A Chaora.— ’Si Chaora an t-ainmhidh tighe a tha aseasamh an deigh an eich a thaobh feumalachd, ged nacheil i gu cumanta ri bhi air a moladh ann an tuathanais bheag a chionn gum bheil iad gu nadurach nan seors seachranach, gu h-araidh na seorsan cruaidh, agus cinnichidh iad nis fearr air grunn farsuing far nacheil an aomaidhean nadurach buailteach do bhi air am bacadh. Ach ma tha agaibh ionaltradh farsuing am fagus duibh faodaidh beagan chaoraich a bhi feumail, ged nach biodh ach a mhain airson na cloimh, agus bheir sin oibir airson feumalachdan do bhoirionnaichur teaghlaichean anns na feasgarean fada geamhraidh. An ait an t-seors bheag fhiadhaich a bhuineas a theagamh do n-ar duthaich fein, no an seors dubhoadainneach as fearr, mholainn gu laidir dhuibh seorsan a thoirt a steach bho sheorsan Leicester no Chebhiot, agus sin airson nan reusonan cuideamach so a leanas; gun cothromaich iad 6 uiread ri caoraich na duthaich so: gun ruig iad moran nis luaithe aig meudachd, air dhoibh a bhi iomchuidh airson an fheoladair aig aois 18 mhiosan no 2 bhliadhn, gum bheil an teachd a mach nis mo bhona bheireas iad 2 uain gach te aig aon bhreith; gur iad as neo-sheachranaiche nan cail, agus uime sin nach fheum iad uiread de bhuachailleachd: gun toir iad a mach tomhas mor de chloimh a bheir barrachd air cach; agus chaneil mi afaicinn reuson airson nach burrar, leis na meadhonan a thagaibhse, an arach an eatoras mhaith, agus a chum buannachd nis mo dhuibh na an seors ainmhidhean goirteach a thagaibh an traths’. An ni a tha an aghaidh toirt a steach seorsan finealta le tuath mhor chaorach, is e gum biodh e do-dheanta an aire sin a thoirt dhoibh a dhfheumadh iad aig am breith uain, no anns an t-sneachd. Ach maille ribhse, chaneil a leithid sin de dhoilcheas, oir an uair nacheil aig duine ach 2 no 3 chaoraichs urrrar gu furasdan caithris ann an

[178]
[179]

sneachd, no an cuideachadhan am breith uain. ’S urrar an cuir a steachsan dionbho stoirmean; ’s urrar an cobhar air uairean le lamh-bheathachadh, agus aire a thoirt do chiad thaisbeanadh brisidhmach, no euslaint air bith eil gun dail. Ach chaneil sibh gu duil a bhi agaibh ris na buannachdan bu choir sruthadh bho sheorsan luachmhoir, ma mhaireas sibh an doigh a thagaibh an trathsair cumail cus stocadh, agus air lorg sin goirte. Feumaidh sibh dealachdan ri 3 de nar 6 chaoraich bhochd thruagh, agus reith Cheviot, no reith maith eile fhaotainn airson chaich. Feumadh sibh an lomradh a mhain aig an am a chomharraicheadhmach le nadur, ’nuair a thig an aimsir bhlath a steach, agus chan ann mar an traths’ ’ur dicheall a dheanamh gu reubadh barr bochda cloimhe da uairsan aon bhliadhna. Chan fhaod sibh a leigeadh leur clann sugradh dheanamh dhoibh-fein, no eadhon leur buachaillean dragh a thearnadh dhoibh-fein, le cleachdadh choin air gach aobhar air bith mun timchioll. Oir ma bhuineas sibh riur caoraich gu caoimhneil, caillidh iad am fiadhaichead nadurach, agus bu luaithe a chaillinn caora an traths’ ’sa ris leis an t-sionnach na mo threud fhaicinn 3 no 4 uaireansan la air an cuartachadh le coin, agus dragh air a chuir orra bho an ionaltradh. Gu dearbh tha comhartaich choin na phuision do shoirbheachadh treibhe shiothachail chaorach, agus cho eagallach a ta iad, ’san uair a chuirear a steach iad air sneipean airson am biathadh, cuiridh latharachd choin a mhain aig sailean a bhuaichaill stad orra bho bheathachadh gu caoimhneil agus gu luaith. Chaneil agam ach beag amharus nach faod sibh le curamus aire caoraich arach cho maiths gun cuireadh iad iongantas air a ghinealach a ta lathair, cho morsa chuireadh moran de na treudan a than tras air moran de n- ’ur cnuic air n- ’ur sinnsirean bho chian 60 bliadhna, ach chaneil mi idir an an-earbsanach fhaic mi leasachadh mor air a dbeanamhsan earrainn so de thuathanas. Faodaidh nach faic mi caoraich den aon mheud riu-san a thair an arach ann an raointean shaibhir dhuthaich Leicester; ach tha duil agam fhaicinn agaibhse ainmhidh moran nis luachmhoire anns na h-uile puinc na na creutairean acrach lom a tha nis aruith air feadhur n-ionaltraidh.

titleA’ Chaora
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textCrodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean
<< please select a word
<< please select a page