[29]

III

AN SEÒLADH

(28) A’ seòladh sna tìrean fada às

Chaidh mi anns na tìrean shìos, cho fada shìos agus am Persian Gulf gu Hong Kong. Bha mi gu Singapore agus uair no dhà gus na States. Ò, bha mi dèanamh sin ach cha bu chaomh le mise [Leugh liomsa] air bhith shìos anns na tìrean shìos. Bha e ro theth dhomhse, bha. Dar a bhiodh sinn seòladh, dar a bhiodh stern an soitheach air aghrèin, chan fhaigheadh tu drùb a chadal le teas na plateachan don soitheach.

Uill, bha sinn dol sìos gu China, gus am Persian Gulf, is bha sinn tradeigeadh bho sin gu Hong Kong is gu Singapore is gus na State[s]. Bha mi air aon soitheach an sin agus bha e amalgamated gu foreign firm agus phlanig iad gum faigheadh iad na Breatannaich air falbh don soitheach agus a ghabhail crew dhubh airson fhaighinn an cheap labour, so thàinig sinn uile dachaigh


[31] [na] passengers[nar passengers] dachaigh gus a’ United Kingdom. Sin an tìm, an uair mu dheireadh a bha mise air falbh dar a thàinig mi dachaigh na mo passenger. (AC)

(29) Balaich Steòrnabhagh

Bha mi air an soitheach tha seo, air an Celtic, White Star Line Boats, còmhla ris na balaich à Èirinn agus bha sinn an South America. Is thàna sinn gu àite glè ònarach agus leig sinn às an anchor, an trig. Bha sinn na laighe [nar laighe] anns an stream sin agus às deaghaidh na teatha aig an oidhchebha e cho blàth, an aimsir tethchaidh sinn air an deck is bha sinn asmocaigeadh. Is bha Sasannach bha ann an sin, bha e bruidhinn ris na h-Albannaich is thuirt an Sasannach,

Uill, chan eil doubt nach eil an t-àite an sin ònarach. Anns a h-uile spot a choimheadas tu tha e ònarach. Ach nan drachadh tu air tìr an sin, chuireadh mise geall, rud sam bith, riut gun tigeadh tu an coinnimh Albannach ann an sin.’

Ò, tha sin cho fìor agus tha mi ag ràdh riut e. Leth-uair às deaghaidh sin, chunnaic sinn bàta tighinn bhon tìr, bàta mòr lodh canoe, is chaidh e gus an gangway don soitheach a bha na laighe anns an stream agus dh’fhaighnicheadh e am faigheadh e uair permission airson dhol air bòrd am faiceadh e a bheil mòran don àite a bhuineadh e air bòrd air an soitheach. Bha an uair granted for himis thàinig e air bòrd. Ò, chunnaic mise mi fhìn e tighinn air bòrd. Ò, bha e ann an sin, timcheall sia troighean, balach cho brèagha is chunnaic thu tric. Àch, cha robh e mòran mionaidean air bòrd dar a bhiodh tu dèanamh dheth gun drobh e ann am baile mòr a Stornoway. Bha gu leòr Stornowaymen air bòrd is thànabha eisebho Steòrnabhagh. Bha e an sin anns na cnuic ònarach an sin airson trì bliadhna acoimhead às deaghaidh nan caorach. Ach aon beò chunnaic mise air an tìr an sin, ’s e chamel agus duine acoimheadan deaghaidh. Sin an aon beò chunnaic mise anns an tìr ònarach an sin an South America. Ò, tha sin fìor. (AC)


[30]

Port Bhaile an Todhair, am meadhan na 20mh linne, is dòcha.

Cairt-phuist de Phort Bhaile an Todhair.


[32]

(30) An tìr ann am Barraigh

An d’ chuala thu riamh mu dheidhinn anDuine Mòrà Barraigh? Uill, chunnaic mise an Duine Mòr. Bha e timcheall seachd troighean ach bha e fàs sean dar a chunnaic mise e. Bha e fàs crom leis an aois, bha. Chunnaic mi e ann am Barraigh. Bha e cho mòr is gun drobh e faighinn a bheò dol air falbh còmhla ris na showachan bho àite gu àite. Bha e faighinn a bheò mar sin gus an dfhàs e sean. Dar a chunnaic mise e, bha e fàs crom is bha tom oshanter dearg airdo Barraigh, Eilean Bharraigh. Rugadh ann am Barraigh e. Chunnaic mi bràthair dha is bha aon do na sliastanan [.i. casan] aige air falbh dheth. Bha e air aon sliasaid. Cha robh e leth cho mòr ris an Duine Mòr, a bhràthair. Ach bha e cho tiugh is air [Leugh cho tiugh ri] sin. Bha e dèanadaich air brògan is acàradh brògan, a bhràthair a bha a shliasaid dheth. (AC)

(31)Cogga’ a’ dannsadh lomnochd

Anns an t-seann tìm bha brogach às an t-àite againnan canadh iad Cogga – ’s e Donny bha air achs e siud an nickname a bha air, Cogga. Agus bha e air an long còmhla ri brogach às an t-àite againn aguss e officer a bha sa bhrogach. Airshon sin bha Cogga cho breugach sin, bhail gum burrainn da rud sam bith chantainn ris an officer, gun drobh [seach gun robh] e bhon t-àite againn fhìn.

Aon nach deach an officer a laighe agus, dar dhùisg e, chaidh e an-àirde air deck aguss ann bha Cogga lomnochd gus an t-saoghal, dannsadh don chrew. Agus thuirt e ris,

Cinnteach gur e tinntinn a dhfhalbh!’

Cha dfhalbh minntinn, ach cha leigeadh tusa mise a thìr. Nan leigeadh tusa mise a thìr, cha bhithinn-sa dannsadh.’

An deaghaidh sin dhfheumadh an officer sa leigeil tuillidh an deaghaidh sin, no dhèanadh e dannsadh rithist agus gheobhadh iad nàire le Cogga. ’n diofar bhith aig Cogga?

titleIII. An Seòladh
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textSaoghal Bana-mharaiche
<< please select a word
<< please select a page