A Ghabhar. —Is ainmhidh a Ghabhar a bha aon uair cho chumanta do na Ghailteachd ’s gum feum mi a thoirt a steach ’an so, ged nach ’eil sealtuiun orra ach mar lorgan neul
[180]sin an aineolais a chomhdaich uaireigin ar sinnseara allaidh borb. Tha’n t-ainmhidh so a nis dlu air a bhi air a ruagadh air falbh bho gach spot air an tairear ruigsinn le caoraich, agus mheas mise e ceart cathachadh ris an t-seann chlaon bhreith a bha air an son, agus an toirmeasg bho m’ oighreachd fein, ach fathast faodadih aitean a bhi cho chreagach ’s nach ruig caoraich orra, agus ’n uair a ’surrar beagan ghabhair a ghleidheadh ann an staid fhiadhaich, agus an glacadh ’san reic ’nuair a bhios iad reamhar, faodaidh dragh comharrachaidh nam meann agus glacaidh nan gabhair shean a bhi air a phaigheadh le an reiceadh. Ach cha’n ’eil a ghabhar coslach ris a Chaora, ’toirt barr cloimh sa bhliadhna. Agus ged fhaodar beagan bainne fhaighinn uaipe gu trathail ’san Earrach, gidheadh ’sa choir sin feumaidh sibh an cumail air n- ’ur grunn iosal bu choir a ghleidheadh airson ainmhidh a’s fearr aig an am sharaichidh sin de na bhliadhna. Le seann bharail bha bainne ghabhair air a mheas ioc-shlainteil, agus a roimhe so b’abhaist do mhuinntir euslainteach feum fhaighinn bho chomhnuidh ’am measg n-ar beanntaichean agus an leigheas a chair as leth buaidh bainne nan gabhair; ach tha a bharail sin gu teann a’ caitheamh air falbh, agus tha sluagh an nis dearbhte as ge b’e ath’rachadh fabharach a dh’fhairich iad ’nan slaint, gur ann a bha e na thoradh air atharrachadh agus fallanachd an ailidh, simplidheaehd an loin, pilltinn gu uairean na fois a tha nadurach do dhuine, socair inntinn ’us samhchar beatha uaigneach, agus a bhi air an gluasad bho amaideas agus droch-bheusan a tha a ghna air an gintinn ann an staid dhomhlaichte sluaigh, ’s nach h-ann air feartan air bith a tha ann an bainne cubhraidh na gabhair bhoirionn shiubhlach. Chomhairlichinn uime sin, gu’m biodh iad air an cumail ann an aitean arda creagach, gn’m biodh iad air an iomain cuideachd gu luath ’san t-shamhradh ’nuair a dh’fheudas na meinn a bhi air an glacadh, air an spothadh, agus air an comharrachadh, agus gu’m biodh iad air an leigeadh dhol fiadhaich a rithist gus am bi iadsan a tha iomchuidh airson an creic ri fhaighinn ’san fhoghar.
title | A’ Ghabhar |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Crodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean |