AN TOMBACA
(131) Mar thòisich duine a’ smocaigeadh
Dar thòisich mi an toisich, bha mi faicinn balaich beag òg an aon size rium fhìn a’ smocaigeadh is dh’fhimireadh mise a dh’fhaighinn chance don phìob cuideachd, ag ionnsachadh a chèile mar sin. Chan fhaigheadh tu tombaca – cha robh mòran airgead dol an uair sin dar bha mise òg. Ò, cha robh. Bha na pìobachan glè— gann.
Ach dar theaghadh sinn a-bhàn ’an tràigh gus na creagan, gheobhadh sinn coidheag mòr is bha spògan mòr air. Dar bha i air a bruich, bheireadh sinn an claw dheth agus bheireadh sinn am biadh às an claw agus bha an claw fosgailte anns an taoibh staigh, agus ghabhadh sinn am barr geur aige is dhèanadh sinn rubigeadh air clach no air creag gus an tigeadh toll air. Bha vent nis dol troimhe. Bha sinn, nis, lìonadh an spòg an seo làn tombaca is bha sinn smocaigeadh sin airson pìob. (AC)
title | An Tombaca |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VII. Fearas-chuideachd |