[258]
[259]

agus gun do sgap se iad mar fhogairich air aghaidh an t-shaoghail? Cait am bheil na cridheachan a bha aon uair aighearachus sona a ghabh tlachd ann a bhian seilbh air gleann briagh agus faoilteach Shrath-chonain? Air siubhal ann am bochdainnus eiginam meadhon oilltean phriosuinean a chum na criche sin as nach pill fear-turuis air bith, no mar fhogairich agus luchd-fuadan gun dachaidh no ainm maith gu toirt dochasan airson fois thalmhaidh. Cait am bheil na teaghlaichean a bha aon uair measail nan tuathnaich air grunn soirbheachail na Toisidheachd? Thachair an aon truaigh dhoibh uile. Tha an dearbh ainmeanus aitean-comhnuidh an ire a bhi neo-aithnichte. Tha mi asgribheadh so ann am bron. Tha mi afaireachduinn gu gle dhomhain airson a ghinealach bhriagha uair-eigin a dhaitichar sliosansar gleinn tharbhach; ash chan urrar an fhirinn a cheil; agus tha murnuigh gu durachdach ris na flaitheanas nach tachair a leithid ceudna dhuibhse, mo chairdean. Seallaibh air an smugailear, seallaibh air a theaghlach, air abhaistean cumanta, a dhachaidh, air gach ni mun cuairt da, agus coimeasaibh iad anns gach ponc ri taisbeanadh an tuathnaiche, non t-iasgair, shaothrachail a tha gu h-onorach an sas. Tha curam, tha iomaguin a mhealltair asuidhe air gruaidh an smugailear. Rinn oibir uairean mhi-nadurach mheadhon-oidhch a shnuadh shlainteil a shlugadh, agus a cruth a ghearradh le preasaidhean no sreamaidhean roimh mhithich. Tha a phears agusaodach air an deanamh duachnaidh le ceo agus salchar acuir an ceill isleachadh thaireil. Faodaidh orainean ruidhtearachd no poitearachd tearc uairean a bheatha a bheothachadh. Faodaidh eifeachdan chaothaicheil na neo-mheasaireachd re seal sonas mac-meamnach a thoirt da, ach an uair a dhuisgeas e bho a mhearan, ciod a chi e muthimchioll? Bean thruaghus mhi-shona, —theagamh teaghlaich ghoirteach agus neo fhoghluimte,— ’aite-taimh air a mhilleadh le easbhuidh curam, —a bharran a dheasbhuidh aire, —uile dhochasan an crochadh air na dhfhaodas a bhi air a thoirt uaithe ann an aon uair le seirbhisich a righsa dhuthaich, a tha fiosrach air a chleachdaidhean eu-coireach, ’feitheamh a mhain airson cothrom gu peanaschadh a chreachadair mhi-laghail. Chane dealbh dathte a thann an so. Chaneil e a reir no coionann ris na tha ri radh mu dheighne beath an fhior smugailear; oir tha sin agabhail a steach deanamh bhreug, meirle, misg, neo-gheamnuidheachd agus uile uamhasan chostrigh agus dhroch nabuidheachd. Dhfhaodainn so

[260]
[261]

uile aithris gu mean ann an caochlaidhean gun chrioch, ach is fearr leam iarraidh oirbh beachdachadh air an atharrachadh a rinneadh bho chian beagan bhliadhnaichean auns an earrainn sin don ainm an t-Eilean Dubh, annur duthaich fein, far an robh uair-eigin uile dhroch bheusainus thruaighean na smugailgidh, agus as an robh e air a sgrios le dichiollan nan uachdaireanan agus deagh thoinisg an t-shluaigh fein a thainig mu dheireadh gu faicinn peacadh agus amaideas an cleachdaidhean. Ciod a bha air lorg sin? An robh iad air an claoidh le bochduinn? Feoraichibh ris an t-seann sluagh, no eadhon ris an t-sluagh og aig am bheil cuimhne air an t-suidheachadhsan robh iad bho chian 20 bliadhna, agus innsidh iad dhuibh gun robh an t-atharrachadh dhoibhsan na atharrachadh beannuichte a rireadh? Than tighean, an aodach, am barr, an sealladh, an cofhuirtean de gach seorsa, cho maithsan ath-nuadhachadh modhail acuir an ceill atharrachadh a tha taitneach do gach fear a thagradhachadh a chinnidh dhaoine, agus bu choir sin a bhi air a dhrughadh air inntinn gach aon dom bheil eucoir an smugailgidh atairgse buaireadh. Do iomadh dhibh dhaithris mi na tha mi an traths air sgribheadh agus fhreagair sibh, “Ciod a tha gu bhi air a dheanamh rir n-eorna?” Tha misefreagairt, am bheil sibh agabhail fearuinn bhour n-uachdaran airson a bhi asmugailgeadh? Am bheil e ag earbsa airson a mhail air buannachd malairt mhallaichte? Nacheil sibh leur cumhnant-gabhaile air nur toirmeasg bho bhi asmugailgeadh? Agus ma bheir sibh thairisur fearuinn nach faighear duine onorach as urrainn a mhal a phaidheadh gun an lagh a bhriseadh? A dhearbhas dhuibhse gum bheil an fhearuinn agaibh air mhal as fhiach i airson a h-aiteach gu dichiollach, ’us chan ann airson togail bhothainean dubha agus cladhach tuill gu folach toraidhean an smugailgidh. Ma dhfheoraicheas sibh fathast ciod a ni sibh ris an eorna. Freagaiream, leanaibh eisempleirur luchd duthchasan Eilean dhubh a fhuair cho mor a dhfheum den atharrachadh, agus a tha nan eisempleir bheo as urrainn dhuibhse a leantuinn. Lughdaichibhur barran eorna agus nan ait biodh agaibh coirc, seamrag, agus sneipean, leis am bi sibh nis fearr air n- ’ur beathachadh agus nis iomchuidh airson tuille oibir. Thoiribh tuille aire dor barran gorm, agus meudaichibhur buannachdan le luach mheudaichteur cruidh. Thoiribh thairis cleachdadh smugailgidh leur n-eorna fein agus gheibhur n-eorna gu luath ceannaiche, ge be

[262]
[263]

uair a gheibh e gur fhiach e a shaothar a thighinnn- ’ur measg. Gabhaidh mise mi-fein na h-uile grainne a dhfhasas dhuibh, cuiridh mi e gus an fheill, agus bheir mi cunntadh dhuidh as gach tastan a ni e. Ach eadhon ged nach biodh feill ann, tha mi treibh-dhireach acreidsinn, nan robh an ti-omlan de na tha-ar an trathsa acaitheamh ann an deanamh uisge-beath dheth, air a chaitheamh na mhin annur teaghlaichean, gum biodh sibh n- ’ur luchd buannachd; oir chaneil aon bhliadhna a nis adol a seachad gun sibh a bhi an comanbhi aceannach moran mine agus chum aceannachthaur n-uisge-beath air a chuir don Eilean Sgiathanach agus feilltean eile.

A nis tha mi acuir an ceill nan robh an t-eorna air a bhleith a chum min, no nan robh an deigh bhuntata coirc Hopeton air fhas an ait eorna, bhiodh agaibh gu leoir de ghrainn airsonur caitheimh fein gun a bhi an uidheam unnsa de mhin choirc a cheannach bho dhuthchan eile. Gu dearbh dhfhaodadh Gearloch a bhi na duthaich a reiceadhmach coslach ri Inbhirnis, a thug mu 20 bliadhnaroimh so a steach 20,000 bolla minesa bhliadhna bho a coimhearsnachd fein. Agus chaneil mise afaicinn reuson airson nach faodadh luchdan de choirc a bhi air an cuir as so gu feilltean Ghlasgo agus Libherpool, mas es gun atharraich sibh an doigh a thagaibh agus dichioll a dheanamh, smuainichibh air an uin a tha air a caitheamh ann am bleith n’ -ur braich le bradh, an t-saothar a chaillear ann am bogadh, ann an tarruingsann an giulanur n-uisge beatha. An caitheamh air brigh leur doigh chabhaigeachus neo-iomlan air brachadhus oibre eile. Cuiribh ris so an cunnart calla a bheir sibh oirbh fein ler glacadh, agus chan urrainn amharus a bhi nach mi-bhuannachdail a mhalairt e, ged nach luaidhear a dhroch toraidhean mhi-mhodhail idir.

Eadhon ged nach faodadh uiread de dhairgiod a bhi air a bhuannachd leis an fhear-malairt onorach, gidheadh bithidh na gheibh e air fhaighinn gu h-onorach, gun bhioradh cogais as fheudar a bhi air fhaireachduinn le gach duine onorach; cha toir e leis am mi-shealbh sin a leanas maoin air fhaighinn gu docharach. Ach cuiribh smugailgeadh as an tir, agus ni an caochladh ath-nuadhachadh annur cor, bithidh sibh airur n-ardachadh ceum nis airde ann an inbhe na siobhaltachd, agus air do oibir an ath-leasachaidh a bhi aon uair air toiseachadh cleachdaidh sibh dhibh fein gach uile dhichioll gu spionadh a mach a leithid de phlaigh gu brath bho an duthaich air am bheil agaibh cho mor de mheas

[264]
[265]

A nis tha migearbsa nach buin sibh gu suarrach ris na thuirt mi air a cheann-teagaisg so. Dhfhaodar leabhraichean a sgribheadh gu dearbhadh eifeachdan millidh-air-deagh-bheusan na malairt mhi-laghail so, ach chan urrainn mishaoilsinn gum bheil sibh fathast ag iarraidh argumaidean gu a dhearbhadh oirbh, agus cabhaigicheam gu mo phonc a chodhuineadh; eadhon an tur fheum atha air aire mhaith roimh dhol an sas ann an cumhnant cho chuideamach agus cho chunntachsa tha cumhnant staid phosda. Than t-abstol Paul a radh 1 Cor. vii. 3, 8,— “Esan a tha toirt ann am posadh tha e adeanamh gu maith, ach tha esan nacheil atoirt ann am posadh adeanamh nis fearr;” agus a rithist, Eabh. xiii. 4, tha sinn a leughadh, “Gum bheil am posadh urramach anns na h-uile.” Mar sinnuair nacheil coire sam bith air a chuir as leth a phosaidh leis a cheud cheann teagaisg, agus gum bheil e air a chuir an ceill urramach anns an dara ceann, ’se sin theagamh an reuson airson am bheil cho liughacabhaigchadh gu bhi aonaichte airson beath gun bhi toirt fainear gu dligheach nan cinn theagaisg ud, agus a dhfheuchainn mur eil iad agniomhaireachadh chum an eas-urram fein. Oir ann an cuir an ceill a phosaidh urramach, tha e cinnteach nach do bheachdaich an t-abstol air cuthach agus amaideas a bhi atarruing co-strigh, broin, tinneas, agus cruaidh-chas oirnn fein agus air n-ar sliochd le a leithid de cheum. An ceart aghaidh sin tha gach earrainn den t-soisgeul a tha so-fhreagarrach ris a cheann so asaoilsinn staid a phosaidh a bhi na staid ghlaine, na staid ghraidh, na staid shonais mheudaichte ann an uile dhaimhean na beatha. Agus tha mi afeorachd ribhse, an iad an leithide sud a tha mar thoradh air lorg an di-curam leis am bheil sibh cho minig, cho og, a dol an coinneamhur cinn anns a chumhnant as solaimnte de chumhnantan air thalamh. An urrra sibh a thionail bhor Biobul gum bheil am posaidh urramach a dheasbhuidh a ghaoil sin a tha na chomharradh air fior Chriosdaidh? Agus nacheil an sean fhocal saoghalta sin fior, “ ’Nuair a thig bochdainn a steach air an doras theid gaol a mach air an uinneag?” Cionnus a reisd as urrainn sibh sealtuinn airson gaol anns an staid phosda, mur dean sibh sibh-fein fiughail air le sughaireachd, toinisg, ’us deagh ghiulan? Tha e na dhearbhachd air amaideas dhaoine, gum bheil a chuid as liugha de dhaoine og asmuaineachadh gum bheil iad-fein sean agus glic gu leoir gu posadh agus gu riaghladh teaghlaich museil iad comasach gu riaghailteachadh an tograidhean cheann-laidir fein; agus tha e bronach gnm bheil cho liugha asaoilsinn a phosaidh a bhi na thaiteanas, agus aruidh an comhar an cinn do na cheangal as cuideamaiche de na h-uile cheangail, gun ullachadh a dheanamh airson coimhlionadh

[266]
[267]

deasnas na staide sin. Cia cumanta a ta ebhi faicinn dithis aposadh agus atoirt bithean a chum an t-saoghail aig am bheil an teachd-an-tir bho dhearbh, thoiseachadh an aonachd an crochadh gu h-iomlan air culaidh-chobhair a dhfhoadas droch shlaint agus mile tubaist a dheanamh neo-fheumail dhoibh. Faodaidh an leithide sin de mhuinntir an neo-churam a chuir fo fhasgadh a ghabhail orrabhig earbsa ri Freasdal, agus gum bu fada uam-sa a bhi mi-mhisneachadh a leithid sin de mhuinntir; ach an e earbsa air Freasdal a thug dhuinn reuson airson riaghailteachadh n-ar giulan, a bhi adearmad comhairl an reusoin sin, a bhi atoirt dulan do riaghailtean cumanta na toinisg, agus a reisd agairm air Dia gu oibreachadh miorbhuil air n-ar son, agus n-ar duaiseachadh airson ar n-amaideas? An e fior earbsa air Freasdal a dhol cho iosal ri bithean mhi-reusonach, agus ar sliochd a thilgeadh air an t-saoghal le cho beag smuain mu dheighne a shonais an deigh sin, ’sa tha an ostrich a feuchainnnuair a leigeas i a h-ubhsa ghainmheach, agus fhagail gu bhi air a ghuir leis a ghrians na gaoitean? ’Sann a tha a leithid sin do mhi-fhreasdal na thoradh a mhain air truaillidheachd ar buadhan as airde. agus afeuchainn dealbh a dhfheumas a thoirt air duine truacantabhiguil. Oir tha mi ga mheas a bhi soilleir nacheil aig duine coir air bithean dhaonna a thoirt a dhionnsuidh an t-saoghail, nacheil comasach gu ullachadh airson an cumail suas agus am foghlum, agus esan a thig gu bhi na athar gun ni air bith na bheachd gu chlann a chumail bho thruaighean uireasbhuidh agus iarraidh dheirc, tha a ciontach a coire a tha gle bheag nis ilse na a leanabh fhagail ruisgte air na sraidean.

Ann am Babharia, a tha na duthaich air dheagh riaghailteachadh agus shona, le ach beag bhochdainn, chan fhaod duine posadh gus an dearbh se e fein ann an seilbh air tomhas araidh de mhaoin, agus tha an lagh suidhichte air an steigh cheartais so, —gum bheil a chomuinn ag agairt urras bho na pairtidhean nach bi an slioohd nan eallach di oir lorg an aonachd-san. Theagamh gum bu choir dhuinn a leithid de lagh a shuidheachadhn ar measg fein, agus gidheadh bfhearr leam a sheachnadh lagh a thoirt air a leithid. Cha dheonaichinn aicheadh don fheadhainn as bochda na taitneasan ud a thag eirigh bho chleachdadh ar mothaichidhean as fearr agus as

[268]
[269]

cuideachdaile; ach gu cinnteach tha mig iarraidh air gach aon a thograidhean ainmhidheil a chuir fo smachd reusoin, agus gun a shonas fein agus sonas mhuinntir eile a mhilleadh, le e fein a leagadh cho iosal ris na bruidean, agus le mi-speis do dheachdaidhean comhnard na toinisg. Dhfheoraichinn ribhse a tha deigheil gu dol a steach do na staid phosda, am bheil fhios agaibh air na h-eallaich a bheir i oirbh? Agus am bheil beachd reusonach agaibh gum bi sibh comasach gun coinneachadh? Oir mureil tha sibh ag ullachadh beath thruagh agus uireasbhuidheach air n- ’ur son fein agusur sliochd. Tha sibh adeanamh dochar dour nabuidhean le tilgeadh orra eallach cumail a suas an fheadhainn bu choir duibh-fein a chumail suas. Tha sibh a toirt luchd-oibir a chum an t-saoghail a tha a cheana fo chus stoc dhiubh. Tha sibh a toirt oibirus biadh bhon fheadhainn aig nacheil mar-tha gu leoir; agus tha mi afeorachd ribh mar bhithean diadhaidh, am bheil a leithid sin de ghiulan a reirur dleasnais dhoibhsan mun cuairt duibh? Am bheil e acordadh ri bhi adeanamh mar bu mhaith leibhbhi air a dheanamh dhuibh? Tha mian dochas n’ -ur faicinn asmuaineachadh nis glice air an ni chuideamach so. Tha mig earbsa gum bi sibh air n- ’ur seoladh le reuson annur gabhailean os laimh, agus gun creid sibhgum biur gniomhairean nis taitniche dor Cruthaidhear thoirbheartachnuair a sheachaineas sibh gach ni as urrainn aomadh gu meudachadh peacadh agus truaighe shaoghalta a chinnidh dhaoine mum bheil againn reason gu chreidsinn gum bheil ar n-Athair neamhaidh adeanamh gairdeachas nan sonas eadhon ann ar staid air tuiteam. Mo chairdean the minis acodhuineadh. Tha eagal orm gum faod e bhi gun do shaltar mi anns an earrainn dheiridh dhen oibir so air grunn nach buin do mo cheud run. Dhfhaodadh gun doidhirpich mi air cus do phuincean, agus gun a bhi mean a leoir air aon air bith dhiubh, ach be mo bheachd-chusbair bhon toiseach labhairt ribh gu dachaidheil saorsail air caochladh nithe, a tha cocheangailt rir suidheachadh, air an do mheas mi mi fein a bhi le foghlum, aire, agus fein-fhios-rachadh, comasach gu toirt dhuibh nis mo a dhionnsachadh na a bha agaibh fein cothrom air ruigsinn air fhaighinn a roimh so. Tha mi afaicinn iomadh dhibh an trathsa chomhnuidh ann am bothanan salach a tha araon a thaobh taisbeanadh an leth-muigh agus goireas an leth-stigh nis suarraiche na ni air bith as aithne dhomhsan Roinn-Eorpa. ’Ur teine air a thogail air an urlar acuir cheo dheth a tha adol tre gach earrain den ionad-chomhnuidhacuir mi-dhreach air agus asalachadh araonur n-aodaichs ur n-airneis, agus

[270]
[271]

an deigh an fheadhainn a thastigh a leth thachdadh, a teicheadh gu cumanta a mach air an dorass air na h-uinneagan a roghainn air a dhol a mach air an toll a tha air fhagail anns a mhulach ann an riochd iosal air simleir. ’Sann a thaur n-uinneagan freagarrach a mhain gu leigeil a steach an fhuachd, air neo gu cumail a mach an t-sholuis; oir an uair a tha na buird-dhuinidh fhiodha fosgailte chaneil iad ach nan simleirean cliathaich airson ceo, agus ma dhuinear iad, tha sibh ann an dorchadas aig meadhon-la. Tha mi doilich le fios a bhi agam gum bheilur lon na leithidsa dhiultar ann an duthchan eile le muinntir nacheil os-cinnur suidheachaidh fein. Tha mi faicinn easbhuidh sgiobaltachd annur n-eididh, easbhuidh toigh air eadhon na h-aodaichean garbh a thagaibh. Mun cuairt dour n-ionad-comhnuidh chaneil lios feumail no fliur thaitneach don t-suil. Chaneil craoibhean ann atairgsean aon uair sgailus fasgadh. Tha na h-uile lom, —na h-uile na fhasaich, —na h-uile asealltuinn mar nach drobh sibh ach n- ’ur malanaich airson la, mar gum biodh duil agaibh ri namhaid borb a chuir bacadh air na h-uile churamus aire do na sheilbhich sibh. ’Ur fearuinn a dheasbhuidh chane mhain garaidhean ach drainichean, agus a dheasbhuidh na h-uile a ta feumail do dheagh thuathanas, an fheadh a taur spreidh fein ag innseadh gum bheil athleasachadh iomlan air nur doigh araich tur fheumail. Tha mi ro thric afaicinnur clann acaitheamh an uine sin ann an diomhanas, mureil ann an eucoir, bu choir a bhi air a thoirt do sgoil agus do leasachadh an inntinn. Tha mig aideachadh gum bheil sibhse, mo luchd duthcha an irebhi anns gach ni (ach tha migearbs faireachduinn cheart dhiadhaidh) air dheireadh air luchd-aitich nan duthchan ud eile as eol domh agus tha mig iarraidh atharrachadh airson nis fearr. Dheanainn gairdeachas ri faicinn sibh ag aiteach tighean suilbhir air an nigheadh geal le aol, anns am biodh aig a chuid as lugha tri seomraichean no rumaichean, leis an leth-stigh atoirt barrachd ann an glainead air taisbeanadh an leth-muigh, ri faicinn craobhan a ghealladh araon sgail agus fasgadh, ri faotainn an t-suil air a toileachadh le briaghachdan agus soghalachdan liois mu thimchiollur n-aite-comhnuidh. Bu thaitneach leam fios fhaighinn gun robh nur biadh nis beathachaile cho maith ri nis blasda na sin a thagaibh an traths’, —fios fhaighinn nach dfhairich sibh toraidh an fhuachd bho easbhuidh aodaich chofhurtach, agus a bhi faicinn an aodaich Shabaid aleigeadh ris sgiobaltachdus eireachdas a chomharraicheadhur n-urram airson an la naomh fois, agus dheanainn gairdeachas ri faicinn gun drainigear air criochan an uile fhoghluim le

[272]
[273]

fianuischadh dichioll, umhailteas agus fas dheagh-bheusainur sliochd. Ann an aithghearr bu mhaith leam fhaicinn aig a chuid as lugha na seolaidhean a tha mi a nis a tairgse dhuibh air an cuiran cleachdadh, agus chaneil mi afaicinn reuson airson nach faod tiom agus mairsinn an t-atharrachadh a tha mi cho dian ag iarraidh a choilionadh.

Suidhichidh gach uachdaran toinisgsach fearuinn fhearuinn air a leithid de chumhaicheans nach leig leibh call le leasaichidhean a ni sibh airOighreachd-san; oir a bhi beo agus leigeadh a bhi beo, ’sen raighailt ghiulan bu choir a bhi anns gach broilleach dheagh riaghailtichte, agus chaneil amlaidhean nadurach air bith ri buaidh fhaighinn orra aon chuid annur suidheachadh, ’ur grunn, nour staid aimsire gu toirmeasg a leithid de leasachadh.

Ann an comharrachadhmach dhuibh meadhonan an leasaichidh, chaneil mi ach acoilionadh dleasnas dhomh-fein cho maith as dhuibh-se; oir tha mi ameas mi-fein a bhian seilbh air na thagam a mhain ann an earbsaagus a chum gum burrainn domh na ruintean ud airson an robh mi air mo dheanamh namstiubhart anns an fhion-lios so a choilionadh le cuir air aghairt slaint agus sonas nan uile mun cuairt domh.

Nacheil mi afaicinn an t-sail a thanam shuil fein an fheadh a ta mi acomharrachadh ris an smuirnean a tha ann ur suil-sa, is failligeadh e a tha cumanta do dhaonnachd, agus tha eagal orm nacheil mise saor bho sin. Tha sibhse afaicinn iomadh de mo mhi-fhoirfeachdan-sa dom bheil mi fein air mo dhalladh, agus bithidh dearmaidean, anabarr, agus iomadh coirean eile air am breithneachadh, eadhon anus an leabhar so nach h-urrainn dhomhsa fein fhaighinn a mach Ach tha mig earbsagun toirear do mo dheagh ruintean creideas, agus gun creid sibh minuair a tha mi atoirt cinnteachas dhuibh gur ann leis na h iarrtuisean as treibh-dhirich airson ur sonas a sgribh mi an obair bheag so, agus anns an am so guidheam gu caoimhneil agus gu teo-chridheach, slan leibh.

A CHRIOCH.

title2
internal date1838.0
display date1838
publication date1838
level
reference template

Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... %p

parent textFoghlum, Modhalachdan, &c.
<< please select a word
<< please select a page