[88]

A’ GHÀIDHLIG

(108) An dìol-urras a’ dol gu Canada

Timcheall dhà no thrì bhliadhnachan chaidh seachad, bha auntie agamsa aguss e Mrs MacAngus a bha oirre. Agus bha cist air a ceann. Bha feagal a bheatha [Leugh a beatha] oirre dhol tro operation an seo airson iad. Chuir i fiosbha an teaghlaich uile aice ann an Canadaagus chuir i fios gus an teaghlaich gun drobh cist air a ceann agus gun diarr an doctair oirre dhol anns an ostail, ach bha i nervous: bha feagal oirre dhol [ann] . Is thuirt an teaghlaich rithe,


[89]

Na tèidibh idir gus an ostail ach tig a-mach thugainn agus cuiridh sinn gus an ostail seo thu is gheobh thu deis seo [cuidhteas dhiubh seo] agus bidh sinn uile timcheall thu!’

Bha an teaghlaich, rèist, bhiodh iad uile timcheall i, agus siud a dhfhalbh ise agus bha i seachad trì fichead is deich a dhaois dar dhfhalbh i agus is math an courage bha aig an dìol-urras a dhol air falbh, cho fada air falbh bhon dachaigh agus i cho sean.

À, mìle mort! Dar ruig ise an t-àite, dar thàinig an long a-steach gus aphier, dar choimhead i mach,

Ò, Thighearna,’ thuirt i, ‘chan eil Teeny [a nighean fhèin] seo. nis tha dol a thachairt domh?’ – Ann an tìr nach baithne di càite an t-seòladh [Leugh càite an seòladh] i ceann!

Agus bha sin ach stevedore agus bhuineadh e do Stornoway is thuirt e rithe,

Thig thu còmhla riumsa.’

Ò, thèid mi còmhla riut dar tha aGhàidhlig agad ged a be tramp, ged a be robaire, a bhiodh ionnad.’

(109) An duine-uasal air an trèan

Dar bha sinn òg, bha sinn an-còmhnaidh dol a-mach leis an t-iasg, mi fhìn is i fhèin agus bhiodh sinn an-còmhnaidh bruidhinn aGhàidhlig dol a-mach. Agus bha sinn, dar thigeadh sinn dachaigh, bhiodh sinn tighinn air an trèan cuideachd agus bhiodh sinn ag innseadh da chèile gu an fheadhainn bha sinn còmhla riuthas a h-uile . Ach cha burrainn daibh bhruidhinn, neach dhiubh, Gàidhlig ruinn ach sinn fhìn.

Agus bha sinn aon la dol air an trèan agus bha duine-uasal air an trèan sa còmhla ruinn agus cha do leig e ris gun drobh aGhàidhlig aige is bha e ag èisneachd riumsa agus rithese [Isbeil Anna] anns h-uile bha sinn cantainn.

Is e gabhail mach, thuirt e, arsa eise,

Tha fhios agam h-uile thuirt sibhse!’ (IJ)


[90]

(110) Air an trèan còmhla ri Dr Myles

Bha sinn air an trèan aon oidhche agus bha fear anns acharriage dar thàinig sinn steach. Bha e cho balbh. Cha tuirt e ruibh,

Nach brèagha an tha ann,’ no rud sam bith mar sin.

Agus bha, dar chaidh mise mach anns amhadainn, bha, bha case aig Willigans le iasg dom piuthar aige, bhàn an Inbhir Pheofharain, agus bha an case an-àirde air an rack aig an trèan. Agus thuirt piuthar Bella Johndan, Jess,

Nach diabhlaidh balbh tha e? Chan eil e cantainn dùrd.’

Chan eil.’ – Aguss e doctair a bha ann. Doctair, cuimhnich!

Àch,’ arsa Jess, ‘chan eil mi coimhead nach e aig na hurdy-gurdies a bha e. Coimhead an làimh a tha air, cho genteel?’

Thuirt an eile,

‘ ’S ann tha e colach ri butler.’

Thuirt mise riutha,

Carson tha sibh cur sibh fhèin troimh-a- chèile? an donas diofar tha e? Ma tha e balbh, biodh e balbh!’

Dar thàinig mise a-mach, bha an case aca air an rack. Thug e an case domh:

Oidhche mhath dhuibh!’

Ò, Thighearna, tha fhios aige air h-uile dùrd a bhiodh sibh [cantainn] .’

Bha e marbh le gàire.

(111) A’ dol ’n an sgoil an toiseach

Dar a chaidh mi ’n an sgoil an toiseach, bha iad bruidhinn Beurla. Cha robh fhios agamsa gu bha iad ag ràdh seach foreigner ach, dar a bha mi doln an sgoil airson greis, ghabh mi fhìn grèim air facal siud is seo is fo dheireadh chanadh mi the line mi fhìn anns aBheurla. Ach dar a bha mi bliadhna no dhà, bha mi faighinn air adhairt glè mhath anns aBheurla. Ach bho dhfhàg mi an sgoil, bha mi, dhèanadh mi aBheurla bhruidhinn glè mhath. Nis, dar thàinig mi an-àirde gu aois, chan fhaigh mi neach bhruidhnicheadh achainnt Ghàidhlig idir rium. Bha agam ri bhith bruidhinn Beurla, co-dhiù, bho cha robh neach ann


[91] bhruidhnicheadh Gàidhlig rium agus, dar a bha mi òg, cha robh neach ann ach sluagh Gàidhlig uile. (AC)

(112) Na mionnan aig na brogaich

Cha robh Gàidhlig aig mo sheanmhair ach bhiodh na brogaich tighinn steach còmhla rithe. Bhiodh iad cantainn na mionnan agus dar thigeadh mo sheanair dachaigh bhon sgadan, an àite bhith bruidhinn Crìostail, ’s ann a bha ise bruidhinn tòrr mionnan.

Bhiodh iad cantainn is chanadh i [e] an deaghaidh iad. Cha robh fhios aice nas motha na chuireadh an-àirde an t-similear i bha iad cantainn.

(113) A’ toirt a’ ghuail a-steach gu Barraigh

Aig an aon tìm bha shinn coaligeadh muigh anns an loch: ’s e loch ann am Barraigh is coaster tighinn à Ardrossan is à Troon leis an guail. Dar thàna abhucaid bho dheireadh air bòrdA bheil thu tuigeil mi? A bheil thu leantainn mi? – bha achrew ag obair air na lìn, air an toiseach. Agus dar thàna am bucaid bho dheireadh air bòrd thuirt [mi] – seallaibh balach bha dachaigh bhon t-seòladh à Barra, bha e dachaigh air holidays.

Bha e dèanadaich air na winchachan is lìonadh e anns ahold, a bheil thu tuigsinn? Dar thàna am bucaid bho dheireadh air bòrd thuirt mise ri[s],

An e guail math tha seo-an?’

Choimhead am fear riumsa mar seo-an agus thuirt e riumsa,

Cha chreiceadh mi fear do [de] do sheòrt-sa aig a bheil aGhàidhlig!’ (US)

(114) Seann Isbeil agus na brogachanan òga ann am Barraigh

Ghabh sinn fasgadh, ò! naoinearsia no seachd [dhinn] . Agus air feasgar na Sàbaid bha e. Is thàna fras uisge, thàna fras uisge, eil thu ga mo thuigsinn? Is ghabh sinn fasgadh mar g[h]abhadh sinn anns an recess bha sa building, an doras fosgailte. Bha dhà, triùir


[92] bhrogachanan an sin is bha seann chailleach tighinn ag iarraidh am bainne. Agus thuirt an dàrna fear ris an fhear eilean dàrna balach ris an fhear eile,

Seallaibh seo!’ – chan eil fhios agamsa an t-ainm, a bheil thu tuigsinn? – ‘Seallaibh! seallaibh Isbeil ag iarraidh abhainne! À uill, tha i math aosta.’

Ò, tha mi creidsinn gu bheil i trì fichead.’

Tha, is barrachd air sin,’ thuirt e. ‘Tha i trì fichead is a deich.’

Nis, bha sin mar sin.

Bha sinn nis, bha an bhalach cona riumsa bha sna drifteranaon do na drifteranag iasgach is bha mise draibhigeadh i. Thuirt an sgiobair bha an seobhuineadh e do Bhanbh,

Robh thu tuigeil iad, Willy? Robh thu tuigsinn bha iad ràdh?’ (US)

titleA’ Ghàidhlig
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page