AODACH NO EIDIDH.

Feumaidh gne an ni so a bhi do reirur n-aite-comhnuidh, oir tha e dearbhte gum biodh an t-aodach a tha freagarach airson nam beanntaichean againn gle mhi-fhreagarrach do fheum an iasgair. Airson fear-saothrachaidh air tir, no buachaill chaoraich gheibhear gur e san eididh na duthcha, am feileadh, an t-osan, am breacan, agus am bonaid maille ri cota gearr de

[46]
[47]

chlo laidir blath an eideadh as feumaile, a chionn gun ceadaich e subailteachd anns na casansna lamhan gle fhreagarrach airson saothair no streap n-ar cnoic lom fhraoicheil. Chan urrainn cunnart sam bith eirigh bho rusgadh nan iosgaidean don fhliuchadh no don fhuachd fhadsa bhios na leasraidhsan druim air an dion le dlu phleatan an fheilidhus leis a bhreacan bho gheurad na h-aimsir. Faodaidh mi cuideachd, gunbhi buailteach do fhaoineachd uailleach dhuthcha a chuir as mo leth a radh, ge sam bith cho morso bha eideadh ar sinnsireann bho chian ghoirid air a cuir a cleachdadhgum bheil i atoirt sealladh duineil agus maiseach aig na h-uile am don fhear a thaga caitheamh. Thug mi fainear a buaidhean talaidham measg mic agus nigheanan na sith, anns gach duthaich den Roin-Europe, agus chomharraich i ur treubhantas ann an cath ge be aitsna thaisbean breacan. Tha ughdarras na sinnsireachd ann a fabhair, tha i cocheangailte ri cruadalanus buaidhean luchd-aitich na Roimhe, agus bu doilich leam i a bhi air a cuir a cleachdadh; a chionn gum bheil mi gu suidhichte de na bharail gum bheil eideadh dhuthchasach anns gach ait na h-aobhar laidir anns an aon a thaga caitheamh gu seachnadh masladh a tharruing air an tir as am bheil e adeanamh uaill mar dhuthaich a bhreith.

Air machairse clo laidir no stuth taiceil olladh air a dheanamh na thriubhais agus na sheacaid chruinn, stocaidhean olladh, leine de figheadh iersidh, agus am bonaid gorm an eideadh as freagairiche. Ris sin faodar a chuir airson aimsir gharbh cota mor goirid a ruigeas am fagus air na gluinean, agus gu cumaint air ainmeachadh seacaid fhuasgailt; oir bu choir n- ’ur cotaichean mora mhi-eireachdail a bhi gu tur air an tilgeadh a seachad: tha iad acuir eis oirbh ann an imeachd, agur air muir tha iad air leth draghail. Anns na h-uile cuis bu choir flanein a chaitheamh araon a shamhradhsa gheamhradh ris a chraiceann, agus na leintean a bhi de chotan stiallach air muir agus de chotain ban air tir. Bu choir a bhi aig gach neach aig a chuid as lugha da phaithir bhrog; paithir laidir airson oibir chruaidh, lan thacaidean le iarun air na saileansair toiseach nam buinn, agus paithir eile airson na mara, oibir eutrom no taobh stigh nan dorsain. Gu dearbh nam burrar ceithir paithrichean fhaighinn, bhiodh e mu dheireadh air fhaotainn na chaomhnadh; oir mairidh brogan a dha fhadanuair a ghleidhearsa chuirear a seachad iad an uairean an deigh an cleachdadh. Cha choir do bhean an tighe brogan salach a leigeadh a steach air an starsaich, far am bu choir paithir thioram a bhi a ghna ullamh.

[48]
[49]

Tha cho liugha de chaochladh seorsaingan taisbeanadh fein airson eididh bhoirionnaichs nach furasd leam a roghnachadh co dhiubh as fearr a fhreagras airsonur n-aite-taimh agusur dreuchdain-sa, ach an cumantas mholainn duibh stuth olladh coslach ri camlaid garbh laidir a roghainn air cotan, gu h-araidhsan fhoghar, ’sa gheamhradh, agussan earrach; oir ged tha cotan briadh agus soar caillidh e gu luath dath agus caithidh e a mach gu luath.

Tha na neapaigean tartain, dorch, uaine, no purpuir a gheibhear annar buitean uile eireachdail cho maith as cofhurtach a muigh, agus tha bonaidean gle fheumail dhoibh-san uile air am bheil curam gu dion an gnuisean bho an-iochd na h-aimsire agus bho phreasaidhean roimhn am. Bu choir na h-uile seors eididh uallach spaideil gu puncail a sheachnadh ach na bheir taisbeanadh cumair sgiobalta don deis. Chaneil ni sam bith as mo a dhfheuchas blas taireil agus inntinn fhaoin na briadhachd neo-iomchuidh: tha dathan boilsgeant gle thric acuir an ceill eutromachd mhi-chiatachsan neach a thagan caitheamh, an fheadh a tha dathan nis doirche atoirt a ghna beachd eireachdaisus speis, no meas.

Ma tha aig deagh bharail nam firionnaich a cuideam fein, faodaidh mi boirionnaich mhaiseach mo dhuthaich a dheanamh cinnteach as nacheil ni sam bith cho mor atarruing ar mor mheas no adruigheadh oirnn le beachd air iomchuidheachdsa tha doigh stuaim agus fhreagarach eididh, agus gum bheil sgiobaltachd chumar atoirt taitneas a tha chanemhain aig an toiseach atarruing deagh mheas, ach a tha amairsinn gu toirt taitneas an uair a dhfhalbhas gu nadurach dathan seargaidh am mais oigeil gu brach.

Airson clainne is coir blathas bodhaig a bhi gu h-araidh air a mheorachadh, ach faodaidh an ceanns na casan a bhi air am fagail ruisgte le tur thearuinteachd. Is urrainn bean chaontach a tha na deagh bhean snathaid a clann eideadh gu sgiobalta bho earrainnean de a h-aodach fein agus de aodach a companaich, a dhfhaodas bho chaochladh aobhairean a bhi neo-fhreagarach tuille airson am feum fein, agus is urrainn a clann bheagabhi mar so gu h-eireachdail air an eideadh air bheag cosdais ann an airgiod. Tha so gidheadh gu mor an crochadh air seoltachd bhoirionnaich, agus cuiridh mi a mhain ris, ge air bith cho morsa dhfhaodas mi faoin-bhriadhachd a dhiteadh chan urrainn dhomh gu ro laidir a mholadh do na bhean agus na h-inghinnean an aire as mochum araon sgiobaltachdus glainenan clann agusnam pearschan fein. Aon fhacal a thaobh dleasanais na mna ann an aire a thoirt nach coir tuill taisbeanadh ann an aodach aon sam bith a bhuineas don teaghlach gun an t-snathad agus

[50]
[51]

snath a chleachdadh air ball. Tha an sean fhacal a radh, gun caomhain aon ghreimna thrath naodh, agus faodar earbsa air ge be uair a thaisbeanas aire na mnatha annan caramh gu curamach aodach na teaghlaich nach bi easbhuidh cofhuirtean air chor-eigin an taobh stigh de dhorsain an fhir-aitich. Tha seann aodach an leinibh no cota oibrichidh an duine gu grinn air a charamh na chomharradh cinnteach air soirbheachadh, fhadsa tha an t-aodach luideagach na chomharradh cho chinnteach air mi-churamsa tha e air a luchd-feitheimh, eadhon uireasbhuidhus truaighe.

titleAodach
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textBeachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan
<< please select a word
<< please select a page