[169]

An t-Each. —Thug mi fainear a bhosa mhuc an toiseach a chionn gum faod iad lecheile a bhi ann an seilbh an droing aig nacheil ach a mhain lios ri aiteach agus ruith ionaltraidh gu cuideachadh airson na ba: ach ge-be-uair a bhios aig duine nis mo na aon acair, tha e do-dheanta ann an staid shiobhalta na h-oibrichean feumail a thoirt air adhart gun chobhair saothair ainmhidh. Tha miradh ann an staid shiobhalta no rianail, de bhrigh ge be ait am bheil na boirionnaich air an cleachdadh, mar is tric a tha mi afaicinn, ann an traillealachd na beatha, feumaidh mi am meas mar dhaoine borb iad-san nach dionnsaich bhon diadhachd a bhi ag altrum agus amealtuinn an tiodhlaic thalmhaidh as mo a thugadh a riamh do dhuine le a Chruthaighear fhialaidh. Am bheil mi ma ta ameudachadh na cuisnuair a deiream gum bheil sibh ro thrice ag isleachadh an cuspair as finealta de nadur cruthaichte a chum a bhi na traill agus na beathach eallaich, agus gum bheil mo chridhe asileadh na fola ribhi afaicinnur mnathan agusur nigheanan, gu dolaidhdheanamh don cuirp agus gu milleadh am maise, acromadh fo shaic mhoine agus mhathachaidh, an fheadh a tha an companaich no am braithrean an sas ann an oibir as furasda: oir biodh fhios aig gach neachnuair nach toirear do na boirionnaich an speis sin a tha dligheach dhoibhan uair nach suithichear iad mar a dhorduich Dia anns an t-shuidheachadh shocrach, na co’ -chuidiche, tha an duine nach dean sin fo chomharraidhean fear-allaidh no an-iochdmhor. Chan urra dhomh cainnt ro laidir a chleachdadh air a phuinc so, a chionn gur ni e ris am bheil an duineachd fo ghris agus oillt, agus a chionn, air cho deigheilsa tha mi gu faicinn aineolas air a ruagadh air falbh agus siobhaltachd air a toirt air a h-adhart air feadh an t-shaoghail uile, gum feum mi a bhi dubailt deigheil gu fhaicinn smal air a glanadh air falbh uaibh-se ris am mo am bheil mo ghnothuich. Chuirinn uimesin le toil-inntinn failt air an nuaidheachd gun robh Barraichean-cuibhle agaibh-se uile an ait nan cleibh agus gun do cho-cheangail nabuidhean ann an cumail each beag no gearran eatorranuair a bha na roinnean fearuinn beag, no gun robh aig gach aon each no dha do reir meud am fearuinn. Ni deagh ghearran le da chliabh (faic an dealbh) uiread ann an lasa burradhbhi air a ghiulan le ceithrear bhoirionnaich, agus a reisd dhatharraichinn ainm an eich agus theirinn ris, cairid nam boirionnaich. Labhair Martin Doile ann a litir gu a luchd-duthcha gu h-arda an aghaidhbhi cumail eich le

[170]
[171]

Tuath-choitearan beaga, agus gu cinnteach ma chumar iad airson marcachd gu feilltean na gu reiseachd leo, dom bheilar cairdean Eirinneach gu mor air an toirt, is beag feum a bhios annta airson tuathanas, ach do gach aon aig am bheil os cinn acair fhearuinn agus a tha deigheil air togail lon gu leoir airson a theaghlaich, tha seirbhis eich air leth feumail. Ann an iomadh choirean tha mismuaineachadh gum biodh e iomchuidh dhuibhse na h-uireadsa bhliadhna a phaidheadh do nabuidh airson feum a chuid eich cho liugha de laithean aig amain araidh den bhliadhna, agus nan cocheangladh na h-uiread de mhuinntir airson na h-uiread de bhliadhnaicheansan doigh so, bhiodh suim air a dheanamh cinnteach a dhfhoghnadh gu thoirt air aon tuathanach airgiod a chuir a mach ann an ceannachsann an cumailnaird eich airson an toirt air dhuais do a nabuidhean. Dhfhaodadh moran a bhi mar so air a dheanamh le seoltachd ghlic airson 20 tuathanach beag aig am biodh aig gach fear 2 acairus leth acair fhearuinn aitichte, burrainn doibh 20 tastan am fear a thoirt, agus airson an t-suim sin mor chuideachadhbhi aca ann an cuir air adhart an oibre. Mar so faodar a chunntadh le 2 acairus leth-acair an sas agus fo dheagh thuathanas, gum bi leth-acair ri threabhadhnaird bho sheamrag airson coirc, ’us bithidh mar sin 10 acairean ameasg 20 tuathanach: agus a thaobh gum bi na mirean rud-eigin sgapte, cheadaichinn 3 seachduineanan ceud mhios an Earraich airson a dheanamh, atarruing chruinn a thaobh co an grunn ris am bu choir toiseachadh an toiseach, agus fagail seachduin airson treabhadh cuid fhir nan eich fein. A risd bhiodh leth-acair eile air a threabhadh airson eoirne no coirc an deigh bhuntatasan t-sneip an uiridh, agus dhfhaodar so a dheanamh gu furasdasan doigh cheudna ann am Mios a Mhairt. A thaobh gum biodh earrainn mhoir der mathachadh ri bhi air a ghiulan a chum an raoin agus an sin a chuibhrigeadhnaird gus am feumar e le seirbhis an eich airson ceithir la; 2 ann am mios dheireanach a gheamhraidh agus 2 annmios dheireanach an earraich airson gach fear dhiubh; ni a burrar gu furasda a dheanamh agus gidheadh uin a leor a bhi aig fear nan eich gu saothrachadh fhearuinn bheag fein. Le leithid so de chobhair dhfhaodar faighinntre mhoran nis mo de dhoibir na aig an am so, agus dhfhaodar talamh bhuntatasan t-shneip a ruamhradh leis an spaide ni a chuireas e ann an cor as fearrsus glaine na burrar a dheanamh mar a babhaist leis a chrann. Theagamh

[172]
[173]

gum faighear la na dha a rithistsan fhoghair, am an fheoir, no gu toirt dhachaidh buntata; ged dhfhaodar sin a dheanamh leis an teaghlach, cho maith ri toirt cuid de na mhathachadh ann am Barraichean-cuibhle gus a chuid as faisge den talamh. Gu labhairt gu coitchion, chomhairlichinn each a bhi air a chumail eadar gach dithis nabaidhean, air chors gum biodh da each airson treabhadh ealamh airson fear sam bith de na cheithrear thuath. No, ’nuair a bhios na tuathanais nis mo, feumaidh aon each no nis liugha a bhi air a chumail leis gach fear. Is urrar so gu furasda a riaghladh do reir chuisean, ach cha choir aon each a chumail thar na dhfheumar airson saothair, a thaobh gur e sin an t-aon doighsan urra e paidheadh airson a ghleidhidh, agus anns gach cuis biodhur n-each air a chumail ann an deagh shult feola. Chaneil ni as mi-bhuannachdaile na each oibreach gortach; oir a thuilleadh air deanamh beag oibir, bithidh an t-ainmhidh truagh neo-chomasach gu deanamh sin fein gu maith no gu luath. ’Sen cunntadh cumant gur leor da each air an deagh chumail gu aiteach 50 acairean, no 12 eich airson 350 acairean, ach is gann 2 each airson cho beag ri 50 acair, a chionn gum bi iomadh gnothaich fheumail eile ri dheanamh a chuireadh feum air tri-amh each: air an aobhar sin chanainn gum bfhearr 70 no 80 acair a ghabhail cuideachd, agus dheanadh tri eich a reisd an oibir aig an aon chosdsa dheanadh iad 15 no 20 no nis lugha. Ma bhios agaibh mir de dhfhearuinn bhochd bhan dlu dhuibh cuiribh e le conasg a tha na lon comharaichte airson eichsa gheamhradh. Faodar a ghearradh le clann agus an deigh sin a bhualadh le suist, gu bruthadh an fhiodha, no a phronnadh min le sgionan, ni as fearr a chionn gum bi nis mo den t-suth air a chumail nanuair a bhruthar e le bhualadh. ’San doigh so faodar cairteal acair a bha a roimhe neo-fheumail a bhi air a dheanamh freagarach gu cumail suas each, agus le beagan fodrach a chumail reamhar agus sleamhain, an ire mhaith re fad uile mhiosan a gheamhraidh. Anns an t-samhradh ma thaur n- ’eich air an tionndadhmach gu feurach, agus mas fheudar maille a chuir orra bho dhol thar chriochan le an cosan a cheangal, biodh na cuibhrichean gu toigheach air an deanamh de chraicionn, agus air a dheagh lionadh agus air a linigeadh le cloimh no a leithid sin de ni bog. Ach is e an doigh as fearr mir fiodha 2 throidhus leth throidh fhada agus 3 no 4 eorlaich thiuighead a cheangal ri aon chos, agus atharrachadh mas es gum bi an craicionn

[174]
[175]

air a rubadh dheth: Bhur doigh an trathsa air ceangal an cosan le ropain beatha is borb e cho maithus is an-iochdmhoir e, agus tha e cinnteach gu dolaidhdheanamh do shubailteachd nan luidheanan le fada chleachdadh: an aite sin tha am maide a cheart cho eifeachdach agus nis lugha dolaidh. Ach gu dearbh is gann is coir do eich oibrich, coslach ri crodh bainne, cead idir fhaighinn gu ionaltradh, oir sgiosaichidh iad iad-fein le siubhal asireadh lon, bithidh dragh air a chuir orra le uisge fuar no cuileagan, agus caillear gu tur am mathachadh luachmhor le e bhi ruisgte ris an aimsir air dha tuiteam uathas na raointean; Gidheadh, faodaidh eich og dhiomhan ruith a mach aig na h-uile am; oir than t-each na ainmhidh gle chruadalach: Ach feumaidh an t-each oibrich airson fois an uin am biodh esan raon asireadh a lon, agus is deagh choirc, feursaidhe, peasar-eich, agus seamrag air a buain, an ni, mar dheagh sheirbhiseach, air am bheil coir aige duil bhi ris. Biodhur coirc air a bhruthadhsa mhuileann, air a ghoil no air a bhogadh mus toirear e dhoibh, agus fos air a mheasgadh le moll, feur proinnte, no fodar, agus bithidh iad moran nis beathachaile nanuair a bheirear e slan agus tioram dhoibh: Tha eorna caol no cruithneachd caol mar so air a chleachdadh na bhiadh gasda airson eich agus le chrathadh thairis le salainn gheibhear e gle tharbhach dhoibh. Ann an ceannach each tha tearc de chomharraidhean a sheolas sibh nis fearr na beachdan foghluimte fada air bith air na caochladh puincean oirdheirceis. Ma tha aig each ceann beag agus cluasan goirid biorach air cumadh cluasan sionnaich, earb ris nach h-urrainn thu dhol dochair ann a cheannach. Gu dearbh tha an teist so cho chinnteachs nach luaidh mi ach a dha eile; luirgnean goirid agus aisinnean cruinn air chumadh baraild, air dhoibh a bhi cho dlusas so-dheanta do chnaimh na sleisd, no na cruachainn. Chaneil deagh each air bith gun aon de na puincean so, agus aig na h-eich as fearr tha iad uile. Anns an aite am bheil sibhse, far am bheil agaibh beag oibresan t-samhradh tha cumail lair-eiche gle iomchuidh a thaobh mur toirear orra cuideaman trom a ghiulan air an druim faodar an cleachdadh gus an uair am bi searraich aca, ach feumar beagan laithean fois a leigeadh leo an deigh in agus oibir nis eutrom. Gu dearbh chaneil mi afaicinn cairson nach fhaodadh sibhur crodh a chleachdadhan uairean airson oibir raoin, an darna cuid ris a chrann non cairt, oir tha miga fhaicinn gu conn-

[176]
[177]

bhaileach air a dheanamh ann an Tuscanie agusan Suitserland, agus ma bhiadhar gu maith iad, cha chuala mi riamh gun drinn en ciuradh no am bainne a laghdachadh. Bibh gle thoigheach ann an taghadh stalain, agus paidhibh airgiod air bith airson deagh fhear a roghainn air fear suarrach a nasgaidh. Bu choir da bhi aige, ceann beag, cluasan goirid, suilean aseasamhmach, luirgnean goirid, broilleach farsuing, agus aghaidh arda. Feumaidh a ghairdeaneansa shliasdan a bhi leathanus feitheach, druim direachus leathan, agus a bhodhaig fada, ach gun mhor fheadhsan loch-bhlian eadar na h-aisinneanus cnaimh na cruachainn.

titleAn t-Each
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textCrodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean
<< please select a word
<< please select a page