A’ BHUIDSEACHD
(78) Leigheas airson foinneachan
Aig cùlaibh an taigh aig Daisy Tarail tha dhà no thrì chlachan ann. Ach tha aon chlach ann agus chanadh an t-seann fheadhainn nam biodh foinneachan, nì do foinneachan [gin de dh’fhoinneachan] air t’ aghaidh no nì air na làmhan agad, nis, rachadh tu gus a’ chlachag. Is tha bùrn innte tron geamhradh agus tron samhradh agus chuireadh tu air na foinneachan e, am bùrn, agus cha bhiodh e fada ach am biodh tu clìor diubh.
(79) Uisge airgid
Bha bobhla mòr fiodh aca agus bhiodh leth-chrun anns am bobhla agus, rèist, bhiodh sia sgilling anns am bobhla agus bonnan trì sgilling anns am bobhla. Bheireadh iad sin dut a dh’òl agus nan fhastadh an t-airgead ri tòin am bobhla ’s e buidsidheachd a bha ann, buidsidheachd. Nan fhastadh an t-airgead gu tòin am bobhla, bhiodh fhios aca, rèist, gur buidsidheachd bha deis dut – a bheil thu tuigeil? – agus, nis, rachadh e tron àite.
(80) A’ bhana-bhuidse
Dar bhiodh iad dol gus a’ mhuir agus a chitheadh iad am ministear, rachadh iad dachaigh. Cha d’ rachadh iad gus a’ mhuir dar a choinnicheadh iad am ministear.
Nis, corr uair choinnicheadh iad boireannach nach d’ robh gu math [.i. tè dhona, a dh’fhaodadh a bhith dochaireach, cronail] – rachadh iad dachaigh agus cha d’ rachadh iad gus a’ mhuir. Bha fear eile dol sa mhadainn a dh’obair agus chunnaic e an geàrr sa air an rathad agus thuirt e,
‘Ò, Thighearna,’ arsa eise, ‘nam biodh mo ghunna agam!’
‘Dè bha thu dol dhèanamh?’ bhruidhnich i. ‘Dè bha thu dol dhèanamh ged bhiodh do ghunna agad?’
‘Dol a chur am bullet ionnadsa!’
(81) An nota a chaidh air chall
Bha mi creic iasg an Inbhir Pheofharain agus bha mi toirt iasg don tè h-uile seachdain ach an ruitheadh e an-àirde timcheall mìos, a bheil thu tuigeil? Agus dar bha i toirt an t-airgead domh, thuirt i riumsa,
‘Ò, gu dearbh, chan eil fhios agamsa ciamar tha mi toirt an nota dut, bhail tha mi feum an nota!’
‘Ged a feumadh tu no nach feumadh do chac, fimireas an nota a chur an sin – tha an t-iasg agamsa ri chreic.’ – A bheil thu cluinntinn? Bhail tha e cho fìor!
Nis, bha seann bodach air an t-sràid an seo, bha e à chiall
‘Feuch an toir thu dà bhiosgaid domh!’
Agus thug mi nota da – an creid thusa?
Tha mi ag innseadh dut: dar ruig mise an taigh choimhead mi dè an t-airgead a rinn mi – a bheil thu tuigeil? – leis an t-iasg. Diabhal mi fhìn, bha mi clìor nota! Bana-bhuidse an donais a bha innte. Agus chaill mi nota bu chòir duinn fhaighinn airson an t-iasg.
(82) ‘Carson a dh’fhàg thu Dan?’
Bha sinn dol a Yarmouth agus càrnan bha toirt an-àirde sinn gus an stèisean. Agus a’ chaileag sa – bha iad dol a phòsadh cho fada is bha iad cuideachd [.i. a’ falbh le chèile] – agus dh’fhàg an tè am brogach. Dar bha sinn anns an càrn, thuirt màthair am fear. Thàinig i mach [thugainn] :
‘Càite a bheil sibh dol?’
‘Gus an sgadan.’
Thuirt i ris a’ chaileag, ‘Carson a dh’fhàg thu Dan agamsa? Bha Dan còmhla riut fad nam bliadhnachan. Dè an reason a dh’fhàg thu mo bhrogach còir-sa, Dan?’
‘Chan eil gnothaich agaibh ris. Dè do ghnothaich?’
‘Tha gnothaich agam: gun caomh liom mo mhac agus tha e rathadeigin croibeach, no chan eil e ceart bhail dh’fhàg thu. Ach coimhead! Bhiodh tu cho math thighinn a-bhàn às an càrn agus a phòsadh bhail bloody nì [.i. a chionn ’s nach dèan thu dad idir (de chosnadh) ] nì thu!’
Agus dar bha na h-Òrduigheannan ann, chuir mo mhàthair fios thugamsa a Yarmouth chur dachaigh ad di chorrespondadh ris an cota. Uill, Joe, cha do rinn sinn na phàigheadh sin, maille ri ad! Bha agam ri sgrìobhadh gu mo mhàthair:
‘Cuir nota domh, bhail chan eil airgead agam cheannas ad dut.’
Thàna sinn dachaigh mar sin.
Agus thuirt an t-seann bitch,
‘Tha e cho math dut thighinn a-bhàn agus a phòsadh bhail cha dèan thu nì an t-àite a bheil thu dol!’
(83) An ìomhaigh
[Rug caileag san àite leanabh dìolain do bhrogach agus, nuair a dh’ainmich i e mar athair dha, ’s ann a loisg a chàirdean ìomhaigh dhith.]
Bha am brogach leis a’ chaileag sa. Dh’fhag e a’ chaileag. Phòs e boireannach eile. Agus cha robh e nas motha na còig no sia bliadhna – bha an leanabh timcheall còig no sia bliadhna – rinn iad effigy le seacaid agus seàla mòr air a ceann is chuir iad a-bhàn anns a’ mhuir air creig i. Chuir iad spong rithe.
Phòs am fear – dè dhèanadh sin air a’ chaileag? Agus cha robh e trì bliadhna pòsta dar chaochail a’ bhean aige.
Bha e air a’ yacht aig Baile nan Gobhainn còmhla ris an duine-uasal. Thàinig e don yacht – thachair rudeigin ris: thàinig a chuinnseas air ais air; thàinig e dachaigh gu Baile a’ Chnuic. Nis, bha a’ bhean aige marbh. Phòs e an tè aig an d’ robh an leanabh. Bha seachdnar a theaghlaich aige. Bha e anns a’ phrìosan cho tric is tha an fhalt air mo cheann, ach thàinig a chuinnseas air ais air.
Bha cùidseachan fiodh dol an uair sin anns na ceàrnaidhean – a bheil thu faicinn? – an àite seathraichean, agus thilg e am brogach aige – bha [Leugh ’s i] an t-seann auntie bha togail e, bha i muigh aon là agus thàinig e – thilg e an leanabh aige, leis an Diabhal a bha ann, agus thachair rudeigin don chas aig a’ bhrogach: bha e crùbach riamh.
Bha am brogach sin an Dundee le long mòr aige – ’s e caiptean bha ann an deaghaidh sin. Chaochail athair is cha tàinig e gus an tiodhlacadh. Is thuirt mise – thigeadh e an-còmhnaidh seo,
‘Ò, Dhàibhidh, m’ eudail, tha sin cruaidh. Carson nach tàinig thu gus an tiodhlacadh aig t’ athair?’
‘Bell Ann,’ arsa eise, ‘ ’s ann aig Dia tha fhios ciamar bha mi fuireachd còmhla riutha. Cha robh gaol agamsa do m’ athair nas motha na bha do cheàrd bha dol [falbh] an rathad!’
(84) An neapaig san t-seann seacaid
San t-seann tìm bha brogach is caileag agus bha iad an-còmhnaidh cuideachd ach, nis, dh’fhalbh a’ chaileag gu deas gu muinntireas agus choinnich i fear eile agus phòs i e. Bha am brogach, bha e fagais air gun do bhris e chridhe airson i. Agus dè rinn e ach dh’fhalbh e gus an t-seòladh le briseadh cridhe agus tha mi creideil gun d’ robh fagais air deich bliadhnachan mun tàinig e dachaigh agus phòs e caileag à Baile nam Bruthach is dh’fhalbh e gus an t-seòladh rithist. Agus dar dh’fhalbh e gus an t-seòladh rithist sin aigesa, bha e air a bhàthadh fagais air Ceanna P[h]àdraig. An t-athair is a’ mhàthair, cha robh fhios aca càite an d’ robh e bàthte agus bha cùram uamhaidh orra ciamar a thachair e ann an nì [ann an dòigh] : cha d’ chuala iad ceart ciamar a thachair e.
Agus nach tàinig e ann am bruadar gus an tè bha e dol phòsadh an tòs, gus a’ chaileag a bha aige, agus thuirt e rithe,
‘Gheorge’ – ’s e Georgìna a bha oirre ach ’s e ‘George’ thuirt e rithe – ‘George, an tèid thu m’ athair [Airson an tèid thu a m’ athair] is mo mhàthair is innis daibh gu bheil seachd fathom do uisge air uachdar mo chorp aig Ceanna Phàdraig?’
*
Thàinig e oidhche [eile, a shealltainn air mo mhàthair] . Bha tobha aige. Bha e cur an tobha timcheall a h-amhaich is thuirt e – thug e an tobha di,
‘An tèid thu gu m’ athair is gu mo mhàthair. Innis daibh gum faigh iad neapaig anna mo phòcaid [anns an t-seacaid] tha air an tarraig air an doras a-muigh.’
’S e tìm na h-Òrduigheannan a bha ann is thuirt Dànaidh [a bràthair] rithe,
‘Cha tèid sinn gus na h-Òrduigheannan. Thèid sinn ’an t-àite an d’iarr [Leugh a dh iarr] e.’
Dh’fhalbh mo mhàthair agus an uncle agam a’ siubhal agus bha trì mìle aige agus nas motha.
‘À uill,’ thuirt a’ bhean, ‘shin uile na bhuineadh da, an seann seacaid aig an taoibh steach sin, air tarraig sin is chan eil nichein ann.’ Dar dh’fhalbh mo mhàthair gus an t-seacaid bha an neapaig [ann] . Chan fhaca mo mhàthair e tuillidh an deaghaidh sin.
(85) An radan san t-shed
À, ’s e uncle domhse bha sin, anns an t-seann tìm. Tha mi credeil gu bheil trì fichead bliadhna is a deich bhon uair sin, agus an còrr. Tha, is an còrr. Uill, fuirich ort! Dar bha mise na mo bhalachan bheag, timcheall còig bliadhna, no ceithir, bha e fuireachd air a chùlaibh sin – air cùlaibh an t-àite a bheil am bungalow sin, air an t-sràid air a chùlaibh. B’ àbhaist domhse dhol a-staigh chèilidh agus thuirt a nigheanan rium,
‘Tha radan anns an t-shed. Tha baraille sgadan staigh sin i tha iad [na radanan] ag ithe iad.’
Is dh’fhaighnich e riumsa rèist,
‘A bheil trap agad da, trap rabaid? Agus bidh sinn setigeadh i.’
Shetig sinn an trap: chuir sinn a’ phìos feòil innte no rudeigin. Is dar thàna an ath-mhadainn – cha robh an t-seann duine ag èirigh gum biodh am meadhan-là ann – chunnaic mise e muigh siud ... na sheasamh. Bha e muigh gabhail smoc an deaghaidh èirigh. Meadhan-là. Thuirt mise,
‘An robh sibh anns an t-shed fhathast?’
‘Cha robh!’ he says – ‘Bha!’ he says. ‘Chan eil nì san trap. Leigidh sinn dith gu seasamh na mara.’
Nis, bha sin all right.
An ath-mhadainn dh’fhaighnich mi ris san t-seann tìm, meadhan-là,
‘An robh sibh [aig] an trap?’
‘Bha. Tha e air a cheanna mòr sin an-diugh! [ .i. Bha e ri fhaicinn an latha sin, ceann an-àirde. ( ’S e gnàthas-cainnt a bha ann an seo, a rèir choltais, ach cha chuala mi ach an uair seo e.) ] ’ (US)
(86) Teip dubh
Dar a bha mise na mo leanabh, bha mi glè bhochd is bha mo sheanmhair is mo mhàthair coimhead na mo dheaghaidh. Thàinig seann boireannach staigh gus an taigh is thuirt i ri mo mhàthair,
‘Cionnas tha am balach a-nochd?’
‘Chan eil nì ach gu bheil e ann.’ Is chaidh i mach.
‘Càite a bheil sibh dol, Sheun?’
‘Och, cha bhi mi fada.’
Is chaidh i shuas a’ bhaile [Leugh suas am baile] is chaidh i staigh gu seann boireannach bha sin.
‘Ò, an e seo thu fhèin?’
‘ ’S e.’
‘Dè do naidheachd a-nochd? Cionnas tha an fhear beag a-nochd?’
‘Uill, bha mi staigh an-dràsta is bha e na shuidhe sa chreathall glocadaich, is dh’ith e truinnsear lite, an cuala tu, ag ithe [Leugh a dh’itheadh] paidhir each agus— .’
‘Ò, is math sin! Uill, gu dè tha e feum mise cumail seo air mo s[h]liasaid nis!’ Is thog i a sgiort, bhris i an teip dubh bha air ceangail ris an sliasaid is thilg i ’an teine e.
‘Gu dè tha e feum mise bhith cumail sin air mo shliasaid nis!’ Dh’eirich Sheun [Leugh Seun] .
‘Tha thu falbh mar-thà?’
‘Ò, cha robh cuimhne agam air na [Leugh an] snoitean agam – bios mi air ais ann am mionaid.’
Is dar chaidh i mach, thàinig i staigh gus an taigh aig mo mhàthair. Thuirt i ri mo mhàthair,
‘Cionnas tha an fhear beag nis?’
‘Uill, cha robh thu deich slat bhon taigh dar dh’èirich e anns a’ chreathall is bha e glocadaich.’
Chuir i a shùil [Leugh a sùil] air an leanabh. Bha mise cho brèagha dar bha mi beag is chuir i a shùil [Leugh a sùil] orm. ’S e sin rinn ise: cheangail i an teip an seo air an sliasaid aice. Agus dar a bhris i e, theirig an tinneas. (ÙR)
title | A’ Bhuidseachd |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VI. Saoghal nan Daoine |