[37]

V

AM FEARANN

(36) An gamekeeper

Bha mi fhìn is eile anns achoille ag iarraidh stoban a bheòthaicheadh an teine agus, dar bha na eallaich deis, thàinig ach


[38] an gamekeeper. Is thug e sgian à a phòcaid is siud a gheàrr e an eallach, is cha robh fhios againn dhèanadh sinn, dol dachaigh gun stob.

Is thuirt an eile riumsa,

A bheil fhios agad sinn? Bheir sinn an trouser bhon trustair!’ Bheir sinn an trùsar don trustair! Is dhfhalbh e dachaigh gun trùsar.

(37) Am buntàta

Nis, anns an t-seann tìm seo-an, bhiodh iad faighinn plotachan bhon tuathanach, sia slat air leud. Agus, rèist, rachadh an clais an-àirde air an thaoibh, sia slat. Nis, dhfhaodadh e bhith gum biodh trì fichead slat [a dh’fhaid] ann no leithid sin. Ghabhadh do nàbaidh leth dheth agus dhèanadh sinn leth an rathad sin air: Coimhead! Ruithidh sinn an line an-àirde anns amheadhan. Nis, bhiodh trì slat agadsa is bhiodh trì slat agamsa. Nis, dhfhaodadh tu chur Kerrs Pinks no an sìol bha dol aig an tìm. Tha diofar sìol a-nis ann. Champions dol an uair sin. Kerrs Pinks agushàch! – up-to-date san tìm sa tha air nis. Tha, a-nis, gu leòr do diofar sìol air amhargaid.

Nis, chan eil shinn faighinn biod bhon tuathanach, a bheil thu tuigeil? Bha e dèanamh mach gur e an sìol againn cuideachd a bha toirt an eel-worm gus an talamh. Agus tha sin aca ged [nach eil] sinn faighinn aon buntàta anns an talamh idir. Rèist, tha Board of Agriculture cur comain orra gun fhimir an talamh sin bhith laighe airshon trì no ceithir bhliadhna mun tèid am buntàta a-rithist ann. Nis, bha shinn pàigheadh nota. À, chan eil fhios agam an e so much airshon trì slat. Tastan eadar-ruinn fhìn e. Bhiodh e nota, co-dhiù, an drile dut. Rèist, bha e cur mach drileachan. Na tuathanaichgheobhadh tu drile, phàigheadh tu iad aig aback end. Bha e cur mach a-rithist iad airshon an ath-bhliadhna. Nis tha thu ceannachd iad, no ma thig fear gus an doras leis abhana, no ma tha beagan agad anns an leas, ma tha talamh agad—. Bhiodh iad cur air falbh am buntàta anns an t-seann tìm air an long.


[39]

Nis, feamainn, ’s e sràilleach chanas sinn seo-an (achs e feamainn tha ann). ’S ann don chreig tha e tighinn, am feamainn. Agus bàbhaist duinn dhol gu—, dar bha sinn na [nar] brogachanan, ò, tha sin ceithir fichead is a deich, ceithir fichead bliadhna. Anns an tràigh, tha comharradh [.i. lorg air a chur air an tràigh gus leigeil fhaicinn càit an robh an t-àite dha fhèin sam biodh e a’ buain feamainn] aig h-uile fear fhèin airshon ropadh an t-sràilleach, toirt don chreig e’s e an t-sràilleach dhubh. Is bhiodh sin air a’ bhruach airshon seachd no h-ochd . Nam biodh i nas fhaide, bhiodh i dol dhol leaghadh. Chuireadh tu sin, nis, air achaob fearainn bhiodh agad bhon tuathanach, mas e am plot a bha agad. Dhèanadh tu turn siud is seo-an. Bhiodh tu cur reumh mu seach. ’S e spaid a bhiodh againn, fhios agad. Nis, bhiodh feamainn dol sin is an sìol sin. Rèist, an ath-row, ’s e fertilizer guana e. ‘Guanachanadh sinn ris. Tatty manure an-diugh chanas iad. Nis, bhiodh agad, nis, ri chur an àc ri sin. Bhiodh agad, rèist, dar thigeadh na crops an-àirde, chur an talamh riutha. H-uile do sin. (US).

(38) An cruidh

B’ àbhaist do duine bhith aca, bhiodh h-uile estate cumail fear air an t-seann tìmchaidh sin innseadh domhse. Is bha mhinistear gabhail an aig aon is chòmhlaich iad an duine sa is thuirt an dàrna fear ris an fhear eilefuirich ort:

Seallaibh leithidleithid seo-an!’ – Duncan, no gu bith an t-ainm a bha air – ‘Gheobh sinn gàire.’

Nis, tha thu gabhail do , Dhuncan?’

Tha,’ he says mar tha sibh?’

Ha, ha! Nach e mi tha lucky: fhuair mi cruidh each!’

Nach iomadh rud am foghlam? Cha bhiodh fhios agamsa nach e cruidh làir a tha ann.’ (US)

(39) An cìobair sa chùirt

Bha cìobair agus bha e sna monaidhean agus, dar bha e sna monaidhean, nach tàinig stoirm mòr le sneachd is reòthadh is


[40] cha robh bùth fagais air agus cha robh biadh aige don chloinn. Bha teaghlaich mòr aige agus cha robh biadh aige daibh. rinn e ach mharbh e aon do na caoirich is thug e an craicinn deth aguss ann a chuir e an craicinn anns an òcrach.

thàinig ach an duine-uasal e fhèin agus bha chù mhòr aige. Siud a dhfhalbh na coin aguss ann a thug iad an craicinn an-àirde as an òcrach. Is thuirt an duine-uasal ris,

an craicinn tha sin? ’S e craicinn caora tha sin!

’S e.’

Uill, mharbh thu an caora sin dut fhèin.’

À uill, innsidh mi dut ciamar a rinn mi e. Cha robh biadh ri fhaighinn. Bha sinn mìleachan bho biadh is bho àite sam bith gum faigheadh sinn aiteal biadh agus bha an teaghlaich caochaileadh gun biadh is chaidh mi achaora mharbhadh [Leugh chaidh a’ chaora mharbhadh] .’ Agus nis, thug an duine-uasal e gus achùirt agus thuirt e ris,

, nis, tha thu dol a dhèanamh? A bheil thu dol a phàigheadh sa chaora?’

Chan eil airgead agamsa a phàigheadh sa chaora.’

, rèist, tha thu dol a dhèanamh?’

, !’

(40) An spiorad

Tha mi creideil gu bheil dusan bliadhnachan bhail bha an duine sa, Willag, b’ àbhaist da bhith coimhead an deaghaidh achladh agus bha e glè nervous. Cha bu chaomh leisged a bha e dèanamh e, bha e dèanamh e dar nach robh job aige. Agus an sa bha an dorcha ann agus thuirt e ris fhèin,

Chan eil seo ceart rathadeigin. Ò, Thighearna, tha rudeigin fagais orm an seo. Cha chaomh liom idir bhith anns achladh an-diugh.’

Siud ghabh e chasan is bha e ruith mach às achladh agus dhèirich spiorad is thuirt an spiorad ris,

Tig air ais, Willag! Na bi amaideach! Tha stampa agad ri chur air do chard!’


[41]

(41) Fead Lachaidh

An Sgìre Lachaidhsin timcheall ceithir mìle à seobha duine an croit beag. Is bha e sa choille aona is chunnaic e craobh mòr.

À, dhèanadh sin glè mhath airson cumail an-àirde, cumail seasamh an stàbal agam.’

Is chaidh e fhèin is am mac mach aig an oidhche is gheàrr e bhàn an craobh. Fhuair e dachaigh e. Is dar chunnaic an tuathanach mòr gun drobh an craobh air a ghearradh bhàn, thuirt e ris fhèin,

A bheil fhios agam rinn sin?’

Dhinnseadh aon do na daoinibh da:

An e Lachlainn a dhèanadh e?’

Agus thuirt e ri Lachlainn, ‘An e thusa a gheàrr an craobh mhòr tha sin?’

Ò, chan e mise rinn e!’

eiletha e aig an taigh agad?’

Chan eil diofar. Chan e mise a gheàrr e.’

À, coma leatsa! Tha mise dol chur am poilìos thugad.’

Agus thàinig am poilìos is thug [iad] an sumanadh do Lachlainn. Agus cha robh fhios [aig] Lachlainn dhèanadh e. Agus thuirt duine ris,

Siubhail thusa gus am fear-lagha bheir cobhair dut.’

Is thuirt am fear-lagha,

Dar thèid thusan an cùirt, dar their an siorram am facal dut [Leugh riut] , “An e thusa a gheàrr achraobh mòr? ”, dèan fead!’

Is dar thàinig an don c[h]ùirt, thuirt an siorram,

An e thusa a gheàrr achraobh mòr aig an tuathanach?’

[FEAD].

Thuirt e ceist eile.

[FEAD]. Cha tuirt e ach fead.

Thuirt an t-sheriff,

Chan eil an duine sin glic. Chan eil e glic. Mach à seo leis!’

Dar a bha e mach às achùirt, chunnaic am fear-lagha e:


[42]

Gu , nis, Lachlainn, tha thu dol a phàigheadh domh airson an cobhair rinn mi dut?’

[FEAD]

S e sin, ma-thà, facal tha iad ràdh gus an an-diugh: ‘Cha d’ fhuair mise achfead Lachaidh” .’ (ÙR)

titleV. Am Fearann
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textSaoghal Bana-mharaiche
<< please select a word
<< please select a page