[80]

AM PÒSADH

(92) An oidhche ron phòsadh

Ach an oidhche mu[m] pòsadh i, bha cùdainn bùrn le leth-chrun. Bha an leth-chrun [ann], is bha sgilling, is bha cinderan às an teine agus tarraig is fàinne boireannach. Rachadh, nis, na caileagan bhàn anns achùdainn feuchainn gheobhadh iad. Nam faigheadh iad an cinderbha aon falt bhuineadh don bhrogach, bha e anns an cindernis, bha thu dol a phòsadh am fear sin.

Agus, nis, am fàinne: cha robh thu fada ach am biodh tu dol chur am fàinne ort; luck anns an tarraig agus luck anns aghuail. Cha robh an còrr ann. Cha robh copar idir ann. Achs e na


[81] caileagan bha dol gus aphòsadh rachadh air an glùinean; bha ise cinnteach don duine, bhail bha ise pòsta, canaibh, màraich.

(93) Diabhlaireachd air oidhche a’ bhainis

Ach [a’ bhean,] bha iad cur an sùith air a casan, cur an làimh an-àirde anns an t-similear is chuireadh iad sùith oirre. Sin an rud bha ann.

Mur do phòs mo bhràthair-chèilebha e pòsta ri caileag à Baile an Todhairbha mi fhìn agus Willie, mur do phòs sinn, thug sinn na boltachan anns amheadhan às [an leabaidh]. Dar chaidh i an-àirde anns an leabaidh bha i thurad agus bha an duine bhàn anns an toll air a thòin anns an leabaidh. ’S ann bha i còineadh is cur an taigh dith.

(94) Am prèasant aig a’ phòsadh

Bha seòrt do gloidhc an seochan e gloidhc bu chòir domh chantainn. Bha i pòsta an seo. Ach rachadh sinn air Disathairne gus an bha dol phòsadh agus bheireadh sinn dhà no thrì thastanan mar sin di na làimh: dar bheireadh i drama duinn, bheireadh sinn rudeigin di na làimh-se, tastan no dhà. rinn mise achdonas mi fhìn! cha robh mi smaoineachadh gur e bha annthug mise an-àird e agus cha do choimhead mi: ’s e bonn-a- sia bha agamsa.

Aig an oidhche, thàinig aoneigin a-steach gus an taigh againn agus thuirt e,

Diabhal! Its rumpus bha shìos aig Billy Bonnie!’

Carson?’

Thug aoneigin bonn-a- sia di an àite airgead is tha i dol fagais air à a ceann a-mach [às a ceann] leis am bonn-a- sia fhuair i.’

(95) Na deargadan

Bha mi na mo bhridesmaid aig C—— am Bun Ilidhaig màthair an sin. Bha an taigh aca làn deargadan agus bha h-uile builg orm cho mòr ri sin leis na deargadan, h-uile


[82] builg cho mòr ri sin! Agus an duine-as-fheàrr aige, dhinnis mi dabha mise dèanadaich le mo dhruim [.i. ga thachais] . Thighearna, bha e air ithe leis na deargadan, sgròbadh gu bàs! Ò, dar dhèirich mise anns amhadainn, bha h-uile builg air h-uile àite air mo chorp. À, nàire! Chan eil fhios agamsa càite an drobh e, ach bha an leabaidh cur thairis. Bha e anns am brusgaireachd. Bha an taigh cho ròpach ris an donas. Tòrr chloinn bheag ann, làn do deargadan, is chuir i sinn anns an leabaidh, [mi fhìn] agus achaileag eile bha còmhla riumsa. Bhobh, obh, obh! H-uile builg cho mòr ri sin orm. Och, bhobh, obh!

Rèist, an oidhche aig am pòsadh dar thàinig mi dachaigh, arsa mo mhàthair,

an grilligeadh tha ort?’

Bha aice ri dhol gus an doctair ag iarraidh rud a chuirinn air mo dhruim: bha mo dhruim nas miosa na bitch-up, h-uile aon cho mòr ri sin air mo mhuin! Obh, obh! Bhith cho mòr ri sin! Brùidean dubh! Agus dar fhuair iad an craicinn còir agam, ’s ann a reub iad an craicinn dìom.

Bha an t-àite sa cho glan, h-uile taigh cho glan ris an òr ach bha siud air ithe. Bha soap againn, bha cloinn glan an seo ach an diabhal taigh rapachtòrr chloinn bheag is iad air ithe! Bha iad mar mo mheurcho tanaleis am brusgaireachd. Cha robh i glanadh iad. Agus siud an as sine aice a phòs agus thug ise invitation domhse. Manam fhìn! Bios cuimhne agam cho fada is tha an anail na mo shròin.

Bha mo mhàthair-sa mar amber! Nan drachainn-sa a-mach anns amhadainn gun maghaidh a ghlanadh, bheireadh i air an fhalt agam,

Siubhail steach seo is glan taghaidh mur tèid thu mach!’

S ann a bha mo mhàthair-sa ro ghlan!

(96) An duine bha subhach

Anns an t-seann tìm bha iad gu truagh gun biadh agus bha an duine sa dolan gin sa dol a phòsadh an t-seachdain an


[83] deaghaidh seo. ’S ann fhuair e làn an sgoth phollaichsin codagus siud a dhfhalbh iad a Inbhir Nis leis na pollaich agus thug e am boireannach bha e dol a phòsadh agus a piuthar airson bhith creic na pollaich ann an Inbhir Nis.

Nis an deaghaidh an t-iasg bhith creic’, siud a dhfhalbh iad ag iarraidh aiteal biadh gu restaurant is thuirt e dar chaidh e steach,

Splesh doon plate obroth antwo spoons! ’

(97) Cupal òg a’ faighinn taigh

Cha robh neach riamh dol a phòsadh gun taigh. Dhfhimireadh iad taigh bhith aca murm pòsadh iad. Cha drachadh iad steach leis na pàrantan. ’S e rùm nas motha na bha rùm aca gum burrainn daibh ceannachd taigh. Bha sin ceart gu leòr ach rachadh iad steach ann an rùm airson tìm ach am faigheadh iad air adhairt san t-saoghal.

Bhiodh leabaidh san rùm agus bhiodh teine ann agus sin uile. Gheobhadh iad dreasair beag no seathraichean. Nam biodh airgead aig an duine, dhfhaodadh e taigh a cheannachd agus chur an òrdugh e. Ach anns an t-seann tìm cha burrainn do sin a bhith, bhail cha robh airgead ann. Agus dar phòsadh iad, dhfhimireadh iad dhol steach ann an rùm, no gheobhadh iad steach còmhla ri cupal eile bhiodh anns acheann eile agus gum faigheadh iad an aon taigh eadar-riutha.

S e mar seo a tha e: dar phòsadh tu, ’s e tathair gheobhadh an rùm dut. Fagais air h-uile taigh a bha ann, bhuineadh iad do chàch-a- chèile agus, nam biodh rùm agadsa gun nichein bhith ann, bheireadh tu an rùm daibh, don cupal. ’S ann mar sin a bha e. Nis, dar gheobhadh an cupal air adhairt anns an t-saoghal, cheannadh iad seann taigh mar tha iad dèanamh [an-dràsta] agus chuireadh iad ceart e airson iad fhèin.

(98) Ag iarraidh faidhreanan

Bha cupal anns an t-seann tìm dol a phòsadh is chaidh iad steach airson faidhreans a Bhaile Dhubhthaich, e fhèin is abheanag, an


[84] bha e dol a phòsadh. Agus dar bha am fear [a bha sa bhùth] toirt timcheall iad anns a’ hall, bha a’ bhean cantainn,

Hò, hò! yes, yes! hò, hò!

Ghabhadh i h-uile ach cha robh an t-airgead aca.

Arsa an duine rithe,

Ciorstaidh, bi sàmhach! Cuimhnich gu bheil, !” na mo phòcaid!’ Nach drobh mòran aige.

(99)Chan eil diofar

Bha aon chuairt, bha bean-uasal agus bha i airson fhaighinn aon uair gu Inbhir Gòrdain, is chaidh i anns an sgothag beag còmhla ri dhuine. Is thuirt aon fear ris am fear eile,

À, dhuine! Nach math an oidhche a dhèanadh i?’

‘ ’S i dhèanadh!’

Is thuirt i ris an duine a thuirt e, ‘Cuir do mheur anns amhuir agus cuir an do bheul e!’

Rinn e so.

Cuir nis air an taoibh eile aig an sgoth e!’

Nis, rinn e an aon rud a-rithist is chuir e ri bheul e.

A bheil diofar? A bheil diofar aig aon taoibh don sgoth no bhon taoibh eile?’

Chan eil!’

Uill, chan eil diofar eadar mise agus do bhean.’

titleAm Pòsadh
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVI. Saoghal nan Daoine
<< please select a word
<< please select a page