A’ DOL AIR FALBH BHON DÙTHAICH
(13) Am boireannach anns an t-ìm
Tha mi creideil gu bheil dusan bliadhnachan bho bha sinn dol gu Stronsay gus an sgadan. Agus bha sinn dol a dh’fhaighinn an steamer bho Bun Ilidh, agus – Ò, Thighearna! – dar chaidh sinn gu Bun Ilidh, bha na muirean cho mòr ris an taigh tha seo. Bha feagal na beatha [ar beatha] ged a bha sinn a’ dol – d’ fhimireadh sinn a dhol air an steamer.
Ach dh’fhalbh sinn. Siud, dar bha sinn leatha mach air a’ mhuir, dh’fhàs h-uile boireannach bha air bòrd an steamer, dh’fhàs iad uile gu tinn. Agus bha an tè sa uamhaidh gu tinn agus thuirt an sgiobair rithe,
‘Isbeil, siùbhlaibh an-àirde [gus an ceaban agam] ach am faic thu am bi thu rudeigin nas fheàrr!’
Siud a d’ fhalbh ise.
Nis, bha, nis, nàbaidh air mo chliathaich is bha ise cho beag agus bha i anns an leabaidh a bha fodham. Agus siud dh’fhàs ise gu tinn is thuirt i riumsa,
‘Siubhail a-null, chriomag! Beir mi còmhla riut, bhail tha mise uamhaidh gu tinn is chan urrainn domh fuireachd an seo.’
‘All right, ’thuirt mi rithe. ‘Feuch an tig thu an-àirde!’
Dè bha bhàn aig cas an leabaidh ach cùdainn beag le ìm agus leum i air sin airson dhol an-àirde còmhla riumsa – bhail bha i cho beag. Thì! Thighearna, ’s ann a chaidh i fasta – chaidh a’ bhròg aice bhàn anns an t-ìm is cha b’ urrainn di thighinn às. Is thàinig aon do na daoinibh an-àirde,
‘Thì! Thighearna, dè tha thu dèanamh sin?’
Ò, dh’fhalbh e; thug e an èigheamh air a’ chrew uile,
‘Ma tha Dia umaibh, trobhaibh uile! ’S ann tha boireannach fasta anns am pigean, anns an t-ìm agaibh. An t-ìm tha sibh dol dh’ithe, tha i ann!’
title | Dol air Falbh bhon Dùthaich |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | I. Na Bana-mharaichean |