NA BEATHAICHEAN
(50) A’ chearc agus fear a’ bhùth
Dh’fhalbh mise air an t-Sàbaid còmhla riuthasa. Mur d’ fhalbh mi thuirt mi ri caileag, agus, gu dearbh, ’s e caileag gasta a bha innte,
‘Feuch, Bhella, dar bhios mise air falbh màraich, an tilg thu aiteal biadh do na cearcan?’
Dar thàinig mise dachaigh, ’s ann a bha an cearc as motha bha agam, ’s ann a bha i marbh. Fear a’ bhùth, bha cù aige nach buineadh idir da – ’s ann a chùm e an cù airson an t-seachdain.
‘Uill, donas mi fhìn!’ thuirt mise rium fhìn. ‘Pàigheas tusa airson a’ chearc!’ – A bheil thu cluinntinn?
Chaidh mi null gus a’ bhùth aige.
‘Phàigh mise,’ arsa mise, ‘seachd is sia sgilling airson a’ chearc tha sin is chan eil cearcan agadsa.’
‘Chan eil.’
‘Uill, mharbh an cù geal bha agad – agus cha bhuineadh an cù idir dut – mharbh e an cearc agus cuireas tu naoi tastan a-bhàn an sin airson mo chearc!’
Bha mi falbh bhuaithe leis a’ chearc is thuirt e rium,
‘Thug mi naoi tastan dut airson a’ chearc agus, gu dearbh, chan eil thu dol a dh’ithe i!’
(51) A’ chearc a dh’fhalbh gus na ceàirdean
Bha Òrduigheannan againn agus, dar bha na h-Òrduigheannan againn, chaidh sinn a-mach air Dimàirt agus, dar ruig sinn an stèisean, bha bòrd mòr mar sin aig an stèisean agus chuireadh sinn na sgùileachan air. Agus, rèist, cha bhiodh aig am fear ach an labhraidh aig an trèan a chur innte agus chuireadh e e mar sin air adhairt [air adhart, .i. air, air an trèan] : cha bhiodh lift idir aige. Uill, bha an sgùil aig an tè sa, Jess – agus bha mise ag iarraidh an ticead agam – dar bha mi tighinn a-mach, chunnaic mi sin beò [.i. gun robh an sgùil beò] . Thuirt mi ris a’ phiuthar aice,
‘Bella, tha livestock aig Jess.’
‘Dè fo Dhia an livestock bhiodh aig Jess bochd? Cinnteach nach eil thu ceart.’
‘Tha mi ceart gu leòr.’
Thàinig Jess a-mach i fhèin is thuirt Bella rithe,
‘Jess, tha Bell Ann cantainn gu bheil rudeigin beò na do sgùil.’
‘Na mo sgùil-sa? Càite am biodh rud beò? Tha iasg an mo sgùil mar tha aice fhein.’
‘Àch, damn it!! ’arsa mise. ‘Chan e.’
Is bheir mi air ceann an t-aparan,
‘Chan e an t-iasg tha sin.’
‘Geall fichead nota!’ arsa a piuthar. ‘Chuir iad cat anns an sgùil aice. ’S e an cat tha ag ithe an t-iasg.’
Thuirt mise,
‘Chan eil diofar agamsa dè chanas Jess. Chan eil gnothaich agam ris an sgùil sa, ach tha fhios agam gu bheil rudeigin beò anns an sgùil.’
Dar thog ise an t-aparan den sgùil, siud e ag èigheachd às! Cearc mòr brèagha anns an sgùil! Cheannaich i a’ chearc don t-sagart. Agus fhuair a’ chearc air falbh.
Agus cò bha dol air an aon trèan ach am ministear a bha againn airson na h-Òrduigheannan agus Mr MacKay, am ministear againn fhìn. Thighearna, cha robh fhios agamsa dè dhèanadh an tè,
‘Ah, Mistress MacAngus a devil,’ h-uile mionad.
‘Mistress MacAngus a devil,’ thuirt i ris am ministear.
‘What did [s]he do to you?’
‘Hen fly away, hen fly twelve shillings away!’
An ath-mhadainn dh’fhalbh i an-àirde gus an stèisean. ’S ann a bha i fagais air a h-ithe aig an dà chù mòr aig na ceàirdean. Dh’ith iad i. Bha a’ chearc dà thastan deug ri cheannach. Thighearna, bha! ’S ann a cheannaich i a’ chearc don t-sagart. Agus chunnaic mise an rud dol – a bheil thu tuigeil? – mar sin. Agus dar fhuair [ise a h-]anail, leum i às null gus na ceàirdean air taoibh eile an rathad ...
(52) ‘No see piggy’
Bha an duine sa, chaidh e gus an fhèill am Baile Dhubhthaich airson cuilean muc. Agus dar a bha e tighinn dachaigh, bha am poc leis a’ mhuc air a ghualainn agus thuirt am fear sa ris air an rathad,
‘Dè tha sam poc tha ort?’
‘Tha cuilean muc.’
‘Thighearna, feuch domh e!’
Siud a dh’fhalbh an cuilean às a’ phoc. Bha e cantainn ris a’ bhrogach dh’iarr air fhaicinn,
‘Ò, piggy off, piggy off. No see piggy any more. ’Leum an cuilean muc às a’ phoc a bha air a ghualainn. Dh’fheuch e don fhear a’ mhuc. Siud a d’ fhalbh a’ mhuc às:
‘Ò, piggy no see any more. ’Sin a’ Bheurla bha aige: ‘Piggy no see any more. ’
(53) ‘Rinn thu murt!’
Anns a’ bhaile bha seo bha seann duine is bean ann. Bhiodh iad an-còmhnaidh cumail mucan agus creic iad. Agus an là sa chuir a’ bhean a Bhaile Dhubhthaich e, is thug i airgead nota da airson dhol a Bhaile Dhubhthaich ag iarraidh cuilean muc bhiodh aice. À, mionnam air! Dar a ruig eise Baile Dhubhthaich, cha robh muc air an fhèill ach mucan mòr. Dè rinn e ach siud a dh’fhalbh e ’an taigh-sheinnse is dh’òl e h-uile sgilling don t-airgead a bha dol a cheannachd a’ mhuc.
Nis, cha robh airgead aige bheireadh air bus ’an àite eile no trèan. Shiubhail e bho Bhaile Dhubhthaich gu Baile a’ Chnuic. Dar bha e am meadhan— tighinn a-bhàn a’ chnoc sin air uachdar Baile a’ Chnuic, chunnaic dà bhrogach e. Agus anns an t-seann tìm bhiodh siosacotan aca le lìnigeadh dearg taoibh steach iad, flannel a chumadh blàth na maraichean. Is thuirt am fear sa ris am fear eile,
‘A bheil fhios agad dè nì sinn? Canaidh sinn ri Johndie gu bheil e salach, gun do thuit e anns an coup. Agus bheir sinn an t-siosacot deth agus cuiridh sinn an rud dearg a-mach ach an tèid
Shiud a dh’fhalbh eise dhachaigh gus a’ bhean is thuirt a’ bhean ris,
‘An d’ robh thu carraid?’
‘Cha robh.’
‘Tha thu làn fuil, ma-thà.’ – bha e dorcha is chan fhaca i glè mhath – ‘Tha thu làn fuil, ma-thà. Mur d’ robh thu carraid, rinn thu murt.’
(54) An t-each a thuit air a’ bhoireannach
Bha sinn dol a-mach gus an t-iasg agus bha an càrn aig Johnson toirt an t-iasg agamsa an-àirde. Is aithne dut an Tulaich? Uill, dar ruig sinn an Tulaich, ’s ann bha spring-cart a-bhàn agus an t-each na laighe air mo nàbaidh, ceann an t-each air mo nàbaidh. Dar thàinig sinn an-àirde,
‘Ò, Thighearna,’ thuirt mi ris an draibhear, ‘an e sin Katie Wilson?’
‘Seadh, Katie Wilson, seadh. Uill, dè nis tha dol bhith deis leatha?’
‘Tha mise dol thoirt an ceann aig an t-each de a corp [Bhàrr a cuirp] .’
‘À, an e sin thu, m’ eudail? Innsidh tu d’ Anndra, dar thèid thu dachaigh, ciamar a chaochail mi – leis an t-each.’
Choimhead mi ris an ceann aig an t-each. Bha e na laighe tarsainn oirre.
‘Nis, Khatie,’ arsa mise rithe, ‘a bheil thu ag èisneachd rium?’
‘Bios tu marbh fodham.’
‘Cha bhi, no marbh. Cuimhnich! Gheobh mise grèim air an dà chluais aig an t-each. Bheir mi aon dut le mo chas anns an tòin agus tilgidh mi gus an taoibh eile aig an rathad thu, ach cho fada is tha thu fon t-each chan fheagal dut.’
Bheir mi air an dà chluais aig an t-each, thog mi e is thug mi aon dise san tòin is chaidh i gus an taoibh eile. Thàinig i mach. Dh’innis mi di dè bha mi dol a dhèanamh. Uill, cha d’ chuala thu leithid. Àch, bha fad an t-seachdain na pàipearan làn deth.
(55) ‘Joe’ an t-each
Anns an t-seann tìm bha duine anns an t-àite seo. Bha each aige agus cha robh biadh ri fhaighinn. Bha an t-each bochd gun biadh. Donas! Is aithne dut poll nam buntàta? Ghabhadh e an dà chas aige, reubadh e h-uile nì don buntàta. Agus dar dh’èireadh iad anns a’ mhadainn, bha iad clìor.
Agus bha e cho eòlach, rachadh e leis a’ cheann steach ann h-uile taigh ann am Baile a’ Chnuic. Joe – diabhal do each bha siud! – bhuineadh e dom fear bha dol a thoirt am bike dut – Canghaiseach, Joe MacAngus – rachadh gus am buntàta agus bheireadh e h-uile nì às, a’ sgrìobadh e le chas. Dar rachadh iad a-mach, cha robh dusan buntàta aca. Rèist, dar rachadh e anns a’ mheadhan-là – bha e cho glic – rachadh e, ‘Hò, hè! ’, leis a’ cheann steach anns a h-uile doras ag iarraidh aran. ’S iomadh là bha e aig an doras sa: ‘Seallaibh Joe!’
(56) An t-each a bha aig na ceàirdean
Dar bha sinn dol a dh’Inbhir Gòrdain leis an t-iasg, bha fear sin, bhiodh e cur sinn is an t-iasg is h-uile nì is rachadh e dh’Inbhir Gòrdain còmhla ruinn. Ach bha an Nanna sa – chaidh i bhàn is thàinig i air ais thugamsa,
‘Bell Ann!’
‘Dè?’
‘Cha bhiodh e an Inbhir Gòrdain an-diugh. Cha toireadh na seachd diabhlan an t-each às an stàile.’ – bha iad diabhlaidh math, nis, da – ‘Cha tig e às an stàile, agus tha e bramadaich is cur dheth is cha tig e às an stàile.’
‘Thighearna,’ arsa mi ri mo mhàthair, ‘dè nis? Tha an t-iasg aicesa is an t-iasg agam fhìn— .’
‘M’ eudail, ’s fheàrr dut dhol a-null ach am faic thu dè thachair.’
Chaidh mi null thuice. À, cha tigeadh, ged a chuireadh to—.
‘Uill, chan eil mise dol a challtainn an t-iasg is h-uile nì,’ arsa mise.
Siud mise – agus bhiodh stob aig an doras aige – arsa mise ris, is e san leabaidh,
Isbeil Anna agus fear de na coin aice, sna 1940an is dòcha.
Isbeil Anna le cù, Mac, sa ghàrradh aig ‘Nairnview’.
‘Èirich à sin! Tha diabhal de— an t-each an seo is cha tèid i, cha tig i mach às an stàile, a bheil thu cluinntinn?’
Chuir e an trùsar air is thàinig e mach.
‘Ged a chuireadh tu òr fo gob is cha tig i mach às an stàile is cha chreic sinn an t-iasg.’
Chaidh e steach anns an taigh [a-rithist] – tha seo cho fìor – is ghabh sinn post do stob, stob lodh post bhiodh ann:
‘Tig a-mach à sin, a nighean aig an Diabhal!’
Thighearna, bha i mach air an rathad! ’S ann aig na ceàirdean a bha e [Leugh i] , agus ’s ann mar siud bha iad toirt an t-each às fo na craobhan:
‘Mac an diabhal, tig a-mach às sin!’
Agus mach thàinig e [Leugh i] .
(57) ‘Mac’ air chall
Bha aon chuairt, bha cùthan beag, geal agamsa, West Highland terrier,agus an oidhche sa dh’fhalbh e agus chan fhaighinn biod deth [.i. chan fhaighinn lorg air] . Cha robh fhios càite an d’ robh e timcheall.
Nis, bha brogach agus bha e aig an dannsadh agus, dar bha e tighinn dachaigh, càite an deach an cùthan ach an-àirde air cnocan feur bha air cùlaibh an taigh agus shuidh e sin. Agus bha e cho geal agus bha am brogach tighinn dachaigh bhon dannsadh is nach fhaca e an cùthan geal. Shaoil leis gur e eachd a bha ann. Siud a dh’fhalbh am brogach fagais air dochair na h-inntinn [Leugh na inntinn] .
Steach an doras leis:
‘Airson Dia, fosgail an doras! Tha eachd air cùlaibh an taigh agaibh!’
Agus cha robh ann ach an cùthan beag, geal agamsa.
(58) Magaidh anns an dorcha
Bha an cùthan beag sa, cha robh e faicinn mi le bhith muigh leis an t-iasg ach, dar thiginn dachaigh, chan fhàgadh e mi, an cùthan. Bhiodh e tighinn gu sìorraidh aig cùlaibh mo shliasaid an sin, aig cùlaibh mo chasan. Agus chaidh mi an-àirde gus a’ bhùth ag
Nis, chaidh mise an-àirde gus a’ bhùth ag iarraidh rudeigin agus bha eise còmhla rium. Dè bha ann ach na brogaich dèanamh po’gun, is aithne dut, agus nach do shaoil leis gur e gunna a bha ann. Leum e steach. Bha leabaidh aicesa anns a’ chlòsaid. Chuir e cheann fon t-aodach is dh’fhuirich e sin le feagal. Thàinig mise dachaigh is thàinig an oidhche is cha robh bloody biod deth ri fhaighinn.
‘Ò,’ thuirt mi, ‘Thighearna, bha e còmhla riumsa an-àirde gu Magaidh Ùistean. Chan eil fhios agam càite an deach e.’
Chaidh Doilidh sa mhadainn an-àirde ag iarraidh gnothaich. Thuirt Magaidh Uistean,
‘Bhail rug Dia mise is cha d’ fhuair mise uiread do feagal leis an cùthan, an donas beag cù agad! Aig trì uairean sa mhadainn thàinig e às a’ chlòsaid – agus cha robh solas agamsa. ’S ann a bha an diabhal beag cùthan ceanna-bhàn, bha e laighe anns an leabaidh fad an oidhche.’
Nach e a bha glic, nis?
(59) ‘Idir, idir’
Anns an t-seann tìm bha cìobair agus bha e anns na monaidhean agus bha geamhradh cruaidh ann is cha b’ urrainn da biadh fhaighinn don teaghlaich. Is cha robh fhios aige dè air an t-saoghal a chreiceadh e anns an taigh airson airgead bheireadh biadh don teaghlaich. Àch, smaoinich e gun creiceadh e an cù – ’s e ‘Idir-idir’ an t-ainm bha air an cù. Thuirt a’ bhean ris dar dh’fhalbh e laighe aig an oidhche,
‘Cuimhnich, a Mhurdo, na creic an cù, bhail thèid a’ chloinn dochair airson an cù! Tha iad dèanamh seòrt do Dia don cù.’
‘Fimireas mi dhol gus an fhèill leis an cù is a chreic e.’
Dh’fhalbh e agus chreic e an cù aig an fhèill agus bha a chridhe briste airson an cù, e fhèin, is thuirt e dar bha e dol dachaigh,
‘Hàch,’ thòisich e air cantainn. ‘àch, chan fhiach an fhèill idir, idir, idir, idir, idir, idir!’ Agus dh’fhalbh e bhon duine a cheannaich e – bha e anns an taigh roimhe.
‘Gu dearbh!’ [thuirt a’ bhean ris.] ‘Cha tug thu an cù gus an fhèill: tha e uair agus nas motha na uair bho bha an cù aig an taigh.’
(60) An cù bho Norway
Bha cù mòr againn, ‘Nils’, agus thàinig e bho Norway. Aon là bha mi na mo shuidhe aig an teine liom fhìn is boireannach eile còmhla rium, agus thàinig an cù sa steach agus chuir e a cheann air m’ aparan, bhàn air m’ aparan agus, gun canadh tu, cairteal an deaghaidh sin thàinig an duine-uasal gus an doras – ’s e steach seo bha am both agam – is thuirt e rium,
‘Steach seo thàinig an cù agam?’
‘Seadh. Coimhead! Chuir e a cheann air an t-aparan agam.’
Nis, bha iad anns a’ Mhorbhaich is fhuair iad shift air sin ach cha robh iad dol dachaigh a Norway. Cha robh e dol dachaigh. Dh’iarr e orm an cumainn an cù is thuirt mi gun cumainn. Bha an cù agam airson bliadhnachan. Ghabh e turn dona.
title | Na Beathaichean |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |