iad idir gu ceart a mach. Anns a chor so tha blath-fhairigeadh gle fheumail, ’san deigh sin bu choir fuil a tharruing as an neach thinn agus plasd chuileigean a chuir air a bhroilleach. An deigh don euslaint a bhi reir coslach gu tur air fhagail, feumar mor thoigh a thoirt air gu fuachd a sheachnadh re seall.

An Teasach Sgarlaid.

Than euslaint so a ghna atoiseachadh le nis mo no nis lugha de ghoirteas amhaich, a tha cuid a dhuairean ataisbeanadh beagan uairean roimh na bhroth, agus aig aman eile beagan laithean roimhe. Tha an teasach a ghna arda, achsainmig a tha tarruing fola feumail. Feudar deoch-thilgidh a thoirt aig an toiseachadh agus iocshlaint fhuasglaidh chuimseach de chalomel us rhubarb no jalap an drasdsa risd an deigh sin: achsann a tha a chobhair mhorsan teasach sgarlaid acosheasamh ann an nigheadhchuirp uile thairis le spong air a fhliuchadh le burn fuar cia be uair a dhfhairchear an craiceann tethus tioram. Chaneil agam teagamh nach criothnaich an ioc-shlaint sour barailean a thaobh gnathachadh teasach, ach tha e gidheadh cho dearbh chinnteachsasurrainn ni sam bith a bhisan t-saoghal so, nacheil leigheas sam bith de dhfheum sam bithsan teasach sgarlaid an coimeas ri so. Chaneil cunnart no diamhaireachd sam bith ann, agus cia be uair a bhios an craiceann tethus tioram, gun chrith-fhuachd air fhaireachduinn, ’s gun fhallas a muigh, cleachdaibh am burn fuar a chuir air, agus innsidh an neach tinn gu luath dhuibh cia taitneach a ta e, agus bithidh fadachd air gus an cleachdar a rithist e. Tumaibh spong no aodach ann am burn fuar, suathaibh an corp uile thairis, a reisd tiormaichibh e agus cuiribh esan leabaidh, agus foadar so a dheanamh caochlauaireansan la ma dhfheumar e. An deigh do na bhroth fhagail toisichidh an craiceann ri rusgadh dheth an caochlaaitean, agus feumar mor thoigh a thoirt air nach glac e fuachd, nitha e nis ealamh air a dheanamh an deigh so na an deigh euslaint sam bith eile.

A Bhreac.

Chaneil an euslaint so idir cunnartach ma chaidh breac a chruidh a chuir gu ceart air neach a roimhe, agus cha bhi faireachduinnean nam paraintean ud a dhearmaideas iad-fein a chuir thuige gu so fhaotainn deante air an clann cho luath sa bhios iad mios no dha a dhaois nan cuis fharmaid ma theid

[36]
[37]

a bhreac a steach don tigheansan fheadhainn bheagathoirt air falbh.

Is urrainn dour n-uachdaran nour ministear a ghna iongar breic-a- chruidh fhaighinn air n- ’ur son gun chosd air bith le sgribheadh guRun-chleireach Comuinn shuidhichtna Righeachd airson Breac-a- chruidh, ’an Lunnainn,” agus foadaidh aon sam bith le sgribeadh a chraiceinn le snathad agus a mhain a fhrilleadh gun fhuil a tharruing, agus a reisd an iongar a chuir bog ris, a bhi an ire mhaith cinnteach gum freagair e.

Tha leigheas na Breice acosheasamh ann an iocshlaintean fhuasglaidh a chleachdadh aig aman( ’se calomelus jalap air am measgadh as fearr); ann an cumail an t-sheomair fionnarus urail; annbhi toirt uiread de bhurn fuar ri ol don neach thinnsas aill leis, agus bithidh e nis fearr mas urrainn sibh lemonan no stuth goirt sam bith fhaighinn gu mheasgadh comhla ris a bhurn. Freagraidh duilleagan na sealbhaig gle mhaith.

Casdan.

Is beag a ruigear a leas a radh air a cheann so; oir gedtha nis mo de dhfhaon leigheasan airson casdan na tha airson euslaint sam bith eile, chan aithne dhomhse leigheas sam bith ach cumail blathus tioram anns an tigh, no fantuinnsan leabaidh gus am falbh i, a bhi beo air lon gle anmhuinn fad na h-uine, agus a bhigabhail iocshlaint fhuasglaidh; agus tha sugh licorice, cara-meala, no siucar dubh cho maith ri iocshlaint sam bith airson lasachadh goirteis amhaich, le beagan bhoinnean laudanum ma bhios an casd gle throm agus nach bi ainteas ann.

Ainteas Sgamhain.

Than euslaint so gu cumantatoiseachadh le casd eutromus piansa chliabh air tarruing anail, ni, mur caisgear e, a mheudaicheas gus nach urrar an anail a lan tharruing a steach do na sgamhan leis a phiansa chasd a thogas e. Tha a chuisle an comhnuidh luath agus laidir, agus bu choir fuil a thoirt as an neach thinn gu grad, an dara cuid na shuidhe no na sheasamh, agus faodaidh sibh leigeadh leis an fhuil ruith gus an urrain e anail a tharruing le socair, no gus am fannaich e. Ma nithear so mus buannaich an euslaint mor bhuaidh is beag tuilleadh bhios ri dheanamh ach iocshlaint fhuasglaidh a chleachdadh. Ach mur deanar soan toiseach na h-euslaintfaodaidh e bhi feumail ath-tharruing fola a chleachdadhan taobh stigh de dha uair dheug. Tha plasd chuileigean air a

[38]
[39]

chliabh feumail, agus feumar an neach tinndhi air a chumail cho iosalus cho samhachsasurrar.

Losgaidhean.

An uair a dhoirtear burn no ola ghoileach air earrainn de na chraiceann, chan eagal da ma theid uisge-beath a chuir gu grad ris an earrain agus a chumail ris gus an lasaich a phian. Taom an t-uisge-beath air neapaicinn no aodach agus cuir air an earrain loisgte e, ’ga bhogachadh gu tric le tuille uisge-beatha, a chionn gum fas e gu luath tioramus teth. Tha e cuid a dhuairean feumail mairsinn acuir an uisge-bheatha ris gu ceann uin 2 no 3 uairean. Ach ma nithear cus dail air so a dheanamh, agus gun eirich builg, leigear a mach an t-uisge le snathad chaol cho tricsa lionas iad. Na sgoilt agus na gearr dheth am bolg idir, agus mo bhios mor ainteas mun cuairt don earrainn cuir plasd fuar-lite ris. Ma bheirear gu h-aineolach an craiceann dheth, ’se an ni as fearr a chuir ris aodach air a thumadh ann am burn fuar, agus a chumail fliuch, gu cumail an aodaich bho cheangal ris.

Faodar an doigh cheudna a chleachdadh ri losgaidhean le iarun, no teine no aobhar sam bith eile. Feumaidh neach air a mhor losgadhbhi air a chumail gle iosal agus a bhi air a fhrithealadh mar ann an teasach chumanta.

Scuchaidhean.

Faodaidh an tubaist phianail so, ma bheirear an aire dhi aig an toiseach, a bhi air a leigheas gu gle fhurasda agus gu h-aith-ghearr, le leantainn nan seolaidhean a tha an so air an toirt. Cum am ball a chaidh a dhochnadh( ’se sin mar is trice alt caol-na-cois no caol-an-duirn) ann an soitheach de bhurn teth gus am bi a phian air sguir, ni nach bi cuid a dhuairean anns naslugha na 3 no 4 uairean, agus cho luathsa dhfhuaraicheas am burn beagan, thoir as cuid dheth le copan, agus lion an aird a risd e le burn teth as a choire gus am bi am ball an irebhi air a sgaldadh. Mair adeanamh so gus an lasaich a phian, agus an deigh sin cha bhi an-shocair sam bith air fhaireachduinn ach laigsesa bhall. Ceanglar a reisd stiom gu teann timchioll an uilt, agus ann am beagan laithean bithidh e cho slansa bha eriamh.

Leointean.

Chan fheum gearradh, co dhiubh bhios e air a dheanamh le ball geur no neo-gheur, ach na h-oirean aigethoirt dluth ri

[40]
[41]

cheile agus bann a chuir umpa gun cumailsan t-suidheachadh sin gus an ceangail iad. Ma tha an leon gle mhor, no ma tha e do-dheanta na h-oirean a chumail ri cheile, cuir beagan ghreiman le snathad chumanta agus snathainn tre na h-oirean bho thaobh gu taobh, agus tarruing iad gu cheile, a reisd ceangail bann air. Tha e de mhor fheum a chum an leon a leigheas gu luath, nach biodh tim air a chall ann an toirt nan oirean gu cheile. Ma bhios an leon salach feumar a ghlanadh; agus mas ann le mir gloine a rinneadh e, feumar toighthoirt nach bi dad de na ghloine air fhagail ann. Ma dhfhasas an leon teth, pianail, agus afrith-bhualadh re seal an deigh a bhann a bhi air a cuir air, cum e air a chuibhrigeadh le aodach fliuch le burn fuar, agus mur toir sin saorsainn, thoir a bhann dheth gu socrach agus cuir fuar-lit ris.

Goirteas-luirgean.

Tha doigh leighis nan leointean so gle shimplidh. Anns a cheud ait cha shlanuich iad mur bi am ball gu conbhalach aig fois an dara cuid sinte air leabaidh no uirigh; a dhaon fhocal chan fhaod ibhin crochadh sios, nofalbh mun cuart. Cha bhiodh idir leithid de nithe as luirgnean goirt amairsinn eadhon re fad seachduin, nan robh toigh cheart air a thoirt orra aig an toiseach; ach le dearmad sgrib eutrom air chraiceann re fad seachduinn, bha miltean air an deanamh nam buill neo-fheumail don chomuinn,, agus nan eallach do an cairdean: Gidheadhnuair n tha muinntir cho amaideach agus cho choireach as leigeadh le goirteas e-fein a dhaighneachadhsan luirgean, tha tri taisbeanaidhean a dhfhaodas e ghabhail air. 1, Faodaidh na h-iomalan a bhi arda, dearg, agus pianail am feadh a bhios uachdar a ghoirteas air a chuibhrigeadh le sgrath gheal bhuidhe. 2, Faodaidh na h-iomalan a bhi meadhonach iosal agus comhnard agus an t-uachdar mar a dhainmich mi. 3, Na h-iomalan iosalus comhnard agus an t-uachdar saor bho bheag sam bith de na sgrath ud, agus a bhi de choslas dearg fallan.

Anns a cheud chor feumaidh sibh plasdan fuar-lit a chleachdadh gu leagadh an atasan teas, agus feumar a chrathadh gu h-eutrom le ni-eigin de nadur caitheimh. ’Se an ni as fear ocsid dearg mhearcuiri, ach freagraidh fudar de na chlach ghorm no de dhalm loisgte.

[42]
[43]

Anns an dara cor cha bhi feum agaibh air a phlasd, ach cleachdaibh an inneal caitheimh, agus cuibhrigidh an lot le breid air am bi im, no bloinig mhuc, no ni as fearr mas urra sibh fhaighinn beagan cerate chumanta a sgaoileadh air.

Anns an tri-amh cor tha nlot adol a shlanuchadh agus chan iarr e ach a mhain a bhi air a chaithris. Cuibhrigibh e le breid agus leis an acfhuinn a thagaibh, agus mur bi an luirgean air a cleachdadh ann an doigh sam bith faodaidh sibh gu reusonach duil a bhi agaibh gun slanuich i gu h-aithghearr.

Cnamhan Briste.

Chan urrain mithoirt ach riaghailtean ginearailt gubhi air an leantuinn ann an tubaistean den t-seorsa so. Anns na h-uile corse cheud ni a bhios ri dheanamh, ’n uair a shaoileas sibh cnaimh a bhi air a bhriseadh, an neach a bhios afulang a ghiulan gu socrach agus gu h-aithghear gu leabaidh a tha gu bhi air a deanamh cho chomhnardus cho dhaigheansasurrar, a chionn gum faod e bhi fad mus urrainn e a faighinn air a deanamh mar sin a risd gun chunnart millidh air na rinneadh ann an leigheas a bhrisidh. Bithibh gle thoigheach gu cumail na h-earrainn a tha sibh asaoilsinn a thair a briseadh cho socrachus cho saor bho chrathadhsasurrainn sibh an fheadh a ghiulanar dhachaidh e; oir tha e de mhor fheum a chum a leigheas aithghearr. Feumaidh e luidhe air a dhruimsan leabaidh agus sibhsereisd a dhol air adhart gu suidheachadh na h-earrainn bhrist cho dlusasurrainn sibh ann a suidheachadh nadurach acumail taic risan t-suidheachadh sin le cluasagan, cloirus stalan no criosan, no doigh sam bith as deiseilegheibh sibh. Na biodh cabhaig neo eirmseach ann, ach na caillibh a bheag de dhuin ann an deanamh so. Feumaidh aisnean briste criosan tiomchioll a chleibh. Cuid a dhuairean tha cnaimh air a bhriseadh agus a chinn air an cuir a mach tre na chraiceann, agus am ball cho mor air ataus air giorrachadhsnach h-urrar a shineadh gu leoir gu leigeadh a chnaimh a bhi air a chuir air ais gu coinneachadh ris a cheann eile. Anns a chor so tha an ceann a tha muigh gu bhi air a shabhaigeadh dheth, agus a reisdsurrar am ball a chuirna shuidheachadh ceart. Anns na h-uile cas feumar na h-earrainnean a dheanamh cinnteach le stalan air chor as nach fhaod iad a bhi air an cuir as an ait le gluasad an neach chiuirte, mar a dhfheumas e dheanamh cuid a dhuairean, no ann a chadal, oir faodaidh an gluasad as lugha anns na cinn

[44]
[45]

bhristan cnaimh uir a thoisich ri fas a mhilleadh. Ma dhfhasas teasachsan neach leointe, tha fuil gu bhi airtharruing as, agus buntainn ris mar a bhi ann an teasach, agus ma bhios moran ata, pian agus teas anns an earrainn leointcuiribh aodach fliuch le burn fuar air, no cleachdaibh fhalcadh le burn cho tethsa dhfhuilgeas e.

Tha iomadh tubaist agus aobhar ghearain dom faod sibh a bhi buailteach do nach h-urrar feum a dheanamh le seolaidhean sam bith a dhfhaodainn-sa thoirt duibhan so; no eadhon le comhairl leighich sgilear ris am faod sibh cuid a dhuaireanur comhairl a chuir. Gu dearbh cha dean ni sam bith ach comhairl lathail leighich maille ri cofhurtan ann an lonus doighean eile, nach h-urrainn 9 as an 10 dhibhse fhaighinn aig an dachaidh am bonn-earbsas lugha a thoirt air leigheas aithghearr no idir. Tha an leithide de chomhairlus de chofhurtan ann an comas gach aon dhibh fhaighinn le dhol gu Tigh-leighis. Tha iomadh dhibh coslach ri claon-bhreith mhi-reusontabhi agaibh an aghaidh an t-shuidheachaidh oirdheirc so. Tha sibh coslach ribhi asmuaineachadh gum bi sibh air dhuibh a dhol ann, buailteach do bhi afulang deuchainnean dhearbhaidh airson toilinntinn an luchd-feitheimh leigheil, ach chan eil an leithide de smuaintean gu bhi air an ceadachadh ach a mhain ann an leanabh. Bithidh sibh air n- ’ur beathachadh (do reirur n-euslaint) ’san doigh as fearr asurrainn an duthaich a thoirt; agus mur caomh leibh na h-iocshlaintean no an caramh a dhorduichear air n- ’ur son air doigh sam bith faodaidh sibh, air bheag rabhaidh a thoirt, an tigh fhagail. A thaobh oibreachadh sam bith a bhi air a dheanamh oirbh an aghaidh n- ’ur toil, tha an smuain ro leanabaidh ann an tir shaor mar tha an tir so, air mo shon-sa gu cuirna h-aghaidh, agus is ann bu choir dhuibh a bhi taingeil gum bheil a leithid a dhait an taobh stigh do n- ’ur comas ruigsinn air.

titleTinneas ’us Iocshlaintean
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textBeachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan
<< please select a word
<< please select a page