[87]

AM BÀS

(106) An taigh-faire

Bàbhaist don t-seann fheadhainn, dar bhiodh iad suirghe, dhol steach fad an oidhche agus cumail teine air an taigh-fhaire, a


[88]

bheil thu faicinn? Bha seann boireannach san t-àite is chaochail [i]. Bha an dithis sa na shuidhe [Leugh nan suidhe] aig an teine agus chaidh teine mòr air. Bhiodh poit-teathah-uile aca airson aiteal teatha dhèanamh tron oidhche. Bha an cupal òg sa dol an aon oidhche is an cupal eile an ath-oidhche, nam buineadh iad di, a bheil thu tuigeil?

Agus dar a choimhead am fear bha na shuidhe air an leabaidh, chunnaic e an t-siot ag èirigh mar sin.

Thì! Thighearna,’ thuirt e, ‘chan eil Margaidh marbh!’

Rinn iad an t-sràid deth agus fhuair iad boireannach a-steach agus, dar thog i an t-siot, ’s e cat bha sin, an cat aig Margaidh. ’S ann bha an cat fo na siotachan.

(107)Bidh am bàs againn duinn fhèin.’

Nis, bha bhrogachan aig tìm bàs aoneigin agus cha bhuineadh, an bhrogachan don taigh an drobh am bàs idir. Agus bha iad fad an aig an doras feitheamh gheobhadh iad agus cha dfhuair iad , na chloinn bhochd! Is thuirt aon fear ris am fear eile,

Tig dachaigh!’

Och, cha tèid!’

Thèid sinn dachaigh. Bidh am bàs againn duinn fhèin is gheobh sinn ceapaire.’

titleAm Bàs
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page