[42]

VI

SAOGHAL NAN DAOINE

NA TREABHAIR: AN TUGHADH

(42) Am fear a bha creic fodar

Fhuair mise gàire le Johnny aon chuairt. Bha e creic fodar, fodar airson na treabhair dar bha criadhach dol [dar bha criadhach dol, .i. nuair a bhite a’ cleachdadh criadh anns an tughadh] . Agus an t-seann eachan bha aige, bha e cho sean, Dia tha fhios cho sine [Leugh sean] is bha i! Agus dar thàinig e gus an taigh bha ag iarraidh an fhodar. Thighearna, ’s ann bha an taigh air a thughadh. Eadh, agus cha do ghabh iad an fhodar bhuaithe.

Ò,’ arsa eise, ‘Bhetty, meudail, chan eil fhios agamsa càs a thàinig thu ach innsidh mi seo dut: cha tug iad sin leis an t-each bha seo. Cha tug iad an fhodar bhuam agus gu sìorraidh bhithbhuan anns an t-saoghal sa cha tèid thu an-àirde an cadha aca [.i. chan fhaigh thu suas an staran aca, .i. chan fhaigh thu tarsainn air an doras aca] , na buggeran grànnda!’

Bha e air a shàrachadh nach do chreic e an fhodar an deaghaidh thighinn às an Inbhir leis.

(43) A’ dèanamh tughadh

Rinn mise tughadh mi fhìn. Dar a bha mi òg, bha tughadh air taigh mo mhàthair agus, dar a bhiodh an tughadh acaitheamh


[43] air falbh, bha mi faighinn sumag no dhà fodar agus bha mi tarraing e agus cur dìreach e. Bha mi dèanamh cùrsa air cùrsa agus bha trowel agam agus bha mi cur trowel criadhach ann an siud is ann an seo. Is bha mi, rèist, bualadh e, is lodh criadhach tighinn an-àirde tron t-fhodar. Bha mi, rèist, plastairigeadh e bhàn is a-bhàn aig beulaibh an taigh. Bha sgian gheur agad is gheàrr thu an fhodar dìreach. Dar bhiodh tu dèanadaich air an taoibh eile don taigh, dar thigeadh tu gus an sop a bha seachad air an ridging, bha thu cur an fhodar staigh foidhe agus cur an sop sin air a mhuin gus a ruitheadh an t-uisge bhuaithe. (AC)

*

Bha duine, is bha e ag obair steady agus cha robh e pòstagentleman do dhuine a bha ann. Uill, ’s e tughadh bha agamsa air an taigh aig an tìm. Àch, tha seo-an, canaidh mise nineteen-nineteen no twenty. Gu meud bliadhna tha sin? Tha e seachad fhichead bliadhna tha sincogadh an deaghaidh sin. Thàinig e an-àirde sins t-samhradh:

Feuch an tig thu an-àirde am faic thu – ’s e Beurla bha e bruidhinnFeuch an tig thu an-àirdeach bha aGhàidhlig aige cuideachd, h-uile facalan tig thu an-àirde am faic thu an dèan thu criomag tughadh domhse?

Chan aithne domhse tughadh dhèanamh air.’

Ò, is math sin,’ he says, ‘a rinn thu dut fhèin an sin agus, ma thu domhse mar rinn thu dut fhèin, bidh mise glè thoilichite.’

Thuirt a’ b[h]ràthair riumsaa’ b[h]ràthair agamsa a chaochail a-muigh an Sydneyarsa eise,

Siubhail an-àirde còmhla ri duine!’

Agus bha duine eile chuir tughadh an aon rud. Uill, fhuair e bhon tuathanach faisg air cheud sguab airson dhèanamh an job. Fhuair e sac chuairt bhon àite.

Thòisich mise air an taigh is chuir mi ceann air da. Bha e anabharr toilichite agusdearbh! – chan e gun drinn mise e, [ach] bha am brod job dèante dheth. (US)


[44]

Cairt-phuist de Shràid a’ Chladaich, Baile an Todhair, tràth san 20mh linn, is dòcha.

Isbeil Anna aig an taigh le nighinn, Doilidh, aig àm Nollaige.


[45]

(44) A’ pàigheadh na taxes

Anns an t-seann tìm cha robh iad pàigheadh taxes agus dar thàinig fear ataxes timcheall, dar a chaidh e gus an doras aice [òinnseach a bha innte] , thuirt i,

Tig a-steach! Tha mise dèanamh cupa teatha duinn fhìn agus gheobh thusa cupa teatha.’

Is chaidh e steach còmhla rithe agus arsa eise,

A bheil fhios agad tha mise ag iarraidh?’

Tha, na taxes. Ach innsidh mise dut. Gheobh mise anns an catalog i airson tastan.’

Agus chan urrainn dut sin a phàigheadh?’

Tha mise sgìth glanadh is dustaigeadh agus, nis, thoir leat awhole lot!’

Nis, bha i cho còir. Dar chunnaic iad cho còir is a bha i, toirt teatha daibh airson na taxes, thuirt iad,

Na bi cur feagal air a’ bhean sin!’

titleNa Treabhair: An Tughadh
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page