NA SEANN DAOINE
(103) A’ dol a laighe lomnochd
Bha nàbaidh agam an ath-dhoras, seann duine. Bha e glè chiùin. Agus bha e dol laighe h-uile oidhche da bheatha gun lèine. Bha e tilgeil a lèine dheth. Agus ’s e an uncle aig an duine agam a bha ann ach chanainn-sa ris an duine,
‘Airson Dia! Rugadh mise air a chliathaich [.i. ri thaobh] is chan fhaca mise riamh lomnochd e.’
Is chan fhaca mise riamh lomnochd e. Bha e bhàn [an duine agam] – cha robh laviean dol anns an t-seann tìm: bha na daoinibh dol cùlaibh na creagan – a bheil thu faicinn? – agus bha eise tighinn an-àirde is chunnaic e Wully lomnochd aig an uinneag is thàinig e steach thugamsa.
Arsa eise,
‘Thoir an leanabh do do mhàthair. Tha leth Baile a’ Chnuic dol a-steach do Wully: tha e bochd.’
‘A bheil, ge-ta? Thighearna, chan eil. Bha e seo sa mhadain ag iarraidh spongan.’ Leis am pìocaireachd cha robh e ceannachd spong, a bheil thu cluinntinn?
‘Ach ged a bhiodh, tha eise bochd agus ’s fheàrr dut dhol steach.’
Is chaidh mise steach rathadeigin gu mo nàbaidh. An donas a bha air [an duine agam] [.i. bha e làn fealla-dhà] ! Dè rinn e? Dar fhuair e mise a-staigh, thug e leis an doras, an duine agam fhìn! Thighearna, dar chunnaic mise Wully, bha e cho buidhe ri sin, a bheil thu cluinntinn? Lomnochd mar thàinig e gus an t-saoghal.
Thuirt e,
‘Nach eil nàire ort, boireannach pòsta? Dè chuir a-steach an seo thu?’
‘Thighearna, thuirt Willy riumsa gun d’ robh thu gu tinn agus gun robh am baile dol steach.’ – Agus eise marbh air an taoibh eile don doras, fagais air dochair an’ inntinn.
Thuirt e riumsa dar thàinig mi mach,
‘A bheil thu nis creideil?’
Cha do bhruidhnich mise airson seachdain ris.
(104) Seann chupal a’ dol a laighe
Seann bodach is boireannach, bha iad shuas am baile agus bhiodh sinn dol aig an oidhche – bha iad anns a’ chlòsaid dol laighe. Cha robh screen riamh orra. Agus bhiodh sinn coimhead riutha dol laighe h-uile oidhche agus – an donas mi fhìn! — dè rinn e [an seann bodach] ach chuir e barbed wire aig cùlaibh an uinneag agus, dar chaidh mise choimhead ris, chaidh an tè eile air mo chùlaibh. Nach do thuit mise air am barbed wire is thuit i ormsa is thàinig caob mòr às shin agamsa – tha mark air – caob mòr às a’ chas eile àsam. Bha an doctair aca, Doctair Gillies bha am Baile Dhubhthaich – is mi colach ris a’ bhàs leis am barbed wire. Thug e a’ chaob às an dà shliasaid agam.
(105) A’ cur athair gus an taigh-bhochd
Anns an t-seann tìm bha seann duine air cùlaibh fear òg dol gus an Taigh-bochd. Agus choinnich an duine sa ris. Bha e gabhail anail air a’ chlach-mìle. Is thuirt an duine ris,
‘Ò, nach eil sin cruaidh? Dol bhith cur seann bodach mar sin gus an Taigh-bochd.’
‘À,’ arsa eise [an seann bodach] , ‘m’ eudail, chan eil, no cruaidh idir.’
‘Ciamar tha thu cantainn sin, nach eil e cruaidh?’
‘Rinn mise an rud tha mo mhac dèanamh air m’ athair cuideachd. Agus dar nach d’ rinn mi ceart eadar mi fhìn is Dia, tha mi nis dol gus an Taigh-bochd – agus tha mo mhac cur mi ann!’
title | Na Seann Daoine |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |