[27]

AM BAOIT

(26) Ag iarraidh maorach

Anns an t-seann tìm b’ àbhaist daibh dhol a-bhàn gus an Inbhir ag iarraidh maorach bhiodh baoiteadh na lìonachan. Agus bha caileag òg, agus leatha seann boireannach. Chuir èidsa sgùil air am mhuin [Leugh air am muin] . Dh’fhalbh iad aig uair sa mhadainn a-bhàn gus an Inbhir a rèir an tìde agus bha aghealach ann. Agus bha an sa


[28]rugadh i anns an Inbhir agus bha i smaoineachadh gun d’ robh fhios aice air h-uile àite a bha ann agus, tha fhios agaibh fhèin, an t-àite am bi a’ quicksands, gun slugadh e an Queen Mary maille ri creutair.

Siud a dh’fhalbh ise air adhairt agus chaidh achaileag òg an [a] deaghaidh agus bha sgùil air am muinbha iad toirt dachaigh amhaorach airson na lìonachan. Mun canadh tuDhia, beannaich!’ bha i an-àirde seachad a glùinean anns aghainmheach – ’s e quicksands a bha ann. Agus dar choimhead an òg, thuirt i rithe,

Ò, Dhia! Thuit thu anns a’— chaidh thu san t-àite dochair.’

Thilg ifuirich thusa! – thilg i sgùil dith is thuirt i,

Here! Gabh grèim air an sgùil!’

Bha an tobha aig an sgùil aice fhèin is nam be [mura b’ e] sin bha e an-àirde seachad a ceann, bhail bha i dol steach ann cho luath islodh lasraichean, bhàn anns aquicksand. Thàinig iad dachaigh is cha tug iad maorach no rud eile dachaigh le feagal am beatha. Bha am boireannach air chrith. Is iongantach gun tug a casan dachaigh bhon Inbhir i. Agus mur biodh an eile òg, làidir, chan fhaiceadh iad biod gu sìorraidh dith.

(27) An coidse is paidhir

Anns an t-seann tìm dar bhiodh an t-iasg pailtepailteas iasg annbha againn ri dholan Uig ag iarraidh lug agus, am madainn sa, an bha dol còmhla riumsa ag iarraidh an lug, cha thogadh an donas fhèin i le cho leisg is bha i. Chaidh mi thuice anns amhadainn.

Arsa mise,

Bios an tìde a-steach is chan fhaigh sinn lug. Chan èirich thu! Cha toir an donas thu às an leabaidh!’

Never you mind! Dh’èirich i is dh’fhalbh sinn is thionail sinn an sin phitcher lug. Bha sinn, nis, tighinn dachaigh agus thàinig ach coidse is paidhir agus cha robh na h-uaisibh ann.

’S ann a bha iad dol leis na h-uaisean dh’Edderton, dh’innis e


[29] domh. Is thuirt mi ris,

Feuch an toir thu an-àirde sinn greiseag an rathad.’

Ò, gu dearbh, bheir!’

Thug e steach an lug air cùlaibh an rud agus thug e sinn ach an do ruig sinn a’ Mhanachainn. Agus bha an caibe air mo ghualainn agus air a gualainn-sa cuideachd, bhail bha tobha timcheall an caibe ach an cumadh e e fasta air: cha b’ urrainn domh bhith cur mo làimh an-còmhnaidh ris agus siubhal.

Bha pitcher lug an aon againn. Chuir sinn an t-aparan a-bhàn air beulaibh am pitcher mur salaicheadh e an rud air am brogach bochd thug sinn air adhairt mar sin. Thàinig sinn dachaigh seo agus chaidh am brogach leis ag iarraidh na h-uaisibh aige. Bha iad dol a dh’Edderton.

titleAm Baoit
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textII. An t-Iasgach
<< please select a word
<< please select a page