[7]

A’ CREIC AN ÈISG

(6) An adag gun spot

Bha mise aon chuairt an Inbhir Pheofharain creic iasg. Agus dar bha mi creic iasg, thàinig an sa ag iarraidh iasg is cha bàbhaist di thighinn thugamsa. Bàbhaist di dhol gus na Crombaich. Is thuirt i rium,

Thoir domhse aon mhòr, bhrèagha. Chan eil diofar agam phàigheas mi air a shon.’ – A bheil thu cluinntinn?

Is thug mi sin di is thuirt i rium,

Chan e adagan thug thu domh. Chan e adag thug thu domh. Chan eil spotachan air.’

Ò, Thighearna,’ I said, ‘cha robh tìm aca spot a chur air h-uile one.’

(7) Na muirceanan

Bha mi creic iasg ann an Inbhir Pheofharain agus thàinig an duine-uasal sa thugam is chunnaic e muirceananagus dar bha an craicinn diubh bha iad mar salmon. (Is bha iad fasta ris na creagan; bha boineid orra.) Agus a-nis, dar a chunnaic e an fheadhainn sa anna mo sgùil-sa thuirt e rium,

‘What’s that?’

‘Rock turbot.’

Anns an t-seann tìm bha an t-iasg anns agheamhradh uamhaidh duilich fhaighinn. Cha robh sgoth dol a-mach leis an droch aimsirgaoth is uisge is gaoth is uisge uile annagus bha na càrnairean a-muigh. Chaidh mi sìos gu ceann an t-sràid agus fhuair mi poc muirceanan. Bha bicycle agam agus chaidh mi gu Baile an Todhair is fhuair mi poc eile sin is rinn mi filletigeadh iad agus chaidh mi gus an t-Srath leotha.

Dar ruig mise, thuirt e,

tha thu ag iarraidh airson iad? Dhith mise na ceithir is, Ò, bha iad beautiful.’

Agus thuirt e rium,

An dèan sin fòghnaidh dut?’


[8]

Thug e còig notachan domh is cha do phàigh mi nichein airson na muirceananagus còig notachan a dhèanamh às! Agus innsidh mi sin dutsa, bha mi ann am flathanas leis na còig notachan.

titleA’ Creic an Èisg
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textI. Na Bana-mharaichean
<< please select a word
<< please select a page