[71]

TUATHANAS, ’US ACHFHUINNEAN TUATHANAIS.

Tha so aco-chuir ri a leithid de chaochladh talmhainneanus bharrainsgum bheil e feumail domh mi-fein a chumail gle ghoirid ann a leithid so de leabhar, agus gun a thoirt ach cuid de riaghailtean ginearailt airson fearuinn fhas aiteachadh agus fearuinn aitichte a riaghladh, agus is urrainn domh a bhi nis aithghearr a chionn gum bheil na talmhainnean agaibhse an ire a bhi gu h-uile de dha sheors a mhain; mointeach agus uir mheasgte le gainmh-chriadh, agus tha na poir as freagairiche gle thearc de sheorsain; ’siad sin coirc, eorna, buntata, clobhar agus sneipean. Ann an leisgeul airson mo bheachdan a chuingeachadh mar so, faodaidh mi a chuir an ceill gum faod tuathanas cho maith ri ceirdean sam bith eile a bhi gu buannachdail air a cleachdadh air tomhas beag, gun eolas air bith air a dealbh-bheachdan air an teid mi uime sin a seachad gun aire a thoirt doibh ged a tha iad atogail aite follaiseach anns a chuid as liugha de leabhraichean tuathanais agus gu toiltinneach mar sin, on bha iomadh de n-ar ath-leasaichidhean as fheumaile air an toirt a steach le luchd-eolais bheachdail a bha tur aineolach air an cuir an cleachdadh: Ach faodaidh sibhsebhi cinnteach nach comhairlich mise ni sam bith dhuibh a ghabhail nach robh a cheana air fheuchainn gu buadhach ann an aiteansan coirean eile coslach ri n- ’ur aiteansur coirean fein, air chor as gun urrasibh tha mig earbsabho na riaghailtean a leanas a bhuannachd a dhiarrar fhaighinn a dheasbhuidh mi do chuir an ceill nan dealbh-bheachdan air am bheil buaidh nan oibreachaidhean tuathanais udan crochadh.

Anns a cheud ait a thaobh aiteachadh talamh fas; ged a tha claon-bhreith laidir an aghaidh aiteachadh mointich, faodaidh sibh a bhi cinnteach gum bheil i nis tairbhiche na talamh sam bith eilenuair a ghabhar doigh cheart rithe; oir tha innte nis mo de bhrigh luibhean; agusse a cheud ni n- ’ur mir talmhainn a dheanamh comhnard le tilgeadh nan totain arda garbh anns na tuills na sluic agus anns na cladhanan cama uisge, ga chumadh uile na iomairean 16 throidhean ann an leud a fagail cladhan beag 18 eorlaich a leud agus 12 eorlaich a dhoimhne eadar gach iomaire, a dhfheumas a bhi air a deanamh nis airdesa mheadhon gu leigeadh le uisg air a h-uachdar ruith dhi. Ma bhios moran de mhirean ruighinn mointich ann nis mo na a dhfheumar gu lionadh nan tuill an aird bu choir duintean beaga a dheanamh dhiubh agusnuair a bhios iad tioram an losgadh gu toirt luatha mar mha-

[72]
[73]

thachadh: Oir ged a tha gearradhus losgadh air an diteadh leis an luchd-sgribhidh as fearr air tuathanas, agus gu h-araidhnuair nacheil a bhrigh luibheach air uachdar gle phailt, tha diubhar mhoir annur talamh mointich-sa, agus faodaidh an tiomlan den fhraoch, a choinneach, agus an fheur gharbh, maille ris a mhointich uachdair gu doimhne 5 no 6 eorlaich, a bhi gu buannachdail air an tiondadh gu mathachadh len losgadh; tha so ann an tir thioram gu furasd air a dheanamh le tional nan sgrathain gearrte agus tioram nan duintean agus an losgadh le teine mall smuraichidh agusga chumail duinte bho ghaoth laidir a dhfhaodadh a thoirt orra losgadh ro ghrad, le cuir tuilleadh sgrathain air. Ach agaibhse than tiormachadhsan losgadh ag iarraidh mor aire; feumaidh na sgrathan a bhi air an cuir a suas nan streathan an aghaidh a cheile leis na taobhan feoir a stigh, agus ma dhfhasas an aimsir gle fhliuch bu choir an carnadh no an cruachadh a naird cuideachd ged nach biodh iad ach leth thioram nan duintean mora agus a risd an sgaoileadh a mach aig a cheud chothrom thioram a thig gus am bi aid tioram gu leoir gu losgadh. An uair a loisgear iad bu choir an luath a bhi air a cumail ann an duintean agus iad air an dion bhon aimsir le comhdach sgrathain gus an earrach an uair as urrar a sgaoileadh gu riaghailteach air an talamh agus a threabhadh a steach ma bhios coirc gubhi air a chuir, no a chuir a steach an cois an inneir non fheamainn airson buntata.

Bu choir clais aig a chuid as lugha 6 throidhean a leud aig a beul, 2 throidh a leudna grunn, agus 4 throidhean a dhoimhne, a reisd a bhi air a cladhach timchioll a mhir a runaichear airson aiteachadh agus an stubh a thilgeadhnaird air an taobh a stigh gu deanamh garadh dion asurrabhi air ardachadh le tuille de dhfhal a chuir air, air chor as nach e mhain gun dion e bho na spreidh ach fos gum bi e na fhasgadh bho na gaoithean a tha gu minig cunnartach do arbhair ag abachadh ann an aitean fosgailte. An deigh so bu choir cuid de chriadh no de thalamh garbh grinneal de sheors sam bith a chuir thairis air a mhointeach gu tiuighead sam bith a thoilichear, agus mar as mosann as fearr, agus gheibh sibh e de mhor fheum, oir tha eadhon gaineamhach chumant na mara, no gaineamhach aimrid eile ag athleasachadh talamh mointich gu h-iongantach, ’ga dheanamh nis fosgailte agus aig an am cheudna atoirt a leithid de chuideam agus de theannachadhs nach sgeith en aird an siol agus na plantanan ann an aimsir reoite no ghle thioram; air an aobhar sin na smuainichibh mointich fhasail air bith air a lan thoirt a steach gus an toir sibh dhi aig a chuid as lugha aon chotadh thairis le criadhach, grinneal, talamh, no gaineamhach.

[74]
[75]

Anns an earrach faodar a shuidheachadh le buntata air a chuir ann le bacan, agus mur bi tim airson a chriadhach non grinneal a chuir air aig an toiseach, faodar a dheanamh an deigh cuir ann a bhuntata; ach cha choir aig am air bith talamh mointich a ruamhradh gu ro dhomhain; oir ma ruamhrar e nis doimhne na 9 no 10 eorlaich millear e. Cho luathsa bheirear am buntata as, bu choir cladhanan a ghlanadh a mach agus gun leigeadh le burn sam bith fuireachan ait sam bith fad a gheamhraidh no an spreidh a leigeadh gu shaltradh no tholladh le an casan.

Luathrachsan earrach tha coirc ri chuir le mathachadh no gun mhathachadh mar a dhfhoillsicheas feothas no bochdas a bhuntata, agus bithidh an fhearuinn a theannachadh le rolair fiodha air fhaotainn feumail. Ma dhearbhas am bar coirc gle throm faodar darna bar a thoirt as an ath bhliadhna gu h-araidh ma chuirear aol no gaineamhach shligean air. ’Se buntata an ath-bhar bu choir a chuir ann le mathachadh a rithist, agus mun am sin bithidh an talamh gu maith daingean agus faodar eorna fheuchain gu soirbheasach le cuir maille ris am fuighleach frais an fheoir bho lobhta fheoir thuathnach eiginsa choimhearsnachd a gheibhear airson tastan no 18 sgillinnean am buisel, agus a theannachadh le rolair cloichno fiodha luchdaichte. Bheir so an ath bhliadhna sgrath fheoir a dhfhaodas aig deireadh an t-shamhraich a bhi air a ghearradh gu thioramachadh, no faodar mar dhfheumar caoraich no laoidh ionaltradh air, air do spreidh throm a bhi gu dion air an cumail deth air eagal gun toll iad an talamh len cuideam. An deigh 2 bhliadhna fheoir, ’surrar coirc a rithist a chuir ann gun mhathachadh, agus an deigh sin bithidh an fhearuinn coionainn ri fearuinn sam bithsan nabuidheachd.

Ann an aiteachadh fearuinn fhasail ann an tomhas mor, bu choir a roinnsan aireamh raointean is freagairiche do mheudachd na fearuinn a runaichear aiteach agus a reir na cuairt bharra as freagairiche. Mar so ann an tuathanas 100 acair, tha an talamh aige ag iarraidh 5 iomlaid shil, agus bu choir a roinn na dheich raointean de 10 acairean an raon, air chors gum biodh 2 raon fo choirc, 2 fo eorna, 2 fo bharr gorm, agus 4 fo fheurus ionaltradh gach bliadhna; no ann an tuathanas nis lugha de 50 acair tha 4 iomlaid shil nis freagairiche. Bithidh 4 raointean de 12½ acair gu gle ghoireasach, atoirt

[76]
[77]

gach bliadhna aon raon airson coirc, 1 airson feur, 1 airson cruithneachd, agus 1 airson barr gorm. Bu choir do na raointean uile a bhi 4 chearnach, oir fhuaireas ann an raointean ceart-oisinneach gun dean 5 chruinn uiread a dhoibirsa ni 6nuair a tha na taobhan neo-ionainn agus na h-oisinnean mi-riaghailteach. Ma bhios uisge-eirigh ann agus gum bi a mhointeach os ceann 3 no 4 throidhean a dhoimhne, bithidh e feumail geinn-chlaisean a dheanamh leis an acfhuinn araidh a chleachdar airson an fheum sin, no mur urrar am faighinn, ’surrar an deanamh le gearradh clais 2 throidh adhoimhne, air don uachdar a bhi air a ghearradh le spaide leathan agus a chuid as ilse le spaide aimhleathan agus am fal ath-shuidheachadh air chors gum bi an leith as ilse de na chlais air a fagail fosgailte. Is furasd so a dheanamh agus mairidh e iomadh bliadhna, agus cuimhnichibh, mar is cuinge a bhios beoil nan cladhanain a dhuinear gur h-ann as fearr. Ma bhios a mhointeach cho bogs nach gabh i gearradh gu ceart, feumaidh sibh cliathaichean a chuir ri n- ’ur cladhan le maidean beaga a chuir ri gach taobh dheth agus acoinneachadh aig iochdar ann an cumadh V a dhfheumas a risd a bhi air a lionadh le barrach, ni a mhaireas iomadh bliadhna. Ach thug mi gu cumanta fainear nacheil uisge eirigh idir cumant ann am fior mhointeach, gur ann a tha am fliucheadh gu cumanta ag eirigh bho mhi-chomhnardachd an uachdair agus bho chomas nadurach mointiche ann a ceud staid airson burn a chumail, agus ma bhios an cladhan mor aig a gharadh-diondomhain ga leoir agus air a chumail glan cho maith as na claisean iomair gum faigh ann an 2 no 3 bliadhna an talamh daingean agus tioram gun chladhanan nis farsuinge agus gun tionnd an t-uachdar grinneal no criadhaich a mhointeach gubhi na talamh reamhar.

Tha talamh grinneal a thaobh a chruas nis doiliche agus nis costailna mointeach. Feumaidh e an toiseach a bhi air a ruamhradh gu doimhne 15 eorlaich le spaideus mattoc, acumail na seorsan uir is fearr an uachdar, ma bhios caochladh sheorsain ann, air do na clachan a bhi air an tilgeadh air a mhullach. Abhi atoirt nis lugha a dhoimhne na 15 eorlaich tha e neo-fheumail. Chunnaic mi gu tric nis lugha air fheuchainn, agus air lorg sin thionnd an fhearuinn a mach bochd, tana, agus fuaranach; mar so atilgeadh air falbh an uile chuir-a- mach a bhuilicheadh, an fheadh a dheanadh leasachadh doimhne de 3 no 4 eorlaich an gabhail-os-laimh

[78]
[79]

buadhach. Gu dearbh gheibh sibh gum bi talamh bochd eu-domhain sam bith a babhaist duibh aiteachadh ri fad bliadhnaichean air ath-leasachadh thar duil le a chladhach thairis agus le fuasgladh beagan eorlaich de na ghrunn chruaidh a tha fodha, agus is e so an t-aobhar; gum bheil uisg adol tre an talamh gus an ruig e an grunn cruaidh an cois an ruith e agiulan air falbh a chuid as reaimhre, agus mar as doimhne a tha an co-chladhan so air a ghluasad bho n- ’ur mathachadhs n- ’ur barra is ann as fearr. ’Se so an t-aobhar airson am bheil talmhainnean domhain nis tarbhaichno talamhainnean eu-domhain.

Agus ma gheibhear an leabaidh chruaidh sin dengoirear gu cumanta aghann no cobhan aig a ghrunn tha e tur fheumail a ghearradh troimhe le ruamhradh domhain mus bi n- ’ur raon air a dheanamh tarbhach. Far nach deach so a dheanamh, agus aghann fathast ann, cluinnidh sibh a ghna am fear aig am bheil e agearan air a dhroch bharran agus am mor fheum air a mhathachadh nis trice na a nabuidhean ged ma dhfhaodte nacheil fios aig air an aobhar, gum bheil an cobhan adeanamh cladhan a tha agiulan air falbh a chuid mathaich leis na h-uile fras throm, agus nan robh e air a chladhach an aird agus air a ghearradh troimhe dhfhaodadh e bhi cinnteach gum biodh e tarbhach. Gidheadh gabhaidh mi orm a radh, ged is gann a chreideas duine saothrachail bho dhuthaich Obarain mfhacal, gar gann a tha raon annur sgire ris an deach a riamh mattoc a chleachdadh airson beagan nis mo de dhoimhne talmhainn a thoirt da ged a tha sibh a ghna agearan mu a bhochdainnsa thanaid, cha mho gus bho chian 5 bliadhna a thiond aon tuathanachan Gearloch aon rod gu ceart de thalamh, an fheadh eadhon aig an la an diugh nacheil seanar dhibh a choilion an oibir throm so a dheanadh deadh fhear oibrich ann an duthaich sam bith eile ann an 8 no 10 a dhuairean, eadhon far am bheil an oibir moran nis doiliche.

Air don talamh a bhi gu ceart air a ruamhradh domhain bu choir na clachan a bhi air re bliadhna gu theannachadh agus gu grodadh an fhail a thiondar fodha. Bu choir a reisd an toirt dheth. Na clachan as lugha gu lionadh nan cladhanan agus an fheadhainn as mo gu deanamh balla dion mun cuairt do na raointean. Ma tha cuid dhiubh ro mhor gu bhi gu furasd air an gluasad, ’surrar am briseadh nam mirean le cladhach an toiseach mun cuairt doibh agus fo gu h-iomlan agus a reisd teine fhadadh air am mullachn uair a bhios ann gaoth gu

[80]
[81]

leor gu thoirt air losgadh gu grad agus gu seideadh air falbh na luaithe: leis so sgainidh iad an an uin gle ghoirid agus tuitidh iadnam mirean, —agus bhris mis mi-fein milteansan doigh so air gle bheag a chost. An deigh sin faodar an fhearuinn a dheanamh na h-iomarean riaghailteach 18 throidhean a leud le claisean caola eadar gach iomair, agus anns na h-uile chuis bu choir na claisean ruith tarsuing air leathad nur fearuinn air chors gum biodh aca tuiteam seimh a chud’ ’sa chuid a roghainn air an tarruing direach tarsuing nonairdsa mhan, mar so adeanamh an t-shaothar chanemhain nisfurasda ach atoirt air an uisg ruith dheth gun ghearradhsgun ghiulan air falbh na talmhainn. ’San earrach faodar a mhathachadh airson buntata re fad da bhliadhna an deigh a cheilenuair a dhfhaodar measgadh de mhointeachus aol, no gainmheach shligean, no eadhon mointeach grod leatha-fein a chuir air mar mhathachadh uachdar, agus a reisd a chuir le coirc. An ceithreamh bliadhna faodar a shuidheachadh le buntata, a risda mhathachadh, agus eornaus siol feoir a chuir ann an deigh sin, bithidh an talamh an ire a bhi cho maith ri seann fhearuinn sam bith.

Tha deanamh chladhanan gu tarruing uisge na aon de na h-oibrichean as fheumailsan tuathanas, agus tha e a ghna air a leanmhuinn leis a bhuannachd as mo. Ma thaisbeanas eirigh uisge annur fearuinn mar as cumanta feumar a tiormachadh le gearradh cladhan fodha air mheud 3 throidhean air doimhne, agus 2 throidh air leud na mullach dlu ris os ceann an ait an taisbean am fliuchadh agus a lionadh gu 20 eorlaich le clachan beage, le comhdach fraoich, coinnich no fhodair air uachdar gu cumail a mach an talamh bu choir a reisd a thilgeadhsa chladhan comhnard ris an raon. ’Se so an seors as cumanta agus as buana de chladhan, ach ann an talmhainnean gle bhog feumaidh sibh barrach, fraoch, no eadhon fodarus luachar air an cuir nan luidhe guriaghailteach air am fada a chleachdadh, agus na cliathaichean a dheanamh mar a mhinich mi airson fearuinn mhointich. Thuilleadh orra so, tha clachan criadhaich geinn-chladhanan, agus crann-chladhanan air an cleachdadh ann an iomadh duthaich dom bheil iad gu sonruichte freagarrach, ach dhuibhse tha mion-chuntas umpa neo-fheumail. Feumar mar an ceudna toigh a ghabh ail mun uachdar cho maith ris an uisge a dheiricheas, agus tha so air a dheanamh le cladhanan fosgailte a dhfheumas a bhi air an cumail a ghna glan agus na beoil aca air an sguradh a mach aon uair no da uair gach bliadhna. Roimh no gheamh-

[82]
[83]

radh bu choir beagan chladhanan a ghearradh le spaide mun cuairt do throidh leud, agus 6 eorlaich a dhoimhne no nas mo a reir an tomhair uisge ris am bi duil, ’us iad uile tarsuing air n- ’ur raointean gu glacadh an uisge uachdair, agus iad air an treorachadh a chum cladhan mor fosgailt ann am bonnur raoin le uiread de dhaomadh sios as gu leigeadh leis an uisge ruith air falmh gu h-ealamh; agus chaneil fearuinn sam bith air a meas sabhailt le deagh thuathanaichgan easbhuidh eadhon ann an tir thiorum. Tha iad furasd rin deanamh, agus ged bhiodh iad eadhon na bu chosdaile, bithidh an dragh air a lan phaidheadh anns an ath bharr: gidheadh tha e gu bunailteach air a dhearmad, agus a chaneil agam-sa mi-fein os ceann leth barra coirc am bliadhna air cuid de dhfhearuinn mhointich gu h-iomlan bho neo-churamsan ni so air leth. Bu choir do na cladhanan so, agus gu dearbh do na h-uile chladhanan, aroan fosgailte agus cuibhrigte, uiread de dhaomadh a bhi acasa bhiodh a mhain beagan nis mo na gu leor gu leigeadh leis a bhurn ruith gu fursada; oir ma bhios an aomadh ro mhor gheibh am burn cho mor do neart as gun giulan e air falbh an talamh aig na taobhan, ni dhfhaodas na cladhanan gu luath a thachdadh a naird gu h-iomlan. Ann an aon fhacal, tha deanamh chladhanan aroan fodha agus air uachdar de dhfheum cho mor anns na h-uile aitesgum bheil esan aig am bheil uairean diomhan agus troidh de dhfhearuinn gun ghuitearanna sheilbh atoilltinn a bhi bochd agus truadh.

title1
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textAcfhuinnean Tuathanais, &c.
<< please select a word
<< please select a page