Mucan. —An ath chuid do no bho tha mi a’ meas gur iad na mucan ainmhidhean a’s feumaile do’n choitear no ’n tuathan-
[162]ach beag, —gu dearbh tha a mhuc ann an seadh eigin na cuid de shoigh an luchuirt cho mor ’sa tha i feumail airson ’co-fhurt na teaghlaich a’s bochda, agus tha e a’ toirt dhomh fior thoil-inntinn a bhi a’ toirt aire gu m bheil sibh lion beagan ’us beagan a’ faighinn buaidh air a bharail fhaoin a bhac gus an am so iad a bhi air an cleachdadh gu pailt ’sa Ghaidhealtachd. Cia minig a bha mi air m’fhailteachadh a’ dol a seachad air cuid de bhothainean truagh le comhartaich ’us dragh 2 no 3 choin aingidh far nach robh aon fhail mhuc no comharraidhean co’fhurt sam bith ’gan tairgse fein mar dhearbhachd air sith ’as pailteas do’n teaghlach, a dh’fhaodadh a bhi a’ mealtuinn mir muic-fheoil cuid buntata uisgidh, gun chosd sia sgillinn ni’s mo na na chumadh suas na coin ud a tha na’n grainealachd chumanta. Tha fios agam air n- ’ur freagairt, gur iad na coin peataichean ’ur cloinne, ach c’ airson nach toireadh sibh do n- ’ur clann muc bheag mar pheat, agus an teagasg gu moch a bhi measail air sin a tha feumail, a roghainn air sin a tha aingidh? Cha’n urra’ ni air bith a bhi ni’s grinne no ni’s glaine na ’mhuc ma bhios aige gu leoir de bhiadh ’us leabaidh ghlan, agus bu choir do ’ur clann a bhi gu moch air an teagasg gu bhi dichiollach ann a chumail glan ’us co’fhurtach; oir air sin bithidh fhas agus a shult gu mor an earbsa. ’Se’n seors a mholain duibh, an seors beag geal le barr na’n cluasan air an tionndadh ’mhan, luirgnean goirid, corp co’ -dhluth agus ceann beag air dheagh chumadh. Tha e gle chruadalach, a’ cothromachadh gu maith, agus a’ reamhrachadh gu furasda. Tha moran dhe ’ur buaidh an crochadh air an t seors; oir tha iomadh de na seorsan fad-chasach ni sam bith ach buannachdail. Tha leth-sheorsan dhuthaich Bheirc mar an ceudna luachmhor: gu dearbh bithidh muc sam bith buannachdail ma bhios i de luirgnean goirid agus gun ’bhi ro fhad anns an t-soic. ’Nuair a cheannaichear og iad cha bu choir an toirt ro luath bho am mathar, a thaobh gu’m bheil iad an sin ullamh gu fas tinn, ach ma bhios iad laidir roimh an cuir dheth am mathar is ainnig a bhios iad buailteach do thinneasan. Cha bu choir idir an cuir dheth ’m mathar roimh 6 no 7 sheachduinean a dh’aois, agus aig am am breith cha bu choir moran fodar a bhi ’san fhail air eagal gu’m saltrar air an fheadhainn og; no gu’n luidhear orra le ’m mathar. Gu tric feumar feitheamh air an t-sean mhuc air eagal gu’m mill i a h-al, agus bithidh 8 gu leor dh’i gu arach. ’Se ’cheud ni fail bhlath ullachadh a dh’fhaodas a bhi beag, ach a dh’fheumas aon earrainn di a bhi gu maith air a thubhadh agus am fosgladh
[164]a bhi ris an deas ma thairear. Ni leth a bhiadh n- ’ur mucan arach ma bhios iad air an cumail glan, tioram, agus blath, ’sa dh’fhoghnas ann an ait fuar, fliuch, agus salach; agus bithibh cinnteach as, ma chumas sibh ’ur mucan co’fhurtach, gu’m paigh iad ’ur caoimhneas 10 fillte ann am feoil us bloinig. Is coir mar an ceudna aire ’thoirt do lar ’ur fail mhuc, agus a chuid dhi a bhios fo’n tubhadh air a thogail ni’s airde na cach, agus leacan a chuir air a chum gu’m faodar ann an aimsir bhlath a nigheadh glan ma bhios ’ur fodar gann, a chionn nach iarr iad leabaidh an am sin. Cha mhor nach beathaich ni sam bith ’ur mucan; rusg bhuntata, seamrag air a gearradh ’s air a goil, sneipean, corc, no eorna caol, agus sgribidhean ’ur n-amairchean fuinidh; cnodhan daraich, uisge-glanaidh ’ur poitchean ’s ’ur soithichean, gidheadh cha bhi biadh a’s fearr air a thilgeadh air falbh le thoirt dhoibh; agus ciod sam bith a bheir sibh dhoibh biodh e air a ghoil no air a bhlathachadh an toiseach, agus a reisd a chuir a seachad re fad la no dha mus cuirear am feum e, a chionn gur firinn aithnichte gur luaithe a dh’fhasas muc reamhar air biadh goirt na air biadh tur ur, agus ni leth na h-uiread de bhuntata air a ghoil, ’ur muc a chumail ’sa dheanadh le iad ’bhi eamh. Na leigibh idir leo a dhol air seachran mu’n cuairt a shireadh biadh, oir caillidh sibh leis sin anns na h-uile seadh; mur bi fainneachan na’n sroin tionndaidh iad anaird agus millidh iad ’ur fearuinn feoir, agus ma bhios fainneachan annta caithidh iad iad-fein ann an saothar dhiomhan gu cladhach. Tha gach la ’bhios muc fuasgailte na chall cinnteach, a thaobh inneir a mhain a bhi de mhor luach, agus cha bu choir da uime-sin dealachadh ri fhail cho’fhurtach bho a bhreth gus am feumar e airson feum teaghlaich. Tha eagal orm gidheadh gu’m bheil e cho feumail gu toirt dhuibh cuid de riaghailtean airson doigh a chuir air n- ’ur cuid mucan ’nuair a bhios iad marbh ’san uair a’s beo dhoibh; oir tha e gle mhi-cheart an fheoil a ghearradh ’na mirean ’sa sailleadh, ach le hamaichean a dheanamh dhi ’sa tiormachadh an crochadh, tha agaibh annlann feumail le ’ur buntata, &c., ach beag gach la ’sa bhliadhna, agus bithidh an seoladh a leanas air fhaotainn gle ghasda. Anns a gheamhradh an deigh a mhuc a mharbhadh ’sa ghlanadh, faodar a chlosaich a chrochadh air oidhch: air an ath la, sin i air a druim air bord laidir, no being, agus gearr dhi an ceann dlu ris na cluasan, agus na cosan cho fada fo na h-uilt as gu fagail rum airson a crochadh orra. An ath ni, roinn a chlosaich an aird ’am meadhon cnaimh an droma
[166]agus le sabhadh, no gilb agus simid, gearr dheth na hamaichean. An fheadhainn dheiridh aig dara alt cnaimh an droma, agus an fheadhainn thoisich aig an aisinn a’s faisge do ’n t-slinnein far am faicear feith fhola, ni mur gearrar as i tha i ealamh gu ’mhilleadh. Thoir dheth croit gheur cnaimh an droma le do sgian ’sdo shimid, a reisd thoir na h-iomalan gu cruinn grinn dheth na hamaichean agus riaghailtich na cliathaichean. Feumaidh tu a nis leth cairteil peic de shalainn, aon unnsa saltpeter, cairteil unnsa de sal prunella, agus punnd de shiucar garbh a mheasgadh, agus na hamaichean ’us na h-earrainnean eile a rubaigeadh leis, agus cuir an corr air uachdar—leig leo luidhe mar so 3 no 4 laithean; a reisd cuir am measgadh rubaigidh ann an uiread a dh’uisge ’sa dh’fholaicheas na hamaichean, agus cuir ann salainn gus an snamh ubh ann. Goil agus siol e, agus ’nuair a dh’fhuaraicheas e, cuir na hamaichean ann re fad ceithir oidhch deug; a reisd tionnd iad, cuir tuille salainn orra; agus bruth iad gu socrach le bord agus cuideam os an cinn. Ann an ceithir la deug ni’s fhaide tionnd iad a rithist, agus an deigh luidh seachduin eile no dha bu choir an crochadh ’naird ann an ceo seimleir, agus na h-iomalan ri mulach rum blath gu’n tiormachadh. Feumar an ceann a roinn na dha leth le sgoltadh a chlaiginn, agus an uair a bheirear an eanachainn, na suilean agus an teangaidh as, tha e gu bhi air a ghreidhidh coslach ris na hamaichean. Bithidh agaibh a nis sliseag bhlasda de ham gu rostadh comhla’ ri ’ur n-uibhean, no thairis air n- ’ur buntata, agus sliseag mhuic-fheoil reisgte comhla’ ri ’ur n-aran no cal aig laimh ge b’e uair a dh’fheumar e, agus ma bheirear an aire air gu caontach mairidh e eadhon ann an teaghlach mhor gle fhada, no faodaidh tu na caoban beaga a chaitheamh, agus na hamaichean a shailleadh, agus paidhidh iad uile chosdus biadhaidh ’ur cuid muc. Ni na cluasan, an t-earbull, an eanchainn agus criomagan beaga a ghearrar de hamaichean ann an cumadh, deagh mhios na dha air an deagh rostadh ann an aghann le beagan peabair ’us salainn. Tha’n t-atha ’nuair a rostar e mar an ceudna gle ghasd, —agus ma ghlanar a bhloinig, le a goil no a leaghadh ann an aghan air teine caoin, agus a reisd ma ghleidhear i bho ghaoth le a’ pacadh ann an aotroman, no’n soitheach criadhaich air a dhunadh dionach, cha’n e ’mhain gu’n gleidh i fada, ach is mor gur fearr i na im ann an aghann-rostaidh ’ur n-iasg ’sur buntata. Mar so tha gach earrainn de’n ainmhidh so air fhaotainn feumail, agus faodar gu fior a radh gur e a mhuc cairid an duine bhochd.
title | Mucan |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Crodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean |