Bu choir Fliuraichean a bhi na’n comharradh eadar-dhealaichte air gach lios, oir cha’n ’eil mi a toirt an ainm sin do spot chail a mhain no do spot chraobhan mheas. Ach gidheadh mar nach ’eil mi airson cus uin a chaitheamh air na briaghachdan nadurach neo-bheathail a’s maisiche cha luaidh mi ach a mhain tearc fhliuraichean cruadalach a gheibhear gu furasda, a dh’fhaodas a bhean no ’chlann a chumail ann an rian, agus a dhuaisicheas iad aig na h-uile h-am de na bhliadhna le dos fhliuraichean gu iongantas a chuir air an coimhearsnaich uile. A streap thairis air ’ur sgail-thigh feumaidh planntan no dha de’n op a bhi airson a chleachdadh ann an deanamh leanna, agus rose dubailt dhuthaich Air airson fasgaidh agus sgeimh. Ros dorch agus glas chumanta China ri oisinnean an tighe no an cois ’ur n-uinneagan air am measgadh le pris Lauristinuis, arbutuis, agus piracantha; ’s na bithibh a dh’easbhuidh lus-a- chraois agus Solanum-dulcamara ann an cuid de dh’oisinnean de’r balla. Biodh agaidh planntanan de’n ros cheud-bhileach, agus de na caochladh rosan eile ann an oisinnean a’s dluithe do’r tigh. Anns na h-iomalan cuiridh fluir-an-t sneachd, Hepaticas, aconite gheamhraidh, tulipean dearg, Butanan-geala ’us buidhe an t-sheana-ghille, prime-ros, fluir na-gaoith, narcisus, crocus, couslipean, polianthus, lili gheal, lili bhuidhe, Dahlias, phlocs ioncuill, brog-na-cubhaig, agus na’s urradh sibh fhaighinn de fhliuraichean bliadhnail. Cuiribh oir de na seorsan cruadalach de auriculas measgte tiomchioll ’ur lios fhliuraichean, agus is tearc laithean ’sa bhliadhna air nach bi fliur bhriagha bheag air choir-eigin ann a neochiontas agus mhais a chum ’ur buaireadh gu sealtuinn oirre, agus an toileacheas so uile air gle bheag dhragh. Oir ni da uair a thiom ’san t-seachduin bho aon de’r clann am blath lios na dhealbh beag de mhaise. Ma’s urra sibh, biodh agaibh craobh chuilinn, laurel, rhohodendron air a shuidheachadh an ait sam bith; oir fasaidh iad fo n- ’ur craobhan mheas, uirichidh an sior dhath uana agus am fliuraichean boidheach n- ’ur suilean eadhon anns na laithean a’s tiomhaidhe no a’s cianaile ’sa gheamhradh. Ni iad sibh toilichte sona aig an dachaidh, agus bithidh smuaintean umpa na thoil-inntinn duibh ’nuair a bhios sibh fad as air falbh aig iasgach, agus creidimh mi, cha
[224]choir dhuibh an leithide de chuideachdas a chuir suarach, oir ni iad maith do na chridhe, bheir iad tionnda caoimhneil finealta dh’a, tha iad cumant ach beag do na h-uile dhaoine maith agus diadhaidh, agus gu radh ’ni’s lugha, tha iad a’ cumail a mach na droch smuaintean ud a tha cridhe dhuine ann a staid thruaillidh nadurach ro ullamh gu altrum. Misnichibh, ma ta, n- ’ur clann ann an deigh air fliuraichean. Teagaisgibh dhoibh gu suidheachadh no cuir an sil ’sam freumhan anns a choille a tha dlu dhuibh, no ann am bruachan na’n uild ’sna’n aibhnichean; oir an uair a dh’fhasas iad sean, gabhaidh iad tlachd ann an dol a shealtuinn air aitean taghald an leanabaidheachd neo-chronail, agus bheir ath-chuimhneachadh na’n laithean a chaidh a seachad air ais am fogarach bho thirean fad as gu a thalamh nadurach fein a chum gu’m faigh a sheann fhalt aite foiseachaidh ann an tir an sinnsearan.
Mu Sheilleinean. Tha na biastagan so cha ’n’e ’mhain luachmhoir airson an riarachadh de lon gle fhallan no shogh, a tha iad a’ toirt air bheag cosd, ach mar an ceudna airson an leasan chonnbhaileach a tha iad a teagasg le’n cleachdaidhean dichiollach, a tha ’ga n-ar treorachadh gu beachdachadh ni’s trice air gliocas ’us maitheas a Bhith Uile-chumhachdaich sin aig am bheil a Fhreasdal riaghladh agus a’ seoladh eadhon na biastan a’s suarraiche a ta ann.
Is tearc comharradh a tha na dhearbhachd ni’s mo air teaghlach a bhi soirbheachadh na sreath de sgeipean sheilleinean ann an oisinn bhlath de’n lios air a chumail grinn, agus ged a tha e air a shaolsinn gu’m bheil an cumail ceart aig iarraidh mor sgil no call uine, cha’n urradh ni ’bhi ni’s amaidiche. Tha air a shaoilsinn fos gu’m bheil an aimsir air an iar-mhachar ro fhliuch airson iad do chinneachadh ann. Theagamh nach freagair iad cho tur mhaith ann ’sa fhreagras iad ann an tir thioram bhlath na Frainge no Bhohemia. ach cinnichidh iad cho maith as gu’m faod sibh an comhnuidh ’bhi cinnteach a uiread de mhil ’sa bhios na chuirm do’r clann fada na bliadhna, agus ann am bliadhnaichean shoirbheachail bithidh agaibh ni’s mo na dheth’n urradh sibh feum a dheanamh a dh’easbhuidh a creiceadh, agus so air chosduis a cheud sgaoith, is coslach a dh’fheumas sibh a cheaunach. A chum riaghladh gu ceart ’ur seilleinean ni aire do na bheagan riaghailtean so a leanas. sibh comasach air an uile sgil a dh’fheumar airson iad do chinneachadh.
1. Cothromaich do sgeap a roimhe, agus an deighe an sgaoith a chuir innte, agus cum cunntadh air a cuideam. Bithidh tu a reisd comasach gu breith a thoirt air an tomhas meala a bhios innte ’san fhoghair.
[226]2. Feumaidh ’ur sgeapaichean a bhi air an dion bho na ghaoth le dige, no balla, callaid, no streath chraobhan no eirigh nadurach grunna. ’Se’n reuson airson so, gu’m bi na seilleinean’ ’nuair a bhios iad a’ tighinn dachaidh sgith le itealaich fhada agus le bhi trom luchdaichte le mil, neo-chomasach gu’n curs a stiuireadh gu doras na sgeapa le socair ma bhios osagan gaoith ann a’ sguabadh mu’n cuairt d’i; agus tuitidh moran diubh air an lair mu’n cuairt do na sgeap, bho nach h-urrainn tearc dhiubh am feasd eirigh roimh theachd fuaralachd ’us aitidheachd an anmoich orra a chum am milleadh.
3. Feumaidh uisge ’bhi am fagus do’r sgeapaichean, a chionn gu’n ol na seilleinean oibrichidh moran uisge ’san earrach; agus tha iad gle dheigheil air imeachd an cois fodair air a chuir air uachdar an uisge, agus air ol uiread sa dh’fheumas iad, gun chunnart tuiteam ann.
4. Is coir doras na sgeapa bi an taobh am bhi a ghrian bho deich gu da uair-dheug mheadhon-la, agus cha choir an sgeap a bhi air a togail os oeann 18 eorlaich bho’n lair. Agus a nis saoileamaid gu’n do thaisg ’ur seilleinean a naird an storas geamhraidh, agus gur maith leibh-se cuid dheth ’ghabhail maille riu. Tha mi ’gradh cuid dheth ’ghabhail, oir cha shaoil mi gum bheil sibh n’ur leithid a dh’amadanan a’s gu marbh sibh n- ’ur seilleinean. Cha chan mi dad sam bith mu dheighne ain-iochdmhoireachd mhi-fheumail an doigh aibhisteach air toirt uatha na meala le ceo, ach a mhain fheoireachd ribh mur biodh duine air a mheas na amadan na’m marbhadh e a bho gu faighinn a bainne, agus nach b’urrar feum sam bith a dheanamh deth a closaich?
5. Mar a’s mo bhios agaibh de sheilleinean ’sann is mo bhios agaibh de mhil: tha sin cinnteach; oir muinntir aig am bheil mil, gad mharbhadh iad an seilleinean, bhiodh aca gu cinnteach ni’s mo na’n cumadh iad beo iad, direach mar a bhiodh agaibh ni bu mho bho 10 na bho 5 sgeapaichean, agus cha’n’ eil doilcheadas sam bith no diomhairachd anns a chuis mar a chi sibh.
6. Mu chiad no dharna seachduin de mhios mheadhonach an Fhoghair tha blath an fhraoich thairis agus tearc de fhliurachean air fhagail airson na seilleinean gu faighinn mil dhiubh. ’Se so ma ta an tiom a’s fearr gu dheanamh ’mach ciod an tomhas meala a ’surrainn doibh a sheachaineadh: cothromaichibh gach sgeap agus thoiribh bho na cuideam sin
[228]an sgeap fhein agus na seilleinean mar a rinneadh a mach ’nuair a chaidh an sgaoth a steach innte an toiseach.
7. Ma tha duil agaibh ri sgeap a bhi beo fad a gheamhraidh, feumaidh si aig a chuid a’s lugha, 16 phuinnd, le 16 unnsainn gus a phunnd, de mhil, agus ma tha duil agaibh gu’n tilg i gu luath, is coir d’i 20 punnd a bhi aice, ach na bithibh a’ talach air 25 no 30 puinnd fhagail aca; oir ’s ann a’s fearr a chinnicheas iad. Feumaidh sibh a chuimhneachadh gur coir do sgeap de bliadhna dh’aois no ni’s mo, a bhi air a cheadachadh dh’i mu 30 no 36 phuinnd os ceann ciad chuideam na sgeapa ’s na’n seilleinean, ach do sgeap na bliadhna so, bithidh 16 no 20 puinnd gu leoir de ludhaigeadh; de bhrigh gu’n cothromaich seann chirean uiread ni’s mo na’n te uir. Cinnichidh sgeap le leoir meala mar sud ni’s fearr na aon aig am bi na cirean air an lionadh, de bhrigh, san Earrach, nach bi aig na seilleinean copanan falaimh gu leoir gu cumail aireamh gu leoir de dh’uibhean, air chor’s nach bi iad laidir a leoir gu tilgeadh ’sa bhliadhna sin.
8. Anns na h-uile bliadhna cha bhi aig cuid de sgeapaichean air a thasgaidh gu leoir meale gu mairsinn dhoibh gus an ath Earrach: ma bhios aca bho 10 gu 14 phuinnd, is fearr dhuibh a chuir ris uiread ’sa chumas taic riu. Mur ’eil an uiread sin aca, thoir uatha na tha aca agus cuir iad fein anns a sgeap aig am bheil gu leoir. Bheir sibh, uime sin, ’ur mil bho sgeapaichean aig am bheil os ceann 20 puinnd no ni’s lugha na 10 puinnd; ach cha choir a mhil a thoirt bho sgeap aig nach ’eil ach direach gu leoir, eadhon ged a thearuineadh sibh na seilleinean, do bhrigh leis sin gu’n lughdaich sibh ur stoc de sgeapaichean airson an ath bhliadhna, agus cha’n ’eil eagal gu’m bi agaibh cus sgeapaichean, no nach bi gu leor de fhliuraichean airson nan seilleinean uile air an urrainn ’ur sgil sibh a dheanamh n- ’ur maighstirean.
9. A’ saoilsinn a reisd gu’n robh agad 3 sgeapaichean, 1. 2. 3. a chiad 1 de na bhliadhna mu dheireadh, an 2 agus 3 de sgaoithean na bliadhna so. Cha do thional a chiad aon ach beagan meale a thaobh an 3-aщh te bhi cho anamoch air teachd dh’i; abair 9 puinnd, agus aig an 3-amh 10 puind. Tha aig an 2-amh 47 puinnd. Ma dh’fhagas tu iad uile gun bheantuinn riu, faodaidh gu’m mair a chiad te agus an 3-amh gus an Earrach, ach gu cinnteach basaichidh
[230]iad an uair sin, no eadhon ged nach basaich iad, cha mho a thionaileas iad mil gu leoir gu’n cumail fein a suas tre’n ath gheamhradh, ’s cha toir iad dhuit sgaoithean. Anns a chas so, ma tha thu gle dheigheil air na 3 uile a chumail air chor’s gu’m meudaich do stoc, gabh an 2-amh te agus gearr air falbh gu toigheach mu 20 puinnd de na mhil aice mar a sheolar anns an 10-amh riaghailt, agus roinn i air a chiad agus an 3-amh te. Ach a thaobh gu’m bheil e coslach gu’m bheil thu fein no do bhean ’s do chlann deigheil air beagan meala an deigh fuireach cho fada air a son, thor a mhil uile as an 2-amh te, agus thoir do na chiad te agus an 3-amh te uiread ’sa dh’fheumas iad d’i, agus bithidh cach d’i agaibh fein, agus cuir seilleinean an 2-amh te anns an 3-amh te, (mar a sheolar ’san 11-amh riaghailt) agus mar sin fasaidh i laidir airson an ath bhliadhna. Tha an doigh cheudna gu bhi air a leanmhuinn ciod-air-bith an aireamh sgeapaichean a dh’fhaodas tu a bhi agad, agus se so an t-aon uaigneas ann do sheilleinean cinneachadh, “ a leigeadh leo gu leoir loin ’san fhoghair.” Cha dhean e’n gnothaich a thoirt doibh ’san Earrach, agus air cho do-chreidsinn ’sa dh’fhaodas e taisbeanadh gu’n dean an t-aon tomhas meala a chumas a suas aon sgeap foghnadh airson 2, no eadhon 3 sgaoithean eile air an cuir cuideachd ’san aon sgeap.
10. ’Nuair a shuidhicheas tu ma ta air toirt air falbh na meala bho sgeap, an darna cuid gu iomlan airson d’fheum fein, no airson a roinn ri sgeapaichean eile, a chiad mhaduinn bhriagha chiuin, an deigh do am tionail na meala a bhi thairis siubhail a dh’ionnsuidh do sgeap, armaichte le piopa tombac ann do bheul, mias mhoir airson na meala ann an aon laimh, agus sgian fhada leis an rinn lubte (mar an dealbh) agus ite geoidh no pulaidh ’san laimh eile. Seid 2 no 3 sheidean ceo a steach air an doras, a reisd tionnd an sgeap bun os ceann air an lair air chor’ ’s gu’n seas i gu socrach, agus gu grad thoir do na seilleinean (a thionaileas air iomail na’n cirean a dh’fhaicinn ciod a tha a’ dol air aghairt) beagan tuillidh ceo. Cuiridh so nam paisean iad cho mor ’s nach bi os ceann aon no dha comasach gu itealaich a mach, agus bithidh iad cho tinn ’s nach togair iad do lotadh. Toisich aig aon taobh de na sgeap agus gearr a mach cir, air dhuit an toiseach seideag
[232]cheo a chuir a sios gu thoirt air na seilleinean a dhol air falbh gus a mheadhon agus gus an taobh eile. Rach air d’aghairt mar mar so (a’ sguabadh na’n seilleinean de na h-uile cir leis an ite air an ais do na sgeap) gus an tig thu gus a chir mheadhonach, a’ cuir gach cir mar a ghearras tu i mach na luidhe anns an t-soitheach air a chomhdach le aodach. A reisd toisich aig an taobh eile, agus mu dheireadh uile, gearr a mach am meadhon. ’Sann a tha an t-aon seoltachd a co’sheasamh ann an seideadh air falbh na’n seilleinean gu cumail moran dhiubh bho bhi air am pronnadh. Chunnaic mise an obair gu trice air a dheanamh cho grinn sgiobalt ’s nach robh o’s ceann dusan sheilleinean air am marbhadh uile-gu-leir. Gabh an sgeap a nis agus suidhichi mar a bha i a roimhe.
11. An ath cheum, is e, an doigh air ceangal na’n seilleinean ri sgeap air bith anns bu mhaith leinn goireas a bhi aca; anns an fheasgar le sealltuinn a steach do na sgeap gheibh thu na seilleinean uile an crochadh anns a mheadhon, direach coslach ri sgaoth uir. Thoir an sgeap am fagus do’n te ris am bheil iad gu bhi air an ceangal. Faigh mu 8 lain spain-buird de mhil a ruith, no sirup cho tana a’s gu’n doirt e gu furasda, agus biodh e agad ann an siuga ri taobh na sgeapa a tha gu gabhail na’n coigrich. Seid beagan sheideagan cheo a steach air an doras, a reisd tionnd a naird i, de’n te lan, thoir dhoibh seideag eile no ’dha agus taom a mhil no’n sirup as an t-siuga thairis orra uile eadar na cirean air dhoigh gu’m bi iad gu tur air an smiuradh thairis. Sgaoil aodach glan anairt air an lar air beulaobh ua sgeapa le aon iomail air a thogail a ’naird air an fhiodh no air a chlach a’s lair do’n sgeap. Cuir da chlach bheag air a chumas e bho thuiteam a rithist agus an sgeap a chumail bho luidhe dlu ris an lair mar a bha i a roimhe. A nis suidhich an sgeap air dhoigh gu’m bi an t-aodach foidhe, an fheadh a chumas na clachan a beul’aobh mu’n cuairt do eorlach (no ni’s lugha) air a thogail a ’naird. Thoir a ’naird an sgeap anns am bheil na seilleinean, giulan i gu socrach thairis air an aodach, agus le aon seid buail a mach na’n seilleinean uile ’nam meal lair an aodach. Toisichidh iad gun dail ri streap a suas agus a dhol a steach do’n te lan, agus ged a dh’fhaodas cuid fantuinn a muigh re’n fheasgair theid na h-uile a h-aon diubh a steach roimh ’n mhaduinn, ’nuair a dh’fhaodas tu an t-aodach a thoirt air falbh, agus bithidh an da sgaoth an deigh sin beo cuideachd mar nach biodh a leithid a dh’aonachd ach na bhruadar. Na’n robh iad gu bhi air an aonadh a
[234]dh’easbhuidh an toiseach an smiuradh le mil, theagamh gu’m biodh leth gach sgeap no sgaoith air am marbhadh le sabaid.
12. An doigh a’s fearr air uidheamachadh sgeap eutrom ’san fhoghar le foghnaidh meala gu’n cumail gus an ath-bhliadhna ’se so e, mar a leanas. Gabh mirean de chir meala ann am mias, agus air bord beagan ni’s leatha no leud na sgeapa; ’seid beagan de sheidean ceo an tombac a steach air doras na sgeap eutrom, tionnd a ’naird i, thoir dhoibh beagan tuille ceo, agus gearr a mach cho liugha de chirean falamh ’sa lionas do mhirean lan. ’Nuair a chuireas tu a steach uiread de mhil ’sa dh’fheumas iad, cuir am bord air bonn na sgeapa, agus tionnd i gu toigheach thairis ’ga suidheachadh air a stol. Ann an 2 na 3 laithean ceanglaidh na seilleinean na h-uile mhirean de chir fhuasgailte ri an cirean fein, agus faodaidh tu am bord a thoirt air falbh. Anns an Earrach, ’nuair a ni iad falamh na copanan, tionnd a naird a sgeap, agus thoir air falbh na cirean falamh, agus cuiridh iadsan gu luath feadhain ura ’nan ait. Mur ’eil agad cir no mil gu thoirt dhoibh, dean uiread de shirup siugar as uisge air an goil cuideachd ’sa dh’fheumadh iad de mhil, no treacle agus uisge air tiuighead na meala, agns cuir a steach amaran fada fiodh aig an doras leis a bhiadh so. Cuimhnich, ma’s maith leat do sheilleanan cinneachadh, feumaidh tu so a dheanamh ’san Fhoghair ’s cha’n ann ’sa Gheamhradh no ’san Earrach
13. Anns a Gheamhradh; abair bho thoisich a Gheamhraidh gu toisich a Mhairt, bu choir do sgeapaichean a bhi air an suidheachadh le’n aghaidh air tuath, no co dhiubh cha choir leigeadh leis a ghrian idir soillseachadh orra, a chionn gu’m brosnaich i aireamh de na seilleinean a mach, agus gu’n caile iad an lus leis an fhuachd, ’us gu’n teid iad a dhith, agus ann an laithean blath grianach ithidh iad a dha uiread de’n storas geamhraidh ’sa dh’itheas iad ’nuair a bhios iad fo sgail.
14. Faodaidh ’ur sgeapaichean a bhi an dara cuid de fodar no fiodh. Cinnichidh seilleinean cho maith ann an aon air bith dhiubh; ach mairdh am fiodh cho mor ni’s fhaide, agus tha mhil cho mor ni’s fhurasda fhaighin a mach asda na as an fheadhain fhodaireach ’sgur iad a rireadh a’s roghnaichte. Bu choir do’n fhiodh a bhi eorlach ’us leth eorlach a thiuighead aig a chuid a’s lugha, airson cumail a mach araon teas agus fuachd.
15. Is coir caochladh meudachdain sgeapaichean a chumail,
[236]agus sgaoithean anamoch a chuir ann an sgeapaichean beaga, an fheadh a chinnicheas sgaoithean luathrach ni’s fearr ann an sgeapaichean mora.
16. An deigh sgaoth og a chuir ann an sgeap, ma bhitheas an aimsir fad bheagan laithean fliuch, feumar am biadhadh gu riaghailteach le sirup siugair no treacle ’us uisge, air neo is coslach gu’m basaich iad.
17. Na cuir idir maidean ann do sgeapaichean gu cumail taic ris na cirean; tha iad tur neo-fheumail, agus cuiridh iad bacadh air thu do ghearradh a mach na’n cirean gun mhor dhragh nuair a bhios an oibir sin feumail.
CHA ruig sibh a leas innealan airson ’ur liois, ann ’ur staid-sa, a bhi lionmhoir no cosdail. Feumar an spaide, an racan, an sgribean, am bacan, a bhar chuibhle aig an fhearuinn. Faodaidh am faradh goirid a chleachdar mu thimchioll ’ur tigh ’s ’ur cruaichean a bhi gu leoir airson toirt a mhan mheas le tol a chuir anns gach taobh dheth aon cheann d’i, agus mar an ceudna ann ann da mhaide de’n aon fhada ri ’r faradh, agus maide a ruith troimh na ceithir tuill air dhoigh gu’n dean na maidean puist no pruip agus cumair direach a ’naird ri aghaidh na’n craoibhean anns ciod air bith an t-ait am feumar i. (Faic an dealbh.)
Ma bhios ann trughail no spain-aoil chlachair airson cladhach mu’n cuairt do na fliuraichean, ni a dh’fhaodas a bhi feumail ann an caochladh ghnothaichean teaghlaiche, tha sibh ann an seilbh air buill-acfhuinn gu leoir airson uile fheumasan an liois. Mar so faodaidh a bhi aig gach tuath’nach co’fhuirtean agus taitneas a liois gun chuir-a- mach air bith ann an airgiod, agus le gle bheag de chaitheamh tiom, mu chleachdar gu curamach e. Siad so na h-uile bheachd-chomhairlean a tha an traths’ ag teachd na’m bheachd, mar bhi gle fheumail a thaobh ’ur loin, ’ur n- ’aodaich, ’ur tighean, agus airneis, bataichean, lin, tuathanas, agus acfhuinnean, spreidh agus an euslaintean, liois, luibhean, fliuraichean, agus measan; agus, aithghearr mar a chomhnuich mi air gach ceann, cha’ ’neil mi gun dochas nach faigh ’chuid a’s liugha dhibh cha’n e ’mhain rud-eigin nuadh, ach gu’n ionnsuich sibh rud-eigin feumail a’s urrainn sibh gun dail a chuir an cleachdadh; oir mar cuirear na thuirt mi ’an cleachdadh cha’n fhiach e.
Cha’ n’e gu’ bheil mi an duil ’ur faicinn uile toiseachadh
[238]ri atharrachadh an t-iomlan de’n doigh a th’agaibh an tra’s, agus ri gach ni a riaghailteachadh do reir mo bheachdan-sa, ach gu’m bheil mi g’earbsa nach ’eil neach sam bhi nach airmis, ann an leughadh thairis an iomlan, air rabhaidh air chor-eigin so fhreagarrach dha-fein, agus a’s urrainn e air ball a ghabhail, no aig a chuid a’s lugha do’n urrainn e deuchainn chothromach a thoirt. Cha’n urrainn reuson a bhi airson dearmad air cuir cuid an cleachdadh a chionn nach h-urrar an t-iomlan a choimhlionadh; oir an uair a tha cus air oidhirpeachadh an aon uair, tha tuisleadh no briseadh gu tric a’ leantuinn, agus air an aobhar sin cia air bith cho dona ’sa bha cleachdadh linnean a chaidh a seachad, bheirinn rabhaidh dhuibh an aghaidh oidhirpeachadh ri ath-leasachadh an doigh uile ro obainn. ’An ceart aghaidh sin bithidh mi ni’s earbsaiche a soirbheachadh mu dheireadh ’nuair a chi mi gach aon a’toiseachadh ri leasachadh ann an aon ni air chor-eigin agus a’ leanmhuinn sin a suas le ni eile an deigh do bhuaidh a cheud oidhirpean a dhuaiseachadh. Agus cha choir duibh thoirt thairis ged a bhiodh ’ur ciad oidhirpean air an comharrachadh le faillneachadh.
Tha ’ur cleachdaidhean ’san am so cho mor an aghaidh iomadh de mo bheachdan-sa agus staid ath-leasachaidh ann an duth’chan eile, ’s gur ann a’s coslaiche gu’m fairich sigh bhi mi-thoilichte le’ur ceud oidhirpean air doigh nuadh. Ach toisichibh an toiseach ris na leasaichidhean ud a tha a’ tairgse ni’s lugha de dhoilcheadasan, agus a’s lugha a chuireas a dh’eis oirbh anns na doighean a th’agaibh; agus na bithibh gu furasda air ’ur mi-mhisneachadh, oir tha tuathanach dichiollach cinnteach gu’n coinnich e ri misneach bho’n uachdaran aige, ’an darna cuid ann an cumadh duais, aoil, no ni-eigin air leth eile, an fheadh a ni an leisgean le a neo-churam gach uile cho’ fhaireachdan airson a chruaidh-chas a bhathadh. Cuimhnichibh gur e leantuinn gu seasmhach an inneal a’s cumhachdaiche a th’againn, agus feumaidh gu’m buadhaich e.
title | 2 |
internal date | 1838.0 |
display date | 1838 |
publication date | 1838 |
level | |
reference template | Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p |
parent text | Lios |