[61]

AN EAGLAIS

(65) Ministear gun ghràs

Oidhche na Sàbaid agus dorcha, dorcha mar an sùith, cho dorcha is bha an oidhche. Thàinig an gnog gus an uinneag agam fhìn air oidhche na Sàbaid is cha robh fhios agam dhèanainn. Bha e timcheall h-ochd, an deaghaidh mi thighinn bhon t-searmontimcheall as t-oidhche anns an geamhradh. bha seo ach ministear. Ministear!

Agus choimhead mi mach air an uinneag sin ach am faicinn bha ann is leis an dorcha cha robh mi faicinn e. Chaidh mi gus am porch is chunnaic mi gur e am ministear, agus bha a mhàthair còmhla ris. Arsa mise,

tha thu ag iarraidh aig an tìm sa air an t-Sàbaid?’

Arsa eise, ‘Tha mi ag iarraidh an taigh aig Hector Hec.’ – A bheil thu cluinntinn? Air oidhche na Sàbaid!

Chan ann mur seo [Mun cuairt seo] tha an taigh aig Hector Hec. ’S ann tha an taigh aig Hector Hec shuas am baile,’ thuirt mi ris.

À,’ arsa mise, ‘an drobh thu aig an t-searmaid aig an oidhche?’ thuirt mi. ‘Nach eil nàire ort?’ – agus a mhàthair ann – ‘Ministear gun ghràs!’ thuirt mi ris.

(66) A’ coimhead ri Punch

Uill, bha an t-seann boireannach sa, bha i ann an Sasainn coimhead air a nighean agus, dar a thàinig i gus an trèan, chaidh i steach ann an carriage an t-àite an drobh ministear. Agus bha am ministear leughadh leabharchanadh tu gur e Punch a bha air an leabhar. Agus dar a bha abhean cho sàmhach leis aumbrella anns an làimh aicebha umbrella mòr, fada, anns an làimh aiceagus thuirt am ministear rithe,

Mistress, an coimhead thu ri Punch?’

Chuir i an-àirde aumbrella:

Mo Dhia! Ma dhfhosgaileas tu putan!’


[62]

(67) An Grecian band

Bha ministear anns aMhanachainnchì thu seoanns am Free Church agus thàinig fashion steach. Grecian band chanadh iad ris. Bha chainachan anns an t-aodach, cumail a-mach e. Chì thu seann pioctairean leis mar sin. Agus chaidh na caileagan gus an sgadan is thug iad dachaigh sgiortachan le Grecian band anns an cùlaibh.

Agus chaidh iad an-àirde gus an t-searmaid ach an cluinneadh iad chanadh e [.i. am ministear] . À, bha searmaid airson airgead don eaglais an seo. Dar chaidh iad an-àirde gus an t-searmaid, cha robh nichein aca. À, airgead, airgead, airgead! Agus bha am ministear cantainn carson bhiodh aig caileagan òg Grecian band agus nach drobh iad toirt tastan don eaglais, a bheil thu tuigeil?

‘ ’S e mòran na bfheàrr daibh thoirt don eaglais bhail tha an eaglais feum e!’

Dhèirich an t-seann bodach agus thuirt e,

À, tha cur bhuaibh? Carson tha sibh bruidhinn air na caileagan airson Grecian bands dar tha iad anns an tòin aig bean am ministear?’

Bha iad anns an tòin aice, anns an sgiort aice, mar càch, an aon rud.

(68) An catechising

Anns an t-seann tìm bha catechising ann. Thigeadh am ministear gu h-uile taigh agus dhfhimireadh sinn uile dhol gus ahall. Agus bha am ministear cur orainn an catechism, a bheil thu tuigeil? Agus bha an duine agam beò agus chaidh an dithis againn suas thuige agus bha seann boireannach an sin gun canadh tu Kate Margaidhseann boireannach, achs e Crìosdaidh bha innte, bha i gu math.

Agus bha i anns achoille briseadh stoban airson amhadainn bheòthaicheadh an teine di. Agus thàinig an rathad ach am ministear agus thuirt e rithe,


[63]

An e sa choille a tha thu, Kate, agus gu bheil agad ri dhol gus an catechising a-nochd?’

Och, chan eil mise dol, Mr MacKay. Chan eil mi dol bhail chan eil aon agamsa. Chan eil cuimhne agamsa orra. Dar bha mi òg— .’

Fimireas tu bhith sin. Nis, ged nach tigeadh tu ach cairteal mum biodh sinn deis, fimireas tu bhith siud!’

Fuirich thusa! Thèid mi suas gus an t-àite ma chanas tusa nach cuir thu aon orm! Chan urrainn domhse, nis, an catechism a dhèanamh, a bheil thu tuigeil?’

Dar chaidh sinn suas, thuirt am ministear ri Kate,

What’s man’s chief end?

Mr MacKay, a bheil sibh cur aon ormsa an deaghaidh na thachair eadar-ruinn anns achoille?’ (Thuirt eise rithe anns achoille nach cuireadh e oirre e.)

(69) An ofrail

Anns an t-seann tìm dar bhiodh iad dolan eaglais, leis am bochdas bha anns an t-àitebha an t-àite cho bochd nach drobh teaghlaichean mòr dolan eaglais. Bu bhrèagha daibh sgilling an aon chur anns an ofrail. Ach an sa bha am brogach dol a-steachan eaglais agus chuir e làimh na phòcaid agus, an àite chur an sgilling anns an ofrail, ’s ann a chuir e bonn leth-chrun ann. Dar bha e dol steach gus an eaglais e fhèin, thuirt e ris am boireannach sa,

Thighearna,’ arsa eise, ‘nach do chuir mi am bonn leth-chrun a tha agam don t-saoghal anns an truinnsear.’

Ò uill, siubhail air ais agus innis don duine gun do chuir thu ann e!’

Ò, chan eil fhios agamsa ciamar a thèid mi air ais.’

Thuirt am boireannach ris [.i. ris an èildear] ,

Ùistean, a bheil bonn leth-chrun san truinnsear?’

Tha.’

Uill, buineas e don brogach sa. ’S fheàrr dut thoirt da e,


[64]

Cuirm-chnuic aig sgoil shàbaid, Seannduaig 1936.

Isbeil Anna air taobh a-muigh taigh na h-ighne aice ann am Baile Dhubhthaich.


[65]

bhail innsidh mi dut còrr. Chan eil an còrr aige don t-saoghal ach am bonn leth-chrun agus bheircuireas e sgilling ann.’

Ò uill, ma thig eise agus cur an sgilling anns an ofrail, gheobh eise am bonn leth-chrun.’

Is thug e da e.

(70) Na h-Òrduigheannan an Tairbeart

B’ àbhaist daibh, h-uile Dihaoine do na h-Òrduigheannan, b’ àbhaist daibh chumail mar an t-Sàbaid. Nis, bheireadh an t-èildear bu shine anns an eaglais, bheireadh e mach facal às aBhìoball. Nis, bha agadsa agus bha agamsa, nan canadh sinn gum bu Christians a bha ionnainnsa, dhfhimireadh sinn thighinn cho fagais ris an fhìrinn is burrainn dut dhèanamh.

Is an uncle agamsa, chaidh e gu na h-Òrduigheannan agus, dar a ruig e Tairbeart, thuirt e ri aon do na [h-]èildearan eile,

Nach uamhaidh fada tha iad gun toirt mach an text tha iad dol thoirt a-mach?’

Is cha robh dùrd ma dheidhinn.

Is thuirt e ri fear eile a bha air a chliathaich,

Cinnteach nach eil e dol a bhruidhinn idir, gur e sgleò an t-saoghal a tha orra?’

Dhèirich e. Thuirt e,

Tha life-boat ready,h-uile anns an life-boat ceart ach chan eil stiùir oirre is chan urrainn dith dhol.’

Bha e tron saoghal uile, an rud a thuirt e: nam biodh airgead ann airson an eaglais, bhiodh iad uile strì airson dhol ann, ach dars e Facal Dhia bha ann cha robh dùrd ma dheidhinn. Bheir e air an ad is bha e siubhal is thàinig e dachaigh.

Agus innsidh mi rud eile dut ma dheidhinn. Thug mo mhàthair agus an auntie agam, thug iad [da] uile an t-aodach [thug iad da an t-aodach uile] bhiodh bòidheach air dol gus an eaglais. Agus chaidh e air na h-Òrduigheannan, bha e dol sìos agus thuirt mo mhàthair riumsa,


[66]

Nis, feuch gum bi h-uile agad prim bhail tha mi dol a shiubhal mi fhìn!’

Ò,’ thuirt mi, ‘pholishig mi h-uile tha anns an t-aodach aige glan is chuir mi shift nan tachradh air an rathad air.

Dar thàinig eise gus an t-siosacot, ged a gheobhainn an saoghal agus gum faighinn Baile a’ Chnuic is Tairbeart, chan fhaighinn an t-siosacot.

Càite a bheil an t-siosacot?’

Is thuirt mise ris, ‘Chan eil fhios agamsa càite a bheil e.’

Hàch,’ arsa eise, ‘dhfhaithnich mi gum biodh rudeigin ann.’

Chùm an Diabhal an t-siosacot ach shear mi leis an geansaidh agus an dickie agus chuir e geansaidh uaine air. Agus creid thusa nach deach e fichead slat, siubhal gus an eaglais, dar fhuair mise an t-siosacot. Agus dhfhàg e sin agamsa, dhfhàg e e mar sin agamsa.

(71) Nàbaidhean a’ carraid

Uill, cha robh mise aig an eaglais ach dhinnis iad domh dar thàinig iad dachaigh. Bha nàbaidh agus cha robh iad riamh ach carraid bho thàinig iad gu chèile. Cha chluinn thu sin glè thric! Rachadh an nàbaidh agamsa tron mhuir airson mi: bha i seo an-diugh dèanamh h-uile burrainn di dhèanamh domh.

Agus, Thighearna, dar bha an eile gabhail oirre gun drobh i gu math agus, dar bha i dol mach gus am bòrd [.i. aig na h-Òrduigheannan] , ’s ann a chuir an randie eile mach a teangaidh cho fada ri sin oirrean nàbaidhaicechuir i mach a teangaidh cho fada ri sin oirre. Chaidh sin tron dùthaich mar teine.

(72) An uaigh dochair

Bha mo sheanair is mo sheanmhairbha àite anns achladh anns aMhanachainn aca. Bha caileag anns an t-àite againn is chaochail i. Caileag glè, glè nice a bha innte. Agus fear do na h-èildearean aig an eaglais, chuir e achaileag anns an t-àite a bhuineadh duinn agus cha robh gnothaich aige a dhèanamh sin.


[67]

Cha robh agamsa ach dhol gu duine uasal a dh’iarraidh air dhèanainn.

Thuirt e riumsa,

Siubhail thusa gu Conon agus gheobh thusa an duine a dhfhosgaileas an uaigh aig an uncle agad dar tha an t-ainm aige air achiste aige. Agus, rèist, chan eil an còrr agad ach thoirt achaileag às.’

Uill,’ thuirt mise, ‘cha toir mi achaileag às, ach thèid mi air adhairt gu Conon gus an duine sin.’

Bha agam ris an duine a phàigheadh gus a’ Mhanachainn’s iomadh rud a thàinig mi troimhe. Dar chuala am fear [an t-èildear] gun d’ robh mi dol a Chonon ag iarraidh an duine sa,

Hàch,’ arsa eise, ‘ ’s fheàrr domhse toirt an-àirde e bhail tha mi smaoineachadh gu bheil mi dochair.’

Thuirt mi ris am ministear agam,

Cuimhnich seo, Mr MacKay! Ma bhios e ag ùrnaigh anns an t-àite am bi eise [.i. san àite àbhaisteach aige] no san eaglais, thèid mi mach às an eaglais. Agus ma dhiarras neach orm carson a chaidh mi mach, innseas mi dhaibh!’

(73) An seann seacaid aig a’ mhinistear

Bha sale owork ann is thuirt mi ri Jess anns amhadainn,

Feuch am faigh thu rudeigin chuireas tu air an stàile. Chan eil thusa ag iarraidh .’

Ach gheobh mise rudeigin chuireas ceart thu,’ [thuirt ise.]

Is, Thighearna, bha ise aig Beaulya bheil thu faicinn? – is thuirt a piuthar riumsa,

Dar thig thusa aig Invergordon, leumas tu às an trèan. Iarr air am piuthar an sgùil aice! Bios fhios againn fhuair i.’ – Bhail cha tug i còmhla rithe anns an trèan idir e.

Thàinig sinn gu Inbhir Gòrdain is tha tìm an-còmhnaidh sin. Thuirt mi nis ri guard,

Here, give me that creel! She has a parcel of mine.

Thilg e nis am parsail domh. Dar a dhfhosgail


[68]

Ò, Thighearna nan Gràst, an e seo uile a fhuair thu?’

’S e.’

Bha mìle coilear fasta ri sin aige le safety-pin anns an rud. Dar bha sinn dol mach aig Delny, bheir Bella Johndan air an còrda aig an rud is dh’fhosgail i an uinneag is thilg i an t-seacaid a-mach. Bha bean an ath-dhoras:

À,’ thuirt i, ‘a man went oot.Fimireas mi— .’

Od! À, na bean ris an trèan!’

Shaoil leis abhean gur e duine a leum às an trèan.

(74) Duine nach robh siubhal ceart

Uill, bha duine anns am baile an seo is bha an duine gasta. Is chaochail e. Cha robh hearseachan dol anns na làthachan sin. Bha iad dol gus achladh isbha an ciste air na guaillean aig na daoinibh. Is thuirt an duine an seo ris an duine eile seo,

Uill, ’s e duine gasta bha an Dòmhnall.’

Ò, chan eil mise ràdh nach robh e na d[h]uine gasta ach cha robh e siubhal ceart.’

Gu bha ceàrr?’

Uill, phòs e dar bha e an duine òg [Leugh na dhuine òg] . Cha robh aige ach chloinn. Bu chòir deichnear bhith aige!’

Uill, ’s e t[h]oil fhèin bha sin.’

Chan e, no t[h]oil fhèin! Cha robh aige ach an chloinn: bu chòir deichnear bhith aige. Bha e pòsta airshon còig bliadhna fichead. Cha robh ann ach a dhà. ’S e peacadh mòr tha an sin an sùilean Dia!’ (ÙR)

(75)Bu tu mo ghlug!’

Bha seann boireannach dolan eaglais aon mhadainn is chaidh i gus aphreas is chunnaic i leth-botal uisge-beatha anns aphreas. Is thug i bhàn i. Is thug i an cork às is chuir i siud ris abheul. Is chuir i siud a-bhàn is thuirt i rithe fhèin,

Àch, an donas feum tha an eaglais dol [.i. dèanamh] domh!’ Is:

Bu tu mo ghlugcha be guth amhinistear!’ (ÙR)


[69]

(76) A’ gabhail an Leabhar

Anns an t-seann tìm bha bochdas uamhaidh ann: thuirt abhean ris an duine,

Feuch an tèid thusa a-bhàn gus am bùidsear am faic thu am faigh thu cnàimh. Nìos e soup no rudeigin don teaghlaich.’

Dar thàinig eise steach, bha eise [.i. am bùidsear] gabhail an Leabhar airshon an oidhche mar a bàbhaist.

Is thuirt i ris [.i. ris an duine aice nuair a thill e] ,

An dfhuair thu ?’

Ò uill,’ arsa eise, ‘ [A’ SEINN] “tha an ceann sin, na casan fom bòrd” !’

(77) An chraobh

Bha brogach is caileag [ann] , agus màthair am brogach, ’s e Free Presbyterian bha innte, is cha robh i ag iarraidh a mac phòsadh achaileag. Agus chaochail achaileag is chaochail am brogach. Chuir iad craobh air abhrogach agus craobh air achaileag. Thachair sin ann an Stornoway. Dh’fhàs an chraobh cho àrd gun drobh iad coinneachadh a chèile.

Mur deach am boireannach don saoghal [den t-saoghal, .i. bhon t-saoghal] , thuirt i,

Ged nach eil sinn pòsadh air an talamh, bidh sinn cuideachd an Nèamh.’

Agus bha iad.

titleAn Eaglais
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page