Eoin Thighe.— ’Se so an t-aon chean co’cheangailte ri nithe beo na tuathanais ris nach do bhean mi, agus tha an riaghladh cho cumanta do gach bean ’us leanabh ann an ceithir earrainnean an t-saoghail, ’s gum faodar a shaoilsinn gur beag a b’urra dhomh-sa ’thairgse airson ’ur toirt fainear, agus gidheadh ’nuair a chuimhnicheas sinn an lionmhoireachd eoin a tha air an caitheamh, an luach ann an Lunnainn amhain a’ ruigsinn gu ceud mile pund Sasuinneach ’sa bhliadhna, agus am mor thoradh ann an uibhean, is cuideameach a phuinc e airson gach
[182]coitear; oir bu choir a bhi aig gach aon diubh, aig a chuid a ’s lugha, 3 no 4 chearcain, an fheadh a dh’fhaodas, ann an garaidhean tuathanais an aireamh agus an caochladh seorsan, mar thonnagan, phulaidhean, &c. a bhi a reir an tomhais sil a tha coslach ri ’bhi gu do-sheachanta air a sgiotadh, agus a bhiodh gu tur air chall mur biodh iad-san ann, ullamh gu stad a chuir air an ana-caitheamh neo-fheumail so. ’Se so a mhain a tha leigeadh le eoin ’us uibhean a bhi air an creic cho saor; oir nan robh an lon uile air a cheannach, bhiodh an cosd ceithir fillt, agus cha’n ’eil mi ’n teagamh nach ’eil daoine uailse a’ paigheadh aig a chuid a ’s lugha 5 tastain airson gach isean a tha air arach ’nan cuid garaidhean greadhnach fein. Ann an labhairt mu na seorsan a tha ri’m faotainn anns an duthaich againne, toisicheam leis an eun chumanta, mar a bhi an t-eun a’s luachmhoire a th’againn, co dhiubh bheir sinn fainear a bhuaidhean cruadalach no am meas cumanta ’tha air aig gach bord bho’n aon a’s ilse gus an aon a’s airde; ach tha an seors eoin a tha agaibhse cho measgte agus gu minig air am milleadh ’s gu’n comhairlichinn dhuibh thoirt na’n ait na Dorcaich le luirgnean geala ’us cuig meoir, air neo an seors dubh Spainneach le cireanan mora ’us luirgnean geala a roghainn air an t-seors bheag thruagh a th’agaibh ’s a chumantas. Tha an da sheors so na’n deagh eoin bhreith, a’ toirt uibhean mora, gu furasda air an deanamh reamhar, gun dhol fad as bho’n dachaidh, agus a’ toirt pris ni’s airde ’san fheill na seorsan air bith eile. Gun amharus, maille ris na h-uile eoin, tha iadsan aig am bi luirgnean geala gu bhi air an roghnachadh, ach tha na seorsan seilg le luirgnean uana no buidhe gu cumanta gu bhi air an seachainneadh airson iad a bhi maoth ri arach an fheadh a tha iadsan le luirgnean dubh gun a bhi cho measail air feill, airson am feoil a bhi dorcha, agus ciod air bith an dath ma bhios an luirgnean fada cha’n fhiach iad an cumail. Na puincean sonruichte ri thoirt fainear maille ri eoin, is iad uibhean, arach, ’us deanamh reamhair, agus freagairidh mo bheachdan do na seorsan uile a luaidheas mi an deigh so cho maith as do na chearc chumanta; oir cha’n ’eil a run orm idir sgribheadh air na muirnealachdan air am bheil cuid cho deigheil, agus faodaidh na h-uile a mholas mi a bhi air a chleachdadh le gach neach gun chosd ni’s mo na ’s abhaist a chuir a mach.
Uibhean. —Si nead a cheud ni ri aire a thoirt, agus bu choir a suidheachadh ’san tigh-chearc cho fada bho an iris ’sa tharar, air dhoigh nach bi dragh air a chuir aig am sam bith air na h-eoin, aon chuid aig breith no air ghuir. ’Siad bascaidean,
[184]tha mi ’smuaineacheadh, as fearr na bocsan, agus ged is beag a dh’fheumar a dh’fhodar, biodh e a ghna air a chumail urail ’us glan, oir mur toirear an aire do so, bithidh na h-uibhean air am milleadh ann an tearc a dh’uairean an deigh am breith. A chum uibhean a ghleidheadh urail ’us maith, bu choir an cuir gun dail ann an soithichean lan de bhurn aoil, no an suathadh thairis le geir mhuilt no le bloinig, agus an suidheachadh air an cinn; oir ma chuirear air an taoibh iad, ceanglaidh am buidheagan ris an t-slige ni a mhilleas iad ma ghleidhear fada iad. Na cleachd im gu suathadh uibhean leis, oir fasaidh e gu luath grod agus millidh e iad, ’s na leig leo-san a shuathar le bloinig a bhi osceann mios gun tionndadh ’s gun ath shuathadh; ach ’se uisge aoil doigh moran a’s saora agus a’s lugha dragh; oir gleidhidh iad mar so gu maith airson 6 miosan ma thionndar an uairean iad. Cha’n ’eil ni air bith a’s mo a chuidicheas gu thoirt air ’ur cearcan breith gu pailte na blaths, agus ma bhiadhar ’s ma chumar socrach deagh chearc ghearr luirgeanach, beireas i 150 a dh’uibhean, a thuille air al eoin arach gach bliadhna. Is droch ghleidheadh uime-sin a bhi a cumail cus chearcan leth ghortaichte; oir bithidh 3 no 4 air an deagh bhiadhadh ni’s luachmhoire ma bheirear an aire dhoibh na bhios a dha uiread air dhoigh eile; agus mur bi ach 6 cearcan air an gleidheadh ri aon choileach bithidh ni’s siol-mhoire na ’nuair a bhios an aireamh chearc ni’s mo. Air do bhlaths a bhi cho feumail, cha’n ’e ’mhain gur coir ’ur tigh-chearc a bhi le aghaidh ri deas, agus a bhi saor bho aitidheachd no thungaidheachd, ach a bhi air a thogail air dhoigh gu’m bi blaths seimleir a ruigsinn air, agus is furasda so a dheanamh le leac mhoir a bhi an ait balla tiugh aig culaobh ’ur n-aite teine, agus an an tigh-chearc a shuidheachadh ris sin air a chul; no ma’s ann ’am meadhon ’ur tigh a bhios an seimleir, faodar aite beag freagarach airson iris do 5 no 6 chearcan a chuir a naird ris an t-seimleir os ceann an tubhaidh, agus na neid a bhi ’sa bhathach, far nach faod na h-eoin a bhi idir air an leigeadh gu spardan, a thaobh gu’n loisg ’s gu’m mill an inneir an crodh. Cha’n ’e ’mhain gu’n robh aig na Eiphitich an tighean chearc air am blathachadh, ach thug iad a mach miltean a dh’eoin ann an aghannan blathaichte, agus tha tunnagan og luathrach a nis air an arach le steama airson feill Lunnuinn.
Tha’n Tunnag na eun gle’ fheumail ma tha agaibh puill
[186]no sruthanan laimh ribh. Beiridh iad moran uibhean ’san earrach, agus araichaidh iad an al le gle bheag cuidichidh; ach cha’n fhaodar leigeadh le tunnagan og a dhol gu mor ann an uisge gus am bi iad seachduin a dh’aois, a chionn gu’m bheil iad ullamh gu basachadh le fuachd. Ma bhios poll, no magh dlu dhoibh, far an urra’ iad deanamh air an son fein, cha mhor aire no siol-bhiadhadh a ruigeas iad a leas thairis air a cheud bheagan laithean, a thaobhg ur meanbh bhiastagan am biadh a’s annsa leo. Bhiodh 6 tunnagan, tha mi saoilsinn, ni b’fheumail do theaghlach dhuine bochd ’san earrach, na a ghabhar as fearr, agus ann an coimeas neo-chosdail, s’ gun leth a dhragh a thoirt do neach. Tha aon rac gu leoir airson 6 tunnagan.
Tha Pulaidhean nan eoin bhriagh agus luachmhoir, ach cha’n ’eil iad gu furasda air an arach, agus ithidh iad moran. Ma chuireas sibh na h-uibhean fo chearc chumant, agus a cumail a steach, a’ leigeadh leis na h-iseanan ruith mu’n cuairt agus caochladh biadhan a thoirt doibh, le’m biadhadh air deanntagan prointe agus blathach no bainne goirt, gruth ’us min-choirc, cinnichidh iad an eatorras mhaith, ach feumar an dion bho fhluichadh cho mor ’sa thairear, mar a’s coir a rireadh na h-uile eoin ’nuair a bhios iad gle og. Gu faighinn gruth aig am sam bith, cha ruig sibh leas ach mir a dh’alum a ghoil anns an tomhas bainne blath a dh’fheumar, agus bithidh e deiseil ann an uair do rabhaidh.
Cha ruig Geoidh a leas ach beagan toigh, ach salaichidh iad moran de thalamh feoir, ma bhios moran diubh air an cumail, agus tha iad gle challdach anns an iadhlann, le spionadh ’mach arbhair as na cruachan; ach far am bheil uisg no blar gu biadhadh air, faodar gu buannachdail an arach, agus faodaidh dusan a bhi air an creic ’sa bhliadhna le coitear, le gle bheag chuir a mach. ’Nuair a thig an t-al a mach as na h-uibhean, na leig ar seachran iad, ach na duin a steach am mathar. ’Se garadh no sabhal falaimh an t-ait a’s fearr airson a cheud seachduin, ’gan leigeadh a mach 2 no 3 uairean gu biadhadh air feur. ’Nuair a bhithear airson am biadhadh airson feill, cuiribh iad air ur n-as-bhuain, agus aig an tigh, biadhaibh iad air sneipean eamh prointe, agus uisge le gle bheag coirc no eorna.
Tha mi a nis a’ co’ dhuineadh a chinn so le toirt fainear, gur ceann e nach ’eil idir neo-thoiltinneach air ’ur n-aire; oir faodaibh suim nach beag a bhi mar so air a thionndadh thairis gach bliadhna le bean-tighe churamach choitir, le beag
[188]saothar agus beag chuir-amach. Gheibh na h-eoin, na h-uibhean, agus na h-itean uile luchd-ceannach, agus faodaidh an toradh a bhi gu h-iomchuidh air a chuir a mach le boirionnaich, na teaghlaich air na goireasan beaga ud a leigeas a ris an aon uair am blas agus an deagh riaghladh.
title | Eoin Thighe |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Crodh, Eich, Mucan, ’s an Euslaintean |