[99]

NA FÈILLTEAN

(127) Oidhche Shamhna

Bliadhnachan air ais, dar bhiodh Oidhche na Shamhna ann, bhiodh am fear sabhuineadh e do Baile Mhuchaidh – ’s e gobhainn a bha ann agus bha e làn do diabhlaireachd [.i. fealla-dhà] . Agus rinn e? Bhiodh na seann daoinibh dol gus amhuir aig trì uairean sa mhadainn, agus rinn e ach chaidh e gus an uinneag sa is thug e an èigheamh,

A bheil thu na do chadal, Dhàibhidh?’

Chan eil.’

Uill, èirich! Dhfhalbh h-uile sgoth san t-àite gus amhuir ach thu fhèin.’

Thighearna,’ thuirt e ris abhean, ‘a bheil thu cluinntinn siud, a Mhargaidh? Èirich ach an dèan thu aiteal teatha domhse! Dhfhalbh na sgothan uile gus amhuir.’

Nis, dhèirich e.

Tig gus an uinneag ach an innis mi dut!’ [arsa an duine a bha aig an taoibh amuigh.]

Dhfhalbh e, nis, na dhìol-urras gus an uinneag. Cha robh fhios aige gun drobh diabhlan aig taoibh muigh an uinneag. Dar chaidh eise a thogail an uinneag, chuir am fear a-steach a làimh is bheir e air lèine an duine is chùm iad an lèine fasta an sin.


[100]

Agus nis, thuirt Dàibhidh ris a’ bhean,

Èirich! Sgiobalta is bi ag èirigh, Mhargaid! Tha mise fasta anns an uinneag leotha.’

amfastatha thu cantainn?’

Tha mo lèine aca anns an uinneag. Tha mi fasta anns an uinneag aca. Èirich!’

Dhèirich ise. Thàinig i gus an uinneag:

À, nach eil nàire oraibh bhith dèanamh sin air seann duine, bhith fasta san uinneag leis an lèine aige?’

Dar choimhead ibha i spìonadh an duine mach bhon uinneag – ’s ann a bheir iad air an còta-bàn a bha oirre. Bàbhaist don t-seann fheadhainn còta-bàn bhith aca airson èirigh sa mhadainn. Bha an dithis fasta sin airson uair. Thòisich abhean air còineadh, thòisich i air còineadh.

Thuirt i, ‘Coimhead! Ma bheir Dia domhse amhadainn aguss e am Baile Dhubhthaich a bhios sibh!’

(128) An mhuc

Anns am baile sa bàbhaist do h-uile taigh anns abhaile muc no dhà bhith aca agus, nis, bha nàbaidh agus bha muc an aon aca agus bha an fhail fagais air a chèile. Agus Oidhche na Shamhna bha na brogaich, chuir iad amhuc tana steach anns an fhail aig amhuc bha reamhar; agus thug [Leugh thog] iad amhuc reamhar, chuir iad e anns an t-àite aig amhuc bha cho tana ri pàipear. Agus dar thàinig abhean aig amhuc reamhar bhàn sa mhadainn, thuirt i,

Thighearna, chan e seo amhuc agamsa idir.’

Aguss ann a thuirt abhean eile,

Ò, meudail, is uamhaidh reamhair dhfhàs amhuc tron oidhche!’ – A bheil thu faicinn?

Agus nis, abhean leis amhuc reamhar, chaidh i gus an fhail aig an eile is thuirt i rithe,

Sin amhuc agamsa tha agad, bhail bha spot dubh air a h-amhaich. Agus sin mo mhuc! Cuir mo mhuc air ais gus an


[101] fhail agam agus, mur cuir thu air ais i, cuiridh mi am poilìos thugad!’

(129) An Loch Ness Monster

Tha mi creideil gu bheil dusan bliadhnachan bhail bha trì brogaich is cha robh aca ri dhèanamh. Agus nach dchuala iad mu dheidhinnanns am pàipearan Loch Ness monster. Siud a thòisich iad a dhèanamh brùid do rud agus bha iad dol tron bhaile leis, le tobha mòr air an amhaich aige. Agus bha h-uile seann bhoireannach is duine anns abhaile ruith airson am beatha: bha feagal am beatha bhuaithe.

Agus dar bha e dol seachad air an uinneag agamsa, ’s ann a thug e aon leis an t-seaman aige gus an uinneag. Shaoil liom gun do thuit an taigh. Dhfhalbh mi airson mo bheatha bhàn gu taigh nàbaidh agus chuala mi sin gun do laigh e air an t-sràid ann am Baile Dhubhthaich is gun dith e fichead tommy à bùth Strachan agus leth tha iad cantainn, mas e an fhìrinn tha ann, gun do thilg iad sa mhuir e. Àch, Thighearna, bha e feum gun tilgeadh iad anns amhuir e, bhail nam faiceadh tu e chuireadh e feagal a bheatha ort [Leugh feagal do bheatha ort] .

(130) Na stocaidhean aig a’ Challainn

Anns an t-seann tìm, dar bhiodh aChallainn ann, bhiodh achloinn cur an-àirde an stocaidh airson, mas fhior, presents don chloinn. Agus bha bhrogach anns an taigh sa agus bha aon chaileag bheag ann timcheall seachd bliadhna, is chuir i an-àirde an stocaidh aice. Agus dar thàna èidsa làn liquorbha iad anns an Inn ann am Baile an Todhair is dhòl iad làn achorp a liquorthàinig iad dachaigh is bha an t-acras orra agus bha ùbhlan is peadaran is nutachan anns an stocaidh aice.

Leis an t-acras, thug iad às na h-ùbhlan agus na nutachan is h-uile bha anns na stocaidhean aig an leanabh is dhith iad e leis an t-acras. Aguss ann a lìon iad an stocaidh aig an leanabh le cinderan agus nach deach i fagais air mach a [h]-inntinn.


[102]

Agus arsa ise ri [h-]athair,

Cluich ri seo!’

titleNa Fèilltean
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVII. Fearas-chuideachd
<< please select a word
<< please select a page