LIOS.

’Se so sogh nach robh air a mhealtuinn ann an linnean chein ach a mhain leis an t-sagartachd thuigseach; oir bha na liois a bfhearr mun cuairt do am manaichean, an abaidean, agus ged a tha am buannachdan lan mheasail a measg ar coimhearsnaich aig Deas, tha mi doilich gu radh nach drinn sinne ach gle bheag tighinn air aghairt ann a leithid de dheireachdais. Leth cheud bliadhna a roimh so cha robh ach 2 no 3 liois, tha micreidsinn, annur sgire uile, aon de na sgireachan as farsuingeam Breatuinn; agus eadhon an traths’ ’nuair a tha toirt-gu-deagh-riaghailt air deanamh speid mhoran aitean eile, cha do lionmhoirich aireamh nan spotain far am bheil measan agus fliuraichean air an arach gu, theagamh, dusan: ach an ni a tha nis iongantaiche, agus ni an ait eile cruaidh ri chreidsinn, ’se, ged tha na liois adearbhadh ciod a tha an fhearuinn comasach air a chuir a mach, gidheadh ma dhiarras malanach mo chead (agus tha e a reir singa fhaighinn) gu garadh a chuir mu mhir grnnna airson lios, thainig a choimhearsnaich a ghna thugam agus chuir iad na aghaidh, ag radh gun robh e cuir maille air feurach an spreidh agus their iad grainealachd no salchair ris. Tha fliuraichean, measan agus luibhean poit ma ta ann an Gearloch na-n salchaireachd! Agus feumaidh sinn a bhi air n-ar saoilsinn mar sin eadar-dhealaichte gu caileachdail bho ar cochreutaireanam Breatuinn agus anns an t-saoghal air chors gu dearbhadh an t-sean fhocail sintha biadh aon duine na phuision do dhuine eil!”

Nan eisdinn ri seann chlaon bharailean, theagamh gun

[206]
[207]

toirinn thairis ann an ain earbsa beachd tighean grinn agus liois tharbhach air moighreaclid fein. Ach labhraidh mi beagan fhocail ris a ghinealach a thag eirigh; oir maille riu-san chaneil mi atoirt aire do mhi-thoil airson ubhlan no uinneanan, ’scha mho a tha na caileagan oga acuir suarrach briaghachdan mhilis chiatach fhliuraichean air laithean sabaid, &c. Dhoibhsan cha bhi cead imeachd ann an deagh lios air a dheagh chumail agus pairteachadh de a shoghalachd na ghrain. Agus tha agam dochas gu dhearbhadh orra-san gum bheil fear aig am bheil lios tarbhach na sheilbheadair air chanemhain sogh, ach air companach a bheir sugradh dha cho maith as frithealadh air uireasbhuidhean. Chaneil fear-ceaird sam bhi cho dian an sassnach urrainn e beagan mhionaidean a chaomhnadh gach la airson a lios; agus cha bu choir do dhuine air bhi a bhi gun saorsa gu leoir gu cumail ceithreamh acair ann an deagh ordugh. Gheibh a bheansa chlann feum le saothar eutrom oibir liois, agus am fear ceaird a tha cho chumant glas-neulach le ebhi a ghna a steach, bithidh e le leithid sud de chaochladh iomairt bho a cheard chumant, beothail slanteil, ni gur gann a bha duil aig a roimhe ris. A bhi acuir sil, asuidheachadh, a chraobhan fo bhlath, agus tionail a mheasain agus a fliuraichean, tha iad an aon uaira toirt tomhas de chaochladh urachd taitnisus toileachdainn den t-seors as finealta; tha e na shugradh thar chaich uile; oir an uair a ghiulanar e gus an airde as mo, cha toir emach dad a bhios coire-ail no cronail, chan urra e tuiteam a chum droch-bheus.

Ach ged a tha lios cho feumail do shlaint an fhir-cheaird a stigh, chaneil e car nis lugha don fhear oibiram muigh, don tuathanach bheag, do na choitear de na h-uile seors. Ann an cor an fhir shaothraichidh lathail ann ar raointean, ciod a tha cho taitneach ri tearc mhionaidean air an caitheamh ann a lios an deigh a shaothair lathail? Than dearbh chaochladh na shaorsainn bho iomairt laidir chuirp gus an oibir as eutromde na h-uile oibre a muigh. Don tuathanach cia iomadh uair bhriste a dhimreas a dhol a seachad gun fheum mur bi lios aig laimh gu cleachdadh an uin sin.

Maille ris an iasgair ged dhfhaodas e gu tric a bhi ro anmoch, an deigh pilltinn bho iasgach, gu toiseachadh ri oibir

[208]
[209]

mhoir air bith, gidheadh faodaidhe beagan mhionaidean a mhealtuinn ann a lios gu sona agus aig an am cheudna gu buannachdail. An trathsa tha n- ’ur clann an deigh uairean na sgoile air an ioman gu eucoir, a chionn nach eil meadhonan oibrichidh eile airson an cleachdaidhean nadurach a chumail ann an iomairt. Ciod an caochladh sealladh a dhfhenchadh iad nam biodh iad gu deigheil a tionndadh an aire ri greantachd, maise, agus toraidheachd liois, deigheil gu fheuchainn do am paraintean gum burra an lamhan beagsabhi gu feumail air an cleachdadh. Ciod an leasan teagaisgeil modhail a bhi afaotainn sogh mheas bhuaireach aduaiseachadh ann an am dligheach an curam agus an leantuinn air adhart! Cia taitneach a bhi afaicinn brathreanus peathraichean acospairn ann an durachd a cheile a chuideachadh a chum ruigsinn air ni feumail air chor eigin! Cia siothachail agus Criosdail an sugradh neo-choireach, agus ciod an t-eadar-dhealachadh mor a thann bho mhi-stuaimeachd, an coaoisean dhiomhan a tha gu ro thric air am faicinn acluicheacdh le butanan, no asabbaid, no diomhan gu cuir a seachad an tim? Tha an t-eadar-dhealachadh a rireadh ro mhor. Feumaidh e gach aon a bhualadh, agus tha liois cho luachmhoirs gum bheil aig cuid de sgoilean a chlann air an teagasg ann an arach luibheanus measan ann an liois co’ -cheangailte ris na sgoilean, agus gun tuilleadh roimh-radh, toisichidh mi ri mo bheachd-chomhairlean air liois, measan luibhean, fliuraichean, agus seilleinean.

Ann an taghadh aite ur liois, na biodh speis agaibh don talamh, oirsan t-seadh so bithidh e cinnteach air dol am feabhas gach la, le ruamhradh domhain, cladhanan siolaidh, agus toirt an talamh as fearr a dhionnsuidh no spot thaghta sin, agus tha so atoirt air iomadh an spot as aimrite as faisg orra a roghnachadh a chum gun dearbh iad an sgil agus an seasmhachd fein. Ach anns an tir thuathail againn feumaidh e aghaidh a bhi ri deas. Nan taireadh ebhith, bu toil leam fhaicinn air beulaobhur tighean, agus mun cuairt da air tri taobhan (faic an dealbh) a toirt iomal four n-uinneagan do fhliuraichean, craobhan shiristus phlumbais dlu don tigh, craobhan pheur us ubhail-shamhraidh dlu don sin, agus an fheadhain gheamhraidhus fhuinidh nis fhaide as uile, airson an aobhar so, gum bheil siristean agus plumbais nis fearr air an gleidheadh bho eoin am fagus don doras agus do na h-uinneagan. Tha measan samhraidh cuideachd an uair a ta iad

[210]
[211]

am fradharc nis neo-bhuaireil do mheirlich, an fheadh a ta na seorsan geamhraidh, a thionailear gu cumanta cruaidh, a ruith beag cunnairt a bhi air an giulan air falbh eadhon ged nach biodh iad direach fo shuil dhionaidh an seilbheadair. Fasaidh measan beaga eadar n- ’ur chraobhan no mun cuairt do na cairtealan caileus luibhean eile, a bhiodh air am milleadh le cus sgail bho chraobhan arda Masurrasibh struth uisge a thoirt do an lios, no ma bhios agaidhur fuaran no tobar a stigh ann, bithidh a na mhor ghoireas ann an uisgeachadh. Gu dearbh, faodaidhur tobair airson feum an teaghlaich a bhi ann an sin nis fearr naan ait air bith eile, a chionn gum bi e air a dhion leis a gharadh bho bhi air a shalachadh le spreidh, agus aig an am cheudna bithidh e gu goireasach aig laimh. Bhur garadh dion as fearr, ’se balla le measgadh de chraoibhean faidhbhileachus dhris air an suidheachadh aig a chulaobh. Chaneil balla leis-fein ach na fhasgadh bochd, an fheadh a ta callaid a dhaon chuid, ged is blath i, ullamh air spreidh a leigeadh troimh agus nis mo de chall a bhi air a dheanamh ann an uair a thiom nasurrar leasachadh ann an laithean. Ach tha na dha cuideachd, chane mhain atoirt tearuintcachd ach a toirt aig an aon am aroan blaths agus fasgadh.

Ma bheir sibh aire don ghrunn bheir a dhuibh pailteas ubhlan, pheuran, phlumbais, shiristean, ghroiseidean, shuidheagan, lair, shuidheagan phris, agus dhearcagain, gun a bhi ri balla agus le gle bheag toigh.

Ann an Ubhlan, roghnaich airson an t-shamhraidh Juneating, Thorl samhraidh Hathorndean, codlin Charlisle, agus airson a gheamhraidh, Thorl geamhraidh, Ubhal Fhlanders, Caisteal Ghlamis, beagan Leadingtoinean, agus Phearmainean.

Ann am Peirean, biodh agad an seors Lammas, agus an Duilleag chrochaidh, Ubh na circe-fraoich, Glas Achan, agus Ubh na h-eala, airson a gheamhraidh. Tha migainmheachadh nan caochladh seorsan so, airson gum bheil iad uile cruadalach tarbhach agus a cheana air am feuchain gu buadhachsan tir am bheil sibhse.

Plumbais, —An Orlean chumant’, Damson, agus Uellington.

Craoibhan-sirist, —Mai-duc, Morella, agus ginearson dearg agus dubh, athleasaichte.

Groiseidean, —Na seorsan romach uana agus buidhe luathrach, an seors sleamhan dearg, agus an seors geal Champaine.

Is gann gur fhiugh Suidheagan lair dhuibh an arach; air

[212]
[213]

a chum iad a bhi tarbhach feumar an gluasad gach tri-amh bliadhna, achse an seors as fearr, seors Chean.

Chan fheum na Suidheagan prise dearg agus geal Antweirp ach beag toigh a thuilleadh air na meanglanan og a cheangal cuideachdan toiseach an fhoghair gun cumail bho bhriseadh le gaoitean.

Dearcan Frangach dubh, geal, agus dearg.

Tha mi tric afaicinn muinntir adol a dhionnsuidh fear an liois-altruim airson seorsan ur ubhlain, &c. agus afaighinn seorsan gle dhona, ’nuair a dhfhaodadh iad meanganan* airson an suidheachadh ann an craobh eile, fhaighinn bho dheagh lioissa choimhearsnachd, no craobhan og fhaighinn a nasgaidh bho an uachdaran a tha deonach gun toirt dhoibhsan a tha a feuchain tlachd ann an cumail lios gu maith; ’seadh bhiodh agam moran taitneis ann an toirt don leithid sin de mhuinntir na seorsan as freagairiche de chraobhan mheas no pris de gach seors. Thuilleadh air na liois, dhfhaodadh sibh craobhan measa bhi agaibh air an suidheachadh ann an bruachan ro chas airson a chrann; air chors lios mheasain a dheanamh ann, agus nan robh measan cho pailtan sosa tha iad aig abhainn Chlide, cha bhiodh buaireadh sam bith gu goid.

Mu sgathath chan abair mi dad sam bith an so, oir is beag a dhfheumas sibhse dheth; ach nan gearradh sibhse air falbh na meoir mheadhonach dheth nar craobhan agusur pris dhearcagain, bhitheadhur meas nis fearr air a leigeadh ris a ghrian air gach taobh, agus bhitheadh e nis mo agus nis cubhraidh aileadhus blas, agus cumaibhur craoibhean iosal agus sgaolteach, a chum nach caill iad am measan le crathadh le gaoitean arda. Na leigibh le n- ’ur clann, ann an tionail a mheas, a bhi abriseadh nan geugan, agus amilleadh nan craoibhean. Chaneil ni as graineile agus as mo ataisbeanadh leisge agus bochdainn na craobhan shiristean leis na geugan mullaich air an reubadh air falbh, agus ginidh e aomadh neo-churam agus sgriosach ann am muinntir og a dhfheumas dearbhadh calldach ann am beatha an deigh sin. Biodh agaibh maide le cheann crom, agus streang air son isleachadh gu seimh nan geugan luchdaichte, agus ma bhriseas aon aig am air bith gu tubaisteach, ’sgath i air falbh gu grinn an aon uair leur sgian. An aitur roinnean a bhi air an suidheachadh le meas-chraoibhean a sgailicheassa mhilleas na cairtealan luibhein, biodh agaibh na craobhan ubhailus pheur am fagus docheile nam badan, agus pris ghroiseidean us dheircean am fagus doibh agus fotha cho maith as timchiollur cas cheuman no mun cuairt dour cairtealan luibhein. A thaobh gur ann as fearr a chinnicheasur craobhan ubhallus pheuraisnuair nach bi

* Failleanan. Clyde.

[214]
[215]

iad ro dhlu, bithidh nis mo de rum airsonur pris eatorra no fotha.

Thoiribh aire dour pris ghroiseideanus dheircean cho luathsa bhios iad fo lan dhuilleagan, agus biodh na h-uile chaterpiller no burras air an spionadh dhiubh cho luathsa tharas sibh. Le sealtuinn thairis air gach preas da uairsan t-seachduin aig an am sin (a tha gu cumanta mu mheadhon an t-shamhraidh) ni nach toir bho chaileag no leanabh os ceann da uair ann an lios le 60 preas, ni sibh cinnteach an dion, ach ma dhearmaidear iad aig an toiseach bithidh an dragh air a dhubladh, agus am meas cha’ ’ne mhain air a mhilleadh, ach na pris mar an ceudna air an dochainn. Tha bad de bheallaidh cumanta aira cheangal ann am meadhon gach preas, na mhor dhion bho burrasan.

Suidhichibhus pris shuidheagan nan sreathan an coisur cos-cheuman, agus ceanglaibh cinn an fheadhainn as dluith ri cheile cuideachd, ’gan lubadh richeile air chors gum bi gach dha dhiubhnam bogha.

De luibheanse buntata luathrach as feumaile anns gach lios, a chionn, an deigh an togail, gum faod sibh cal a shuidheachadh, nisenath thoradh liois as luachmhoire; oir tha sinn a foghlum bho Chobbet gum faodar arach air ceithreamh cuid de acair cal agus sneipean Suaineach gu leoir gu cumail anaird bo fada na bliadhna mas urrainn sibh beagan fodrach a cheannach dhi. Agus mase gum bheil an sgribheadair talantach so dlu air a bhi ceart ann a chunntaidhean, cia furasda a dhfhaodas da no tri chrodh a bhi air an cumail leur liois air an cuideachadh mar a dhfhaodadh iad leur beagan fearuinnus ionaltraidh. Gu dearbh chunnaic mise cho mor air a dheanamhsan doigh so le toighus caontachd mu mhathachadh, agus barran connbhaileachan deigh a cheile ann an tir as fuara nan tir agaibhses gum bheil mi a rireadh acreidsinn cunntadh Chobbet a bhi mu bhi ceart.

Siad naimhdean sonraichte a chail, seilcheagan ban, agus ann an cuid a dhaitean cnuimheagan geala aig a bhun. Mholainn mar mheadhon bacaidh, agus aig an am cheudna na dheagh mhathachadh, ’ur talamh uisgeachadh gu tric le buirn-aoil laidir. Agus mar an inneal glacaidh sheilcheagan as fearr tearc de dhuilleagan cail a chuir air an lair roimh an dorch,

[216]
[217]

agus dhol a shealtuinn orrasa mhaduinn roimh sholus latha, ’nuair a bhios iad air an comhdach leis na biosdan sgriosail so. Faodar beagan leacain a chuir nan luidhe thallsa bhos, agus sealtuinn fothasan lathanuair a gheibhear iad fotha, agus gu furasda air an sgrios. Ach a dheasbhuidh a leithid sin a dhaire, baithne dhomhsa lios cail gu h-iomlan air a mhilleadh ann am beagan oidhchean. Faodar an luibh fheumail theaghlaich so a tha fas na bhiadh luachmhoir do chrodh, arach fada na bliadhna, agusnuair a bhios iad og cha chuir iad blas mhi-thaitneachsam bith air bainne no im. A chum stoc cail arach gu thighinn air aghairtsan Earrach, ullaich cuig slat ceithir-chearnach de ghrunn an toisich an Fhoghair air a dheagh mhathachadh le inneir min, agus cuir a leth le cal luathrach agus an leth eile le cal fadalach, nan sreathan tri eorlaich bhocheilega chuir gu tana, agus ma thaisbeanas na planntanan nis dluithe na da eorlach bhocheile is coir an deanamh tana. Cho luathsa thig iad a mach, cladhaich gu maith eadar na streathan; oir mar as mo a chladhaicheas sibh mu chalsann as fearr. ’Nuair a gheibh na planntanan sia duilleagan, ullaich cuig slait eile, no deich, suidhich a mach na planntanan ann, ochd eorlaich bhocheile, agus tri eorlaich san t-sreath, ahodhaigeadh gu tric eatorra. Gu trathail ann an ceud mhios a gheamhraidh dean drileachan fhosgladh, cuir beagan mathaichidh annta, duin iad, agus suidhich an cal a rithist 15 eorlaich bhocheile air mulach nan drileichean, agus an sin feumaidh iad seasamh fad a gheamhraidh. Ma bhios reothadh cruaidh ann, crath beagan fodrach eadar na leapaichean phlantanan, air chors nach comhdaich e na duilleagan; agus ma dhfhasas an grunn cruaidh le uisge agus reothadh, ruamhair eadar na plantanan. Ann am mios mheadhonach an Earraich ruamhar domhain, gu h-araidhnuair a thaisbeanas iad a bhi afas, agus a risd an deireadh an Earraich, agusan toiseach an t-shamhraidh, asgrios gach luibhean neo-fheumail, agusam meadhon an t-shamhraidh bithidh agaibh cal cearslach, daighean, agus iomchuidh airsonur cruidh gu meadhon an Fhoghair, nuair a thig an cal fadalach a steachsa mhaireas e fad a gheamhraidh. Ma dhfheumar cal luathrach gu connbhaileach, cuir ean deireadh an earraich, agus rach air t-aghairt mar a roimhe, aruamhradh, a mathachadh, agus a suidheachadh cho teannsa dhitheas sibh. Faodar cal no sneipean Suaineach a shuidheachadhnuair a ghearrar a cheud chuidam meadhon an t-shamhraidh. Tha cuid a mhuinntir ag ullachadh a chail le

[218]
[219]

toirt nam meoir og deth an t-seann stocainean cail, agus an deigh leigeadh leo tiormachadh beagan uairean, ’gan suidheachadhsan aon doigh ri planntanan bho an t-shiol. Bheir na planntanan sin ann an am dligheach stoc ur de mheoir, agus mar so sior riarachadh fad na bliadhna.

Gu taghadh sil shneipean no chail, tagh beagan phlanntanan briagh, agus sudhich iad leo feinmach bho chomas ruigsinn bhlathain eile, air eagal gum measgaich na caochladh sheorsan le dus nam blathain a bhi air a ghiulan bho aon phlanntan gu planntan eile, ni a tha air a dheanamh nis furasda na dhfhaodas sibhse a smuaineachadh.

Se Biot theagamh an ath thoradh liois a’ ’s lauchmhoire, agus ma shuidhicheas sibh luath e, faodaidh sibh a thogailan toiseach an Fhoghair, agus cal a chuirna ait. Cuir an siol aig toisich mios dheiridhan Earraich, agus suidhich a phlanntanan le bacan ann an grunn air a dheagh dheasachadhus mhathachadh ann an ceud mhios an t-shamhraidh. Gearr dheth na barran ann an ceud mhios a Gheamhraidh, agus faodaidh sibh an itheadh mar bhloinigein garaidh, agus taisgibh iad a suas airson feum a Gheamhraidh far nach ruig an reothadh orra; no ma dhiarras sibh na duilleagan gun caitheamhsan t-shamhradh, faodaibh sibh an spionadh cho tricsa bhios iad air an lan fhas gun dolaidh a dheanamh air na planntanan, agus thig duilleagan uir a ghna a mach. Nam burra sibh ait a thoirt do bheagan shreathan de bhiot an raoin no mangold-ursal, a tha gu bhi air arach air an doigh cheudna, bheireadh an crodh agaibh taing dhuibh, mar ann, an am focail, aig a chuid as lagha ann am bainne fada mhios a Mhairt agus a Ghibnidh, nuair a thoisicheasur sneipean ri call am brigh. Ach feumar an toirt an toiseach ann an tomhasan gle bheag gus am bi an spreidh cleachdte riu.

Siad Oinnionan an luibh as fheumaile, agus as taitnich do na bhlas as eol duinn. Feumaidh do ghna an cuirsan aon mhir grunna air ullachadh airson an fheum sin, acuir ris ma dhfheumas e a leithid de thalamhsa ni e criadhaicheil tioram. ’Siad mathachaidhean laidir, leithid as suidh, inneir mhucus cholmain, aol, &c. as fearrnuair a chleachdar gu ciallach iad. An siol as fearr, ’siad an t-oinnion dearg, agus an Strasburg, agus cinnichidh iad nis fearr air an cuir measgta. Ruamhar do thalamh gu maithsa Mhairt, agus cuir an siol mu mheadhon na mios sin ann an aimsir thioram.

[220]
[221]

Tha Curranan nan lon luachmhoir airson duine, ’us crodh, ’us eich, &c. agus a fas gu maith ann an talmhainnean gainmhich no mointich mo bhios iad reamhar, tioram, agus domhan, agus ma chuirear iad trathsa Ghibnidh. Chaneil beagan shil air a mheasgadh maille riur n-oinnionan, na dhroch chleachdadh idir; oir ma dhfhaillnicheas na h-oinnionan, tha sibh cinnteach a curranan mora, agus ma dhfhasas na h-oinneanan gu maith faodar na curranan a spionadhmach. Is coir siol churrain a bhogachadh gu thoirt gu rinneachadh mas cuirear e, agus an sin a mheasgadh le gainmheach thioram gu thoirt air cuir nis ealaimhe.

Tha Parslie, no fionnas-garaidh, na luibh shlainteil thaitneach, feumail annur saus-eisge, agus fasaidh ean ait air bith bho shiol, agus an deigh sin sgaolidh e e-fein ma leigear le planntan no dha ruith gu siol a chuir.

Tha Saibheas an ire a bhi cho feumail ri oinnionan, agus bu choir iad a bhi ann bhur liois uile, oir gheibhear planntananan ait air bith, agus cinnichidh iad gle theann; tha iad feumail maille rir buntata, ’ur n-iasg, ’ur cal, &c. agus riaraichidh iad sibhnuair a theirgeasur n-oinnionan.

Ged nacheil Oinnion-bhuntata cho laidir aileadh, tha e gle fheumail, a thaobh nach faillnich e idir, eadhon far nach h-urrar seorsan eile fhaotainn gun phris arda. Suidhich iad ann an grunn mathaichte, 4 eorlaich air dhoimhne, agus nan sreathan 6 eorlaich bhocheile, agus na planntanan 4 eorlaich bho cheile; agus ann an deireadh an Fhoghair faodar na h-oinnionan a thogailsan tasgaidh airson feum.

Tha Peasar na luibh thaitneach fheumail, agus ma chuireas sibh an seors goirid ann an sreathan cha bhi sibh air n- ’ur cuir gu draghus cosdus maidean taic a chuir riu. Ann an aimsir fhliuch ma luidheas i, tionnd a naird i, agus cuir barrach phris foidhe gu leigeadh na gaoith a steach agus gu bacadh grodadh.

Tha Ponar mar an ceudna na luibh fheumail agus chruadalach agus faodar a cuir luath eadarur calsa mhairt. ’Siad na seorsan astoraidhich Uindsor agus masagan.

De luibhean eile tha coachladh lionmhoireachd, ach tha iad gu bhi air an arach far am bheil gairneilean air an cumail agus rin leithid-san chaneil mo bheachd chomhairlean air an labhairt.


[222]
title1
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textLios
<< please select a word
<< please select a page