Tha aig a mheur so de thuathanas moladh sonruichte anns co-mor as ged b’ urra’ dhuibh anabar barra a thogail thar na dh’fheumadh sibh fein a chaitheamh, feumaidh gu’m bi cosdas a ghiulan gu feill bho ’ur n-aitean fad as-sa a ghna na tharruing air ais gle chuideamach. An fheadh a ta cuir ’ur toraidh ann an cumadh Mart-fheoil agus Muilt-fheoil bheo na dhoigh giulain a reir coimeis de bheag cosdais.
’Si bho an t-ainmhidh arosach a’s feumaile a’s eol duinn. Tha i cumail bainne ruinn re a beatha, agus ’nuair a mharbhar i cha’n’ eil earrainn dhi, co dhiubh is feoil, geir, cnaimhean, seich, no adhaircean nach ’eil air an deanamh feumail do ’r n-uireasbhuidhean. Tha na caochladh seorsan a th’ann gun aireamh, ach cha ’n ainmich mi ach a dha mar a bhi freagarrach do n- ’ur suidheachaidheansa, ge be ait am bheil feurach an eatorras mhaith agus beagan sneipean airson a gheamhraidh, agus a reisd faodar an crodh a chuir a steach ann an tighean. Mholainn gu laidir seors maol Obareun; tha iad nan ainmhidhean briadh mor, nan deagh chrodh bainne, gu furasda air am biadhadh, agus gne am feola a leithid as a tharruingeas fagus air 2 sgillinn am pund os cinn feoil sam bith eile ’am feill Lunnuinn. Tha iad so uile nam beachdan luachmhor, ach ge b’e ait am bheil an luibhearnach bochd agus gur fhendar do na chrodh luidhe ’muigh, agus cosnadh air-an-son-fein fad a gheamhraidh ’se an seors Iar-Ghaidhealach a thaobh an cruadalachd a’s ionmholta. Tha na beachdan so a leanas gidheadh a’ buntuinn ri seors sam bith dhiubh, oir earbaibh air, mar is fearr a riaraichear iad, ciod air bith an seors, ’sann a’s fearr a phaidheas iad sibh. Aig an am so tha mi toirt aire gu’m bheil sibh gu co’ ionann ’an seilbh air cus stoc anns na h-uile seors bheathaichean a ta agaibh, agus air lorg sin tha aimriteas ann ’ur beathaichean boirionn uile (gu minig le laogh amhain gach darna bliadhna), prisean truagh airson ’ur beathaichean caol og, gu tric gun fhoighneachd air an son—caoraich a’ basachadh le euslaintean, agus eich air bheag comais gu tarruing troimh bheagan oibir earraich ’us fhoghair, ged bhiodh iad diomhan cach de na bhliadhna. Cha’n’ eil so idir na mheudachadh air a chuis, agus comhairlicheam dhuibh uile ’ur stoc a laghdachadh le creic’ na’m beathaichean a’s suarraiche ge b’e ’uair a thairgear deagh phris, agus tha i na deagh riaghailt air a leantuin leis a chuid a’s fearr agus a’s liughe de thuathanaich, gu dealachdainn ris an aireamh
[148]iomchuidh gach bliadhna agus gabhail ris a phris a bhios a’ dol ’san tiom sin, a roghainn air cumail air adhart ann an dochas air eirigh: Oir cuimhnichibh le cumail cus stoc de aon no da cheann, de bhrigh nach toir iad an taobh stigh do 5 no 10 tastain de na phris a shaoileas sibhse, tha sibh a’ lughdachadh luach gach ainmhidh eile air n- ’ur gabhail, agus ma leanas sibh an doigh sin re fad tearc de bhliadhnaichean millidh e ’ur stoc uile. An ath ni cuideamach an deigh aireamh ’ur cruidh a dheanamh a reir ’ur n- ’ionaltradh ’s ’ur fodair, ’se deagh bheathaichean firionn a thaghadh airson leasachadh ’ur seorsain. A dh’easbhuidh aire chonbhalach do ’n so theid na h-uile ainmhidh am measad air cho maith ’sa bhios an t-ait, agus ma’s ann mar sin a bhios a chuis aims na h-ionaltraidhean a’s fearr, ciod a bhios e maille ribhse fo chaochladh chuisean? Feumaidh e sior chuir a steach de dheagh fhuil, agus bu choir duibhse a bhi gle thoigheach ann ’ur roghainn, agus gun thalach air leasachadh cosd; oir bithidh e air a phaidheadh le riadh 50 ’san 100. Mar so air baile fearuinn de 10 no 20 ghabhailean far am bheil 50 de chrodh air an saoilsinn de ghne mheadhonach, cha toir na gaimhne a gheibhear le tarbh a chosdas 8 puind shasuinneach, do reir na prisean a tha a nis a’ dol, os-ceann 2 phund shasuinneach an aon, no 100 puind uile: ach ma gheibhear iad le tarbh a’s fearr, a chosdas 40 puind, bheireadh iad aig a chuid a’s lugha 3 puind ’us 10 tastain, no 175 puind uile, mar so a’ paidheadh ni’s mo na a cheud chosd ’san cheud bhliadhna. Tha e an t-aon ni a thaobh reithe, stalanan no beathaichean firionn ’sam bith eile, agus mur urrainn tuath bheaga gu goireasach tairbh no stalanan a chumail iad fein, bu choir dhoibh a ghna sireadh airson an fheadhainn a’s fearr ’sa choimhearsnachd agus paidheadh airson am feum ’sa bhliadhna gu fialaidh, a roghainn air cuir gu droch aon shaor; oir ’sa chuis mu dheireadh caillidh iad gu truagh, agus anns a cheud chuis buannaichidh iad gu mor air. Cha choir do dhuine air bith talach air 2 thastan gach bo a phaidheadh airson deagh tharbh; oir is fhiach a laogh 5 no 10 tastan ni’s mo na laogh air fhaighinn le tarbh a’s suarraiche a bhios saor. Mar so buannaichidh e 3 no 8 tastan ’san aon chuis, agus caillidh e 3 no 8 tastan ’sa chuis eile. Mar riaghailt choitchion thoir an toiseach a ghna do tharbh no stalan a thig bho stoc a tha fo dheagh mheas, eadhon ged nach biodh e cho sealltuinnach ri aon bho stoc a’s neo mheasaile, oir tha deagh fhuil cinnteach gu innseadh fa dheoigh. Bho ’n aobhar so tha sibh gu minig a’ faicinn Beathaichean cumanta
[150]a’ faighinn stoc agus eirigh bhriagha, agus tha so tha sibh a’ faotainn ag eiridh bho bhuaidh na’m parantain a theagamh bho chian ginealach no dha air ais. Taghaibh uime-sin ’ur beathaichean firionn, tha mi ’g radh a rithist bho na stoc a’s fearr agus gu h-araidh bho ’n t-seors a’s mo cho maith as de ’n t-seors as fearr cumadh, oir cha’n eol domh amaideas a’s mo na sin a chuala mi gu tric’ eadhon deagh bhreitheamhan ag radh mar gur crodh beag amhain a tha iomchuidh airson nan cnuic chas againn. An ceart aghaidh sin tha an crodh a’s finealta agus a’s truime ’san Roinn-Eorpa air an arach air na beanntaichean ’an Suitserland a tha 5 chuairt cho ’arda agus moran ni’s casa na cnuic sam bith anns a Ghaidhealtachd againn. Is iongantach a bhi a’ faicinn nan creutairean mora leathan-dhruimeach briagh ud a’ feurach air cliathaichean nam beann chas ud, agus cha bu ni air bith ach toigh agus taghadh tairbh bhriagha a b’ urrainn linn chruidh cho finealta a mhairsinn ann. C’ airson ma ta nach feuchadh sibhse ri togail no arach chruidh a’s truime a chionn gu’m bheil an luchd-deiligidh chruidh bho dheas a ghna a’ toirt pris ni’s airde airson stoc og a tha a’ taisbeanadh ’bhi a’ gealltuinn fas mor agus trom, —agus ma reiceas sibh og bheir iad cuideam ’n uair a ghluaisear iad gu ionaltradh a ’s fearr ma bhios iad de sheors mor eadhon ged dh’fhaodas ’ur crodh a bhi rud-eigin beag. Faodaidh moran a bhi air a dheanamh le uachdranan fearuinn ann an leasachadh seors an cruidh air an Oighreachdan le ceannach tairbh airson an cuid tuath an dara cuid gu’n toirt dhoibh a nasgaidh no aig a leithid a phris ’sa ’surra’ doibh a thoirt air an son. Luaidh mi so uaireigin ri Uachdran aon de na Eileanan a’s mo a tha ’sa Ghaidhealtachd, far am bheil an crodh de’n t-seors a’s truaighe agus na’n gabhadh e mo rabhaidh dheanadh e feum dha-fein cho maith as do a shluagh. Gun amharus cha’n’ eil cothrom airson tuath an leithide sud de shuidheachaidhean gin faighinn deagh thairbh, agus eadhon ged gheibh eadh, theagamh nach ’eil meadhonan aca gu cumail suas an sult ’sa gheamhradh. B’e an ni a chuir mi an aire gu’n cordadh an Sealbhadair ri fear-arach ainmeil chruidhe airson 10 tairbh da-bhliadhnach air an arach bho na chrodh dubh a’s fearr aige gach bliadhna, agus a b’ urrar fhaighinn airson 12 ghinnidhean gach aon diubh; do bhrigh leis a chordadh a bhi re 12 no 13 bliadhna, ’gan arach gach bliadhna, agus an fheoghainn bu bhriagha air an gleidheadh gu’n creic airson bho 20 gu 50 puind shasuinneach gach aon, an fheadh a bhiodh an fheoghainn bu taire, air dhoibh a bhi de fhuil cho glan ri cach,
[152]maith gu leoir airson crodh thuathnaich bheaga. Dh’fheudadh an lethide de thuathanaich ’sa b’ urra, an fheoghain a b’fhearr fhaiginn aig a cheud chost, no dh’fheudar an toirt doibh airson coig bliadhna agus a bhi a reisd air am pilltinn, no a cheud chost a phaidheadh. Dh’fheudar an fheoghainn eile a thoirt do’n tuath bu lugha aig 2 thastan no leth-chrun gach bo; abair bho 2 gu 4 puinnd gach Tarbh, agus a reisd a bhi air a gheamhrachadh leis an Uachdran, a thaobh nach biodh coiteirean dh’fheudadh comasach gu chumail ann an deagh staid aig an am sin. Ciod-sam-bith doigh an toirear a chuis fainear cha b’ urrainn an t-Uachdran a bhi na fhear calla mor eadhon anns a cheud chost. Cinnichidh laoigh nis’ fearr le deoghal na ’nuair a bheathaichear iad bho shoitheach, ach mur urrar gu leor a bhainne a sheachainneadh, bu chor meog, ’us min pheasrach, no lit ’us bainne, a ni biadh gast a thoirt dhoibh. Ann an Esecs, a tha ainmeil airson a laoigh-fheoil, tha mir cailc a ghna air a chuir ann an ait goireasach gu cothrom ’thoirt doibh air imleach aig na h-uile h-am. Cha thiond laogh goirteach gu brach a mach maith, ge air bith cho gasd ’sa dh’fhaodas an seors a bhi, no ge air bith cho maith ’sa dh’fhaodas e a bhi air a bhiadhadh an deigh sin.
Bainne. —Buinibh ri ’ur crodh a ghna le caoimhneas, agus seachainnibh na h-uile chruas cainnte fein gu h-araidh aig am bleodhainn. An comhnuidh tarruingibh na sinean an deigh do ’n laogh an deothal, air chor’s nach fagar boinne de na bhainne. Cha’n urrainn cleachdadh a bhi ni’s mearachdaiche na ’bhi a’ fagail beagan bainne an duil ri meudachadh an tomhais aig an ath am bleodhainn. An ceart aghaidh sin, mar is mo a dh’fhagas sibh ’sann a’s lugha aig gach am a gheibh sibh. Agus tha e na fhirinn aithnichte gur e am bainne mu dheireadh a tharruingear moran a’s reamhra na a cheud bhainne: an reamhrachd a’ mairsinn a’ meudachadh air aghart gus a bhoinne mu dheireadh. Ma bhios am bainne tiugh ’us reamhar taomaibh beagan uisge ann agus bithidh ’ur tomhas barra agus ime gu gle phailt air a mheudachadh. Bleodhainnibh ’ur crodh dlu ri tigh-a- bhainne air chor’s gu’m faod am bainne a bhi air a chuir ann an soithichean gun fhuaradh no a bhi gu mor air a chrathadh, agus aithnichear a ghreanntachd agus a ghlainead a’s mo air ’ur n-uile oibre banachaigeach, agus biodh agaibh siolachan gaoiste ’ghna aig laimh gu sioladh troimhe a bhainne agaibh. Air do mhasladh ime salach roinneagach a bhi cumanta do na Ghaidhealtachd, tha mi ’n duil gu’n labhrar gu h-aithghearr uime mar ni a bha a mhain ann an laithean na boirbeachd. Bu choir am bainne a shioladh troimh shiolachan gaoiste. ’Siad soithichean iaruinn air an staoineadh, air neo soithichean
[154]criadhaich a’s fearr arms na h-uile seadh airson bainne. Ma gheibh am bainne blas shneipean, cail, no bidhe air bith eile, cha bhi agaibh ach tomhas beag natair a thilgeadh ann gu toirt gu h-iomlain am blas sin deth. Bu choir an t-im a bhi air a thilgeadh ann an uisge fear air ball an deigh a chrathaidh a chum gu’m fas e de dhath ni’s finealta. Tilgibh beagan salainn anns an uisge gu togail dath an ime, agus a reisd biodh e air a shailleadh ann ’ur soitheach gun dail. Crathaidh ’ur barr ni’s furasda an uair a bhios e meadhonach blath: biodh aig ’ur tigh-bainne air an aobhar sin fosgladh ri tuath le pailteas de aileadh uir ann an aimsir bhlath. Suidhichibh ’ur muidhe ann an tuba bhuirn fhad ’sa dh’oibricheas sibh i, agus ’sa gheamhradh, no ’an aimsir fhuar, faodaidh sibh crathadh ann an seomar blath, ach gun a bhi laimh ris an teine. Tha ’n t-im a’s fearr air a shailleadh le measgadh de aon earrainn de shiucar donn no eamh, aon earrainn de natair, agus da earrainn de’n t-sallainn chumant a’s fearr, air am measgadh gu maith cuideachd, agus air an deanamh gu toigheach ’nam fudar gle mhin. Tha aon unnsa dheth gu leoir airson 16 a dh’unnsaichean ime. Cha’n urrainn at t-im a bhi air a dhluthachadh ro theann anns an t-soitheach, no ro churamach air fholach an aird, gu druideadh a mach an ailidh, agus an uair a shaillear mar so e, cumaidh e milis airson iomadh bliadhna, agus bithidh deagh bhlas reamhar aige.
Cais. —Tha cais Albainneach gu gnath-fhoclach dona, agus bu choir dhuinn a bhi ni’s curamaich gu airmseachd air meadhonan air chor-eigin gu leasachadh a bhuaidh; oir mar dhearbhachd gu’m b’urradh dhuinn le toigh a bhi a naird ri ’ur coimhearsnaich Shasuinneach mu ’n ni so. Dh’ith mise cais a rinneadh ann an Duthaich Rois, agus le Banachaig bho sgire Ghearloich cuideachd a bha co’ ionann ri cais Stiltonach sam bith ann am blas no aileadh. Tha mi a’ creidsinn gur ann a tha an diubhras ag eiridh bho nach ’eil sinne a’ buileachadh ni’s mo na bainne gun bharr airson ’ar caise, ach ’an Sasuinn tha an cais a’s fearr air a dheanamh bho bhainne ’us bharr cuideachd: ach tha an seoladh so a leanas iongantach airson deanamh chais. Air do thomhas gu leor de bhainne a bhi air a chuir cuideachd gu deanamh a mheudachd a tha air iaraidh, tha e, an deigh a bharr a thoirt dheth, gu bhi air a bhlathachadh air an teine gu staid teas na fola, agus gruth air a dheanamh dheth leis a Bhinid. Faodar a reisd barr a chuir ris do reir reamhrachd a chais a dh’iarar, agus bheir tomhas beag de bhlathach air a chais fas gu luath gorm. Oibrich an gruth
[156]gu h-eutrom an toiseach le a riachadh le sgian agus an deigh sin, a bhriseadh ni’s mine, ach gu h-athaiseach air chors gu dealachadh uaithe a mheoig gu tur, —an deigh sin cuir leth unns sallainn ris gach punnd cais agus cuir e fo na bhruthadair. Bu choir na h-oibreachaidhean so uile ’bhi air an giulan air adhart air cho bheag dail ’sa ’s urrar, agus gidheadh gun ro chabhagach. ’Nuair a bhios e 2 uair ’san fhiodhan biodh e air a thoirt as, air a thionnda’ ’sair chuir air ais gu tric agus a’ caochladh an aodaich 3 no 4 chuairt ’san la re da latha, an deigh sin faodaidh e seasamh anns an t-seomar shuidhe re fad seachduin, ’ga thionndadh gu trice. Cho luath ’sa chruaidhicheas e beagan, faodar a ghluasad do ’n rum chais, agus a thiondadh gus am bi e tur thioram; agus tha sruth meadhonach gaoith gu gle bhuannachdail. Roimh cho’ dhunadh mo bheachdain banachaigeach is maith leam aire a thoirt do aon chlaon-bhreith a tha mi a toirt fainear a tha cumanta; ’se sin gu’m bheil crodh a’ toirt ni’s mo de bhainne ’nuair a dh’ionaltrar iad na ’nuair a bhiadhar iad ’san tigh Tha a leithid de bheachd-smuain tur mhearachdach; oir mar a ’s lugha an sgios fo ’n cuirear bo ann am biadhadh ’sann a’s mo de bhainne a bheir i, agus tha abhaist ’bhi ’gam fagail a muigh ’san fhuachd air oidhch, no ’gan rusgadh do mhor theas, agus do ’bhi air an lotadh le cuileagan ’san la, ’san t-samhradh, gle neo-thoinisgeach. Ann an aimsir iochdmhor gu dearbh faodar leigeadh leo am falbhan nadurach a ghabhail, agus agaibhse ann an iomadh suidheachadh feumaidh iad ’bhi air am fagail a muigh a chionn ged is dona an caramh e, cha tharar a sheachnadh a thaobh suidheachaidh ’ur n-ionaltraidh, ach ge b’e uair a cheadaicheas cuisean, agus a ghna far nach ’eil ach teirc de bheathaichean gu sealltuinn na’n deighe, biodh ’ur fodar no feur air a ghiulan dhachaidh, agus air a thoirt do ’ur crodh bainne a stigh, a’ fagail ’ur stoc og ’us cruadalach gu ionaltradh a muigh. Ann an Suitserland, a tha ni’s beanntaicheil na agaibhse, agus ’an aitean far, a thaobh arda, nach’eil arbhar ag abachadh, agus an luchd aitich ag earbs’ mhain air toradh an cruidh, tha aca an crodh a’s briagha agus ’is truime ’san t-saoghal, amhain bho ’n churam a th’air a ghabhail aig an toiseach ann an tarsuinnicheadh na’n seorsan, agus an deigh sin ann am biadhadh le riaghailt agus aire a stigh. Tha ni’s mo na leth na fearuinn (a bhiodh agaibhse air fheurach, a thaobh a mhoir chaisead) ann an sud air uisgeachadh no air a dheasachadh agus a ghna am feur air a ghearradh gu biadhadh a stigh, far am bheil feur air ur ghearradh air a chumail riu,
[158]agus tha’n tomhas inneir a th’air a thionail uath airson deasachadh an talamh fheoir an ath earrach an ire ’bhi do-chreidsinn. Bu mhaith leam gu’m faicinn tighinn dlu do an doigh so agaibhse. Feumaidh curam ni’s mo ’bhi air a ghabhail mu n- ’ur cruidh na ’mhain an tionndadh ’mach gu criomadh ’naird an lon, agus an ruagadh le coin air an ais a chum a ghrunna a chuirear air leth dhoibh, cho luath ’sa dh’iarras iad pilltinn ’us iad-fein a thilgeadh air trocair an seilbheadairean airson fasgadh agus lon ni’s fearr. Cha’n urrainn sibh ’ur crodh bainne a chus laimhseachadh, no ’n caramh ro chaoimhneil, no idir ’ur spreidh uile: oir tha fiadhaichead nadurach ar cruidh Gaidhealach ann an tomhas mor faoin-bharaileach mar a tha air a dhearbhadh le Mr. D. Stiubhart ’sna Heribh, a tha cho caoimhneil ri a chrodh ’s gu’m faca mise a tharbh a’ tighinn direach le taitneas chuige gu faighinn a chaidreamh. Cheannaich mise fein bo a thug fo chaidreamh toigheach an fhir aig an robh i a roimhe 16 phintean bainne ’san la, ach agamsa, le a h-ionaltradh co’la’ ri treud chruidh, thuit i dheth sin gu 10 no 12 gun dail.
Ann an arach spreidh og na leigibh leo an sult a chall ’sa gheamhradh, ach a ghna biodh agaibh beagan shneipean an tasgaidh, ged nach biodh iad ach gu cumail am mionaich fosgailte, agus gu bacadh tinneis, agus gheibh sibh e na chleachdadh gle luachmhor a thoirt do gach aon de n- ’ur beathaichean mu’n cuairt do 10 laithean an deigh an toirt bho fheur, agus an cuir a steach do ’ur garadh fodrach no ’ur bathach, mu lan an duirn de shalainn air a chuir a sios ’nan sgornan, ni a dh’oibricheas mar phurgaid sheimh agus a bhacas droch thoradh chaochladh obuinn biaidh. Gu dearbh cha bu choir dhuibh a bhi idir a dh’easbhuidh caoban air chor-eigin de shalainn chreag air an aitreabh a thaobh gu’n imlich na h-uile chrodh, chaoraich, agus eich e gu gionachail, agus tha e air leth feumail. Bheir cus shneipean do spreidh og taisbeanadh tana aig an am, agus uime-sin feumar an tomhas a riaghailt’chadh le cuisean: Ach ainmhidh aig an robh beagan shneipean re ’gheamhraidh, cinnichidh agus fasaidh e ni’s fearr air feur an ath bhliadhna, na aon air a bhiadhadh air feur saoidhe a mhain, ge air bith cho reamhar ’sa dh’fhaodas e a bhi aig an am, agus mar riaghailt choitchion dh’ainmichinn 3 no 4 shneipean meadhonach mor do gach damh gach la.
Na’n robh mise gu tairgse comhairle a thaobh creic’ chruidh cho maith as a thaobh an arach’ chomhairlichinn do gach tuathnach beag a chuid beathaichean a chreic, aig bliadhn’ a
[160]dh’aois ach an leithid a Bheathaichean boirionn ’sa dh’fheudas a bhi feumail airson eumail an aird an stoc, agus gu h-araidh ma bhios a laogh air fhaighinn le deagh tharbh, mur bi e goirteach, ach a’ faighinn an tomhas feumail de bhainne, mhin, no lon eile aig an toiseach agus aire cheart a thoirt air an deigh sin; ’se sin, a chumail bla agus a leor shneipean ’sa bhuntata a chumail ris ’sa gheamhradh, is coslach gu’n tiond e ’mach ’na ainmhidh grinn, ma chuirear e air deagh fheurach ’san Earrach; ach ma leigear leis fantuinn ann ’ur n-ionaltraidh mhall-fhasach eadhon an deigh deagh gheamhrachadh, ni ann ’ur suidheachadh-sa, a ’s urrar ni’s ealamh a thoirt do aon no dha de spreidh na ’nuair a chumar aireamh mhor cuideachd, tha fhas air a stad agus gheibh e leis sin suidheachadh mhall-fhasach nach bi am feasd air a leasachadh. Ma bhios ma ta pris mheadhonach air a tairgse ’san Earrach, mholainn gu laidir creiceadh; agus mur bi, mholainn feurach far am bheil an ionaltradh pailt, an t-aite blath, agus far am bi am fois neo-bhruailleineach le coin, a tha mi a’ meas a phlaigh a’s sgriosaile a’s urrar a smuaineachadh do na h-uile ainmhidh, agus cha leig mi-fein le cu a dhol idir am fagus do mo chrodh. Cha robh agam a riamh cu air m’fhearuinn araich, a tha gun gharaidhean, le 50 bo bhainne agus an luchd-leanmhuinn, agus air m’fhearuinn aig Conan tha agam am bliadhna 80 chiun spreidh, os cinn 20 a dh’eich, agus 650 a chaoraich gun aon chu air na laraichean. Thug mo bhuachaill ur leis 3 choin ’na chois, a shaoil leis a bhiodh air leth feumail d’a gu riaghladh an stoc, ach thug mi air gu grad 2 dhiubh a chuir air falbh uaith, agus ’am beagan sheachduinean an deigh sin dh’aontaich e fein ris an fhear eile a chuir uaith, a chionn gu’n robh e dearbhte as e ’bhi ni bu mheasa na bhi neo-fheumail. ’Se ’n fhirinn, ged dh’fhaodas cu a bhi ’an uairean feumail, tha e, le cuir eagal air crodh ’us caoraich, ag aobharachadh iad a bhi da uair cho fiadhaich ’us ullamh gu dhol air seacharan ’sa bhiodh iad air dhoigh eile. Ann an taghadh bo, tha na puincean a tha ri’n toirt fainear mar a leanas, agus tha mi ’cuir a chuid a’s feumaile air thoiseach; leud agus fad a droma oir leo sin a mhain imridh i ’bhi feumail—a reisd luirgnean goirid ’us cliathaichean fada—ceann beag, adhaircean finealt bog, uaine no buidhe—coat tiugh laidir de fhionnadh—an craicean fuasgailte, bog ’us sideach ri a laimhseachadh—agus an t-earbal tana agus finealta aig a bhun.
title | Crodh |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Crodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean |