NA CEÀIRDEAN
(115) Am pòsadh aig na ceàirdean
Bha mo mhàthair agus nàbaidh, bha iad shìos fo na creagan ag iarraidh bàirnich – sin baoit airson an lìon – agus, dar bha iad tighinn an-àirde às an tràigh, chuala iad pìobaireachd. Dh’fhàg iad na peileachan leis na bàirnich. Chaidh iad sìos bhail bha fhios aca gur e às a’ chove bha am pìobaireachd tighinn. Dè bha sin ach gràinne ceàirdean agus bha an cupal òg leum air an teine. Sin an seòrt rathad bha iad pòsadh.
Agus chaidh trì gillean bòidheach [on àite againne] sìos gus am pòsadh agus aon do na brogaich bha eise smocaigeadh, am brogach sa. Dè rinn e ach rinn spong steach anns a’ chove – fhuair iad liquor bhuatha – agus thilg e an spong anns an leabaidh an d’ robh an cupal òg dol is chaidh sin na theine. Thòisich na ceàirdean air carraid riutha [Leugha leotha] . Ruith iad ’an deaghaidh ach an tàinig iad gus an t-àite sa fhèin, gus am bothie, agus nam faigheadh na ceàirdean iad, bha mìrean deis diubh!
(116) Bana-cheàrd a’ breith leanabh
Bha sinn ag iarraidh am buntàta agus bha dà sgùil againn toirt dachaigh am buntàta aig Baile Mhuchaidh. Agus bha coille mòr ann an-àirde, agus thàinig an leanabh mach – bha i trì bliadhnachan no nas motha – is thuirt mo mhàthair riumsa,
‘Chan eil mise tuigeil dè tha i cantainn.’
‘Ò, Thighearna!’
Chaidh sinn a-nis a-steach gus a’ Choille Bheag agus bha spring cart an-àirde san adhar. Bha an duine ann am Baile Dhubhthaich. Dh’fhàs ise gu tinn.
Arsa mo mhàthair,
‘Ged a gheobhainn an saoghal sa, chan urrainn dhomh dhol an gaoith di!’
‘Tha sin diabhlaidh math, ach dè ma bhios i marbh mur tig an duine? Dè bha ann?’ arsa mise.
Bha seòrt do àite an d’ robh iad a’ cumail pana mòr.
‘Fimireas tu dhol a-bhàn gus an taigh sin. Ma tha Dia umad, iarr oirre criomag plangaidean – rudeigin – thoirt dut!’
‘Agus a bheil thusa dol ghabhail an leanabh leat fhèin?’
‘Tha. Fimireas mi!’
A bheil fhios agad càite an do ghlan mi an leanabh? Ann am poit, an am pana, a bheil thu cluinntinn? Bha bundle aodach aice le h-uile nì air an talamh dh’fhimireadh i. Agus dar thàinig an duine dachaigh, bha an leanabh beautiful.
Ò, Thighearna, air an t-Sàbaid thàinig e. Bha e sireadh an t-àite airson an t-ainm: thug mi an t-ainm Bell Ann don bhean is thàinig e air an t-Sàbaid.
‘Thug mise an t-ainm agad air an leanabh.’
‘Ciamar fhuair thu an t-ainm agamsa?’
‘Fhuair mise an t-ainm agad. Bhiodh mo bhean marbh nam b’ e [mura b’ e] thu!’
Thug an auntie agam, Elspeth, dise leth-plangaid bhail chuir sinn [Leugh eise] an t-ainm – ’s e Bell Ann a bha innte. Agus thigeadh ise agus chanadh i aig an doras, mur tigeadh i steach, ‘Bell Ann!’
(117) Bana-cheàrd a’ goid
Bha i goid agus thàinig i steach seo aon là [Leugh an là sa] agus chaidh i steach anns an taigh aig an auntie agam. Agus dè bha air an tarraig ach aon do na sgiortachan aice, a bheil thu faicinn? Agus mur d’ robh [mura robh, .i. nach robh] i agamsa an t-seachdain roimhne sin, cur elastic anns a’ bhand di, elastic.
À, choimhead mi ris a’ bhana-cheàrd. Thuirt mi rithe,
‘Càite an d’ fhuair thu sin?’
‘Cheannaich mi sin ann an Inbhir Pheofharain, an t-àite a bheil thu fhèin dol leis an t-iasg.’
Agus dà mhionaid an deaghaidh sin cò thàinig ach an auntie agam:
‘A bheil a’ bhana-cheàrd sa an seo?’
‘Tha. Seallaibh i!’
‘Ò, tha mi dol ag iarraidh am poilìos dut. Ghoid thu sgiort don tarraig [den tarraig] anns a’ phassage.’
‘Feuch a bheil thu ceart, a bhean!’
‘Tha mi cho ceart gun cuireadh tu mo sgiorta an-dràst dhìot, no cuireas mi an-àirde airson am poilìos dut!’
(118) An ceàrd sa bhùth
Ceàrd bha dol aon chuairt agus chaidh e steach ann am bùth agus – tha fhios agad, aig a’ chunntair bhios mar sin feuchainn na rudan – dar chunnaic eise sin, thòisich eise air ithe an rud nach buineadh da.
Is thuirt an tè ris,
‘God bless me! You ate all that! ’
‘S ann a bha iad a’ gàire ris, gun d’ robh e cho far back agus dol ithe na bhiodh anns a’ chunntair. Thighearna, chan fhaca e an còrr.
(119) Geordie a’ toirt guail do na ceàirdean
Tha na ceàirdean nis cho math ris an sluagh. Tha iad faighin treabhair. Dar bha Geordie dol timcheall seo, bha na ceàirdean
Agus thàinig an tè le truinnsearan seo is thuirt i [Leugh mi] – chuir i an [Leugh na] truinnsearan an sin,
‘Dè na— tha gu leòr a soithichean agamsa. Chan eil mi feum iad.’
‘Chan ann dutsa a tha iad, mo ghràidh,’ thuirt i, ‘ach ’s ann tha iad dom balach air an engine. Tha e gu math. Tha an taigh againn an [Leugh am] meadhan an rathad agus, dar tha e dol seachad leis an engine, tha e tilgeil clach ghuail an t-seachdain duinn.’
Bha e gu math daibh, na ceàirdean. Bha George uamhaidh math: thilgeadh e clach mòr.
(120) Duanag nan ceàirdean
Dhèanadh iad pitcheran is peileachan:
‘Bheil a-staigh bhon taigh [Leugh anns an taigh] ,
bheil dad sam bith ri chàradh againn?
Bheil toll air pana?
Bheil toll air pot?
Bheil toll air airgead agaibh
no spàinean againn [Leugh agaibh] ?’ (US)
(121) An aithis aig a’ bhana-cheàird
A bheil fhios agad dè chuala mise? A’ bhana-cheàrd maille ris am fear beag tighinn an deaghaidh i. Is bha e reòthadh is bha na rathadan sleamhainn – a bheil thu gam thuigsinn? – na rathadan sleamhainn. Thuit am brogach beag. A bheil fhios agad dè thuirt am màthair ris?
‘Nam b’ e glainne a bhiodh na do thòin, bha e briste bho ùine fhada!’
’S e sin thuirt i ris. Chuala mi fhìn i ag ràdh sin. (US)
title | Na Ceàirdean |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |