X
GNÀTHASAN-CAINNT
AM FREASTAL
(59)
Eadar put is robh gheobh mise seachad e. (IAx)
.i. Le bhith a’ putadh is a’ roiligeadh an aghaidh nì air choreigin ris a bheilear a’ strì, soirbhichidh le duine a dhèanamh.
Eadar put is robh tha thu glè mhath.
Thug Isbeil Anna an abairt seo dhomh mar mhìneachadh air a’ chiad tè. Tha e follaiseach gur ann air gnàthas-cainnt sa Bheurla Ghallda a chaidh na dhà a stèidheachadh, faic Warrack 1988, 433‘putt and row, n. “great exertion”’ .
Coim. BG Atween putt and row I’m no’ ill ava (SND, 290, eisimpleir à Siorrachd Chille Chuibeirt); GÈ Ni seibhte air bith do bheith folamh (Quiggin 1906, 195).
(60)
’S searbh an bhreacan (recte am brochan) tha mo nighean ag ithe. (ABh)
’S e seo a thuirt pàrant mun phòsadh mì-fhortanach a bha air a dhèanamh aig nighean dha. Tha e follaiseach nach e breacan ach brochan a bu chòir a bhith san abairt.
AN DÀN
(61)
Tha do eallach agad! (IAx)
‘Tha do thrioblaid fhèin ort!’
(62)
H-uile fear a chor fhèin.
.i. Tha a thrioblaid fhèin aig a h-uile neach! Theirear seo gus duine a tha a’ fulang air dòigh air choreigin a bhrosnachadh.
(63)
Aran corc or aran( ? )gheamhraidh.
.i. gabh sin air neo na gabh càil – Hobson ’s choicesa Bheurla.
Gàidhlig is Beurla air an cur troimh-a- chèile an seo.
DÀIMH
(64)
Tha iad ag ithe às an aon truinnsear.
FIALAIDHEACHD IS SPÌOCAIREACHD
(65)
Cha tug e salainn gun a’ chat. (ÙR)
Coim. Cha dug thu salainn do’n a’ chat (Dorian 1974, àir 125).
(66)
Cha toireadh e smugaid do neach sam bith. (ABh)
BEARTAS IS INBHE
(67)
Tha cus coin gun choileirean a’ feitheamh air sin. (ÙR)
Coim. Tha cus coin gun choileirean ann (Dorian 1974, 126).
AN AIMSIR AGUS RÀITHEAN NA BLIADHNA
(68)
Bheir a’ ghaoth seo biadh agus teine gu na Camaisich. (ÙR, ABh)
Tha seo a’ cur an cèill gu bheil a’ ghaoth a’ sèideadh bhon àird a tha fàbharach do dh’iasgairean Bhaile a’ Chnuic. ’S ann air a’ chamas a tha ann am Baile a’ Chnuic a tha seo a’ toirt iomraidh. Dh’fhaodadh e bhith, ge-tà, gur e Canghaisich, .i. Clann MhicAonghais, agus nach e Camaisich, a bha sa ghnàthas-cainnt an toiseach.
Coim. GÈ Gaoth ò dheas, teas a’s toradh; Gaoth ò n-iar, iasg a’s boinne;/ Gaoth ò thuaith, fuacht a’s feannadh;/ Gaoth ò n-ear, meas air chrannaibh (Hughes 1999, àir. 469); Gaoth Deas, teas ’us Torradh;/ Gaoth Niar, iasg ’us bainne;/ Gaoth Tuath, fuachd ’us gaillionn;/ Gaoth Near, meas air chrannaibh (Ó Máille 1948, àir. 111).
(69)
Bidh am fitheach a’ cur a-mach a theangaidh an-diugh. (ÙR)
Coim. Am fitheach a’ cur a mach a theanga leis an teas (Nicholson 1951, 24). ’S aithne do mhuinntir Thìr Chonaill an Èirinn an dearbh sheanfhacal, mar a mheasar bho: … agus mé ag amharc ar scaoth préachán … Dá mbeinn i ndeas dóibh, d’fhéadfaí go bhfeicfinn a dteanga amuigh acu leis an teas (Ó Baoill 1992, 68) ‘ … ’s mi a’ coimhead ri ealta fheannagan … Nam bithinn dlùth riutha, dh’fhaodadh e bhith gum faicinn an teangan air an cur a-mach air sàilleabh an teas.’
(70)
Oidhche na trì suipearan. (ÙRx)
Tha seo a’ toirt iomraidh air meadhan a’ gheamhraidh, an t-àm dhen bhliadhna nuair as fhaide na h-oidhcheannan.
Coim. Oidhche nan seachd suipearan (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 22; MacLeod 2005, 95).
CREIDEAMH
(71)
’S e Dia rinn sin dut!
.i. Nach tu tha sealbhach!
(72)
Bu tu mo ghlug, cha b’ e guth a’ mhinistear! (ÙR)
Rud a bha ri ràdh aig duine àraid agus e ri òl aig an taigh san àm a bu chòir dha a bhith san eaglais ag èisteachd ri searmon a’ mhinisteir.
(73)
Chuir e sgleò an fhir-mhillidh air. (ÙR)
.i. Chaidh a mhealladh leis an Diabhal.
(74)
Dhàibhidh, Dhàibhidh, tha an là a’ tighinn nach bi iad ag iarraidh thu! (IAx)
’S e èildear ionadail (bràthair ùghdar ‘An Linnet Mhòr’, d. 185) a thuirt a thaobh nan Salm gun tigeadh linn anns nach biodh iad air am meas tuilleadh.
(75)
Ièsu air a cheusadh: do na Iùdhaich ceap-tuirslich, do na Greugaic amaideas. (ÙR)
Coim. 1 Cor 1, 23 ‘Ach tha sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, na cheap-thuislidh do na h-Iùdhaich, agus do na Greugaich, na amaideachd.’
(76)
Cha do chuir e an t-urram an t-Sàbaid (1) air fhèin. (ÙR)
Tha urram a’ ciallachadh gu bheil duine air a dheagh sgeadachadh airson Là na Sàbaid.
(77)
Ministear nan cearc. (IAx)
’S e seo a thuirt cuideigin mu èildear a chaidh ministear a ràdh ris air mhearachd.
Coim. Ministeir maide (Nicholson 1951, 316).
(78)
An Diabhal bochd, tha h-uile neach na aghaidh ach mi fhìn.
’S e duine eirmseach às na bailtean a thuirt seo an toiseach, a rèir cuimhne nan daoine.
ABAIRTEAN A’ DÈANAMH FEALLA-DHÀ MU THOGAIL FUINN
(79)
Fàg an t-airgead air a’ bhòrd is bheir Seònaid duibh an liom. (ABh)
A rèir mar a bha Isbeil Anna is a co-luchd-aoise ag ràdh, ’s ann le bhith a’ dèanamh adhraidh còmhla a chuireadh gach teaghlach crìoch ri gnothaichean an là ri linn an òige. A h-uile h-oidhche, mun tugadh muinntir an taighe aghaidh air an leabaidh, ’s ann a sheinneadh iad salm – no earrann às – agus ceann an taighe na fhear togail fuinn aig càch. ’S e a’ gabhail caibideil a chante ris an adhradh seo. ’S e a theirte ri Isbeil Anna na h-òige, is rabhadh ga
(1) Leugh urram na Sàbaid.
thoirt don teaghlach gun robh de thìde aca a dhol a-steach airson an deas-ghnàtha seo, ‘Cuiridh sinn an tughadh air an taigh!’ ’S e an naidheachd a chaidh a innseadh mun t-sreath a tha air a aithris shuas gun robh duine àraid aig an robh taigh-seinnse a’ dèanamh adhraidh mar seo maille ri theaghlach, nuair a thàinig fear air choreigin an rathad ag iarraidh deoch. Gun bhriseadh idir dha air an fhonn a thogail, ’s ann a sheinn fear an taigh-sheinnse na dearbh fhaclan gu h-àrd-ghuthach bhon t-seòmar air an taobh a-staigh.
(80)
Tha an ceann an sin, na casan fom bòrd.
Anns an naidheachd a bhuineas ris an t-sreath seo (àir. 76), ’s e feòladair a tha a’ dèanamh an adhraidh le a theaghlach, agus ’s ann a tha e fhèin ag èigheamh a-mach, mar gum b’ ann ann an togail fuinn, gus innse don fhear a tha air tighinn gus a’ bhùth, càit am faigh e na gnothaichean a tha bhuaithe.
(81)
Tha sùith air an loidhne is cha lèir domh i. (ÙR)
Tha sùith air an loidhne is chan urrainn dhomh leughadh. (ABh)
’S e dà shuidheachadh air leth a tha seo de shreath a chaidh a chur às leth duine den teaghlach – air neo aoigh anns an taigh. Chaidh na faclan seo a sheinn an àite earrann à salm nach b’ urrainn a leughadh air sàilleabh salchair a bha air an leabhar.
GIÙLAN
(82)
An do chuir e mach ceò fhathast? (ABh)
.i. An do dh’èirich duine às an leabaidh anns a’ mhadainn fhathast?
(83)
Cha bheir aireachas air t’ aireachas.
Coim. Cha bheir aireachas air toileachas (Dorian 1974, 124); Nan tugadh aireachas air ais, cha dèanadh neach na b’aireach leis (Nicholson 1951, 367).
(84)
Tha an doras agad ri baile. (ÙR)
Coim. GÈ Bhí an doras foscailte béal le h-Éire (Hughes 1998, àir. 256).
BEANNACHAIDHEAN
(85)
Cùm an-àirde do chridhe ged a bhiodh do thòin a’ slaoid air an talamh.
Cùm an-àirde do chridhe ged a bhiodh do bhrù a’ slopaigeadh air an talamh.
Bhite a’ cantainn seo gus duine a chaill a dhòchas a bhrosnachadh. ’S e facal-iasaid bhon Bheurla a tha ann an slopaig, coim. Warrack agus Grant 1971, 531: sloop‘ (with doun) to descend obliquely’.
(86)
B’ ann a chaitheas tu iad le do shlàinte! (ÙR)
’S e seo a chante ri duine a bhiodh air brògan ùra no a leithid a fhaighinn.
Coim. GÈ Go mairir is go gcaithir e! (Ua Maoileoin 1984, 60).
(87)
Beannachd Dhè air an fhàrdaich! (ABh)
Coim. GÈ Go mbeannaí Dia anso isteach (Ua Maoileoi 1984, 57).
(88)
Beannaich sibh thàinig gus an fhàrdaich! (ÙR)
’S e seo an fhreagairt a gheibheadh duine air dha am beannachadh ro-ràidhte (àir. 87) a chantainn.
Coim. Dé beathasa (id shlàinte)! (Ua Maoileoin 1984, 57).
(89)
H-uile là a chì is nach fhaic! (ABh)
H-uile là chì ’s nach fhaic ’s ach uile là a chì sinn! Deoch-slàinte mo charaid nì sinn òl gach uile là chì sinn. (ABh)
Deochan-slàinte traidiseanta a tha a’ buntainn ris a’ Challainn. ’S e suidheachadh nas coileanta a tha san dàrna tè.
(90)
Seochaibh (1) duibhse agus do nu cuideachd airson cho coibhneil bha sibhse agus nu cuideachd duinne agus do na cuideachd! Agus dar bhios sinne agus na cuideachd cho beartach agus tha sibhse agus nu cuideachd bheir sinne agus na cuideachd an rud thug sibhse agus nu cuideachd duinne agus do na cuideachd. (IAx)
[nu = ur; na = ar]
’S e deoch-slàinte a tha seo a tha a’ gabhail taing don dàrna teaghlach a thug cobhair do theaghlach eile nuair a bha iad feumail oirre. ’S ann bho bhoireannach a chuir seachad a beatha ag obair air falbh bhon dùthaich agus aig an robh an
(1) Deireadh an dara pearsa iomarra den mhodh àithneach -ibh air a chur ris an riochdair shònrachaidh seo. Coimeas GÈ amachaí, anuasaigí! (de Bhaldraithe 1953, 69); gabh i leithigí (Stockman 1974, 80). Tha mi taingeil don Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh, Roinn na Ceiltise, Oilthigh Ghlaschu, a rinn an cruth seo a shoilleireachadh dhomh.
cànan cha mhòr air a dhìochuimhneachadh a fhuair mi an tè seo. A dh’aindeoin sin cha robh cuimhne air an deoch-slàinte seo aig neach sam bith eile ris an do thachair mi. Ged a tha coltas dualchainnt an àite air an earrainn seo, chan eil mi air eisimpleir eile den chruth seochaibh fhaighinn.
(91)
Gum (1) math bhios sibh mar an ceudna! (IAx)
’S e freagairt a tha seo a bheirear air facal taing.
(92)
Dia bhith maille ruinn is gach neach! (ÙR)
(93)
Dia gun glèidh sinn!
.i. Thathar ag iarraidh cobhair Dhè anns an àm a bhios cunnart no airc ann.
(94)
Dia gun ullaich domh!
Nuair a bhiodh na bana-mharaichean a’ dol air falbh a chreic an cuid èisg, ‘shuidheadh iad air a’ chlach- [mhìle] agus chanadh iad “Gun ullaich Thu an rud daibh!” Gheobhadh iad saorsainn. “Dia gun ullaich domh!” [a chanadh iad] agus dh’ullaich Dia daibh.’
(95)
Guma fada bhios sibh a’ tighinn! (IAx)
Beannachadh a chante ri aoigh taitneach gum biodh e a’ tilleadh chun an àite gu tric.
(1) Guma.
(96)
Dia gabh truas ruinn!
’S eGod comfort us!an t-eadar-theangachadh Beurla a bha air an fhear seo gu h-ionadail. Bhite a’ cantainn seo nan robhas a’ saoilsinn gun robh cunnart sam bith mun cuairt, m.e. an t-sùil chronachaidh.
(97)
Tì nam ais!
.i. Gun robh Dia làmh rium! ’S ann air Dia a tha Tì a’ toirt iomraidh an seo, an aon rud ri Tè, Tè/Tì Mhòr, faic Watson 2000, 73.
Coim. GÈ Mhuise, beannacht Dé dhuit! (Ua Maoileoin 1984, 59).
(98)
Thighearna nan Gràs!
Clisgear a tha seo a chante nuair a chitheadh no a chluinneadh duine nì ris an gabhadh e iongantas.
(99)
Mionna Dhia!
Mionnam air!
’S e abairtean a tha seo a chleachdar gus dearbhadh don luchd-èisteachd gur e an fhìrinn a thathar ag innse. ’S e a’ cheud phearsa eachdraidheil den ghnìomhair a tha ann am mionnam (1), ach dh’fhaodte gur ann ris a’ mhodh àithneach a tha e a’ buntainn.
(1) Coimeas an t-òran ‘Soraidh leibh’ agus na facail Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh.
MOLAIDHEAN
(100)
An leanabh ’s fheàrr a rugadh anns na Trì Port Mara. (IAx)
’S e faclan a tha seo a chanadh màthair mu a pàiste an dèidh dha a ghiùlan fhèin air dòigh a bha air leth modhail no taitneach. ’S iad na trì bailtean-iasgaich le chèile air a bheilear a’ dèanamh luaidh an seo: Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair agus Seannduaig, ris an canar gu h-ionadail ann am BeurlaThe Seaboard Villages.
(101)
Nach math gheobhar thu!
Faclan a thèid a ràdh nuair a chluinnear bho dhuine mu nì fortanach a tha air tachairt dha. Thathar gan cleachdadh gu h-ìoronta uaireannan.
Coim. Is math gheibhear thu (Dorian 1978, 119; GÈ Is méanra duit (MG mo-genar; Quiggin 1906: 89).
DROCH GHUIDHEAN/ MASLADH
(102)
Droch shiubhal ort!
.i. Gun robh droch thuras agad, .i. an ifrinn ort! Gus guidhe gum biodh droch fhalbh bhon t-saoghal seo, .i. droch bhàs, aig duine air choreigin.
Coim. GÈ Droch-chrích ort! (Ua Maoileoin 1984, 72).
(103)
Tha na seachd diabhlan ionnta.
Tha an gnàthas-cainnt seo a’ toirt tarraing air a’ chreideamh a thàinig bhon Bhìoball, coim. Mata 12, 45, gum biodh
diabhail air còmhnaidh a gabhail ann an daoine nan robh iad gan giùlan fhèin air dòigh a bha air leth crosta no coimheach.
(104)
Gu dè tha siud ach rud a dh’fhàg a’ mhuir! (ÙR)
Buinidh am fear seo ris mar a bhathas a’ creidsinn anns an t-seann saoghal gum biodh e an dàn do dhaoine àraid gun rachadh am bàthadh agus gun dol às idir aca. Thathar a’ cur an cèill leis an abairt seo gu bheil an neach mun a bheilear a’ bruidhinn cho dona is nach gabhadh a’ mhuir fhèin e, fiù ’s nan robh e an dàn dha a bhith air a bhàthadh. Bhathas a’ làn chreidsinn gun robh teaghlach ann am Baile a’ Chnuic dom b’ ainm Pàisteanach (muinntir Patience ann am Beurla) nach gabhadh am bàthadh a rèir dualchais seach gur ann de shliochd na maighdinn-mara a bha iad.
(105)
Itheadh e mo chac!
Siubhail is ith cac!
Siubhail is ith guail!
’S e duine a tha air a shàrachadh uile gu lèir a chanadh seo ri neach a bha air dragh a chur air.
NA MEÒIREAN
(106)
An òrdag; an teanabhag; an t-seaman fada; am mada’ fada; an crìonag. (ABh).
An òrdag; an cearbag; an t-seaman fada; am madadh fada; a’ bhìdeag. (IAx)
’S e ‘earball’ a tha seaman a’ ciallachadh an dualchainnt an àite agus tha e follaiseach gu bheil bhìd- agus crìon- a’ cur an cèill lughad na lùdaige.
Coim. na h-ainmean a leanas à ceàrnaidhean eile de dh’Alba: 1. corrag, calgagaidh; (1) sgealbag, sgolbag, sgolagag, calagag; (2) sgealbag, tolgag, balbhag; (3) 2. meiri fhada/fada, meiri meadhán, meur meadhán; (1) meur a’ mheadhain, fionna-fad, Fionnladh Fada, Màiri Fhada; (2) an gunna fada, ceanna-fead, gille fada; (3) 3. mac an aba, meur a’ lùdán; (1) mac-an-aba, màthair na lùdaig; (2) mac an aba; (3) 4. fisteagaidh, meiri ’ lùdán; lùdan; (1) lùdag, lùdan; (2) lùdag bheag an airgid, plaosgag, caoiteag. (3)
A thaobh ainmean na meòirean ann an Èirinn, coim. 1. an dheardog, cealgoigín (Maigh Eo); 2. méar fhada/ mhór (Dùn nan Gall, Lú, A’ Ghailmhinn, Luimneach, Tiobraid Árann, Port Láirge), tall man (Aontraim, An Clár), Long Tom, Longman (An Cabhán, Ciarraí, An Iarmhí, An Longfort, Baile Àth Cliath), Longfellow (An Iarmhí), Longboy (An Longfort), Tallman High (Corcaigh), dealbhan/ dealbhóg (Port Láirge); 3. Fionn fada (Dùn nan Gall), an chealacog (Maigh Eo), mac an dara/ dada/ dala/ rada etc, an madaralla (Ciarraí), faic Ó Súilleabháin 1944, 166–80.
DAOINE
(107)
A’ chroich a thog Murdachaidh airshon Hàman [recte a thog Haman airshon Mordecai] ’s e fhèin a bha air a chrochadh air. (ÙR)
Gnàthas-cainnt a tha a’ toirt tarraing air sgeulachd Mhordecai agus Haman bho Leabhar Ester anns an t-Seann Tiomnadh, caib. 3–10. Tha an sgeulachd sin a’ cur an cèill mar a chaidh duine a ghlacadh le ìnnleachd a bha air a h-ullachadh aige an aghaidh neach eile.
Coim. A’ chroich a rinn Hàman do Mhordecai, fhuair a
(1) À Ros an Iar (Wentworth, 2003, 265). ’S e a bhios pàistean a’ cleachdadh a tha sa chiad eisimpleir no dhà anns gach roinn.
(2) Ruaraidh MacIlleathain, Eadar-lìon (1).
(3) BBC Alba, Eadar-lìon (2). Tha na h-aon ainmean gu ìre mhòir air an luaidh aig MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 84.
chnàmhan fhèin sìneadh oirre (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 111); agus Seanfhacal 23 shuas.
(108)
Thug mi dòrn Ùistidh da. (ABh)
Mar a mhìnich nighean Isbeil Anna dhomh, tha seo a’ cur an cèill gnàthais a bha ann gun toireadh an dàrna duine buille air an duine eile dìreach gus a bhuaireadh coltach ri sreup nam pàistean.
(109)
Dòmhnall sàmhach.
’S e seo a chanadh duine nuair a bhiodh coltas a’ chadail ri fhaicinn a’ tighinn air naoidhean.
SAMHLAIDHEAN
(110)
Bha e cho buidhe ri muileuda. (1)
.i. Bha e cho lachdann ri mulatto.
(111)
Bha e a’ feadarachd lodh uiseag. (ABh)
‘Mar’ as ciall don fhacal lodh aig a bheil am fuaimneachadh /lo/ san dualchainnt. ’S e ludh an litreachadh a tha aig Dwelly (1977, s.v. ); thoiribh fa-near, ge-tà, nach eil aige ach eisimpleirean den fhacal a tha air an tarraing à Nicholson 1951, m.e. ludh an spioraid, ludh an t-sneachda (336).
(112)
Cho bog ri cluais laogh. (ÙR)
(1) Mar /mə ˈledə/ a thathas a’ fuaimneachadh an fhacail seo.
(113)
Cho cruaidh ris na talaban.
.i. ri reangan bàta.
(114)
Cho tric ’s tha an fhalt air do cheann.
Coim. Cho tric ’s a tha fiacail ’ad cheann. As often as there’s a tooth in your head (Nicholson 1951, 158) .
(115)
Tha e ceart cho faoin ris na faoileagan. (ÙR)
(116)
Tha mi cho tinn ri seann mhuc.
(117)
(Bios a’ chlach ann) cho fada is tha( ? )timil air na mucanan.
.i. gum bi clach no rudeigin ann gu bràth. Chan eilear cinnteach às a’ chuid mu dheireadh, ach tha e coltach gur ann a-mach air mucagan a tha i, coim. LAS d. 114 hips: muckans, muckies (Ros is Crombadh), moukans (Gallaibh). Coim. An uair a theirigeas gach meas, ’s math na mucagan (Nicolson 1951, 45).
(118)
Thigeadh iad às air snaidhm loisg’.
Bhiodh feadhainn ann an cunnart ag iarraidh faighinn às ged nach biodh grèim aca ach air ròpa anns am biodh snaidhm loisgte, .i. bhiodh cothrom math ann gum briseadh e.
AN T-OS-NÀDAR
(119)
’S e seo an làimh gun fuil is gun feòil tha ag iarraidh thusa, a thàilleir. (ABh)
’S e earrann a tha seo à seann sgeulachd a bhite ag innseadh anns an dùthaich. Cha chreid mi nach eil cuid dhith a’ nochdadh ann an Naidheachd 137 – às aonais na h-abairt seo – ged a bha Isbeil Anna ag ràdh rium gur ann bho chaileig à Steòrnabhagh a chuala i fhèin i.
(120)
Cha ruig thu leas a bhith a’ còineadh: cha d’ rinn Kaiser pileir nì cron do do mhac ann an seo. (ABh)
’S ann a thuirt ban-fhiosaiche ionadail na faclan sin ri boireannach às an àite. Bha i air ortha a dhèanamh airson mac a’ bhoireannaich a bha siud nuair a bha aige ri falbh na shaighdear gus an Cogadh Mòr.
Coim. Polson (1932, 158) agus MacDonald (gun cheann-là, 19–20) aig a bheil iomradh le chèile air naidheachd anns an deachaidh seun a chleachdadh ri linn blàir.
AMALAIDHEAN-CAINNT
(121)
Caoraich Baile a’ Bhealaidh ag ithe bealaidh aig beulaibh Baile a’ Bhealaidh. (ÙRx)
’S e àite beag nach eil tuilleadh is fada bho Bhaile an Todhair a tha ann am Baile a’ Bhealaich. ’S eBroomton sheep eating broom in front of Broomtonan t-eadar-theangachadh Beurla a bha aig an fhear-aithris fhèin.
(122)
Cha robh reithe ruadh a-riamh reamhar.
Coim. Cha robh reithe leathann liath riabh reamhar (Nicholson 1951, 137); Cha robh laogh ruadh riamh luath ’s cha robh laogh luath riamh reamhar (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 95).
AN CÀNAN
(123)
Tha dùrd na fhacal sa Ghàidhlig.
.i. ’S e seanfhacal a tha ann anns a’ Ghàidhlig.
Tha an dùrd e fhèin ann. (IAx)
.i. Tha an seanfhacal fhèin ann. Mar as trice, tha durd a’ ciallachadh ‘guth, facal’ ann an Gàidhlig Mhachair Rois, an aon rud ri dualchainntean eile, m.e. Cha tuirt e dùrd ‘Cha tuirt e facal sam bith’.
ÀITEAN IS LUCHD-ÀITEACHAIDH
(124)
Na ‘Thilgean’ is na ‘Piligean’. (ABh)
.i. Sluagh Bhaile a’ Chnuic. Tha e coltach gur ann air atharrais na h-abairt higgledy-piggledy sa Bheurla a chaidh am far-ainm seo a dhèanamh agus gun robhar a’ cluich san aon àm ris an fhacal ‘tilg’, a’ toirt a chuimhne mar a tha cùl a’ bhaile air a chrioslachadh mun cuairt le cnuic ìosal.
(125)
Na Dubhain. (ABh)
.i. Sluagh Bhaile a’ Chnuic. ’S ann air gnothaichean iasgaich a’ bhaile a thathar a’ dèanamh luaidh leis an fhacal ‘dubhan’.
(126)
Seanndlairean. (ÙRx)
.i. Sluagh Sheannduaig.
(127)
Sgalltairean. (ÙR)
.i. Sluagh Bhaile an Todhair.
(128)
Slaiteirean. (ÙR)
.i. Sluagh Sheannduaig. Bha seo a’ ciallachadh gur e fireannaich àrda, chaola a bha annta, a rèir an fhir-aithris; coim. slat sa bhrìgh ‘stob’. A chionn gur e iasgairean a bha annta, bhiodh cluich an seo ri slat-iasgaich cuideachd.
(129)
Abaich. (ÙR)
.i. Sluagh Bhaile an Todhair. Tha an t-ainm seo a’ toirt a chuimhne an ama sam biodh port aig manaich às a’ Mhanachainn ann am Baile an Todhair.
(130)
Bàrdanaich. (ÙR)
’S e sin an fheadhainn a tha a’ còmhnaidh anns a’ Bhàrd(The Park) ,an t-sràid as fhaide gu deas a tha ann am Baile an Todhair.
(131)
Gollachan. (IAx)
’S e duine à Gallaibh a tha seo a’ ciallachadh gu litireil. Tha cuimhne aig fear às an Inbhir, nuair a bha e glè òg, gun do mhaslaich nàbaidh e le bhith a’ cantainn ‘Gollach grànda!’ ris, a’ cur an cèill dha gur ann a-nuas à Gallaibh a thàinig na sinnsirean aige. Tha e coltach gum faodadh facal air choreigin eile a bhith air a mheasgachadh ri Gallachan (meanbh riochd de ‘Gallach’) agus gun robh am facal a bha sin a’ ciallachadh nàdar de bhòcan, coim. ghnàthasan-cainnt anns an àite leithid Tilg a-mach e do na goireachan( ? )god e; tilg a-mach e: ithidh na coileachan/goireachan( ? )god e; dh’fhalbh an duine ud do na goireachan( ? )god( /goileachan gods). ’S ann marlittle black dwarfiesa bha Isbeil Anna agus a nighean a’ toirt
tuairisgeil air an fheadhainn cheudna ann am Beurla, agus ’s e ainm eile a bha aca orra anns an aon chànan ach the Galldies. Faic cuideachd Seanfhacal 18 shuas agus an tarraing air a’ Ghaibhleán Gabha ann an Gàidhlig na h-Èireann.
(132)
Ceapaire ‘Tàlaich’. (IAx)
Coim. Dwelly s.v. ceapaire-Sàileach, gnè bidhe à Cinn t-Sàile, anns am biodh a’ cheart uiread de dh’ìm is de chàise ach gun aran sam bith ann. San àite seo, ge-tà, thathar a’ creidsinn gur ann bho bhoireannach de Chlann nan Sginnearach (feadhainn air an robh am far-ainm ‘na Tàlaich’ gu h-ionadail) a fhuair an ceapaire àraid a ainm. ’S e caob de dh’aran fo a shàth de dh’ìm a bheireadh i na dhìoladh do phàiste sam bith a rachadh air ceann-gnothaich di.
(133)
Creid thu mis’, chan eil e faras,
Creid thu mis’, chan eil e faras,
Creid thu mis’, chan eil e faras:
’Dol a chabadh ’n Èiphit. (ÙR)
Ceathramh aoireil a chaidh a dhèanamh mun dubh-chosnadh a bha a’ buntainn ri tuathanas àraid san àite. Thugadh ‘an Èiphit’ mar fhar-ainm air an tuathanas an dèidh braighdeanas Chloinn Israeil san t-Seann Tiomnadh.
(134)
Dòrnach a’ bheach, Goillspidh an gort. (ÙR)
i. Dòrnach na tràghad.
Coim. Baile Dhubhthaich bhòidheach, ’s Dornach na gorta,/ Sgiobal nan ùbhlan, ’s Bil an arain choirc;/ Euraboll nan adagan, Dunrobain a’ chàil,/ Goillspidh nan sligean dubha, ’us Druim-uidh an t-sàil (Nicholson 1951, 47); Goillspidh goirt,
’g ith a’ mhin a’ choirc’ ,/ Eunabal dhubh, ’g ith na sligean dubh; Baile Dhubhthaich bòidheach,/ Dòrnach na goirt,/ Goillspidh na sligean dubh,/ Brùra min choirc (Dorian 2000, 412). Tha e air aithris aig Taylor (1882, 96) gun robh rann aoireil air mhaireann ri linn fhèin anns an robh iomradh air roinn de dhaoine à Baile Dhubhthaich mar Na bodaich gòrach/ Sìor òl, ’s ag iarraidh tuille. Chan eil an còrr agam fhìn den rann a bha siud.
(135)
Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,
thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.
Chì sinn na beanntaichean ’glèidheadh sneachd an geamhraidh
chì sinn na caileagan bòidheach. (ÙR)
Ceathramh a bhiodh pàistean ag aithris.
(136)
Chuir mo mhàthair mi gus an tobar
Aig iarraidh rud nach fhaigheadh càch.
Bhris mi am pigean ’s dhòirt mi am bùrn.
Carson nach rachadh i fhèin ann?
Ceathramh traidiseanta a bhiodh ga sheinn gu h-ionadail.
title | X. Gnàthasan-cainnt |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | Saoghal Bana-mharaiche |