A’ DOL AIR ASTAR
(8) Àird mo cheann!
Bha bean dol leis an t-iasg gus an trèan. Mìle mort! Chaill i an trèan. Bha i ceangal a bòt agus chaill i am fear bha dol thoirt gus an trèan i agus chaill i an trèan leis an t-iasg. Agus thuirt i dar thàinig i dachaigh, thuirt i ris an duine eile—
Arsa eise,
‘Ciamar chaidh thu dochair mar sin?’
‘Ò, pian mo cheann when I di’na got Davey! Àird mo cheann when I di’na got Davey. ’ (Sin am fear bha toirt gus an stèisean i.)
(9) A’ bhean a chaidh dochair
Anns an t-seann tìm bha Thomas Ailidh – bha wagonette aige is cha deach mi riamh anns a’ wagonette nach biodh rudeigin air reubadh ann. Bha a’ wagonette air a charadh [a’ gluasad] h-uile là, làn pacaidean. Agus siud bha e dol an-àirde leis na boireannaich gus an stèisean leis an t-iasg, sia sgùileachan is sia boireannaich, agus an là sa bha Jessag bheag còmhla ruinn. Agus dar ruig sinn na crossroads, ’s ann a dh’fhosgail a’ bhòt aig Jessag agus thòisich ise air ceangal a’ bhòt. Agus thàinig fras sneachd is cha robh fhios aice bho Dhia càite an d’ robh i. Siud a rinn i: dh’fhalbh i suas. An àite thighinn an-àirde an rathad gus an stèisean, ’s ann a chaidh i suas rathad Baile a’ Bhealaidh. Choinnich i duine bha dol a dh’obair sa mhadainn is thuirt e rithe,
‘Jhessag, càite a bheil thu dol mar seo?’
‘À,’ arsa ise, ‘nach deach mi dochair. An àite dhol gus an stèisean airson an trèan, ’s ann a chaidh mi dochair suas seo is
‘Ò, nach uamhaidh siud, gun d’ rinn thu sin anns a’ mhadainn – nam biodh tu nas glic na sin.’
‘Àch, na bi bruidhinn air glic! Tha mi cho colach [coltach] ri mo bhràthair. Thuit e anns a’ mhuir: plub, plub! Chaidh e plub, plub anns a’ mhuir.’
(10) An dròbhair
Chaidh sinn gus am fèill ann am Bonar agus bha hundredweight pollaich ann is chreic sinn uile na pollaich [chreic sinn na pollaich uile] ach aon pollach. Nis, dh’fhimireadh sinn bhith dachaigh air an trèan, dh’fhimireadh sinn bhith air ais aig Bonar airson an trèan leth-uair an deaghaidh uair. Bha sinn ruith à na ciall [às ar ciall] airson an trèan. Dar ruig sinn an trèan, leum sinn steach àite sam bith agus dè bha sin ach dròbhair mòr. Chan eil cuimhne agam ceart dè chreic e ach chreic e gu leòr – cheannaich e gu leòr: fiach naoi ceud do bheathaichean.
Agus thuirt e riumsa – bha sinn creic an t-iasg,
‘A bheil pollach agad domh?’
‘Tha.’
Dar fhuair mise a-mach aig a’ Mhanachainn, bheir mi air a’ phollach air an t-seaman – bha e aig an doras ach am faiceadh e am faigheadh e am pollach. Thug e deich tastan duinn airson am pollach. Fhuair e am pollach an’ aghaidh [na aghaidh] agus bheul! Bha e na làimh aige mach gun Uig. Nam faigheadh e sinn! Ò, Dia gabh truas riut! Nam faigheadh e grèim orainn!
(11) A’ filletigeadh air an trèan
(i)
Anns an t-seann tìm bha iad dol a-mach leis an t-iasg agus bha iad a-mach leis an t-iasg agus bha am boireannach sa, bha i gu math aig filletigeadh an t-iasg ach cha b’ urrainn don tè eile nì
(ii)
An stationmaster bha aig Inbhir Pheofharain, bha a phiuthar-chèile glè bhochd is thàinig an stationmaster a-mach thugamsa mur tàinig mi dachaigh is thuirt e,
‘An toir thu trì filletan gu mo phiuthar-chèile?
‘Ò uill,’ arsa mise, ‘ma tha an t-iasg a-steach anns a’ mhadainn, nì mi iad.’
Ò, Thighearna, bha an tìm agamsa dhol air falbh air an trèan dar bha na sgothan tighinn steach, ach fhuair mi iad. Thàinig aon do na maraichean leotha ann am pàipear domh. Nis, aig an stèisean cha robh tìm agam a dhèanamh.
Thug mi sgian còmhla rium, am fillet-sgian a tha agam. Nis, chuir mi pàipear an sin, tòrr pàipearan air an seat aig an trèan agus filletig mi trì cuidhteagan, a bheil thu faicinn?
Aig Foulis – bha ise [Leugh an tè sa, .i. tè eile] na tidsear aig Foulis – i mise gun d’ robh mi [dèanamh] an t-iasg anns an carriage – nach bu chòir domh dhèanamh, a bheil thu tuigeil? Dar ruig mise Inbhir Pheofharain, thàinig an stationmaster a-mach thugam.
Arsa eise riumsa,
‘Tha report agad an seo, Mrs MacAngus. Bha thu filletigeadh air an trèan?’
‘Bha,’ thuirt mi, ‘bha mi filletigeadh air an trèan. Ach ’s ann a bha mi filletigeadh trì cuidhteagan do do phiuthar-chèile. Dh’òrdaich thu iad.’
‘Thighearna,’ thuirt e, ‘an e sin na tha ann?’
‘ ’S e,’ thuirt mise. ‘Dè nì sinn?’
‘ ’S e Dia rinn,’ thuirt e, ‘gur e Inbhir Pheofharain a rinn e. Nan cuireadh i Inbhir Nis thugad, bheireadh iad an-àirde gu Inbhir Nis thu.’
Thuirt mi ri Bella Johndan – bha i steach còmhla rium, anns a’ charriage,
‘Faodaidh,’ arsa mise, ‘fichead bliadhna mur fhaigh mise i ach gheobh mi i!’
Thuirt i,
‘Thighearna nan Gràst! Geall nota gum bi thu h-uile là thèid thu mach anns an aon charriage rithe.’
Ò, cho fìor is tha i cantainn e, bha mi dol san aon charriage còmhla rithe. Agus chaidh am bliadhna seachad agus air a’ bhliadhna sa cha d’ fhuair mi grèim oirre.
Cò thàinig steach aig Inbhir Gòrdain ach proifeasair bha dèanadaich airson vegetables is rudan – a bheil thu faicinn? – dom fleet agus thuirt e,
‘Och, Thighearna,’ thuirt e, ‘cha robh cuimhne agam an ticead agam thoirt don collector.’
‘Hàch, coimhead riumsa!’ arsa ise. ‘Tha trì mìosachan bhail nach do thog mise ticead, trì mìosachan nach do phàigh mi ticead. Tha fhios aca gu bheil an ticead agam ach chan eil iad dol ag iarraidh an ticead ach am biodh an cairteal ann.’
Thug mi mo shùil rithe [.i. ri Bella Johndan] .
‘Ò, Dhia!’ thuirt i. ‘Tha i deis!’
Nis, dar bha mi tighinn air ais air an trèan dar thàinig mise aig a’ Mhanachainn a-mach, thuirt mi ris am bus bha feitheamh ruinn a thoirt [sinn] a-bhàn am Baile an Todhair is Seannduaig,
‘Tha mise dol steach,’ thuirt mise, ‘dà mhionad is cha bhi mise steach gum bi [Leugh mum bi] mi muigh a-rithist. Tha mi dol steach gus an stèisean reportigeadh i.’
Report mi i. Fhuair mi grèim oirre. An t-seachdain aig sin, cha deach sinn steach idir còmhla rithe bhail bha grèim agam
‘Ò, bhiodh agamsa ri phàigheadh gu leòr airson bhith anns a’ charriage an d’ robh sluagh bhith filletigeadh ann.
Bha sinn, nis, anns a’ charriage [còmhla rithe] :
‘Cinnteach fo Dhia,’ thuirt Bella Johndan, ‘gum faigh mi saorsainn nis.’
(12) Yard mòr Bhaile an Todhair
Ò, dar a bha mi òg, stàn an seo am Baile an Todhair bha yard mòr ciùraigeadh sgadan agus tha mi creidsinn gun d’ robh trì fichead no trì fichead is a deich do boireannaich an sin, gutigeadh sgadan is pacaigeadh iad ann am baraillean. Is bha cooper an sin, agus dà m[h]ac da, dèanamh na baraillean is na boireannaich gutaigeadh sgadan is ciùraigeadh iad le salainn. Och, bha iad kipperigeadh is bha h-uile nì bhuineadh don iasgach air dhol air adhairt an sin, culaidhean-sgadan mòr, strainnsearan tighinn an seo is creic, faighinn sale air an sgadan aca. Agus, às deaghaidh sin, thòisich an sgadan air bàsachadh air falbh and bàsachadh air falbh gu, fo dheireadh; thàinig e gu nothing, gu nought. Am building mòr a bha seo an d’ robh iad ciùraigeadh, thug iad dismantled gus an talamh mu dheireadh [e] ; is thug iad na clachan brèagha an-àirde gu Sutherlandshire agus bhuildig iad post office ann an Lairg leis na clachan a bha anns a’ yard sgadan a bha seo.
Strainnsearan a bha an sin, feadhainn dhiubh a bha air an rathad, trampachan, bha iad beò anns a’ yard an sin, lodh hawkeran agus bha iad dèanamh batchachan do saimeant, is cur bogsa an deaghaidh bogsa a bha aca, is lìonadh bogsa do saimeant. Is lìonadh iad am bogsa mòr sin, fagail an saimeant gus an fhàsadh an saimeant cruaidh. Chuireadh iad a-nis bogsa mach, bogsa mòr falaimh – saoraichean dèanamh na bogsan – is lìonadh iad an sin làn saimeant gus am biodh e làn. Is chuireadh iad bogsa eile mar sin, dol air adhairt mar sin gus an d’ rinn iad am pier, mar tha thu faicinn mar sin e. Tha cuimhne [agam] air sin glè mhath: bha mise dol ’n an sgoil aig an àm. (AC)
Isbeil Anna ann an Stèisean Inbhir Pheofharain ann an 1954 air an lath mu dheireadh a bha i a’ siubhal a reic an èisg.
Port Bhaile an Todhair an dèidh leagail a’ yard chiùraigidh anns na 1930an.
title | A’ Dol air Astar |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | I. Na Bana-mharaichean |