[102]

AN DEOCH

(132) An duanag a bha aig an smeòrach

Bha Ùistean dol dachaigh aon oidhche, làn liquor. Shuidh e anns an ditch is bha smeòrach seinn. Bha an smeòrach ràdh is seinn,

Òl uile e, òl uile e, òl uile e, òl uile e!’

Chan eil mise amaideach! [thuirt Ùistean.] Tha thusa ag iarraidh mi òl uile e, ach chan òl! Tha mi cumail glainneag airson am madainn.’ (ÙR)

(133) Botal teatha an àite an ruma

Bha stoirm ann agus bha e fagais air tìm an trèan againn dol bhith dol air falbh. Agus cha robh Jess an sacha dfhuair i iasgach bha mi fhìn is Bella Johndan is Jessie Peigeag cuideachd, an triùir againn, agus fhuair sinn an t-iasg. Nis, bha am bàs orainn gun


[103]

bhiadh no aig stèisean na Manachainn. Agus bàbhaist do Jess fhàgail am basgaid ach an tigeadh amhadainn is, rèist, thigeadh i an ath-, bheireadh i dachaigh e. Agus dar chaidh Bella gus am basgaid, ’s ann a fhuair i gill rum.

Thighearna,’ arsa ise, seallaibh gill rum aig Jess! Òlaidh sinn eadar an triùir againn e!’

Bha jug ann an uair ud, bha siuga le chain air aig a cùlaibh, agus thàinig ach Millertha e nis marbhaguss e bha aig an stèisean.

Oh, you buggers!’ [thuirt e.]

Dhòl an ceathrar againn an gill liquor: bha sinn fann. Agus nis, bha an taigh aig taoibh an stèisean.

Siud,’ arsa eise, ‘a bheil fhios agad mi? Bheir mi am botalan gill an-àirde gus an taigh is cuiridh mi teatha ann.’ Chuir mi air ais sa bhasgaid e.

Thàinig, nis, an station-master an ath- rithe agus thuirt e [ri Jess] ,

Tha basgaid a bhuineas dut aig an stèisean.’

Ò, tha. Tha am basgaid tighinn an-còmhnaidh. Ma chaill mise an trèan, tha iad cur am basgaid air an trèan aig amhadainn.’

Chaidh i, nis, gus am basgaid aice mur drachadh sinn air adhairt air an trèan. Ò, glòir do glòir, nan cluinneadh tu i!

Trì bugairean! Dhòl sibh an gill rum agam agus coimhead, ’s e teatha tha ann!’

(134) Am botal dubh

Bha tìm uamhaidh bochd ann agus bàbhaist daibh aig aChallainn botal liquor bhith aca, achoch! – leis am bochdas cha burrainn daibh am botal a cheannachd. Siud a dhfhalbh mo mhàthair is chuir i an uncle agam suas gu Baile an Todhair ag iarraidh gill liquor agus chuir i an gill ann am botal dubh agus chaidh i steach gus an nàbaidh againn is thuirt i,

Thoir domh glainne ach an toir mi aiteal liquor à seo dut.’

Sa mhadainn dar dhèirich i, chaidh i gus abhùth is achiad rud fhuair i,


[104]

Càite fo Dhia an dfhuair thu an t-airgead airson am botal mòr dubh liquor?’ – A bheil thu faicinn?

Thuirt an nàbaidh ri feadhainn eile gun drobh i anns an taigh aice le botal liquor. Agus an uabhas a ghabh am baile uile gum biodh am botal dubh aice, agus an aon gill beag a bha ann!

(135)Wully agus an t-airgead aig an rent

S e miser a bha ann. Thigeadh e steach thugam, dar thiginn dachaigh, le 10 tastan a dhairgead:

Thoir notag [Nota airgid air luach 10 tastain] domh!’ – A bheil thu faicinn? Bha mi dèanamh sin h-uile uair. Ma bha ten-shilling note agam, chumainn e ach an tigeadh e dachaigh is chuireadh e bhàn na deich tastanboy! – agus gheobhadh e an nota. Is rinn e ach bha seann drathars aige agus gheàrr e sin an drathars agus an-àirde an seo, an drathars. Thigeadh e steach thugamsa,

Feuch a bheil notag agad domh?’

Bheirinn-sa da an-còmhnaidh e dar a thiginn dachaigh. Agus rinn e ach gheàrr e an drathars aige. Bha e cur sreang an seo agus sreang an-àirde an sin. Bha e cur na deich tastan a-bhàn an sin, a bheil thu faicinn?

Agus thàinig aChurracag [, a mhac,] dachaigh agus thuirt ethàinig e steach thugamsaarsa eise,

Chan eil fhios agam fo Dhia tha mathair dèanamh. Tha airgead aige ach Dia tha fhios càite a bheil e.’

Bha e steach seo an t-seachdain mu dheireadh ag iarraidh deich tastan, notag deich tastan. Bha e cur ann an caob drathars e.’

Thighearna,’ arsa eise, ‘an e sin an rud a tha aige? Uill, donas mi fhìn!’ arsa eise, ‘dar thèid e mach an-diugh, bios an taigh air a thurnigeadh upside down ach am faic mise am faigh mi e.’

Thàinig e steach.

Fhuair mi e,’ arsa eise. ‘Tha timcheall fichead nota agam, gun nichein ach green ten-shilling notes. ’

À, Thighearna!’ thuirt mo mhàthair rium. ‘Ò, ma tha Dia umad, innis don t-seann bodach gun dfhuair e an t-airgead!’


[105]

Chan innis! Chan eil mi dol ghabhail gnothaich riutha.’

Agus thàinig an t-seann fear steach, an ath-dhoras.’

Ò,’ arsa eise, ‘cha robh Danag [.i. a mhac, aChurracag] riamh cho math domhse is a tha a-nis. Tha mi faighinn an teatha an mo leabaidh agus ham and egg airson mo bhracbhast.’ – Agus mise marbh mar thug [Leugh thog] e an t-airgead aige fhèin.

Fuirich thusa! Dar thàinig an tìm aig an rent agus chaidh e ag iarraidh na deich tastan a phàigheadh an rent, donas mi! nam faigheadh e biod deth.

Ò, Thighearna,’ arsa eise, ‘chan iongantach gun drobh e gu math domh. ’S ann tha e gu math leis an t-airgead agam fhìn.’

(136)Wully agus an carbolic

Bha a phiuthar pòsadh, a bheil thu faicinn? Is bha botal liquor aige fo cheann san leabaidh agus dhèirich an t-seann fear tron oidhche is chaidh e air a chasan gus an t-àite an drobh Curracag [na laighe] is dhòl e am botal liquor, an seann fear.

Agus dar dhèirich e sa mhadainn, thuirt Curracag,

Chan eil fhios agam fo Dhia dhòl an carbolic?’

Thàinig e [an sean bhodach] steach seo. Cha robh fhios aige bha sa liquor ceart.

Dhòl mi anabolic”! Bidh mi marbh mur tig an oidhche. Cha robh fhios agamsa nach e aiteal a ruigeadh mo chridhe a bha ann agus dhòl mi e. Aguss e anabolica bha ann!’

(137) An tàillear misgeil

S e caileag à Steòrnabhagh dhinnis domhse e agus shaoil liom gun do chaochail mi [leis a’ ghàire] air an t-Sàbaid. Bha mi fhìn is i fhèin dol an-àirde ag iarraidh bainne ann an Stronsay, agus thuirt mi rithe,

Ò, Thighearna, chan eil ceannachd domh air abhainne. Trì mìle airson botalan bainne mar sin, trì mile an-àirde!’

Thuirt i,

Bha tàillear ann aon chuairt, Bell Ann, agus diabhal do fear


[106] airson liquor agus rachadh e chreic an t-aodach a dhèanadh e agus ghabhadh e an t-airgead bhon sluagh. ’S ann cha chumadh e cat is na bha e toirt don bhean bhochd. Is cha robh fhios aice bho Dhia dhèanadh i is thuirt i, dhinnis i da bhràthair [Leugh da bràthair] gun drobh i air a sàrachadh, nach drobh i faighinn airgead airson biadh don chloinn.

‘ “Ò, Thighearna, chan eil fhios agamsa mi.”

Dhinnis e do fear bha dol còmhla ris. “Cuimhnich,” arsa eise, “an diabhal tha siud leis an liquor! Chan eil fhios ciamar tha mo phiuthar bochd beò.”

‘ “Àch, dhèanadh sin ach thu fhèin? Tha thu dol gus an taigh-sheinnse, toirt air do mhuin e dachaigh gus an taigh. Rèist, chan eil diofar aige. Tha fhios aige gum bi e dachaigh, co-dhiù. Ach innsidh mi dut ni thu. Thig thu mur [mun cuairt] achladh agus tilg e steach measg na clachan. Dèanadh e laighe an sin ach an dùisg e anns amhadainn. Cha thachair nichein da.”

Dhinnis iad don bhean ma dheidhinn. Chaidh am bràthair-chèile air a thòir gus ahotel no àite sam bith a bha e ag òl an liquor. Chuir e air a mhuin e. Bha e dol, nis, seachad achladh is thuirt am fear sa,

‘ “Tilg an seo e!”

Thilg e. Thighearna, dar choimhead e càite an drobh e, dhèirich e, tha mi creideil, is dhfhalbh e dachaidh gus abhean.

‘ “Margaidh! Margaidh! Geall fichead nota nach burrainn dut fhaighinn a-mach càite an drobh mise bho raoir na mo laighe!”

Càite an drobh thu? Nach eil thu mar sin an-còmhnaidh, laighe leis an liquor. Nam be [mura b’ e] mo bhràthair-sa, cha bhiodh tu dachaigh idir.”

‘ “Anns achladh! Ach, mionna Dhia, cho fada is tha an saoghal ann, cha tèid drap liquor sìos na mo chorp. ”’

(138) A’ bhean nach robh faighinn mòran airgid

Bha agus bha cloinn dol bhith aice. An duine aice, ’s e diabhal


[107] dona a bha ann airson an liquor.

Uilleam!’

?’

Nach eil tìm agad bhith glic? Tha thu ag òl an sin mar robaire gu sìorraidh, ag òl, ag òl. Ma bhios tastan na do phòcaid, cha bhi thu ceart ach an cuir thu anns an taigh-sheinnse e.’

Ò, Chiorstaidh, Chiorstaidh! Nach eil mise air mo shàrachadh leatsa? Chan eil fhios agadsa na tha mise dèanamh. an donas diofar dut tha mi toirt dut?’

Ò, chan eil sin mòran.’

Ò uill, ged a chuirinn-sa [e] air abhòrd, ag innseadh dut an fhìrinn, tha bloody sight nas motha [ann] na tha agamsa. Tha e thastan no trì thastan nas fheàrr na tha mise fhaighinn. Carson tha thu dèanamh othail airson dhà no thrì thastanan? Ged tha thu ag èigheachd sin, tha thu ag èigheachd gu sìorraidh, bithbhuan. An e sin? dhèanadh sin, dhà no thrì thastan?’

(139) Am botal Congo

Thàinig am brogach [, Cogga,] à Canada agus bha bhotal Congo aige. Is ghlèidh mi na botalaichean bhàn an sin air mo chùlaibh. Of course, bha sinn ag òl sinn fhìngràinne. Àch, chùm mise am botal an seo. Bha eise, rinn mi blackenindo Cogga, a chur air na bòtan a bha airseallaibh! – is dhfhalbh e suas gus an dannsa.

Thuirt mise,

A-nis, cuimhnich gum bi thu dachaigh mur bi còig uairean sa mhadainn, bhail tha Doilidh dol an rathad is mi fhìn dol a dhol an rathad air abhridge air falbh.’

Bha nis, cha drinn sinn ach coimhead an tigeadh e. Cha tàinig e.

[An uair sin,] thàinig e gus an leabaidh, Cogga:

Are you waken? ’

Tha,’ I said. ‘Tha mi seo. a-nis?’

Càite an do chuir thu am botal Congo?’

an Congo?’


[108]

Nach do ghlèidh thu botal an sin?’

Uill, ma ghlèidh mise, siubhail ach an—. Òl ach am faic thu!’ Ged a dhitheadh e an taigh sa, cha dfhuair e an Congo, no dùrd mu dheidhinn an Congo.

titleAn Deoch
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textVII. Fearas-chuideachd
<< please select a word
<< please select a page