[46]

AM BIADH

(46)A rèir is mar thuiteas

Bha aon bhliadhna ann gun d’ robh am buntàta uamhaidh, uamhaidh truagh. Chan fhaigheadh tu buntàta airson airgead: cha robh buntàta san dùthaich. Fhuair abhean sa dhà no thrì buntàta. Bha i plocadh am buntàta is thàinig am brogach an ath-dhoras a-steach. Nis, bha smugan tighinn bhon t-sròin aice agus cho fada is nach tuiteadh an smugan anns am poca buntàta


[47]

ghabhadh am brogach e, ach nan tuiteadh an smugan anns am buntàta cha ghabhadh am brogach e, agus thuirt e rithe,

A rèir is mar thuiteas!’

(47) Am prìne anns an t-ìm

Anns an t-seann tìm bha taigh anns an t-àite sa agus bha iad glè uailleach: cha robh cho àrd anns an t-àite againn. Is dar a bhiodh na brogaich adol airson cèilidh bha leth-phunnd ìm aca air abhòrd. Bha e gu sìorraidh, bithbhuan am-feast air abhòrd, gun thighinn dhen bhòrd. Agus thuirt aon fear ris an dithis eile,

Manam fhìn, mise job diubh! Cuiridh mise prìne anns an t-ìm.’ – A bheil thu faicinn?

Nis, an deaghaidh sin bha fhios aig an dithis eile, nis, gun drobh am prìne ann.

Chanadh e, ‘Ha, ha, ha!’

Carson tha an donas sin gàire?’ [chanadh an fheadhainn a bha san taigh.]

Ò, chan eil fhios agam carson tha e gàire. Tha e gàire mar sin an-còmhnaidh. Chan eil e glè ghlic.’

(48) A’ bruich faochagan

Dar bha sinn aig na faochagan, bàbhaist duinn thoirt coire ann le bùrn ach an dèanadh sinn aiteal teatha. Ach an sa thàinig Doilidh mach, cha deach mise gus na faochagan, ach an ath- chaidh mi agus bha orm ach an còta mòr railway aig George. Agus a-nisbha èidsa cho cutethuirt iad riumsa,

Siubhail gus abheanag!’ – dar nach robh fhios agamsa gur dhiùlt i daibhsa – ‘Thèid thusa! Chan fheadar nach bruich i an coire dut.’

Dhfhalbh mi fhìn, a-nis, gus an doras. Thuirt i,

À, meudail, tig steach!’ – Thàinig bogsa à Dùn Èideann di le panachan agus frying-panAgus thuirt i riumsa,

A bheil thu feum frying-pan?’

Chan eil mise feum nichein ach bu chaomh liomsa e.’

Àch, gabhaibh-sa am fry-pan!’


[48]

Is thug i am fry-pan còmhla rium.

Thuirt i,

Madainn a-raoir bha dithis beag ann,’ thuirt i, ‘agus bha an dithis tha sinagus bhana-cheàrd! – smaoineachadh gun cuirinn-sa coire daibh. Àch, gu dearbh! Cha robh mise dol bhith bruich faochagan do ceàirdean. Cuine a tha thu tighinn a-mach à shin [ag obair sa railway] ?’

Thighearna, chan eil fhios agamsa,’ thuirt mi, ‘chan eil fhios agamsa idir cuine a gheobh mi à seo.’

Uill, tha an tìm agad don aiteal teatha. Cha bhiodh e ach sia dar ruigeas tu.’

Chaidh mi mach agus bhruich sinn na coirean a-rithist is:

Fhuair mise am fry-pan.’

Baithne dut abhean riamh?’

Cha do chuir mi sùil air abhean!’

Achs e the railway coat, bhail bha an duine aice air an railway. Bha i, nis, smaoineachadh gum buineadhainn don railway.

(49) A’ bheanag a’ coimhead na deaghaidh fhèin

Tha mi dol a dhinnseadh dut mu dheidhinn beanag agus bha i coimhead an deaghaidh i fhèin ach cha robh dùrd mu dheidhinn an duine. Agus thuirt i ris an nighean aice,

Magaidh, tig an seo!’

, nis?’

Uill,’ arsa ise, ‘tha cairteal staoig a-steach an sin agus cuireas tu air do do mhàthair e, is ugh, bhail cha bhi do mhàthair fada agad!’

Agus bheir mi dom athair?’

Tha seann ciopair anns am frids agus bheireas tu dod athair e, bhail ithidh na daoinibh rud sam bith!’

titleAm Biadh
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page