Acfhuinnean Tuachanais.
’Siad na h-acfhuinnean a’s feumail ann an tuathanas. 1, An Spaide a tha mi deigheil gu fhaicinn air a cleachdadh anns gach ait an ait na’n acfhuinnean a bh’aig ’ar sinnsearan nach robh ach a mhain a’ riachadh an ait ruamhradh ’us mineachadh na talmhainn: Oir th’an spaide fregarrach airson seors sam bith a dh’oibir. Tionndaidh i talamh ni’s riaghailtiche agus ni’s doimhne na an crann. Ni i roidean, cladhanan, agus dion-gharaidhean agus tha i freagarrach airson an oibir as eutrom ’s is grinne, cho maith ’s is airson an ruamhraidh a’s truime. Ann an taghadh spaide, na earbibh ri a neart bho thiuighid a laimh a tha a ghna neo-ghoireasach, ach thoiribh aire gu’m bi i de’n fhiodh a’s fearr, nach taisbean snaim air bith, agus gu’m bi e reith gun chuir bho’n laimh gus an iarunn. ’Si spaide mheadhonach mhor a’s fearr airson feuman cumanta. ’Sann a tha feadhain throm laidir iomchuidh amhain airson ruamhradh fearuinn uir, agus sluaisidean airson talamh fuasgailt’ mointich agus deanamh roidean, &c. 2. Piocaid. —Tha piocaid tur fheumall airson cladhach, deanamh roidean, agus caochladh feuman eile; ach a thaobh nach bi feum oirre an comhnuidh, chomhairlich mise do mo shluagh ceangal cuideachd agus te a cheannach eatorra, a chum i ’bhi air a cleachdadh uair mu seach le ceathrar no ni’s mo mar a dh’fheumar. 3. Sgrioban. —Tha ’n sgrioban chumanta feumail airson buntata, sneipean, agus caochladh feuman beaga eile, ach cha’n’ eil an t-seors bheag chruinn a tha mi a’ faicinn gu trice sibh a’ cleachdadh, agus air a deanamh le goibhnean duthcha. Faighibh an aon uair bho na bhuth sgrioban aig am bi a duilleag 7 eorlaich fhada agus 4 no 5 a leud, agus ni sibh a dha uiread a dh’oibir ’sa tha sibh an trasa ’deanamh. 4. Racanan, agus 5, Fuirc airson deasachadh
[120]feoir, agus oibir stabuil, agus tha na racanan feumail airson folach ’ur sil, mur bi n- ’ur fearuinn mor gu leoir gu iarraidh San 6-amh ait, Cliathan, a tha tur fheumail ma tha eich air an cleachdadh, agus oibrichidh iad ni’s fearr, tha mi ’smuaineachadh le cliathan fiodha mar bho shean na a reir an doigh uir iaruinn. 7. ’Se ’n Crann an inneal a’s feumail do ’n tuathanach, agus ann an caochladh chumaidhean bha e air a chleachdadh le gach tuathanach bho ’n am an d’aitich Cain an toiseach an talamh a bha’n am sin oigheil. Mholainn os ceann na h-uile sheors eile an Crann uir iaruinn a tha a nis air a dheanamh le ’ar Goibhnean uile, ged, tha mi ’saoilsinn na’n robh cuidhle ’na thoiseach gu’m b’ urrar an oibir a dheanamh ni’s riaghailtich, agus ni’s socraiche do na h-eich a bu choir a bhi, tha fhios agaibh, a ghna air an cuing-cheangal, a dha taobh ri taobh, agus cha’n ann mar ’an Sasuinn, aon roimh aon. 8, Cuirn, ’Siad na cuirn a’s fearr an fheadhain shingilte a reir meud ’ur n-eich, le freum fiodha fuasgailte gu cheangal air uachdar an uair ’bhithear a’ giulan rudain eutrom tomadach, mar a ta arbhar ’us feur. Cha bhi e doilich a dhearbhadh oirbh gu’m bheil moran de’n tarruing air ’ur n-eich an crochadh air an doigh an luchdaich sibh ’ur cairn, ni bu choir a bhi cho freagarach ’s nach biodh os ceann ceithreamh de ’n tarruing a’ foiseachadh air druim an eich, ’nuair a sheasadh e air rathad comhnard. Bu choir saic a bhi gu tric air an athrachadh cuideachd a reir chuisean le cuir nan rudain air an toiseach ann an direadh cnuic agus an gluasad gu dheireadh ann an dol a sios cnuic ni a bheir mor shocar do shaothar an eich bhochd. 9, Tha araon Bara-rotha ’us Bara-laimhe, far nach bi cuirn, tur fheumail airson tionail mathaichidh, giulan chlach, agus caochladh fheuman eile. 10, Tha Cairn slaoid air a chumadh bho earrainn chrom de chraobh le boinn iarunn agus bara goireasach ann an deanamh leasaichidhean ura agus atharraichidhean. 11, Tha Corranan gu cumanta air an cleachdadh ’san duthaich so, ach tha buain les an Speal a chuid ’sa chuid a tighinn ’san fhasan, agus tha e ann an iomadh chuisean ni’s fearr. ’Nuair a dhearbhas an aimsir fliuch agus gur cuis chuideamach cothrom a ghabhail air uair thioram air bith, no ’nuair a bhios fodar de ’n fheum a’s mo, air gach aon chor mholainn an Speal a roghainn air a chorran. Leis an Speal tha ’m fodar air a ghearradh ni’s dluithe ris an talamh
[122]na leis a chorran, agus tha air a radh gu’n tioramaich arbhar air a ghearradh leis an Speal ni’s ealamh’. Gu cinnteach tha ’n oibir air a deanamh, ni’s luaithe, agus is urrar uimesin cothrom a ghabhail de gach uair thioram. Cha bhi na sguaibean cho tur ghrinn ’sa bhios iad sin a ghearrar leis a chorran, ach ’si sin an aon phuinc far nach ’eil aig an Speal an toiseach. Speal le dithis luchd-leanmhuinn, aon gu tionail ’us gu deanamh bhannain, an aon eile gu ceangal ’us stucadh no sgruthadh, buainidh iad uiread ann an la ri 7 pears le corranan agus cha bhi an grainn cho mor air a chrathadh. Feumaidh an Speal a bhi air a ladhadh leis an fhaobhar air a thogail beagan n’s mo na ’nuair a ghearrar feur. Feumaidh an talamh a bhi gu maith air a roladh an deigh cuir an t-sil, air neo faodaidh an Speal a bhi air a bhriseadh le clachan. Bu choir ’ur stucanan no sgruthanan a bhi air an curraiceadh, ’se sin, 2 sguab ton ri ton agus sgaoilte air mulach an sgruthain mar thubhadh no chomhdach bho fhrasan. An ait an doigh an tras air cuir an arbhair uile ann an saibhlean, ni a dh’fheumas mor chuir-a- mach ann an togailichean, biodh cruaichean de mheud mheadhonach, (gach aon a’ gabhail bho 6 gu 12 cairtail) a reir meud na fearuinn a tha ann ’ur seilbh, air an togail ann an aite tioram sam bith a’s fosgailte do na gaoitean. Mur leig an aimsir leis an arbhar tiormachadh gu tur, biodh meadhon fiodha (a reir an dealbh) air a chumadh le fosgladh fodha ris an iar-dheas airson leigeadh a steach na gaoith, agus toll aig a mhullach gu tarruing na gaoith (faic an dealbh) cha’n’ eil an eagail a’s lugha gu’n gabh a leithid sin de chruach teas le toigh ann an aimsir ’sam bith) agus bu choir seann seol air a dheagh thearradh, no aodach laidir sam bith eile a bhi a ghna ullamh air chinn uisge a thighinn re am deanaimh na cruaich a chum gu’m faod e bhi gu ’grad air a thilgeadh air mulach na cruaich neo-chriochnaichte agus a cumail bho an fhras. Cha’n fhaod an comhdach so gidheadh a bhi air a chuir ro dhlu air a chruach air chor’s gu’m bean e rithe, ach air a chumail a ’naird le pruip no barrach air chor’s gu leigeadh cuairt shaor de’n aileadh eadar a chruach agus an comhdach. A dh’easbhuidh so stadaidh sibh an ceo a dh’eireas a ghna bho arbhar air ur-chruachadh. Ann an Germanie thug mi aire do sheors uir de chomhdach gluasadach a ghna air a chleachdadh ann an cruachadh, ni tha mi a’ smuaineachadh a dh’fhaodar gu gle bhuannachdail a thoirt a steach do chleachdadh anns an tir fhliuch againn. Tha ceithi’r chabair air an cuir an aird air an spot an taobh steach am bheil a chruach air a runachadh ’bhi air a togail, agus air na cabair tha air a chuir
[124]mulach gluasadach fosgailte de mhaidean caola air an comhdach le fodar, fraoch, no luachar. Tha ’n tubhadh so le slaoid an aird no a mhan mar a thoilichear (faic an dealbh) a’ cumail an arbhair tioram an uair a’s eigin duibh le aobharan sguir do chruachadh, agus an uair a tha barr-thubhadh gann faodar na comhdaichean so fhagail air na cruaichean ’nuair a chriochnaichear iad agus ma nithear iad de chabair learaig agus fraoch, mairidh iad 20 bliadhna. Cha’n’ eil biastan an gar do ’bhi cho sgriosail do arbhar ann an cruaichean ’sa tha iad d’a ann an tighean, agus gu dhion ni’s eifeachdaiche faodaidh gach cruach ’bhi air a togail air lar mhaidean no phlancaichean neo-mhin na’n luidhe air puist chlach no learaig air an cumadh (mar anns an dealbh) air chor’s gu’n cum iad na luchanan as radanan bho streap a naird. Na thu’irt mi an tras’ air Tuathanas faodar a mheas goirid air cuis cho chuideamach, ach na’n cleachdar na seolaidhean ud a tha a roimhe so, cha’n’ eil mi ’n teagamh, mur bi buaidh iomlan na’n cois, nach bi iad co dhiubh na’n leasachadh air an doigh a tha sibh an tras’ leantuinn; agus ris so tha mi a’ toirt mar eisempleir bho Leabhar ghast Mhr. Uilde air tuathanas bheag, ni a tha fhios agam a tha ann an iomadh earrainn de Shasuinn air a leantuinn le mor bhuannachd.
Ciod an Tomhas Fearuinn a tha gu leoir gu beathachadh Teaglach le Muic-fheoil, Luibheanach, Uibhean, agus Bainne?
Tha an Dealbh, eadhon an 4-amh Dealbh, taobh-duilleag 105 air a shaoilsin a bhi 2 acair, agus tha a na cheithreamh acair’ air a chuir fo bharr mar so:—
A *1. Buntata agus Curranan dearg, 19 slait fhada le 4½ slait leud. Tomhas sil agus prig: 2 ghalan Buntata, 4 sgillin; curranan dearg, 1 sgillin.
Anns an dara seachduin de’n Mhairt, gabh 6 baraichean mathaichidh, sgaoil e gu riaghailteach air a ghrunn, agus toisich ri ruamhradh aig aon cheann ri feadh troidh’. A reisd sin an t-sreang tarsuing air an iomal, agus gearr rithe clais 3 eorlaich
* Tha A 1, a’ ciallachadh, Aireamh 1, agus A 2. Aireamh 2. &c.
[126]a dhoimhne, agus suidhich buntata luathrach 9 eorlaich bho a cheile ann an sreath; a reisd ruamhair a risd feadh 18 eorlaich, suidhich an t-sreang, dean clais, agus suidhich mar a rinn thu a roimhe. Mair mar so ri fad 7 slait; a reisd ruamhair agus rac an 2 shlat eile, agus cuir an curran dearg goirid, ni dh’fhaodas a bhi uile air a dheanamh ann an 6 uairean; no ann an tri laithean, aig 2 uair gach la. Feumaidh am buntata hoe-aigeadh ann am meadhon a cheud mhios de an t-Shamhradh, leth uair a thim; talamh a chuir riu aig deireadh na miosa, 1 uair. Bithidh iad ullamh airson feum anns a mhios mheadhonach, agus riaraichidh iad an teaghlach gu deireadh a cheud mhios de’n Fhoghair. Bithidh na curranan ullamh anns a cheud mhios de’n t-Shamhradh.
A 2. Peasair luathrach ’us Ponair, 18 slait a dh’fhada, agus 4½ slait a leud. Peasair, 3 pinnt, 1 tastan; Ponair, 1 phinnt, 2 sgillinn; maidean-peasrach, 6 sgillinn.
Ann an toiseach mios dheireanaich a Gheamhraidh ruamhair an grunn uile, agus anns a chend mhios de’n Earrach, cuir 14 shlatan le peasair luathrach, 3 throidhean bho shreath gu sreath, agus na 4 slatan eile le ponair Mhasagain ann an sreathan 1½ troidh’ bho ’cheile, a’ gabhail 4½ uairean a dh’oibir. Feumaidh iad talamh a chuir a naird riu da uair; an toiseach ’sa Mhairt, a reisd ’sa Ghiblean, cairteal uaire a thim gach uair. Feumaidh a pheasair maidean a chuir rithe ’sa Ghibhlean, ni a ghabhas leth uaire. An deigh sin, cha’n iarr i ach a mhain a bhi air a cumail glan bho luibhean, agus bithidh i ullamh airson feum bho dheireadh mios mheadhonach an t-Shamhraidh gu deireadh a cheud mhios de’n Fhoghair.
A 2. a, tha mi g’a ghleidheadh airson cuir sil bheaga ann, —mar a bhios an deigh so air a mhineachadh.
A 3, Cal luathrach Bharnes, 9 slait, le 11½ throidhean.
Luathrach ann am mios dheireanach an Fhoghair sgaoil gu riaghailteach 4 baraichean mathaichidh, agus biodh e gu maith air a ruamhradh, ni ghabhas 3 uairean a dh’oibir: a reisd suidhich ann an sreathan 1½ troidh bho ’cheile, agus 1 troidh ’san t-sreath, 200 planntan, leth uair a dh’oibir. Airson arach na’m planntanan, fait A 2 a.
A 4. Peasair iosal Smior agus Ponair Uindsoir, 6 slait le 11½ throidhean; Peasair 1 chairt 8 sgillinn; ponair 1 phinnt 2 sgillinn; maidean peasaireach, 6 sgillinn.
Ann am meadhon a cheud mhios de’n Earrach, ruamhair agus cuir 2 shreath de pheasair iosal Smior, 4½ throidhean bho ’cheile; agus 2 shreath de phonair Windsoir, 2 throidh bho ’cheile, 1½ nair a dh’oibir; cuir talamh agus maidean ris a pheasair ’an toiseach ceud mhios an t-Shamhraidh, 1 uair. Bithidh iad airson feum bho dheireadh an t-Shamhraidh gu toiseach mios mheadhonach an Fhoghair.
A 5, 6, 7, agus 8, feumaidh iad 6 baraichean mathaichidh, agus a bhi gu maith air an ruamhradh ann an toiseach a Mhairt, 4 uairean a dh’oibir.
[128]A 5, Uinneinean, 1 unnsa sil 6 sgillinn; an toradh 2 bhuiseal; 27 throidhean fhada le 5 throidhean leud.
Rac e comhnard; a reisd sin an t-sreang, agus tarruing riadhan leth eorlach a dhoimhne, agus 6 eorlaich bho ’cheile. Cuir an siol; a reisd rac e gu h-eutrom thairis, 1 uair a dh’oibir. ’Nuair a thig am barr a naird, agus a bhios e iomchuidh airson itheadh, dean tana iad gu 3 eorlaich bho ’cheile; cum glan iad fad an t-shamhraidh bithidh iad ullamh airson an tarruing aig deireadh mios mheadhonach an Fhoghair.
A 6. Bloinigein Biorach Garaidh, 6 troidhean leud agus 27 throidhean a dh’fhada. 1 unnsa sil, 2 sgillinn. Bithidh e ullamh ann am mios dheireanach an t-shamhraidh.
Rac an grunn comhnard, agus sgaoil-chuir an siol ’sa Ghiblean, leth uair; an deigh dhoibh fas a naird, dean tana lad gu 4 eorlaich gach rathad, agus cum glan bho luibhean iad.
A 7. Sneipean luathrach agus Lettuce, 7 throidhean le 27 throidhean. Siol, Shneip, 1 sgillinn; lettuce, 1 sgillinn.
Rac e comhnard, agus cuir iad aig deireadh a Mhairt, leth uair a dh’oibir. Dean tana na sneipean gu 9 eorlaich: bithidh iad ullamh ann an mios mheadhonach an t-shamhraidh. Dean tana an lettuce gu 9 eorlaich, agus bithidh iad ullamh ann am mios dheireanach an t-shamhraidh. Feumaidh iad a bhi air an cumail glan bho luibheanach.
A 8. Ponair Scarlaid Fhrangach, 30 throidhean, le 9 troidhean. 1 phinnt sil, 3 sgillinn; maidean 6 sgillinn. Bithidh iad ullamh ann am mios dheireanach an t-shamhraidh, agus mairidh iad gus am mill an reothadh iad.
Ruamhair gu h-eutrom an grunn ann an toiseach ceud mhios an t-shamhraidh, agus suidhich 2 shreath Phonair Sgarlaid, 3 eorlaich bho ’cheile ann an sreath, 1 uair a dh’oibir; cuir talamh agus maidean riu ’nuair a bhios iad 3 eorlaich a dh’airde, leth uair a dh’oibir.
A 9. agus 10. Ruamhair ann am mios dheireanach a Gheamhraidh agus ceud mhios an Earraich, ni a ghabhas 10 uairean a dh’oibir.
A 9. Curranan Gealu, 6 slait le 9 slait, siol 2 sgillinn, ullamh airson feum ann am mios dheireanach an Fhoghair. Cuir ’sa Mhairt, ann an riadhan 1½ troidh bho ’cheile, agus 1 eorlach a dhoimhne, 1 uair; cum glan bho luibheanach iad, agus bithidh iad ullamh gu’n togail ann am mios dheireanach an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir. Toradh, 4 buiseilean.
A 10. Curranan buidhe, 14 slait le 9 slait. Siol, 4 sgillinn; toradh, 12 bhuiseilean.
Ruamhair gu h-eutrom an gruun, agus cuir ann an riadhan 1 troidh bho ’cheile, agus leth eorlach a dhoimhne an 3-amh seachduin de’n Mhairt, 2 uair a dh’oibir. Dean iad tana far
[130]am bi iad ro thiugh, bho 4 gu 6 eorlaich bho ’cheile; cum iad glan bho luibheanach, agus bithidh iad ullamh gu’n togail ann am mios dheireanach an Fhoghair. A reisd feumar an toirt, maille ris na curranan geala, do’n sgail-thigh fhosgailte, agus an cuibhrigeadh le fodar, gu cumail a mach an reothaidh, 3 uairean a dh’oibir. Bho b gu c suidhich sreath de phris ghroiseidean, agus de phris dhearcan dearg, dubh, no geala, a thaobh gu’m bi gach cuid dhiubh so feumail ’san t-shamhradh airson pithean no miosan taitneach eile.
A 11. Eorna, 19 slait le 20 slait. Siol 1½ ghallan, 15 sgillinnean; toradh, 4 buiseilean.
Feumaidh an grunn a bhi gu maith air a ruamhradh ann an ceud mhios a Gheamhraidh, 12 uairean a dh’oibir; a reisd leig leis laidhe gus an dara seachduin de na Ghiblean, ’nuair a dh’fheumas e a bhi gu h-eutrom air a ruamhradh, agus an t-eorna a bhi air a chuir ann an riadhan, 6 eorlaich bho ’cheile, 2 eorlach a dhoimhne, 6 uairean a dh’oibir. An deigh dha ’bhi ’naird 10 laithean, feumaidh e a bhi air a rolaigeadh no air a bhualadh leis an spaide, 1 uair. Cha’n fheum e ni sam bith tuille gu am hoe-aigidh, ni a dh’fheudas a bhi air a dheanamh ann an 1 uair. Bithidh e ullamh airson a bhuain ann am mios mheadhonach an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir. Ma bhios an aimsir mi-fhabharach, thoir e do na sgail-thigh gu thiormachadh; buail e anns a mhios dheireanach de ’n Fhoghair, 5 uairean a dh’oibir.
A 12. Buntata, 19 slait, le 15 slait. Siol, 1 bhuiseil, 18 sgillinnean; a thoradh, 25 buiseilean.
Ruamhair an grunn ann am mios mheadhonach a Gheamhraidh, 10 uairean a dh’oibir. Leig leis laidhe gus an 3-amh seachduin de’n Ghiblean; a reisd sgaoil 8 baraichean mathaichidh air, agus toisich ri a ruamhradh gu h-eutrom aig aon cheann de na mhir. Sin an t-sreang aig 1 troidh bho an oir; gear a mhan clais 4 eorlaich a dhoimhne, agus suidhich am buntata. A reisd ruamhair 3 throidhean eile, suidhich an t-sreang, dean clais, agus suidhich mar a roimhe; agus mar sin air adhart gu deireadh a mhir, 7 uairean a dh’oibir. Mu mheadhon mios mheadhonach an t shamhraidh feumaidh iad an hoe-aigeadh, 2 uair a dh’oibir. Ann an ceithir la deug feumaidh iad talamh a chuir riu, 1 uair; agus an talamh deireanach a chuir riu 14 laithean an deigh sin, 1 uair. Feumaidh iad a bhi air an cumail glan bho luibhean gu mios dheireanach an Fhoghair, an uair a bhios iad ullamh airson an togail, 8 uairean a dh’oibir. Gu gleidheadh Buntata, dean da tholl, 1 troidh a dhoimhne, agus 4 throidhean a leud ’sa dh’fheadh, ni a chumas 8 buiseilean gach aon; cuir beagan fodair thairis orra; a reisd cuibhrig iad a naird le talamh 1½ troidh a thiuighead. Faodaidh na 9 buiseilean eile a bhi air an cuir anns a sgail thigh, agus air an cuibhrigeadh le fodar airson feum.
[132]A 13. Cal mor luathrach Iorc no Bhuilion-shiucair,19 slait le 5 slait; 220 planntain. Airson an togail no’n arach, faic A 2. a.
Ruamhair gu maith thairis ann am mios mheadhonach a Gheamhraidh, 2 uair a dh’oibir; a reisd anns a Ghiblean ruamhair gu h-eutrom a steach 3 baraichean mathaichidh, 2 uair a dh’oibir. Suidhich ann an sreathan 2 throidh bho cheile agus 1½ throidh ’san t-sreath, 1 uair. Cuir talamh riu anns a cheud mhios de’n t-shamhradh, leth uair. Bithidh iad ullamh anns a mhios dheireanach de’n t-shamhradh.
A 14. gu 20. feumaidh iad a bhi gu maith air an ruamhradh ann am mios dheireanach a Gheamhraidh, 4 uairean a dh’oibir; a reisd, ’sa Mhairt, feumar an suidheachadh ’nan leapaichean le camomile, hisop, saidse, mardeoram. agus saibheas, luibhean a bhios feumail mar luibhean poit no leighis. Feumaidh A 19 agus 20, a bhi air an suidheachadh le balm agus mionnt, a riaraicheas an aite tea ann am miosan a Gheamhraidh.
A 21. Mearcuri (Chenopòdium Bonus Henricus) ’se sin Lus dheadh Righ Eanruig, mar bhloinigean garaidh maireanach, lus a gheibhear gle fheumail. Faodar na freumhan a thoirt as na raointean ann am mios mheadhonach an Fhoghair, agus an suidheachadh, 1 uair a dh’oibir; agus bheir iad a mach pailteas dhuilleigean an ath Earrach, agus air feadh an t-shamhraidh. Feumaidh na luibhean eile a bhi air an suidheachadh ann an toiseach a Ghiblean, 3 uairean a dh’oibir.
Tha A 2. a, mar a dh’ainmicheadh a roimhe, air a ghleidheadh airson arach planntanan bho shiol, &c. Anns an t-sheachduin dheireanach de cheud mhios an Earraich, cuir mu’n cuairt do 2 shlat air fad ’s air leud de chal shabhoidh, cairteal uunsa; mar an ceudna 2 shlat de chal preasach uana, no cal preasach Bhrusel, cairteal unnsa, 1 uair a dh’oibir: agus mar a thig am buntata de A 1. faodar an sabhoidh agus an cal preasach a shuidheachadh ann an sreathan 2 throidh bho ’cheile, ann am mios dheireanach an t-shamhraidh no ceud mhios an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir. A reisd cuir ann an A 2. a. anns an t-seachduin dheireanach de mhios dheireanach an t-shamhraidh, leth unnsa de ros cal luathrach Bharnes, 6 sgillinn; suidhich na planntanan ann an aite falaimh sam bith de ghrunn gu luath ann am mios mheadhonach an Thoghair, aig 3 eorlaich bho ’cheile gach rathad, 1 uair a dh’oibir; ann an sin gu seasamh gus an suidhichear mu dheireadh iad ann am mios dheireanach an Fhoghair ann an A 3. Mar an ceudna mu thoiseach ceud mhios an Fhoghair, cuir leth unnsa (6 sgillinn) de chal mor Iore no de chal mor bhuilion-shiucair, agus suidhich iad ann am mios mheadhonach an Fhoghair, 2 uair a dh’oibir, ann an grunn falaimh sam bith, far an seas iad gus a Ghiblean, gu bhi air an suidheachadh ann an A 13.
Lics. —Cuir ann an a A 2. leth unnsa lics (2 sgillinn), anns a Mhairt, leth uair; airson an suidheachadh ann an A 7. an deigh na’n sneipean a thighinn dheth, 1 uair a dh’oibir. Faodar
[134]beagan lettuce a chuir, gu shuidheachadh ann an ceud no dara mhios an t-shamhraidh, agus bithidh e ullamh ann an ceud no dara mhios an Fhoghair.
Chaidh mi ’nis troimh na bharradh agus an doigh aitich airson son bhliadhna. Feumar barradh an ath bhliadhnaichean ath’rachadh; agus, le deanamh mar sin, bithidh cuairt bharrain riaghailteach an deigh a cheile air a chumail suas air feadh a ghrunna, a ghna a’ toirt an t-aon seors aiteach do gach barr fa-leth, a chomhraich mi a mach, ach ’ga ath’rachadh a chum gach earrainn de an lios.
Mathachadh. —Feumar gach uile dhichioll a chleachdadh gu tionail mathachadh; ’se mathachadh na’m muc a’s fearr, agus feumar a chuir air a ghrunn a’s bochda. Feumar uile luibheanaich ’us threamsgal an lis a bhi air an cuir na’n dun gu grodadh, agus sgribidhean sam bith raidean a’s urrar a thionail, agus an luath uile a loisgear san tigh, feumar toigh a thoirt oire, a chionn gu’m bi gach uile ghne mhathachadh air fhaotainn feumail ’us buannachdail.
Feumaidh hoe-aigeadh, gart-ghlanadh, agus tionail na’n Luibhein a bhi air a dheanamh leis a bhean ’sa chlann; oibir nach cunnt mi, a chionn gu’m faod gach uair a tha ri chaomhnadh a bhi air a chuir air leth gu feum air chor eigin anns an lios.
Mucan. —Uair-eigin ann an ceud mhios an t-shamhraidh feumar da mhuc fhaighinn, a dh’fhaodas an ceannach airson 7 tastain gach aon; agus, le burn nigheadh shoithichean, duilleagan cail bho A 3., fuighleach bhloinigein garaidh, buntata beag, &c. faodaidh iad a bhi air an cumail suas gus am bi an cal bhuilion shiucair ullamh ann am mios dheireanach an Fhoghair, leis sin, am burn nigheadh shoithichean, buntata beag, barr churrainean, agus an cal preasach uile dheth nach deanar feum, bithidh iad air an cumail ann an deadh chor gu deireadh mios dhureanaich an Fhoghair. A reisd feumar toiseachadh ri’m biadhadh mar a leanas: —Anns a cheud cheithir la deug feumaidh iad fhaighinn, air ann goil an darna cuid cuideachd no dealaichte, 2 bhuiseal buntata agus 1 bhuiseal churrainean buidhe, gach seachduin, air am measgadh le burn nigheadh shoithichean gu tiuighead iomchuidh, airson itheadh re fad uile thim am biadhaidh. Anns an ath cheithir la deug bruich dhoibh 1½ bhuiseal bhuntata,1½ bhuiseal churrainean buidhe, agus leth bhuiseal de mhin eorna, gach seachduin. Anns a cheithir la deug mu dheireadh; 1 bhuiseal churrainean buidhe, 1 bhuiseal churrainean geala, agus 1½ bhuiseal de mhin eorna, gach seachduin; mu’n am sin ruigidh iad gu cuidthrom 13 chlachain gach aon diubh (14 puinnd gus a chlach), ni ’bhios na’n 26 chlachain mhuic-fheoil airson na bliadhna, no 7 puinnd gach seachduin, a thuilleadh air na cinn,
[136]na cridheachan, agus na h-uile chaoban aig am an gearraidh ’naird, ni riarachadh airson tri seachduinean no mios.
Cearcan. —Faodar da chearc a chumail, a thaobh gum bi 1 bhuiseal eorna, 1 bhuiseal churrainean buidhe, agus leth bhuiseal churrainean geala (tha iad air leth deigheil air currainean buidhe no geal air an goil (agus 1 bhuiseal buntata, a dh’fhaodar a thoirt dhoibh amh, ach tha iad a ghna ni’s fearr ma bhios iad air am bruich agus air am measgadh le lan an duirn de mhin eorna; ni a bhios, leis na spiolas iad ’naird mu’n cuairt do’n tigh, gu leoir airson na bliadhna. Bithidh an toradh na’n 70 uibhean gach aon diubh.
Theagamh gu’m faodar, anns an talamh agaibhse, cal luathrach a chuir gu buannachdail ’an aite peasair luathrach. ’Se b, biadh uaine airson bo; c, an t-ionaltradh airson bo, agus d, achadh airson biadh geamhraidh.
Seolaidhean airson barradh b.
A 1. Cal luathrach mor, 11 slait leud, agus 35 slait a dhfhad, siol 1 tastan; an toradh 23 ceud cothrom. Mathaich le 6 baraichean mathaichidh, agus ruamhair ann an ceud mhios an Earraich, 12 uairean oibir; suidhich anns a Mhairt (air dhuit air tus na plantanan ann an a 2 a thogail, mar a tha air a sheoladh airson a cheud roinn, earrainn a dh’fheumas a bhi beagan air a meudachadh,) aig 1½ troidhe bho ’cheile ann an sreath, agus 2 throidh bho shreath gu sreath, 1100 plantain, 2 uair a dh’oibir. Cuir talamh riu ’sa Mhairt, leth uair; ’sa Ghiblean, leth uair. Bithidh iad ullamh ann am meadhon mios deireanach an t-Samhraidh, ’nuair a dh’fheumas iad a bhi air an gearradh, agus air an toirt a chum an ionaltraidh c: a’ toiseachadh le tomhas beag, agus a meudachadh mar a laghdaicheas an t-ionaltradh.
A 2. Sueipean, 24 slait fhad, agus 17 slait leud, riol, 2 sgillin; an toradh 26 ceud cothrom. Ruamhair anns a Mhairt, 12 uairean oibir. Leig leis laidhe gus an 13-amh la de mhios rnheadhonach an t-Samhraidh, a reisd cuir air 6 baraichean mathaichidh, ruamhair e gu h-eutrom a steach, a reisd cuir 3 unnsaichean de shneip buidhe Oibirean ann an drileachan le tolladh, agus cuir 4 unnsachan de dhus chnaimh anns gach toll, 9 uairean oibir; hoe-aig ann am mios deireanach an t-Samhraidh, 1 uair; agus mar an ceudna anns a cheud mhios de’n Fhoghair, 1 uair. Bithidh iad ullamh anns a cheud mhios de’n Gheamhradh.
A 3. Cal druma-cheannach. Siol 1½ unnsa, 1 tastan; an toradh, 2 thunna. Feumaidh an siol a bhi air a chuir anu an a 2, ann an toiseach ceud mhios an Fhoghair, leth uair oibir, agus air an suidheachadh anns a mhios mheadhonach, 1 uair oibir. Cuid a dh’uairean faodaidh cruas a gheamhraidh cuid dhe na planntanan Cail a mhilleadh; an sin cuir a rithist ann an toiseach a Mhairt, ni ’bhios ullamh airson an suidheachadh
[138]anns a cheud mhios de’n t-Samhradh. Ruamhair an talamh gu maith ann an ceud mhios an Earraich,12 uairean a dh’oibir: a reisd cuir air 7 baraichean mathaichidh mu mheadhon a Ghiblean, ruamhair e gu h-eutrom, agus suidhich, 6 uairean a dh’oibir; cuir talamh riu anns a cheud mhios de’n t-Samhradh, leth uair a dh’oibir; mar an ceudna ’san dara mios, leth uair a dh’oibir. Cum glan iad bho luibheanach fad’ an t-samhraidh, agus bithidh iad ullamh airson feum ann an ceud mhios an Earraich, agus gus a cheud mhios de’n t-Samhradh.
Grunn ionaltraidh, c, leth acair. A bho gu a bhi air a tionndadh a steach ann air 20 amh la de cheud mhios an t-Samhraidh, far am bi gu leoir gu deireadh na mios deireanaich de’n t-Samhradh; a reisd feumar toiseachadh ris a Chal-bhuilion-shiucair, no luathrach, le ghearradh agus a thoirt mar a dh’iaras itheanaich an ionaltraidh. Mairidh e gu toiseach na mios deireanaich de’n Fhoghair. Bithidh pailteas inneir air a ghrunn-ionaltraidh.
An t-Achadh d, 1 acair, a thoradh 2 thunna. Feumaidh mu 20 baraichean inneire a bhi air a chuir air an tri-amh earrainn de’n achadh gach bliadhna ann am mios deireanach a Gheamhraidh, 4 uairean a dh’oibir. Faodar toiseachadh ri buain an fheoir ann am mios deireanach an t-Samhraidh, 12 uairean a dh’oibir. Tha tim faighinn an fheoir deas ’an earbsa air an aimsir, ach ’sa chumantas bithidh 3 laithean airson an duine, a bhean, ’sa chlann gu leoir; cruachadh, 1 la; tubhadh, leth la. Tionnd a bho a steach air an achadh air a cheud la de mhios dheireanach an Fhoghair, gus an toir cruas na h-aimsire ort a toirt a steach do’n tigh, an uair a thig na sneipean gu bhi feumail; ach cho fada ’sa mhaireas aimsir fhosgailte tionnd i a mach ann an tim an la, a’ toirt di anns an raon mu 40 puind shneipean gach la, agus mu 4 puind fheoir ’san oidhch, gus am feum i a bhi air a toirt gu tur a steach do’n tigh; a reisd feumas i 14 puind fheoir, agus 70 puind shneipean fhaighinn gach la agus oidhch. An deigh do na sneipean teireachdainn, toisich leis a chal-dhruma-cheannach, no fhadalach, le toirt di 50 puind gach la, maille ri 18 puind fheoir,
[140]a’ meudachadh an tomhais chail mar a bhios a bho a’ dol an diosg, ni a bhios mu mheadhon an Earraich; a reisd faigheadh i bho 25 gu 30 puind fheoir gach la, gus am beir i laogh, ann an deireadh an Earraich; feumas i a reisd pailteas feoir fhaighinn, agus am fuigbleach de na Chal, gus an tionndar i a chum an ionaltraidh air an dara la deug de cheud mhios an t-Samhraidh. Faodaidh an laogh bainne fhaighinn deich seachduinean, agus a reisd is fhiach e mu 2 phunnd Shasuinneach.
Cia mor a dh-Fhearuinn a chumas suas Teaghlach le Muic-fheoil, Luibhean, Uibhean, Bainne, agus Arbhar Arain?
Bithidh acair agus cairteal a dh’fhearuinn air a chuir ri 2 acair a choiteir ’san darna roinn, gu leoir airson cumail ris na nithe feumail ud. Tha an t uidheamachadh air fheuchainn anns a 5-amh dealbh.
An 5-amh dealbh, e, Eorna, 5 peiceachan, 8 tastain: toradh, 12 bhuiseilean. Ruamhair anns a Mhairt, 40 uairean a dh’oibìr. Leig leis laidhe gus a Ghiblean; a reisd ruamhair e
[142]gu h-eutrom agus cuir ann an riadhan 6 eorlaich bho ’cheile, agus 2 eorlach a dhoimhne, 5 peiceachan sil, ni dh’fhaodar a dheanamh ann an 25 uairean. Feumar a rolaigeadh gu maith anns a cheud mhios de’n t-Shamhradh, 2 uair a dh’oibir; a reisd anns a mhios mheadhonach feumar hoe-aigeadh, 4 uairean a dh’oibir; an deigh sin cha’n fheum e tuille gus am bi e ullamh airson a chorrain ann am mios mheadhonach an Fhoghair.
f, Peasair, 5 peiceachan, 9 tastain ’us 6 sgillin; toradh 15 buiseilean. Ruamhair ann an ceud mhios a Gheamhraidh, 20 uairean a dh’oibir; agus anns a mhios mheadhonach, 20 uairean a dh’oibir, a reisd leig leis luidhe gus a cheud seachduin de’n Mhairt; a reisd ruamhair, rac, agus cuir ann an riadhan 5 peiceachan de pheasair, 20 uairean a dh’oibir; rolaig e, 2 uair a dh’oibir; gart-ghlan e ’an ceud mhios an t-Shamhraidh, 5 uairean a dh’oibir; cha’n fheum e ni sam bith eile gu mios mheadhonach an Fhoghair, an uair a dh’fheumar toiseachadh ri buain araon e agus f, ma bhios iad abaich; ni a dh’fhaodas an duine, a bhean. ’sa chlainn, a dheanamh ann an da la, no 24 uairean. Ma bhios an aimsir mi-fhabharach, thoir a steach i do na sgail-thigh chairn gu tiormachadh. Tha sgail-thigh fosgailte air leth feumail do na choitear; oir, ma bhios an aimsir mi-fhabharach re fad aon seachduin an deigh d’a chuid arbhar a ghearradh, millear gu tur a theachd-an-tir airson an ath dha-mhios-dheug; air an aobhar sin thoir dhomh cead a rithist a mholadh dhuit, ann do shuidheachaidhean thighean, gun dearmad a dheanamh air an togalach tur fheumail so. Faodar bualadh a dheanamh aig tri chaochladh amain, eadhon, mios mheadhonach an Fhoghair, 16 uairean, mios mheadhonach a Gheamhraidh, 16 uairean, mios dheireanach a Gheamhraidh, 16 uairean. Gleidh beagan fodair airson tubhadh na cruaich-fheoir, agus faodaidh cach a bhi air a chreic, ni a phaidheas airson cost an t-sil; no cuir a mach e ann am mathachadh, ni, tha mi ’saoilsinn, a bhios anns a chrioch fior bhuannachdail.
Cuartachadh bharrain. —Anns an dara bliadhna, feumar barran a agus b, leis an doigh aiteach a tha air a sheoladh, a ghluasad gu f, agus f gu e, agus e gu a agus b, agus an tri-amh bliadhna gluais mu’n cuairt a risd, air chor as anns a cheithreamh bliadhna gu’m bi e a risd mar an 5-amh Dealbh, leis a chuartachadh sin faodaidh barran maith a bhi air an toirt a mach.”
Ach na smuainicheadh neach sam bith gur leoir leughadh a mhain mur toir sibh do’n chleachdadh a tha mi a’ moladh dearbhadh cheart. Ma theid mi a shealltuinn air gabhail fhearuinn air a dearmad tha gearanan air an talamh gu conbhalach air an gleim ’nam chluasan. Ma’se ann am freagairt gu’n ainmich mi fearuinn, de ghne a ’s measa a tha le deagh thuathanas buadhach ’se ’m freagairt gu cumanta. Och, ach tha aice cothrom nach h-urrain mise fhaighinn. Agus ciod e a rireadh an cothrom a tha dh’easbhuidh ort? Dichioll. ’Se so ceangailte ri foighidin
[144]agus deagh-riaghladh a rinn boglaich na Holland ni’s tarbhaiche na comhnardan reamhair na h-Eadailt, agus ’siad so a mhain a ’s urra’ sibhse dheanamh cinnteach a buaidh agus soirbheachadh ’san duthaich so. Bha deadh chothrom agam air so a mhineachadh bho chian ghoirid air dhomh a bhi ag meachd comhla’ ri tuathanach beag a bha le dha laimh ’na phocaidean gu dian a’ gearan air bigead fhearuinn aitichte, bochdainn fhearuinn neo-aitichte, aimriteachd a chruidhe, ’an aithghearr fhuair e coire do na h-uile ni. Bha sinn aig an am sin a’ dol a seachad air cuid a dh’fhearuinn a sheilbhich e-fein agus a roimh-athraichean, ach a bha bho chian ghoirid air a toirt do Mhinistear a bha deigheil air suidheachadh eisimpleir mhodhail cho maith ri spioradail do a threud, agus bha gu cabhagach agus gu buadhach a’ toirt ’steach an fhearuinn bhan agus a’ leasachadh na fearuinn a bha gus an so air a droch-aiteach. Dhomhnuill, ars’ mise, seall air an leasachadh a tha do Mhinistear a’ deanamh air an fhearuinn. C’ airson nach lean thu eisimpleir a dhichillean ’sa? “Ah!” ars’ esan, “is maith a dh’fhaodas esan sin uile ’dheanamh a chionn gu’m bheil an cusbar finealt cinnteach gu phaidheadh.” Agus c’ airson, ars’ mise, nach do leig thusa no do roimh a thraichean ris so agus rud-eigin a dheanamh re a cheud bliadhna mu dheireadh a bha i ’nan seilbh? ’si fada na h-uine sin a’ fantuinn na blar dubh aimrite. Nach paidheadh i t-athar-sa bho chian 50 bliadhna no thu-fein an uiridh cho maith ’sa tha i ’gealltuinn gu deanamh ’naird a Mhinistear ’am bliadhna? Thachais Domhnull a cheann, ach cha b ’urra’ e freagairt. Bha airson aon uair a leisg air a dhearbhadh air ged tha eagal orm gur gann a tha i fathast air a leigheas. Tha eagal orm gur roghnach le Domhnull fathast a bhi diomhain air bruaichean Eue no spaidseirich rathad an tigh-osda ’an duil ri tairgse chairdeil de dhrama, na a spaide a thogail agus cladhan fhosgladh eadar fheannagain gu ruith leigeadh leis an uisge, no beagan bharaichean grinneil a thionail bho a choimhearsnachd gu’n tilgeadh air a thalamh mointich, no ni beag sam bith a dheanamh gu deanamh a dhachaidh grinn, a thigh glan, agus e fein sona agus co’ fhurtach. Tha fhearuinn ur-sa an tras’ ni a bha a Ghlib fo a riaghladh-sa ’us riaghladh a roimh-athraichean. Mar so tha e maille riu-san a tha gu nadurrach leisg, agus is ann le beachd air dusgadh n-ur dichillean a tha mi an tras’ a’ labhairt ribh, a’ tairgse mo chomhairle agus a’
[146]dol air adhart gus an 6-amh ceann, eadhon, Spreidh, Eich, Caoraich, &c, agus an euslaintean.
title | Acfuinnean Tuachanais |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Acfhuinnean Tuathanais, &c. |