Treabhadh.

Air sgath leigeadh leur spreidh teirc de ghreimean gann a spionadh re a gheamhraidh, tha n- ’ur as-bhuain gu cumanta air am fagail gun tionndadh gus an earrach, ni a tha gu tur an aghaidh steidhean suidhichtna tuathanais. Chaneil ni sam bith adeanamh tarbhach fearuinn nis mo na a thabhiga fosgladh ris a ghrianus ris a ghaoth, agus tha eifeachd iongantach feumail aig an reothadh gu cuir an talmhainn as a cheile. Cho luath uime-sinsa bhiosur n-arbhar air a ghiulan dhachaidh, bu choir dhuibhur spreidh uile a chuir gun dail gu ionaltradh air an as-bhuain cho dlusas urradhuibh gus am bi an luibheanach air a caitheamh, ’sa reisd bu choir an talamh a bhi air ball air a thionndadh thairis gu ullachadh airson barr uaine. Ma nithear leis an spaide e, agus ma bhios e gle ghlan, ni bu choir do na h-uile fearuinn ruamhairte a bhi le aire riaghailteach, bu choir a mhathachadh

[94]
[95]

aig an am cheudna gu bhi ullamh airson buntatachuir annsan earrach, agus mar so bhiodh moran saothair air a chaomhnadh; agus ged a dhfhaodas treabhadh a bhi nis lugha cosdais na ruamhradh air thuathnais mhora; ’se ruamhradh moran as tarbhaiche, agus fhuair iomadh de na tuathanaich as fearr an Loudaidhs an Sasuinn bho chian ghoirid gun robh, le ruamhradh an ait treabhadh an cuid raointean, (agus mar so a bhi a tionndadhnaird talamh uir) an leasachadh cosdais air a phaidheadh le leasachadh toraidh. Ach a mhain air tuathanais mhora, ma ta, ’si an spaide anns na h-uile seadh as fearr na an crann, ach an doighsan am so air sgriobadh no riachadhur fearuinn leis a chas-chrom, bu choir cuir as da gu tur; oir ged a dhfhaodas sibh nis mo de dhuachdar ea-domhain a thionndadh thairis leatha na leis an spaide, chaneil idol guleithid a dhoimhnesan talamh as gu fhuasgladh gu leoir gu leigeadh le freumhan nan caochladh bharrain sireadh airson arach, no beathachadh. Le tionndadh a ghrunna thairis gu aon taobh a mhain tha e atogail nan iomairean gu neo-ionainne, agus an fheadh a tha aig aon leth nis mo dhoimhne na a tha feumail, tha an leth eile air a chreachadh gus am fas e ach beag neo-tharbhach. Ma gheibh sibh e do-dheantaur fearuinn uile a ruamhradh gu ceart, feumaidh sibh aig aman a dhol an uidheam cobhair an eich; ach tha migradh a rithist gum bheil n- ’ur sean inneal gu tur neo-fhreagarach airson aiteachur fearuinn gu ceart. Tha a dearbh ainm, cas-chrom, aciallachadh droch chumadh, agu cha bu choir ach a mhain a gleidheadh mar chuspar iongantais airsonur n-iarmaid, bho nacheil i ach na fuighleach de na bhorbachd sin a tha, mar as ait leam a smuaineachadh, gu teann adol as an t-sealladh. Ciod air bith doighsam bheil n- ’ur fearuinn air a saothrachdh, biodhur n-iomairean air an cumadh mu 16 throidheanan leud cho direachsas urrainn duibh, air an togail beagan nam meadhon gu leigeadh leis an uisge ruith dhiubh. Ma bhios an crann air a chleachdadh, bu choir an sgroth a bhi air a thionndadh thairis air chors gum bi i coslach ris an litir V, agus mar as comhnard a bhios i air a leigeadhs ann as lugha cunnard an t-sil a bhi a ira chall le rusgadh ris a ghaoth, no le bhi ro-dhomhan air fholach.

Biodh beartanur crainn aruith ann an streath dhireach bho na bhraid gus a bhus, air chors gum bi an tarruing air an each comhnard, agus treabhaibhur fearuinn airson barran gorm cho domhainsas urrainn sibh a chum gum bi talamh uir air a leigeadh ris agus an fhearuinn air a doimhneachadh.

[96]
[97]

Feumaidh na drileachan airson buntata no sneapan a bhi bho oisinn gu oisinn no fiar troimhur raon, ach gun a bhi cus, ach air dhoigh, an uair a threabhar a risd esan doigh chumanta airson eorna gum faod am mathachadh a bhi air a sgaoileadh gu coionann air feadh an raoin, agus gun taisbeanadh anns na sreathansan robh e an uiridh. Afagail ceann-mhag a ghna mun cuairt dour raon, treabhaibh e cho seoltasasurrainn sibh, agus aleantuinn cairean air bith a tha feumail a thaobh suidheachaidh an fhearainn Na biodh oirean air bith aig na taobhan air am fagail gun bhuntainn riu, mar ait-altruim airson fathluibhean; oir ge-air-bith cho caireachsa dhfhaodasur ceann-mhag a bhi, ma bhios cach direach, seilbhichidhur raointean a ghna taisbeanadh grinn sgileil; agus mur urrain an crann oibreachadhsna h-oisinnean, biodh iad air an tionndaidhnaird leis an spaide.

Cuir-shil, ged tha e gu cumanta air a dheanamh le thilgeadh sgaoiltfaodar, tha mi cinnt, a dheanamh nis buannachdaile le driligeadh, gu h-araidh annur cor-sa far am bheil, ann an coimeas, saothar air bheag mheas; oir tha caomhnadh sil nis mo na apaigheadh an leasachaidh saothair, agus mar so tha sibh air n- ’ur paigheadh airsonur saothair. Faodaidh boirionnaichus clann a bhi gu buannachdail air an cleachdadh ann a leithid a dh-oibir eutrom, agusse na h-uile a dhfheumas sibh inneal coslach ri racan le a laimh a mhain mu 4 agus a cheann 3 throidhean a dh-fhada le fiaclan laidir garbh, 3 eorlaich a dha-fhada agus I eorlaich a thiuighead, air an suidheachadh, mar anns an dealbh, 4 eorlach bho a cheile. Dhuibh faodaidh so taisbeanadh ro fhada bho a cheile, air dhuibh a bhi a riamh cleachdte ri cuir tiugh, agus gidheadh rinn tuathanachan Susecs bho chian ghoirid cunntas a chraobh-sgaoileadh gun robh aige, le cuir air an doigh so fada troidh bhocheile, an cuigeadh earainn nis mo de bharr no le tilgeadh sgaoilta thuilleadh air cothrom sgriobaidh eadar na planntanan agus sgriosaidh air na fath-luibhean, air chors gu tearnadh leth na draghan athbhliadhna ann an treabhadh. Le cuir a chois air an inneal so agus a theannachadhsan talamh ruaimhraite no threabhte ann an sreathan riaghailteach tarsuing air na h-iomraichean tha tuill bheaga air an deanamh anns am faod clann 2 no 4 ghrainneagan sil a chuir anns gach aon diubh, agus bithidh an toradh gu lan nis mo na far an robh a dha uiread air a sgiotadh le thilgeadh sgaoilt. Faodar na tuill a lionadh naird le cliathadh, roladh, no doigh air bith eile

[98]
[99]

a gheibhear goireasach, ach mo bhios an talamh eatrom, ’se roladh as buannachdaile (a thaobh gun dean e nis teannd e agus gun sgrios e aig an am cheudna biasdan) Maille ribhse tha claon-bhreith laidir an aghaidh cuir luathrach, a chionn gum bheil an tomad gu minig nis neo-thomadaiche na an uair a chuirear nis an-moiche; ach iarram oirbh sealltuinn mun cuairt duibh agus breithnichibh air n- ’ur son fein bho chleachdadh nam muinntireach ud, an dara cuid an so no an earrainnean eilesa choimhearsnachd as buadhaiche. Air mo shon fein thug mi an aire gum bheil an tuathnach a tha mallna oibre: a chuireas anamoch agus air lorg sin a bhuaineas anamoch, a ghna bochd, agus gu ro thricebriseadh, an fheadh nach fhaigh mi comharradh as fearr air soirbheachadh na faicinn gach uile sheors shaothair rudeigin air thoiseach air a chleachdadh chumanta. Agus eadhonsan Spainn a tha uailleach airson a briadhachdsamealtuinn cothrom blaths na greine, chunnaic mi an tuathnach bochd aseargadh as le uireasbhuidh agus lunadaireachd an fheadhsa bha an t-arbhar ruisgte gun ghearradh do stoirmean a gheamhraidh air lorg cuir anamoch. Gu dearbhse a thagaibhsesan amharc a thaobh gach seors arbhair, a chuideam as mo de shiol a thoirt a mach airson nan tomhasan a chuireadh, agus mase fodar airsonur spreidh an ni as mo a thadhi oirbh, bu choir feur agus sneapan a bhi an ait arbhair eile agus nis pailte air an arach. Tha fheum fein anns gach seors, agus chan urradh sibhsebhin duil buaidhean mhaith nan uile a chuir ann an aon air bith an aon uair. Chan urrasibh dochas a bhi agaibh airson arbhar tarbhach, ma mheoraicheas sibh gu faighinn nis mo thomad nas gnathaichtde dhfhodair agus mur bi fas arbhair buannachdail, bu choirur n-aire a bhi air a tionndadh gu meudachadh nam barrain uaine, agus feur-saidhe le cuir clobhar no searmag, no le deasachadh sean fhearuinn feoir le mathachadh gu meudachadh an toraidh, air chors gun ruig sibh air tomhas eigin a dhiomlanachd anns gach seors, agus chan urra sibh uime-sin cuir ro luath ma bhitheas an aimsir fabharach.

Ann am barradh n- ’ur fearuinn, bu choir a chuairt a bhi sin den goirear gu cumanta atharrachadh 5 bliadhna: ’Se sin, a cheud bhliadhna buntata no sneapan mathaichte, —an dara eorna agus siol feoiran tri-amh, feur saidhe,— an ceithreamh fo ionaltradh, —agus an cuigeadh, corc, gun da bharr geal an deigh a cheile a thoirt as mas urrar idir a sheachnadh; oir feumaidh sibh a chuimhneachadh gun dean sibh, le deanamh an talamh bochd, call dhuibh fein (agus tha

[100]
[101]

agam ughdarras tuathanach soirbheachail airson a radh gum bheil aige nis mo de mhin bho aon bharr coirc an deigh deagh bharr searmaig na baibhist do athar a bhi aige bho na tri bharran air na h-iomairean as fearr den fhearuinn.) Gheibhear gur i a chuairt ad, gu labhairt gu cumanta, as buannachdaile; ach tha cuisean fom faodar imeachd uaithe. Foadaidh da bharr coirc a bhi sabhailt ma bhios a cheud bharr ro bheartach, no eorna an deigh coirc ma bhios an talamh glan agus proinnte gu maith, agus cradhadh de mhathachadh a thoirt da. Ach mar riaghailt choitchionn bu choir corc leantuinn an deigh feur; —buntata no sneapan an deigh corc; —agus eorna maille ri siol feoir an deigh barr uaine. An deigh sin, bu choir an talamh luidh 2 no 3 bliadhna ban a risd roimh a bhriseadhnaird airson corc. An aite sosann a tha sibhsetoirt a luths asur talamh le barran geal an deigh a cheile gus an deanar lag e, no ach beag neo-tharbhach, an uair gedmhathaichear e nach toir e ach barr gann, no leigear leis neart a ghlacadh le foil bheagan bhliadhnaichean fo ionaltradh garbh agus nadurach, agus air larg sin, an uair a bhrisear a risd a naird e feumaidh gur bochd agus salach am barr a bheir e. An aghaidh sin, bu choir n-ur fearuinn a bhi an comhnuidh air a cumail ann an deagh chridhe, agus an sin faodaidh sibh a bhi cinnteach as nach h-emhain gum bi sibh air n- ’ur duaiseachadh le pailteasur barra agus cuideamur toraidh, ach le mor chaomhnaidh saothair. An seors coirc as fearr airsonur fearuinn-sase coirc luathrach Aonghais, agus faodaidh sibh toiseachadh ri cuir mu dheireadh ceud mhios an Earraich. Tha corc a bhuntata anns an ait fhosgailte agaibhse ro ullamh gu crathadh, ach chaneil corc Hopeton mar sin, agus faodar fheuchain. Than corc odhar fos na shiol maith, ach tha na h-uile sheors ag iarraidh tric chaochladh sil, agus biodh na ghleidhear airson cuir, saor bho mheasgadh de sheorsain eile coirc, cho maithsair a ghlanadh gu toigheach bho eornagus mean shil. Ma bheir sibh aire do chorc fiadhaich afas annur raointean, spionaibh e mus abuich e; oir crathaidh e a shiol fein, agus a reisd is gann as urrar cuir as da; agus cuimhnichibh gun robh e air a dhearbhadh gu tric gur e corc air a ghearradh roimh e bhi marbh abuich as mo a bheir a mach de mhin aig a mhuileann, an fheadh a tha call bho chrathadh air a sheachnadh.

[102]
[103]

Eorna, air dhabhi na ghrainne anmhuinn cha choir a chuir gus am bi duil ri aimsir bhlath, ach tha air a shaoilsinn gur e an t-eorna mor as fearr a fhreagaras don ait agaibhse, agus gu cinnteach is luachmhoire an grainn e a thaobhbhi toirt a mach gu mor, ach tha an tomhas a dh-uisge beatha bhon eorna bheag nis mo na bhon eorna mhor, agus a thaobh gum bheil a cheud seors dhiubh so afaighinn creic nis ullamh aig feilltean bhithinn subhach nan robh e nis pailte air arach anns gach ait an urrar.

Sneapan, ma runaichear iad airson an tasgaidh, mar a dhfheumadh sibhse, agus mar an ceudna far nacheil garadh dion mun fhearuinn, bu choir an cuir, aig a chuid as lugha, seachduin nis luaithe nas abhaist, ’se sin mu mheadhon an t-shamhraidh, agus a ghna de dha sheors; an seors mor geal, agus seors buidhe Obarean: an seors mu dheireadh seachduin roimh an t-seors eile, agus ma spionar iad aig deireadh an fhoghair no an toiseach a gheamhraidh, na duilleagans na freumhan a ghearradh dhiubh, agus an carnadh anaird ri aghaidh balladh, agus an cuibhrigeadh le beagan fodair, fraoich, no talmhainn, gleidhidh iad le toigh gus an Earrach, agus dearbhaidh iad gle luachmhor do stoc og no chrodh uir an deigh laoigh a bhreith. Air do na sneapan geala bhi mor agus air cuir a mach, an caitheamh air tus, —agus na di-chuimhnichibh gum bheil n- ’ur barr an crochadh gu h-iomlan air an fhearuinn a bhi eutromus tioram le drainearan, am mathachadh a bhi reamhar agus min lebhi tric air a thionndadh thairis leis an spaide. Ma shineas na sneapan nacheil air an tasgaidh ri fas an deireadh a Gheamhraidh, non toiseach an Earraich, spionaibh iad a naird air ball leis na freumhan, air neo chanemhain gum fas iad neo fheumail airsonur spreidh, ach ni iad bochdur talamh le ruith gu siol.

Buntata. —Chan urrar buntata a shuidheachadh ro luath, ma bhios an reothadh thairis, mas maith le daoine iad a bhi maith agus mineil. Cinnichidh iad, tha fhios agaibh, an ire mhaith ann an talamh air bith, ma dhaitichear gu ceart e, ach tha gach ni an earbs ri iad a bhi air an cumail glan, air iad a bhi neo dhlu’, agus air uachdar an talmhainn a bhi min le sgrioban. Chan urrar sealltuinn airson barr trom ma bhios iad air an cuir nis dluith na 10 eorlaich agus mur bi aig na freumhan cuibhrigeadh tiugh de thalamh fuasgailt. Cha dfhuaireas fathast a mach leigheas cinnteach airson an t-sil a bhi agrodadhsan talamh, ach thainig iomadh deagh thoradh bho shuidheachadh buntata beag slan agus bho shuidheachadh

[104]
[105]

nam bachlaigean an uair a spionar iad dheth an t-sean bhuntata a thoisich a cheana ri cuir a machsan toll nosan t-sabhal. Thug na bachlaigean so air an spionadh gu toigheach, ’sair an suidheachadh, a mach cho pailt ris na sgoilteanan no ris na suilean air an cladhach asda airson an suidheachadh, an fheadh a bha am buntata air an gleidheadh airson spreidh no mucain, agus tha mor chaomhnadh leis an doigh so. Theagamh gur e an doigh as fearr am buntata beag a chuir air leth aig am an togailsan fhoghair, agus an cuir ann an tuill bheaga leo-fein, ullamh gun cuir a machsan earrach gun na bachlaigean a bhriseadh. Maille ris a bhuntata mar mailleri seorsan eile barra tha moran an earbsa air caochladh an t-sil gu minig, agus tha air a thoirt fainear gum bheil buntata bho thalamh fuar fliuch agus mointich afreagairt mar shiol nis fearr nanuair a dhfhas iad ann an talamh nis eutroma agus nis grinne. Gu dearbh tha an aon riaghailt acumail a thaobh gach seors sil, gur coir an caochladh gach darano tri-amh bliadhna, aig a chuid as lugha, mur deanar e nis trice. Ma bhiosur talamh eutrom ceannaichibh siol a dhfhas ann an talamh as treise, agus an ceart aghaidh sin ma bhiosur talamh trom. Ann am bruidhinn mu ghrodadh a bhuntata an uair a shuidhichear iad agus eadhon an uairbhios iadsan toll, ni a tha atachairt cuid a dhaman, bheirinn fainear, a thaobh ma dhfhagar buntatasan talamh an deigh dha fas, chan fhaighear idir e air dol aog, bu choir dhuinn ionnsachadh, bhon leason so air a theagasg le nadur, gun iad a thasgaidh ann an saibhlean no an tional nan dunan mora, ach tuill fhada chaol a dheanamh agus a mhain am folach air chors an dion bho reothadh. Bu choir gu sonruichte an airethoirt don so a thaobh an fheoghainn a runaichear airson siol no gleidheadh fada.

Seamrag. —Than t-seamrag na bhar gle luachmhoir agus fheumail do gach uile dheagh thuathanach cho maith don duine bhochd. Cha choir do aon sam bith aig am bheil bo agus achdar fhearuinn a bhi gun chaob beag sheamraig; oir le deagh aiteach bheir e dha cuid ri ghearradh na h-uile la bho mheadhon ceud mhios an t-samhraidh gu deireadh an fhogharaidh. Meudaichidh e gu mor an tomad bainne; cuiridh e ri tomhas agus gne no buaidh a mhathaichidh ma dhithear e an taobh a steach de dhorsain; no ma dhionar e mar fheur-saidhe, gheibhear e nis beathachailna sin a rinneadh bho fheur nadurach nan lon. Tha e cinneachadh nis fearrnuair a chuirear e maille ri eorna, ach freagairidh e maille ri coirc mar an ceudna; agus cha mhor cron a nithear air le ionaltradh chaoraich no spreidh bheag re aimsir thioramsa gheamhradh mur bi an fhearuinn gle fhliuch. Ma runaichear airson feur saidhe e, bu choir a ghearradh ge be uair a thig e fo bhlath, gu chumail bholuths a thoirt as an talamh agus gu deagh ath-bhar a dheanamh cinnteach a

[106]
[107]

tha an irebhi cho luachmhoir ri feur saidhe a thaobh gum faodar a ghearradh a rissan fhohair araon airson spreidh agus eich.

Ma bhitheas am feursaidhe air a mhilleadh le uisge, bu choir duibh saluinn a sgiteadh airnuair a chruaichear e le mun cuairt de pheic saluinn airson gach tunna fheoir, ni a ni e gu mor nis beathachaile airson spreidh, ach tha moran de a bhuaidh an crochadh air an doigh an dionar e. Faodar a ghearradhnuair a bhitheas e fliuch, ach cha choir idir a ghluasad bhon rolag ach ann an aimsir thioram an uair bu choir gu tric a thiondadh agus dunanan beaga dheanamh dheth cho luathsas urrar agus na dunan so a chuir nan dunan nis mo a rithist mus dean sibhur cruaich fheoir. Tha rusgadh do ghrianus ghaoth nis mo na tha tur fheumail airson a thiormachadh atoirt a bhrigh as an fheur agus ga mhilleadh, agus mar is uana an dathsann is fearr a bhuaidh. Ann an Sasuinn far am bheil am feur-saidhe as fearr air a dheanamh, tha e a ghna air a theasachadhsa chruaich ni a tha atoirt mor leasachaidh milseachd agus beathachaidh dha, agus cha choir duibhse idir so a dhearmad, ach feumaidh an teas eirigh bho shugh an fheoir fein (gun a bhi air a thur thiormachadhnaird le cus rusgaidh do ghrianus ghaoth) agus chan ann bho thungaidheachd aimsir uisgeach a tha a ghna calldach. Bitheadhur darra barr feoir air a ghearradhsair a thoirt gu ith aig an dachaidh; cha choir duilleag dheth ith air an raon, as urrar a ghearradhsa ghiulan a dhionnsuidhur stabuil no bathaich; oir tha biadhadh aig an dachaidh nis roghnaichte leis na h-uile bharrain far an urrar a dheanamh na a muigh, ach a bhig ionaltradh air seamrag tha e na thur ana-caitheamh agus brosnachail. Ach feumar an t-seamrag a thoirt ann an tomhasan beagaan aon am, agus beagan a dhuairean an deigh a gearraidh a chum gun teich a ghaoth as na cuiseagean, air neo bithidhur spreidhan cunnart sgaineadh.

Tha Peasairus Ponair mi fhreagarach dor n’ -aitsa a thaobh doilcheadais an tiormachadh, agus bhiodh cruithneachd neo-chinnteach a thaobh an uisge aig am dhabhi fo bhlath, ach chaneil mi a faicinn reuson airson each fheudadh corcachus lion a bhi air an arach ann an tomhasan beaga airsonur feum fein, agus chomhairlichinn dhuibh am feuchainn lecheile, ach gu h-araidh lion.

Tha Luibhnich ro aithnichte mar mhallachd an tuathnaich gu iarraidh mise do sparradh oirbh an curam a dhfheumar airsonur fearuinn a chumail saor bho an toraidhean plaigheil. Tha iad dhe iomadh seors, ach gu labhairt gu cumanta faodar

[108]
[109]

an toirt fainear fo dha roinn, bliadhnaichean agus iomadh-bhliadhnaichean. Cha mhair a cheud seors ach aon bhliadhna, agus tha iad gu furasda air an sgrios le tionndadh an talmhainn, ’us fhagail ban, agus le sgriobadhur barrasan t-samhradh; le toigh a thoirt nach cuir sibh dail airur n-oibhreachaidhean cho fadasgu leigeadh leo an ros a thilgeadh no eadhon ruith fo bhlath ni a bhochdaicheasur fearuinn. Tha Iomadh-bhliadhnaichean nis doilbh a chuir as, oir cha leoir an gearradh mar a thaisbeanas iad iad-fein os-cionn na talmhainn. Cha dean ach an fhearuinn a leagadh ban, treabhaidhean trice, agus an spionadh as leis an laimh, cuir as doibh gu h-iomlan. Bithidh cluaireanan air an lagachadh agus fadheoidh air an sgrios len gearradh thairis mu 3 eorlaich os cionn a ghrunna 3 no 4 uaireansa bhliadhna ma chuireas iad a mach cho trice, agus is fearr eadhon beagan arbhair a mhilleadh le cuir cloinn a steach air fheadh gun gearradh na am fagail gu buannachd neart le leigeadh leo fas re fad na bliadhna, no gu tilgeadh an rois. Tha Ranach mar an ceudna air a sgrios le a bhuain trice, gu h-araidh ma nithear e gu trathailsa bhliadhna mus tig iad a chum lan dhuilleig; ach air cuid de mhirean neo-fheumail de ghrunn, faodar leigeadh leo fas airson an giulain dhachaidh ur airson leabaidhean do chrodhus eich no air an tiormachadh a chum an aobhair cheudnasa gheamhradh; agus so chomhairlichinn a dheanamh anns gach ait an tairear, a thaobh gum bheil an ranach chanemhain fenmail airson fodar ach tha e na mhathachadh laidir. Ach anns na h-uile aitsam bheil e rochosdail a thoirt dhachaidh, no far am folaich e cus de ionaltradh luachmhoir bu choir a ghearradh thairis agus a sgriosadh, agus aig gach buachaill chruidh no chaorach bu choir coran geur a bhi ceangailte air ceann a bhata leis am faodhadh e ann a uairean diomhan a bhi gu feumail air a chleachdadh ann an gearradh ranaich, oir is eol domhsa iomadh cnoc feoir far am bheil am feur as fearr air fholach agus uime sin air a mhilleadh le ranach tiugh gun fheum. Nam burrar a thoirt air a bhuachaill a tha gu nadurach leisg, an ranach, an deigh a ghearradh, a thionail anaird agus a chuir gu tiugh air a ghrunn aimrite fhraoicheil dlu dha, air chinn an ath-bhliadhna mharbhadh e am fraoch agus dheanadh e gu h-iongantach an t-ionaltradh nis fearr, mar so afaighinn buannachd dhubailte. Feumar copagan a chladhach a mach le spaide fhada aimhleathan dha-cheannach (faic an dealbh) agus leis an inneal sin a chleachdadh re uair nodha gach la de mhios dheireanach an t-samhraidh agus de cheud mhios an fhoghair, mus tig iad fo ros, chuireadh sibh ann an 2 no 3 bhliadhnaichean as do na

[110]
[111]

h-uile copag a thair n- ’ur fearuinn. Is da-bhliadhnach an Lus-buidhe agus is urrar cuir as da le a mhainghearradh thairis direach mus tig e fo bhlath, ach ma leigear le aon cheann deth siol a chuir, cuiridh e raon iomlan. Chanurrar cuir as don lus-shnaimeach ach le a spionadh leis an laimh, agus eadhon an deigh a chliathaidh mu dheireadh an deigh siol a chuir; no an deigh na drileachan bhuntata no shneip a chumadh, bu choir do chlann a dhol thairis air a ghrunn le bascaidean agus na criomagan as lugha a thionail anaird a dhfhaodadh a bhi air fhagail aig a roimh-ghlanadh. Than carran ged is bliadhnach e, na luibh gle mhillteach dhuibh-se, agus millidh e gu tur an t-sheamrag og lethachdadhnuair a bhios na planntanan maoth, gidheadh cha dhean an talamh a leagadh ban, a ghna cuir as da, agus chunnaic mise a leithid sin air a leantuinn an ath-bhliadha le barr tiugh de charran. ’Sann amhain le aol agus fois re da bhliadhna fo fheur a gheibhear saor uaithe, atoirt aire nach oibrichear an talamh le cus treabhaidhus cliathaidh airsonur barr, ach a roghain air sin spionadh leis na lamhan, agus sgribeadh le h-obh. Tha na doighean ceudna afreagairt airson cuir as do na Chearbanachsa thug mi airson an Luis-shnaimeach. ’Sen spionadh leis an laimh an t-aon mheadhon; agus cha choir a chriomag as lugha fhagail; oir ann an aon bhliadhna fasaidh e laidir agus tachdaidh eur barr, a thuilleair a dheanamh da chuairt nis doilich a ghlanadh an ath bhliadhna. Gu dearbh chanemhain gum bu choir duibh aire a thoirt do ghlanadhur fearuinn aitichte, achur n-aitean ionaltraidh a ghlanadh cuideachd bho luibhean millteach; oir tha an ros aca air a ghiulan leis gach osag ghaoith a chumur raointean agus mar sin adeanamhur saothar ach beag neo-fheumail mur gearr sibh aig a chuid as lugha thairis na Cluaireanan, na Copagan, agus an Lus-buidhe annur coimhearsnachd cho luathsa thig iad fo bhlath. Le gart-ghlanadh toigheach chanemhain gun cuir sibh air adhart fas n- ’ur barra a bhliadhna sin, ach ullaichidh sibh deagh mhathachadh airson bliadhnaichean an deigh sin; oir le luibhean grod a mhain air an cleachdadh mar mhathachadh dharaich mise sneapan ni bu bhriagha na le inneir stabuil no dus chnaimh. Tionailibhur luibhean uilenan dun leis-fein, agus cho luathsa thoisicheas iad ri cuir a mach no ri fas, tionndaibh iad thairis acuir na bha air an taobh muigh fodha, ath-dheanaibh so gus an grod iad agus an teid iad as a cheile a chum a bhi nan talamh min, ni a dhfheudar a chleachdadh airson sneapan no annur lios mar am mathachadh as fearr, Ma bhitheas cuid air bith gun chuir as a cheile le grodadh gleidhear eus cuirear e ri dun an ath-bhliadhna; ach bu choir duibh a theagasg do n- ’ur clann bheaga gun idir a dhol a seachad air luibh gun fheuchainn ri

[112]
[113]

spionadh an aird agus a ghiulan a chum an duin, agus bithidh iad gu luath cho toilichte ann a bhi mar so gu feumail air an cleachdadhsa bha iad a roimhe ann an diomhanas noan lochd.

Garaidhean-dion. —Thabhi afalbh air an fhearuinn ann an aimsir fhliuch le spreidh gle challdach; tha gach lorg cois adeanamh lochan airson cumail uisge, agus atoirt a bhrigh as an talamh, noga mhilleadh. A chum so a bhacadh bu choir duibhur garaidhean a bhi a ghna air an cumail air an deagh charaimh; oir chan eol domh dearbhachd as cinntiche air cinneachadh nabhi atoirt aire do na bearnan a bhi gu grinn air an caramh, an fheadh air dhoibh a bhi amhain air an leth-charamh no air an duineadhnaird leis a chrann no leis na cliathan gur aobhar amharuis e air briseadh. Ni siol a chonaisg air a chuir air mullach gharaidhean fail deagh dhion agus fasaidh e nis fearr ma bhios beagan criadh-ghainmh air a mheasgadh maille ris an fhal an uair a chuirear an siol. Tha conasg gu cinnteach dhe taisbeanadh neo-chomhnard agus neo-chuimir ma dhearmaidear e, ach faodar a ghearradh agus a chumail cho cuimir ri callaid chuilinn agus le aon mhaide rail air puist 2 throidh a dharda agus air an suidheachadham measg a chonaisg air mullach na dige, tha deagh gharadh dion air a chumadh, an fheadh a bhios na meanganan oga air an gearradhsair am pronnadh min no air am bruthadh leis an t-suist gle fheumail mar lon den bhrigh as fearr airson eich, crodh no caoraich, agus is urrar an siol a thionail gu furasda le clann, no cheannach airson tastan am pund. Tha Callaidean dhroighinn gu cinnteach nis fearr, ach tha iad gle chosdail agus feumaidh iad mor thoigh aig an toiseach, agus ma bhios clochan pailtesiad as lugha dragh agus as eifeachdaiche de na h-uile callaid. Tha iomadh acuir an aghaidh a bhi asuidheachadh chraobhain ann an callaidean a thaobh a bhigam milleadh le an sgail agus mar a bhi calldach do na bharr air gach taobh de na challaid; is fior, gidheadh tha iad nam fasgadh mor bho ghaoth, agus ann an aimsir theth nan dion airson spreidh gu seasamh fodh’ ’nuair a chuirear dragh orra le cuileagan. Misnicheadh n- ’ur maighistir fearuinnur deigh air feabhaschadh, le suidheachadh belt leathain de choille far am fosgailte sibh do na ghaoth, agus na deanaibh talach airbhi adion craobhain sam bith a thairgeasur mhaighstir dhuibh. Cha bu choir tigh a bhi gun chraobhan mun cuairt da airson fasgadh, agus bu choir iad a bhi air an suidheachadh ann an oisinneanur raointean mur toil leibh iad a bhian streath challaid, an fheadh a ta iad air leth feumail mar fhasgadh air taobhan tuathur lisus mheas lis.

[114]
[115]

Siad Seileach, Plane, Leamhan, agus Uinnseann, na seorsan as fearr gun suidheachadh. Tha iad gu furasdair an dion bho spreidh le cuir clochan dlu ri am bun agus le ceangal droighean mun cuairt don stuic. Agus amhain smuainichibh air a chofhurt a bheir iad don dachaidh ghraidh! Agus mar a thuirt Morair Logain, bithidh iad eadhon afasnuair a bhios sibhsen- ’ur cadal, agus than cinneachadh an earbsari beagan curamus aire gun tastain a chuir a mach. Uisgeachadh, seors de thuathanas a tha gu mor air a chleachdadh ann an Sutserland agusan duthchan eile gu buadhach, agus tha mise asmuaineachadh bu choir duibhse anns gach ait a thoirt a steach; ’se sin sruthan uisge a thoirt aig aman air leth air chors gum folaich e an t-iomlan de uachdarur fearuinn agus leis sin a tarbhachd a mheudachadh. Dhfhaodadh moran der talamh bochd-sa a bhi leis an doigh so air a leasachadhsan tomhas as airde, agus dhfhaodadh sibh an t-uisggun fheum a tharruing bhor n-iadhlainnean ann an cladhanan beaga riaghailteach air dhoighs gun cuibhrigeadh e moran den uachdar. Anns na cnuic aimrid faodaidh moran a bhi air a dheanamhsan doigh so, agus dhfhaodadh mirean den talamh a tha an tras ban a bhi air a chuibhrigeadh le deagh luibheanach. Taghaibh spot fhreagarach airson treorachadh uisge shruthanain beaga no earrainn de dhallt bho a chladhan cleachdail. No duinibh a naird an struth air chors gun toir sibh air an uisge a dhol an rathad a tha sibh a dheasbhuidh, agus a reisd treoraichibh e a chuidsa chuid thairis air an fhearuinn cho-cheangailtris ann an cladhan le gearraidhean no meoir uaithe air chors gum faod an t-uisgebhi air a roinn thairis air an uachdar uile. Anns an doigh so faodar aghaidh cnuic no bruaich uile fholach le sior thaom uisge a sgriosas gu luath am fraoch agus a bheir feoir as finealtna ait, agus tha e iongantach ciod a tha air a dheanamh ann an Suitserland agus Tirol anns an doigh so, ’nuair a thogas iad uisge le rothan o aibhnichean mora airson an aobhar so, agus agarach barran pailt feoir saidhe le mathachadh as flinchadh an deigh sin eadhon cliathaichean nan cnuic as casa agiulan a naird a mhathaichidh air am muin agus abuain an fheoir 3 no 4 chuairtsa bhliadhna. Sen geamhradh an t-am as fearr airson na h-oibreach so; ach fendar a dheanamh anns gach am gu buannachdail. Agus leigeadh leis an uisge fantuinn aruith thairis air an uachdar re fad chaochladh laithean cuideachdn uair a dhfhaodar na gearraidheansan rathad sin a bhi air an duineadh, agus air am fosgladh ann an rathad eile gu leigeadh an uisge thairis air talamh uir. Cia minig, agns so gu h-araidh far am faic sibh taoibhean uilde non fhosglaidh gu nadurach uaine, a chunnaic mise 100 slait de shruthain le oirean feoireil aruith direach a sios airur leothaidean-sa far an robh na

[116]
[117]

h-uile mun cuairt dubh agus aimrid, ach ni a dhfhaodadh a a bhi air a threorachadh air a leithid a dhoigh air feadh aodainn a chnuic air ais agus air adhart as gun tionndadh e an t-iomlan a chum ionaltradh gast, agus air a dheanamh ann an iomadh ait air cost nach mo na am buachaill a bhi gu feumail acleachdadh nan uairean diamhan a tha an trasair an caitheamh acadal anns a ghrian; ann an amharc gu mi-bhuannachdail air an fhasach mun cuairt da, no aruagadhsamilleadh a chruidh no nan caorach le a chu dhileas ach neo-fheumail.

Rathaidean, Chan urrar fearuinn air bith aiteachadh gun mheadhonan ruigsinn oirre le rathaidean dom bu choir duibh an aire a thoirt. Oir gu minig tha cosd rathaid maith air a chaomhnadh ann an aon bhliadhna le caitheamh chuirnus airneis air am milleadh le tarruing tre lathaichus chlachanus chlaisean. Chaneil innleachd rathaid air dhoigh sam bith doilich. Ann an duthchan cnocach cum comhnard cho fagussas comasaich le dol mun cuairt do na cnuic a roghain air gearradh tromha; oir chaneil ni air bith as cinntiche na gum bheil a cheud doigh dhiubh so a cheart cho aithghearr agus moran nis furasda na an doigh mu dheireadh. Tha comhnard mhaireanach gidheadh sgiosail a thaobh na h-aon fheithean a bhi a ghna an sas: ach ann an rathad aig am bheil eirigheanus tuiteaman seimh tha na feithean uile air an gairm gu cleachdadh uair mu seach, agus cuid dhiubh aig fois an fheadh a tha a chuid eile air an cleachdadh. Ma bhios leabaidh thana, de thalamh bog far am bheilur rathad gubhi air a dheanamh, thoiribh gu h-iomlan dheth e, ach ma bhios an leabaidh domhain mar ann am mointich, bithidh i na deagh steigh shubailte agus faodar a fagail agearradh cladhanan domhain air gach taobh dhi gudeanamh tur thioramus thana, agus a chuibhrigeadh thairis le sgrath dhubailt no thri-filltde dhfhal roimh cuir gainmheach air, ni bu choir a bhigutiugh air a chuir air (mar as tiuighesann as fearr) a cumail as na h-uile chlachan a bhios osceann meud uibhe. Togaibhur roidean an eatorrassa mheadhon, a toirt dhoibh leagadh air gach taoibh air son an uisge ruith dhiubh air ball agus na bithibh ro iarrtunach air deanamh rathad briadh farsuing; oir leigidh 14 throidhean le da chairn a dhol a seachad gu furasda agus chaneil feum air tuille. Cladhaichibh cladhanan fosgailte an cois nan taoibhean as airde agus biodh iad gu curamach air an cumail glan. Lionaibh anaird claiseanus tuill cho luathsa thaisbeanas iad, agus ma bhruchdas toll anns an earrainn mhointich, fosgailibh e uile mun cuairt gus an ruig sibh air an ait an do chuireadh an sgrath dha-fhillt, no thri-fhillte a dhfhal a bhi fallan; a reisd

[118]
[119]

ceanglaibh sgrath uir mar a roimh anns an t-sean earrainn gu grinn agus ath-chuibhrigibh e le gaineamhach. A dheasbhuidh fal ur a chuir air bithidh gach oidhirp eilega charamh neo-fheumail Tha mi deigheil mar an ceudna air sga n- ’ur mnathainsur nigheanan, nach biodh ceum cois air a dhearmad. Togaibh e aig a chuid as lugha 8 eorlaich os ceann comhnardas a ghrunna, cumaibh e tioram le cul-chladhann uair a bhios e feumail, agus ge air bith cho aimhleathan (oir tha 18 eorlaich gu leoir air leud) gheibh sibh a chofhurt a bhi afaicinn nach bi iadsan dom fearr am biur gaol air an dochuinn le fliuchadh no air an deanamh mi-dhealbhach le brogan no aodaich shalach.

titleTreabhadh
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textAcfhuinnean Tuathanais, &c.
<< please select a word
<< please select a page