XI
‘AN LINNET MHÒR’
[179] [180] [181] [182] [183] [184] [185] [186] [187] [188] [189] [190] [191] [192] [193] [194] [195] [196]Fhuair sinn gairm a-nis gu bròn,
’s e th’ againn tuireadh ’n àite ceòl,
’s gach uile neach dan lèir ar dòigh
nis dèanadh bròn iad maille rinn.
Tha ’n duine truagh gach uile là
a’ dol air thuras dh’ionnsaigh bhàis,
’s gun fhios an t-àm an tèid e ’n sàs –
tha uair a bhàis am falach air.
Ach tinn no slàn, dar thig an uair,
thèid e dh’ionnsaigh ’n dachaigh bhuain,
’s mar sin a tha gach neach den t-sluagh,
air thuras luath gu bith-bhuantachd.
’N Linnet mòr bha siubhal a’ chuain,
thàinig i steach ri oidhche fo ghruaim,
is chaidh iomrall anns an dorch,
is thilg an stoirm i Chadabol.
Is dh’fhan i sin rè ùin’ gun ghluas’d
na soitheach brist’ sna creagaibh cruaidh;
is cuid a dh’fheuch ri togail suas,
’s cur air a’ chuan ’s bhith ’g obair leath’.
Ach dhiùlt i falbh dhaibh uair no dhà
is iad ga feuchainn le luchd-ceàird;
ach nuair a thàinig oidhch’ a’ bhàis,
siud ghabh i an sàl is dh’imich i.
1
THUAIR sinn gairm a nis gu bròn,
Se th’ againn tuireadh ’n aite ceòl,
’S gach uile neach d’an leir ar doigh
Nis deanadh bròn iad maille ruinn.
2
Tha ’n duine truagh gach uile la
A dol air thuras dh’ ionnsaidh bhais,
’S gun fhios an t-àm an teid e’n sàs –
Tha uair a bhais am folach air.
3
Ach tinn na slan, ’n tra thig an uair,
Theid e dh’ionnsaidh ’n dachaidh bhuain,
’S mar sin a tha gach neach do’n t-sluagh,
Air thuras luath gu bith-bhuantachd.
4
’N ‘LINNET’ mor bha siubhal a chuain,
Thainig i steach ri oidhche fo ghruaim,
Is chaidh iomrall anns an dorch,
Is thilg an storm i ’CHATABOL;
5
Is dh’ fhan i sin re uin’ gun ghluas’d,
Na soitheach brist’ ’sna cragaibh cruaidh;
Is cuid a dh’ fheuch ri ’togail suas,
’S cuir air a chuan ’s bhi ’g obair leath.
6
Ach dhiult i falbh dhoibh uair na dha,
’S iad ga feuchainn le luchd-ceard;
Ach ’nuair a thainig oidhch’ a bhais,
Sud ghabh i ’n sàl is dh’ imich i;
Is ged bha àireamh mhòr air bòrd
ga tarraing suas gu Bail’ an Todhair,
dh’fhalbh i uath’ gun stiùir, gun seòl,
is cha bu deòin leath’ fuireach dhaibh.
Oir cheadaich Dia, san Fhreastal chruaidh,
dhi dol san turas ud gu luath,
oir ruith an ùin’ is thàin’ an uair
’s bu sheasamh cruaidh gun teagamh e
Don t-seachdnar a bha air bòrd,
’s bh’ air am fàgail siud gun treòir,
is gun dol às ac’ on a’ bhàs
a b’ fhaid’ na bàrr nan crannagan.
Is iad gun sùil a ghabhadh truas,
no stiùir a thionndadh i mun cuairt,
ach ruith a cùrs’ le doineann tuath
leò dh’ionnsaigh ’n uaigh sna chaidil iad.
Cia dòrainneach bha leabaidh ’m bàis,
sna piantaibh geur ud dol an sàs,
dar bha i gabhail steach an t-sàil
thuc’ anns gach àit ’n robh briseadh oirr’!
Air pian nan daoine ud san àm
cò a dh’fhaodas chur an cainnt,
nuair chaidh ’m fàgail anns an oidhch’
ri aghaidh ghairbh na doineann ud?
7
Is ge d’ bha aireamh mhor air bord,
Ga tarruing suas gu BALINTORE,
Dh’ fhalbh i uath gun stiur gun seòl,
Is cha bu deoin leath’ furach dhoibh.
8
Oir cheadaich DIA, ’san fhreusdal chruaidh,
Dhi dol san turas ud gu luath,
Oir ruith an uin’ is than’ an uair,
’S bu sheasadh cruaidh gun teagamh e.
9
Do ’n t-seachdnar a bha air bòrd,
’S bh’air am fagail sud gun treòr,
Is gun dol as ac’ o na bhàs
’B ’fhaid na barr na’n crannagan.
10
Is iad gun suil a ghabhadh truas,
Na stùir a thionndadh i m’an cuairt,
Ach ruith a cuirs’ le doirionn tuadh,
Leo dh’ ionnsaidh ’n uaigh ’sna choidil iad.
11
Cia dòruinneach bha leabaidh ’m bàis,
’S na piantaibh geur ud dol an sàs,
’N tra bha i gabhail steach an t-sàil
H-uc’ anns gach ait ’n robh briseadh oir!
12
Air pian nan daoine ud san àm
Co a dh’ fheudas chuir ’an cainnt?
’N uair chaidh ’m fagail anns an oidhche
Ri aghaidh ghairbh na doirionn ud.
B’ e an t-àm san uair ud àm a’ chràidh
dar chaidh i steach do ghleann a’ bhàis,
’s gun acair aic’ a rachadh ’n sàs
’s gun chàball bàis a chumadh i!
Cia uabhasach bha dhaibh san uair,
is tonna a’ chuain ag èirigh suas,
dar thugadh leis na sruthaibh luath
iad steach gu uair a’ bhreitheanais!
Gun chaladh ac’ no baile dìon
’s an neart air fàilneachadh gu lèir,
’s gun chomas teichidh ac’ on uair,
’s ann thugadh buaidh sna tuiltean orr’.
Och, a Bhàis, b’ an-iochdmhor cruaidh
thu ann an siud ’m measg thonnaibh ’chuain
dar chuir thu ort do chlogaid chruaidh
is thilg gun truas do shaighead annt’.
Cò e a theicheas às uait fhèin?
Oir ’s tu òglach ’s teachdair’ Dhè;
’s dar thig an t-àm a dh’òrdaich E
do chlaidheamh geur ort crioslaichidh.
Is thèid thu siud a-mach nan dèidh
’s bheir thu mar eun iad bhàrr an t-slèibh’,
’s duine cha làmhaich às do dhèidh
dar bheir thu dhachaigh ’m foghar leat.
13
Be ’n t-àm ’s an uair ud àm a chraidh,
’N trath chaidh i steach do ghlann a bhàis,
’S gun acair aic’ a rachadh ’n sàs,
’S gun chàbul bàis a chumadh i!
14
Cia uabhasach bha dhoibh san uair,
Is tonna ’chuan a ’g éiridh suas,
’N trath thugadh leis na sruthaibh luath
Iad steach gu uair a bhreitheanas!
15
Gun chaladh ac’ na baile dian,
’S an neart air failneachadh gu leir,
’S gun chomas teicheadh ac’ o’n uair,
’S ann thugadh buaidh ’sna tuiltean orr’.
16
Och, a Bhais! b’ an-iochdmbor cruaidh
Thu ann an sud measg thonnaibh ’chuan,
’N trath chuir thu ort do chlogaid cruaidh,
Is thilg gun truas do shaighead annt’.
17
Co e a theicheas as uait fein?
Oir ’s tu oglach ’s teachdar Dhe;
’S ’n trath thig an t-àm a dhorduich e,
Do chlaidheamh geur ort crioslaichidh.
18
Is theid thu sud a mach nan déigh,
’S bheir thu mar eun iad ’bhar an t-sléibh,
’S duine cha lamhaich as do dheigh,
’N tra bheir thu dhachaidh ’m foghar leat.
Fhionnlaigh Thàlaich, dhuine shuairc,
’s duilich liom gun deach thu uainn:
cò theireadh ’m measg an t-sluaigh
gun robh an uair cho fagas dhuit?
Duine tapaidh, sultmhor, treun
led chaitheamh-beatha glan ’s deagh-bheus,
’s na coimhearsnaich ga chur an cèill
deagh dhol dhuit fhèin san turas ud.
On turas ud cha phill thu rìs:
’s ann bha i dhuits’ na turas sgìth;
ach ma fhuair thu fear do shìth
chaidh crìoch dhuit air an trioblaid.
Iain Mhor’air thairis chaomh,
’s mòr bh’ annad fhèin do ghaol,
’s tha fàile cùbhraidh dhe do chliù-s’
nis air gach taobh air aithris ort.
Chaidh thu mach le neart is slàint’
’n coinneimh cathan geur a’ bhàis,
gun fhios gus an d’ ràinig thu an t-àit’
’s gun do shàth e siud a shaighead ort.
Ciamar thigeadh dhuinn gach uair
bhith ’g iarraidh ’n ullachaidh o shuas
’s na neart-s’ gum faigheadh sinn a’ bhuaidh,
’s gun fhios cia ’n uair an tachair e.
19
Fhionnlaidh Thalaich, dhuine shuairc!
’S duilich leam gu’n deach thu uainn:
Co theireadh ’measg an t-sluaigh,
Gun robh an uair cho fogus dhuit!
20
Duine tapaidh, sultmhor, tréun;
Le d’ chaithe-beatha glan ’s deadh bhéus;
’S na coimhearsnaich ga chuir an céil,
Deigh dhol dhuit fein san turas ud.
21
O’n turas ud cha phill thu rìs,
’S ann bha i dhuits’ na turas sgì;
’S ach ma fhuair thu fear do shìth,
Chaidh crioch dhuit air an trioblaid.
22
Iain Mhorair, thairis, chaomh!
’S mor bh’ annad fein do ghaol,
’S tha fáile cùbhraidh dheth do chlius’
’Nis air gach taobh air aithris ort,
23
Chaidh thu mach le neart is slaint’,
’N coinnidh cathan geur a bhàis,
Gun fhios gus an d’ rainig thu an t-ait’,
’S gun do shàth e sud a shaighead ort.
24
Cia mar thigeadh dhuinn gach uair
Bhi ’g iarraidh ’n t-ullachadh o shuas!
’S na nearts’ gum faigheadh sinn a bhuaidh,
’S gun fhios cia ’n uair an tachair e.
Dhòmhnaill Mhor’air ’n aodainn chiùin,
cò na thus’ bu tairis gnùis?
Cha chuir mi ’n cèill ort air do chùl
ach sin ’n do ghnùis a chunnaic mi.
’S bha do cheuma glan da rèir
le beusan grinn, gun idir beud,
’s gus an tàinig oidhch’ a’ bhàis
bha ’n àilleachd ud ri fhaicinn ort.
Iain Tarail, ’n gasan ùr
bha a’ fàs gu dìreach suas mar chraoibh,
cha d’ fhàg thu mì-chliù air do chùl
a’ dol o ùin’ gu bith-bhuantachd.
Alaidh Mhorair, ’m meangan òg,
o ghlùin do mhàthar fhèin gu bòrd,
bha thus’, mar-aon, gun spot ’n do chòt’
dar chaidh thu leòs’ an turas ud.
’S ged nach b’ eòl dhomh idir càch
gu cliù thoirt orr’ an dèidh am bàis,
’s e tha ’n coimhearsnaich uil’ ag ràdh,
‘Air chàch nach robh air dheireadh iad.’
Cha bhunait slàint’ dhaibh siud deagh chliù
le bhith ga aithris air an cùl,
ach b’ fheàrr gum bitheadh na h-uile dhiubhs’,
dam buin deagh chliù is teisteanas,
25
Dhomhail Mhorair ’n eudain chùin!
Co na thus’ bu tairis gnuis?
Cha chuir mi ’ceil ort air do chul
Ach sin ’n do ghnuis a chunnaic mi.
26
’S bha do cheuma glan do reir,
Le beusan grinn, gun idir beud,
’S gus an d’ thanaig oidhche’ bhais,
Bha ’n ailleachd ud ri fhaicinn ort.
27
Iain Tarail, ’n gasan ùr!
Bha fas gu dìreach suas mar chraobh;
Cha d’ fhag thu mi-chliu air do chul,
Aig dol o uin gu bith-bhuantachd.
28
Alidh Mhorair, meangan òg!
O ghlun do mhathair fein gu bòrd,
Bha thus maraon gun spot ’n do chot
Trath chaidh thu leos an turus ud.
29
’S ged nach b’ eòl dhomh idir cách,
Gu cliu thoirt orr’ an déigh am bais,
Se tha’n coimhearsnaich uil’ ag radh,
‘Air chach nach robh air dheireadh iad.’
30
Cha bhunait sláint’ dhoibh sud deadh chliù,
Le bhi ga aithris air an cùl;
Ach b’ fhearr gum bitheadh na h-uile dhius’
Do’m buin deadh chliu is teisteanas.
Ach dòchas ann an Dia nan Gràs
gun d’ fhuair le cuid dhiubh bunait slàint’
bha seasmhach dhaibhs’ aig oidhch’ a’ bhàis
’s nach d’ fhàillnich anns na tuiltibh iad.
’S ged nach b’ urrainn dhaibh ump’ uil’ a ràdh
gun d’ fhuair nan anmaibh fhèin iad gràs,
chaidh gu lèir iad tron a’ bhàs
o chleachda’ chàch bha maslach.
Ach Dia, am breitheamh s’, b’ àm gu leòr
nuair chaidh ’m fàgail siud air bòrd,
’n ùin’ a bha iad fhathast beò,
an sin bha a thròcair’ comasach.
Shaor e an gadaich’ air a chrann
’s e air a thàirngneachadh gu teann:
dar chuir am bàs a shaighead ann
air ball a fhuair e an turas ud –
Gu dol a-steach don lùchairt shuas
a mhealtainn sìth is sonas buan
’s a chliùth’chadh ’n Tì thug dhàsan buaidh
is, anns an uair ud, teasairginn.
Is sona dhaibhse aig uair a’ bhàis
dom bu Crìosd a’ bhunait slàint’;
’s beannaichte, uime sin, gu bràth
na gheibh am bàs sa charraig ud.
31
Ach dochas ann an Dia nan grás
Gun d’ fhuair le cuid dhiu bunait slaint’,
Bha seasmhach dhoibhs’ aig oidhch’ a bhais,
’S nach d’ fhailnich anns na tuiltibh iad.
32
’S ged nach b’ urrt’ ump’ uil’ a gh’radh,
Gun d’ fhuair na’n anmaibh fein iad gras;
Chaidh gu leir iad troimh na bhas,
O chleachda’ chach bha maslach.
33
Ach Dia, am breitheamhs’, b’ am gu leòr,
’N uair chaidh ’m fagail sud air bòrd,
’N uin a bha iad fathast beò,
An sin bha throcair comasach.
34
Shaor e ’n gaduich air a chrann,
’S e air a thairneachadh gu teann,
’N tra chuir am bàs a shaighead ann
Air ball do fhuair e ’n turus ud –
35
Gu dol a steacb don luchairt shuas,
A mhealtainn sith is sonas buan,
’S a chliuth’chadh ’n Ti thug dhasan buaidh,
Is anns an uair ud teasairginn.
36
Is sona dhoibhs’, aig uair a bhais,
Do ’m Criosd na bhunait slaint’;
’S beannaicht’, uime sin, gu brath,
Na gheibh am bas sa charaig ud.
Oir, ciod air bith an uair no an t-àit’
anns an coinnich riùs’ am bàs,
dar chuireas e a shaighead ’n sàs
bidh làth’reachd Chrìosd dol maille riù.
’S ged fhaod na cathan ud bhith cruaidh,
dar chuid’cheas Gaisgeach Treun nam Buadh,
bheir E mach dhaibh siud a’ bhuaidh
mar fhuair E fhèin na fhulangas.
’S bheir E dhaibh bhith seinn na buaidh
’n tìr na fìreantachd tha shuas
air clàrsaich ghrinn, ’s gun bhriseadh teud,
’s gach deur o ’n sùil nì ghlanadh leis.
Iarraibh sibhs’, a chlann nan gràs,
neart chum seinn a chliù gu h-àrd,
fhad ’s tha neart is là is slàint’,
’s do chàch gun tabhair eisimpleir.
Chan eagal dhuibhs’ oir gheibh sibh ’bhuaidh,
ged fhaod na cathan ud bhith cruaidh,
air bàs is ifrinn ’s air an uaigh
’s an truaillidheachd tha maille ribh.
Cliùthaichibh, uime sin, gu h-àrd
sna h-aibhntibh teinnteach neart a ghràis!
Oir ged tha chathair shuas gu h-àrd
bidh ghàirdean treun toirt cobhair dhuibh.
37
Oir, ged air bith an uair n’an tait’
Anns an coinnich rius’ am bas,
’N tra chuireas e a shaighead sas,
Bith’ larachd Chriosd dol maille riu.
38
’S ged fheud na cathain ud bhi cruaidh,
’N tra chuid’cheas Gaisgeach treun nam buadh,
Bheir E mach dhoibh sud a bhuaidh,
Mar fhuar E fein na fhulangas.
39
’S bheir E dhoibh bhi seinn na buaidh,
’N tìr na fireantachd thu shuas,
Air clarsaich ghrinn, ’s gun bhriseadh teud,
’S gach deur o’n suil’ ni ghlanadh leis.
40
Iarraidh sibhs’, a chlann nan gras,
Neart chum seinn a chliu gu h-ard,
Fhad ’s tha neart, is la, is slaint,
’S do chach gu’n d’thabhair eiseamplair.
41
Cha’n eagal dhuibhs’, oir gheibh sibh ’bhuaidh,
Ged fheud na cathain ud bhi cruaidh,
Air bas, is ifrinn, ’s air an uaidh,
’S an truaillidheachd tha maille ribh.
42
’Cliuthaichibh uime sin gu h-ard,
’S na h-aimh’ntibh teinndeach neart a ghrais,
Oir ged ’tha chathair shuas gu h-ard,
Bith’dh ghairdean treun toirt cobhair dhuibh.
’S e siud rinn dìon dhaibh anns gach linn
ri aghaidh uisgibh mara ’s tuinn,
le Es’ bhith ’n-còmhnaidh air an crann
gan stiùireadh anns na tuiltibh ud.
’S lìonmhor trioblaid clann nan gràs
o là an ath-bhreith dh’ionnsaigh ’m bàis,
ach ast’ air fad nì Dia nan Gràs
gu sàbhailt’ ’n stiùireadh dhachaigh leis.
Ach cia truagh tha neach gun Chrìosd
ann an glacaibh ’bhàis ’s don uaigh dol sìos!
Gu dearbh, an tuil nan uisgibh mòr,
cha ruig fa-dheòidh e ’n caladh ud.
Oir ’s uisge domhain siud is dorch,
sruthaibh Iòrdain atmhor borb,
an latha an fhoghair ’g èirigh garbh
’s an t-iasg marbh cha shnàmh se thairis air.
Ach ’s ann a bheir an sruth e sìos
gu cuan na sìorraidheachd gun chrìoch,
’s a dh’ionnsaigh ’chnuimh bhios dhàs’ mar phian
’s fo thuiltibh dian na corraich’ ud.
Sibhs’ tha a’ cluinntinn Bìoball Dhia,
teichibh dh’ionnsaigh ’bhaile dhìon
mun dòirt na tuiltibh oirbh a-nuas
is greim gun dèan an lasair oirbh.
43
’S e sud rinn dion dhoibh anns gach linn,
Ri aghaidh uisgibh mar’ is tuinn,
Le Es’ bhi ’n comhnuidh air an crann,
Ga’n stiuradh anns na tuiltibh ud.
44
’S lionmhor trioblaid clann nan gras,
O la an ath-bhreith dh’ionnsaidh ’m bais;
Ach asd air fad ni Dia nan gras
Gu sabhailt ’n stiuradh dhachaidh leis.
45
Ach cia truagh tha neach gun Chriosd!
Ann an glacaibh bhais ’s don uaigh dol sios,
Gu dearbh ’an tuil nan uisgibh mòr
Cha ruig fa dheoigh e ’n caladh ud,
46
Oir ’s uisge domhain sud is dorch,
Sruthaibh Iordan atmhor, borb,
’An la an fhoghar ’g eiridh garbh,
’S an t-iosg’ marbh cha shnamh se thairis air;
47
Ach ’s ann a bheir an sruth e sios
Gu cuan na siorruitheachd, gun chrioch,
’Sa dh’ionnsaidh chnuimh bhiths dhas’ mar phian
’S fo thuiltibh dian na corruich ud.
48
Sibhs’ tha cluintinn Biobull Dhia,
Teichibh dh’ionnsaidh ’bhaile dhian,
Mu’n doirt na tuiltibh oirbh a nuas,
Is greim gun dean an lasar oirbh.
Mun tig an t-àm ud oirbh gu dian
mar mhnaoi ri saothair ann am pian
’s doras tròcair’ ’bhaile dhìon
gu sìorraidh air dhruideadh oirbh!
Cia cho goirid ’s dh’fhaodas ùin’
sibhs’ a thoirt don dachaigh bhuan,
mar Fhionnlagh Tàlach chaidh don eug
’s a cho-luchd-dreuchd bha maille ris.
Dh’fhàg am mnathan pòst’ ’s an clann
’s an co-luchd-eòlais anns an àm,
an saoghal is an làn a bh’ ann
’s bu teann a ghabh an turas leò.
Bhriseadh siud an ceangal dlùth
ri anam ’s corp an tìr nam beò
’s bh’ eadar an clann ’s am mnathan pòst’,
’s bu bhrònach àm an dealachaidh.
’S na pàrantan on deach an clann,
bu ghoirt dhuibh ’n dealachadh a bh’ ann,
an siud a’ caoineadh ur cuid mairbh
a dh’fhalbh uaibh air an turas ud.
Gun tugadh e dhuibhs’ gu lèir ri ràdh
mar thubhairt Iòb an là a chràidh,
‘An Tighearn’ a thug ’s a ghabh air falbh,
’s ainm-san gun robh beannaichte!’
49
M’an d’thig an t-am ud oirbh gu dian,
Mar mhnaoi ri saothair ann am pian,
’S dorus trocair ’bhaile dhion
Gu siorruith air dhruideadh oirbh,
50
Cia cho ghoirid ’s dh’ fheudas ùin
Sibhs’ a thabhairt do’n dachaidh bhuan!
Mar Fhionnlaidh Talach chaidh do’n eug,
Sa cho-luchd-dreuchd bha maille ris.
51
Dh’ fhag am mnathan pòsd ’s an clann,
’S an co-luchd-eolais anns an am,
An saoghal, is an lan a bh’ ann,
’S bu teann a ghabh an turus leo.
52
Bhriseadh sud an ceangal dluth
Ri anam ’s corp an tìr nam beò’
’S bh’ eadar an clann ’s am mnathan pòsd,
’S bu bhronach am an dealaichidh.
53
’S na parantan o’n deach an clann,
Bu ghoirt dhuibh ’n dealachach a bh’ ann;
An sud a còaineadh ur cuid mairbh,
A dh’fhalbh uaibh air an turus ud.
54
Gun d’thugadh e dhuibhs’ gu leir ri gh’radh
Mar thubhairt Iob ’an la a chraidh,
‘An Tighearn’ a thug, sa ghabh air falbh,
’S ainm’san gun robh beannaichte.’
Gun seas e dhuibhs’ ’n àit’ na dh’fhalbh
’s gun dèan e suas dhuibh siud a’ bheàirn
a rinneadh anns an Fhreastal shearbh
nuair a dh’fhalbh a chobhair uaibh!
A’ chobhair ud cha phill gu bràth,
oir chaidh gu lèir iad dh’ionnsaigh ’n àit’,
gu bith-bhuantachd a ghabhail tàmh
dar thug am bàs dhuibh sumanadh.
A’ CHRÌOCH
55
Gun seas e dhuibhs ’n ait’ na dh’ fhalbh,
’S gun dean e suas dhuibh sud a bheairn
A rinneadh anns an Fhreasdal shearbh,
’N uair a dh’ fhalbh a chobhar uaibh.
56
A chobhar ud dha phill gu brath,
Oir chaidh gu leir iad dh’ionnsaidh ’nait –
Gu bith-bhuantachd a ghabhail tamh,
’N trath thug am bas dhoibh sumanadh.
A CHRIOCH.
title | XI. ‘An Linnet Mhòr’ |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | Saoghal Bana-mharaiche |