BATAICHEAN, INNEALAN IASGAICH, &c.
Ann an labhairt mu n- ’ur Bataichean agus ’ur n-innealan iasgaich is beag na ’s urrainn mi a radh thar na tha n- ’ur fein-fhiosrachadh fhein a’ teagasg. Rinn sibh-fein sinteagan chabhaigeach ann an deanamh ni’s fearr an taobh stigh de na 30 bhliadhnaichean mu dheireadh, agus bu choir do’n bhuaidh a lean an t-atharrachadh n- ’ur misneachadh gu ath-leasachadh a reir sin anns gach ni eile a bhuineas do n- ’ur caochladh shuidheachaidhean. Ach ged nach urra mise n- ’ur seoladh gu ath-leasachadh ann ’ur doigh iasgaich, sparrainn gu dian oirbh ’an so, mar anns na h-uile ni eile, gu’m bheil sibh ro mhi-churamach mu n- ’ur bataichean, gu’m bheil iad gu tric ro fhada gun charadh, agus gu’m bheil sibh an ire mhaith gu co-ionann ’gam fagail ruisgte do chaochlaidhean aimsir fhliuch ’us thioram. Tha fios agam gu’n deanadh sgail-thigh beag (fosgailte aig aon cheann no aig an da cheann, na cliathaichean de gharbh chlachan, agus am mullach air a chuibhrigeadh le fraoch, ni le cuir a mach 30 thastaínean a dh’fhaodadh mairsinn cho lion sin de bhliadhnaichean,) ’ur bataichean a ghleidheadh air chor’s a thoirt orra riarachadh air a char a’s lugha trian leasaich de dh’uin na a tha iad a’ deanamh aig an am so, agus an tearnadh bho chunnart brisidh le gaoitean ni ann an cuid a dh’aitean a tha a nis gu tric a’ tachairt. ’Se an cunntadh cumanta gu’m mair bat 16 throidhean ’na druim a ’s fhiach 7 puind Shasuinneach mu’n cuart do 7½ bliadhna, no 4 bataichean ann an 30 bhliadhnaichean. A nis ma ’se leis an sgail-thigh so gu’m mair n- ’ur bataichean trian ni’s fhaide na tha iad an nis a’ deanamh, no ni is e an t-aon ni gu’n urra aon bhat a bhi air a caomhnadh ’san uin sin; tha e na chuis de chuideam air chor-eigin, oir tha agam deadh reuson gu chreidsinn gu’m bi na 30 thastainean de chuir-a- mach ann an
[68]sgail-thigh ni’s mo na air an ath-phaidheadh ann an caomhnadh nan ath-leasachaidhean beaga ud a dh’fheumar an tras gu minig, agus anns an diubhar eadar an tomhas tearra a tha an tras’ air a chaitheamh leis a ghrian ’san t-uisge agus na bhiodh a mhain feumail le leithid so de dhion bho ’n aimsir. Agus dh’fhaodadh e a bhi na chaomhnadh air chor-eigin na’n robh sgail-thigh air a dheanamh farsuing a leor airson 2 bhat ’nuair each ruigeadh an cuir-a- mach air a roinn eadar ochdnar sheilbheadairean gu os ceann 5 tastain am fear.
Cha ’n ’eil ni sam bith a ’s urra’ mi a radh mu lin nach aithne dhuibh a cheana, ach faodaidh mi a luaidh, na’m b’urrar an uin a chaithear ann an deanamh ’ur lin aig an dachaidh a bhi air dhoigh eile air a chleachdadh gheibheadh sibh gur buannachdaile dhuibh lin phatent a cheannach, or is iad a’s fearr gu iasgach leis cho riaghailteach ’sa tha iad deainte.
Mholainn dhuibh seol-mor beag agus gaff a roghainn air na siuil cheithir-chearnach a tha an trath-s’ air an cleachdadh. Cha ’n ’urradh mi gidheadh a dhearmad a bhi luaidh beachd a thainig a steach orm le neo-chinnteachas soirbheachaidh an iasgair. Anns a chuid a ’s liugha de dh’aitean ri taobh na mara, ’se ’n cleachdadh cumant tha mi ’a creidsinn an darna cuid sgiobaichean bhataichean a bhi nan companaich cho’ ionainn agus nan seilbheadairean, air neo fear aig am mo a bheil na cach a bhi na sheilbheadair singilte, agus toirt mar dhuais cuid de ’n iasg a ghlacar do na sgioba a tha ag oibir dh’a. A nis a chionn gu’ bheil e gu tric a’ tachairt gu’m bheil aon bhat sealbhach an fheadh a ta aon eile mi-shealbhach ged a tha iad le cheile air an aon ait agus co’ ionainn saothrachail, chomhairlichinn gu’n deanadh na h-uile no cho liugha ’sa thoilicheadh anns an aon bhaile no choimhearsnachd toradh am bataichean uile cumanta agus a roinn co’ ionainn air chor as ged nach biodh aig fear sam bith ni’s mo na roinn chumanta, nach biodh easbhuidh air fear sam bith mar a tha cuid a dh’uairean a’ tachairt. No do sheilbheadair bata iomlana chomhairlichinn e do roinn a stoc nan earrainnean ann an ceithir no cuig bhataichean a roghainn air gabhail a chunnairt de bhuannachd no de chall ni’s mo le aon bhat iomlan a bhi aige dh’a fein. Tha so direach air bonn suidhichte na tearuinteachd a tha a’ lughdachadh buannachd a mhaighistear luinge ach a tha ’ga dhion bho chall na h-uile: agus an uair a chluinneas mi mu chall lin ’us bhataichean le iomadh tubaistean do-sheachainte, tha mi a ghna a’ faireachdainn aomadh laidir gu moladh doigh air choreigin, a leithid ’sa chuir mi a nis an ceill airson ’ur tearuinteachd le ’cheile.
title | Bataichean, Innealan Iasgaich etc. |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ’us Choitearan |