Mathachaidhean.
Ged a tha cho mor an crochadh araon air tomhas agus gne n- ’ur mathach aidhean, cha’n urrainn ni sam bith a bhi ni’s meash na an riaghailt a th’agaibh an trath-s’ , ma ’urrar riaghailt a radh ris. Tha ’ur n-otraichean gu cumanta air an suidheachadh direach ri beulthaobh dorais n- ’ur tigh air a thogail coslach ri torr air chor’s gu’m bheil an sugh ’sa bhuige a’ ruith air falbh fhad ’sa tha salchar de na h-uile seors ri’m faicinn mu’n cuairt air a chaitheamh gun fheum, ni na’n tilgear cuideachd e a mheudaicheadh gu brigheil an dun.
An ait beagan aire gach la gu meudachadh a mhathaichidh leis na h-uile mheadhon a tha ’n- ’ur comas ’sann a tha dail air a chuir air gus an earrach ’nuair a tha na h-uile an cabhaig ’san troimh- ’cheile a’connsachadh airson feamainn agus a’ feitheamh airson na’n reothairtean aig an dearbh am an uair bu choir n- ’ur mathachadh a bhi deiseil air an spot agus ’ur siol a bhi ’san talamh. ’Se a cheud ni ma ta bu choir a bhi, aite-cumail fhaighinn airson gabhail n- ’ur fuighleach de na h-uile seors, agus bu choir e bhi an ait nach cuireadh dragh air neach sam bith le ’shalchar no a bholadh, air a chladhach a mach gu
[84]cumail fliuch a ghna aig a ghrunn a dh’ fheumas a dheanamh na pholl le criadhach no talamh, agus lar leacain mur bi e cruaidh gu leoir gu cumail gach boinne de shugh, agus cladhan beag fosgailte mu’n cuairt do bhraigh na sluic gu cumail air ais cus de dh’ uisge uachdrach bho thighinn air. Ann an so bu choir breath de chriadhach no de mhointich no de thalamh mu 3 eorlaich dhoimhne a chuir an toiseach, a reir gne n- ’ur fearuinn a bhios ri ’mhathachadh, agus os a chinn inneir an stabuill no a bhathaich, agus ris sin bu choir a chuir duilleagan seargte bho ’n lios, sgribidhean an tighe ’san rathaid, sguraidhean chladhainean, feamainn air a gearradh uir no air a tilgeadh air cladach leis gach lan mara ann an tomhasan beaga, agus luath air a losgadh air aon sam bith de n- ’ur mointich dlu dhuibh, ni bhiodh do n- ’ur clann na shugradh feumail an losgadh ’san tiomsachadh. Mionaichean ’ur cnaimhean eisg, uile ainmhidhean marbh, inneir chruidh ’us eich bho ’ur n-achaidhaidhean far an caillear e ’nuair a leth thioramaicheas e, agus lus buntata; bhiodh iad so uile nan leasachaidhean gle luachmhoir do ’ur n-otrach bu choir a bhi air a chuibhrigeadh thairis le breathan talmhainn bho am gu am mar dhion bho thiormachadh, agus air a chumadh air dhoigh nach fhaod an inneir idir a bhi ni’s mo na troidh os cinn an taobh a’s silse de an t-shlochd.
Ma thaisbeanas am mathachadh reamhar, agus gun chus fodair ann an inneir a chruidh, cuir breathan eile mar air tus air agus thoir an aire nach ruith dad sam bith dhe’n uisge dheth gus am bi an t-iomlan gu tur air a shasuchadh. Ma ruitheas a bheag a reisd thairis, feumar a thionail ann an slochd eil air a cladhach direach ni’s ilse agus a lionadh le talamh sam bith no fuighleach gu deoghal an uisge reamhair agus tuille mathaich a chumadh; no faodar an t-uisge a thogail agus a thaomadh a rithist thairis air an otrach gu dheanamh fathast ni’s reaimhre, no faodar a ghiulan a dh’ionnsuidh an earrain a’s fhaisge dhuibh de n- ’ur fearuinn agus a chrathadh gu riaghailteach thairis air, an uair a bhios an aimsir an eatorras tioram, air chor’s gum faod e ’bhi ni’s ealamh air a dheoghal. Tha na h-uile boinne dheth luachmhor mar an t-or agus cha ’n urra’ dhuibh a chleachdadh gu neo-iomchuidh, ach le leigeadh leis ruith dheth agus a bhi gu mi-fheumail air a nigheadh air falbh Anns na tuathanasan mor is fearr tha e air a ghleidheadh ann an amaran agus a reisd air a thaosgadh ’mach ann am baraillean mora uisge air an suidheachadh air cairtean agus mar so air a thoirt a chum nan raointean a’s mo aig am bheil feum air an uisgeachadh reamhair so. Ann an talamh Shuis a tha rudeigin coslach ri n- ’ur duthaich fein, agus gidheadh na h-aon de na duthchan a’s fear a th’air an aiteach ’san Roinn-Europe,
[86]tha an t-uisge salach agus reamhair gu toigheach air a ghleidheadh ann an dabhaichean leis an tuath a ’s lugha agus air a ghiulan a chum nan duintean mathaichidh measgte no nan raointean mar a gheibh iad feumail, an fheadh ann an China tha an dearbh chobhar siabuinn a chleachdar ri bearradh na feusaig air a chuir seachad ’sair a chreic ’aig buitean nam Bearradairean mar mhathachadh.
Anns an Oland mar an ceudna tha an aon doigh air a leanmhuinn, agus na’m biodh aithne agaibh air na co’fhurtan a tha luchd-aitich na fearuinn ’s na duthchan ad a’ mealtuinn, ghabhadh sibh, tha mi cinnteach, gu luath thugaibh na doighean mion ceudna air am bheil buaidh mhaith anns gach ni cho mor an crochadh. Ann an deanamh ’ur breathan mathaich measgte is coir aire a thoirt gu taghadh an leithid ’sa ’s freagairiche do n- ’ur talmhainnean, agus faodaidh mi gu h-aithghearr a luaidh gu’m bheil foirfeachd fearuinn an crochadh air i ’bhi cho righinn ’s gu’n cum i sugh, agus fosgailte gu leoir gu cumail an uisge bho ghrodadh air an uachdar, ach druigheadh troimh cho mall as gu’n roinn e beathachadh do gach smuirnean de’n talamh. Se so an reuson airson am bheil an talamh laomaidh a’ dearbhadh cho tarbhach, air dha ’bhi, de chuibhrionnan chuimseach criadhail grinneal, agus mointich no ur bhrigh luibhean. Ma bhios ’ur fearuinn uime-sin laidir agus criadhail is coir dhuibh mointeach ’us grinneal no eadhon gainmheach na mara, ni a bha ’an iomadh aitean air a cho-chuir gu buadhach gu dheanamh ni bu neo-leanailtich’. Ma bhios an fhearuinn tana agus grinnealach bithidh criadhach ’us mointeach leo-fein feumail, agus ma bhios i mointeachail ’surra dhuibh araon criadhach ’us grinneal a chleachdadh gu gle bhuannachdail. Tha toirt aire do na puincean so de mhoir sta; oir le deanamh an ceart aghaidh an doigh ’tha ’n so air a mholadh, tha dolaidh air a dheanamh an ait feum, agus chunnaic mise ni’s mo na aon-uair duine dichiollach fo iongantas nach robh oidhirpean buadhach ’nuair a b’e gu soilleir easbhuidh eolais no easbhuidh aire ’san t-seadh so an t-aon aobhar faillnichidh. An uair a bheir reothairtean earraich cothrom gu faighinn pailteas feamainn, no ’n uair a gheibhear feamainn air a h-iomain a steach leis a mhuir aig ’ur cladaichean, bu choir a giulan gus an fhearuinn agus a measgadh maille ri inneir bho n ’ur lag
[88]otraich agus talamh ur no mointeach, agus leigeadh leo teasachadh, ach feumar aire a thoirt nach fas e ro theth,a gus ’chum sin a bhacadh feumar a dhluthachadh le shaltradh no le clachan a chuir air, agus a chuibhrigeadh le cota talmhainn bho n fhearuinn mu’n cuairt d’a, —gu dearbh bu choir na h-uile otrach a bhi air ball air an cuibhrigeadh thairis gu cumail air ais a cheo; oir cia b’e uair a chi sibh ’ur mathachadh a’ cuir cheo dheth tha e a’ call a luach, ach nam biodh talamh air a thilgeadh air uachdar dheoghaileadh e an sugh so agus dh’fhasadh e reamhar leis. Tha a bhi ruisgte do na ghaoth cho sgriosach do an inneir as nach bu choir d’ a’ an uair a ghiulanar e gus an raon, seasamh ’an sin re uair, ach e ’bhi air ball air a chuibhrigeadh agus gach boinne de’n t-sugh air a ghleidheadh bho ’chall le tiormachadh, agus tha na shileas air na raointean air an aobhar sin a’ fas neo-fheumail ann an coimeas, le nigheadh air falbh le uisg’ agus le a bhi ruisgte ris a ghrian. Bu choir eadhon an treamsgal bho na chrodh ’nuair a sheasas iad ’gam bleoghainn a thiomsachadh, agus ma bhios e ro fhad as airson a ghuilan dhachaidh gach latha ’surrar dunanan a dheanamh dheth gus an cuirear gu feum e; oir cuimhnichibh gu’m bheil gach uile ainmhidh a’ co’chuideachadh ’chum e fein a chumail a suas le deanamh mathachadh airson an ath bharr, agus cha’n’ eil an t-ullachadh so le nadur gu ’bhi air ana-caitheamh. ‘Nuair a bhios n- ’ur crodh ann am buailtinn, chomhairlichinn dhuibh an inneir a thionail a naird mus fas e tur thioram; oir shugh an fhearuinn mar tha gu leoir de reimhreachd re ’n am sin agus bithidh cach air ana-caitheamh. Ach tha mi gu suidhichte a’ tagair airson a bhi gu connbhaileach a’ cuir n- ’ur spreidh a steach ann an tighean gach am de na bhliadhna ged nach biodh e ach gu deanamh cinnteach co’leasachaidh mathaich luachmhoir; agus na bhios mar so air fhaighinn ’san t-shamhradh bho lon uana no gorm agus an uair a bhios na h-ainmhidhean ann an deagh staid, bithidh e ni’s fearr gu mor na sin a thig bho spreidh chaol a gheamhraidh air an droch bhiadhadh mar a tha n- ’ur spreidh-sa. Cha’n urra’ teagamh a bhi air a phuinc so, agus ged a tha mi cho tric a’ sparradh oirbh n- ’ur bothanan-airidh a bhi air an ath’rachadh a chum deanamh an fheoir ni’s fearr mu’n cuairt doibh, bhithinn toilichte gu fhaicinn an t-iomlan de’n doigh a th’ann an trath-s’ air ath’rachadh agus n- ’ur crodh air am feurach am muigh cho beag ’sa tha crodh fir-araich chruidh Lunnuinn.
De na h-uile mhathachaidhean innleachdail ’se aol a’s luachmhoire, agus airson fearuinn mhointich tha e tur fheumail. Gu sealbhach tha e gu furasd’ fhaighinn an ire mhaith ann ’ur n-uile shuidheachaidhean; oir le pailteas teine airson a ghearradh ’surradh dhuibh le togail ath aoile bheag agus
[90]clachan aoil a ghiulan bho’n Eilean Sgiethanach no aitean eile an uair nach bi sibh air dhoigh eile air n- ’ur cleachdadh a bhi agaibh, gun chuir a mach ann an airgiod, na chosdadh ann an iomadh aite tuathanais gu gle dhaor. ’Nuair a bhios n’ -ur clachan aoil loisgte, cuibhrigibh iad an aird bho fhluichadh, agus na cuiribh as a cheile iad gus an cuirear air n- ’ur raointean iad, an sin fasaidh iad gu luath ’nan aol a dh’fhaodas a bhi gu riaghailteach air a sgaoileadh agus air ball air a cliathadh a steach maille ris an t-siol, ach gun a bhi ro dhomhain: oir air do ’n aol aomadh nadurach a bhi aice gu dhol fodha feumar a cumail cho mor ’sa ’surrar ris an uachdar ge b’e uair a thionndar an talamh le treabhadh, a chum nach bi i air a h-adhlaiceadh ’sair a call. Faodar aol a chleachdadh gu buannachdail aig gach uile am agus airson gach uile ghne bharr. Tha i feumail mar mhathachadh agus mar dheasachadh uachdair airson fearuinnean; feoir ath-leasaichidh i gu gle mhor brigh nan luibh ’san fheoir. Feumaidh an tomhas a chleachdar gidheadh a bhi do reir naduir nan talmhainnean; oir fhad ’sa tha 80 ceithreamh no 20 bolla gach acair gu leoir airson talmhainnean gaineamhaich tha deagh sheann talamh eile ag iarraidh 100, agus talamh mointich no criadhaich 150 ceithreamh gach acair de’n tomhas uir. Tha gainmheach shligean mar an ceudna na mathachadh luachmhor, agus ann an iomadh ait ’surrar a faighinn gu pailte, ach tha a gneithean caochlaideach agus is ann le fein-fhiosrachadh cleachdail a mhain a s urrar aithneachadh. Tha i feumail anns na h-uile seors talamh, agus ’s urrar a cuir air aig na h-uile h-am de na bhliadhna, ach coslach ri aol feumar a cumail cho mor ’sa ’s urrar ris an uachdar, a chum nach teid i fodha ro dhomhain ’san talamh. Na tomhasan a dh’fheumar dhi ’siad a dha uiread ’sa dh’fheumar de aol, agus an deigh sin cha’n’ eile i am fagus air a bhi cho chinnteach no cho chumhachdach ann a h-eifeachdan mar mhathachadh.
Tha criadhach reamhair gu gle tharbhach mar dhe asachadh mulaich no air dhoigh eile, agus gheibhear i aig iochdar sean phuill no lochain, agus cuid a dh’aman ’an leapaichean gu maith domhain fo ’n talamh; paidhidh si a ghna, airson a cladhach, agus faodar a cleachdadh aig na h-uile h-am, agus ach beag ann an tomhas air bith. Mu na mathaichidhean innleachdail eile, agus tha iomadh dhiubh, cha labhair mise ach air cnaimhean a chionn ged is beag m’amharus nach faigh sinn, mar a theid eolas Tuathanais air aghaidh, na toraidhean is cuideamaiche bho mhathachaidhean eile na bho na tha an trath-s gu cumanta air a chleachdadh, gidheadh cha ’n aithne dhomh mathachadh sam bith a ’s urradh a bhi, ann ’ur suidheachadh-sa, cho buannachdail air a chleachdadh ri cnaimhean air am briseadh a chum sin ris an canar dus, agus a chleachdadh ann
[92]an tomhasan co’ ionann. Cha chomhairlichinn e ’bhi air a chleachdadh ach airson arach shneipean, a thaobh gu’m bheil agaibh caochladh mathaichidhean freagarach eile airson buntata, &c., ach airson shneipean tha e air leth luachmhor agus ni e cinnteach ban mor agus trom. Le 12 gu 15 cheithreimhean gach acair aig leth-chruin an ceithreamh, ’s urra’ dhuibh barr gasd arach; mar so, deanaibh tuill bheaga 2 eorlaich a dhoimhne, 3 eorlaich a leud, agus 6 eorlaich bho ’cheile air fada mulaich n- ’ur drileichean, agus anns gach toll cuiribh mu’n cuairt de 4 unnsaichean de phronnas nan cnaimh measgte: a reisd leig 3 no 4 de shiol shneipean os a chinn agus folaich a le talamh. Gu ’bhi gu h-eifeachdach air a mhathachadh bu choir am barr shneipean so a bhi air ith dheth le caoraich, ach mur tachair sin, iarraidh an fhearuinn crathadh de mhathachadh ’nuair a chuirear e ’s an earrach, ach co dhiubh tha agaibh mar so sneipean airson ’ur cruidh, agus ’ur spreidh og, agus tha n- ’ur tomhas mathaich gu mor air a mheudachadh, agus ni’s brigheil airson an ath bhliadhna.
Thoiribh aire gu’n ceannaich sibh dus nan cnaimh bho fhear deiligidh measail, air eagal gu’m bi e air a mhilleadh le cailc no a shugh air a thoirt as, agus caithrisibh n- ’ur sneipean oga re seal mus spion na faoileagan no na rocaisean iad a naird ann an sireadh na’n cnuimheagain a dh’fhasas leis na cnaimhean caithte.
title | Mathachaidhean |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Acfhuinnean Tuathanais, &c. |