VIII
EACHDRAIDH NA DÙTHCHA
AN T-SEANN AIMSIR
(140) Beinn an Uig
Uallach òr an [Leugh am] Beinn an Uig
Artair Cam bhios air am fear a gheobhadh,
ruith an deaghaidh seann gobhar
air madainn shamhraidh. (ÙR)
(141) Poit òir aig Port Làirig
Shìos aig Port Làirig, dar bhios tu dol an-àirde am bruthaich, anns an t-seann tìm bha seann bodach agus thàinig e bho foreign agus bha poit òr aige agus an tòs cha robh fhios aig an sluagh gun d’ robh poit òr aige. Ach mu dheireadh chuala iad mu dheidhinn e agus, rèist, ghlèidh e am poit òr dar a bhios tu dol an-àirde an rathad aig Port Làirig. Agus, coimhead, bha na ceudan sireadh airson am poit òr is cha d’ fhuair iad riamh e.
(142) An Linnet
(i)
Thàinig i gu tìr seo is bha i air na creagan agus chaidh crew às an àite an seo bhàn is bha iad examinigeadh i. Fhuair iad caskachan is cheangail iad caskachan ri taoibh na soitheach is, dar a thàinig an tìde a-steach, na caskachan – bha i air-tight – is leis na
caskachan, dh’èirich an soitheach do na creagan [de na creagan, bhàrr nan creag] . Is chaidh iad air bòrd i, is thàinig stoirm is thug i an soitheach air falbh is a’ chrew a bhuineadh do seo còmhla rithe. [Thachair seo ann an 1843]
Agus mìltean air falbh bho seo, chaill iad uile am beatha. Is bha aon balachan òg air bòrd, agus chuala mise earrainn don t-amhran agus bha na loidhneachan anns a’ earrainn,
‘Meangan òg bha seo cha robh dol às aige bhon càs na b’ fhaide na bàrr nan crannagan’. (AC)
(ii)
’S e long mòr a bha innte. Thàinig e bho pàirtean fad às an t-saoghal – chan eil fhios agam c’às a thàinig i. Ach dar thàinig i, chuir iad fios – chaidh iad steach an àiteigin – is chuir iad fios airson pilot à seo. Agus chaidh am brogach òg sa – cha robh e ach na slùsach òg – chaidh eise còmhla ris am pilot airson chur an Linnet a-steach anns am port an sin shìos, Port Làirig.
Fuirich thusa nis. Dar chaidh – mur’n do ruig iad Port Làirig – thàinig a’ mhuir a-steach air an long, is dh’fhàs an coirce dar fhuair e an t-uisge – fuirich thusa! – dh’at e mach. Dh’at e mach – a bheil thu faicinn? – agus, nis, cha robh an còrr aca ach feuchainn an ruitheadh iad steach aig Port Làirig. Is cha tàinig iad steach Port Làirig. Cha do ruig iad – chaidh iad steach aig Cadabol. Tha sin shìos sin anns a’ phàirc sin, a bheil thu faicinn? Chaill iad uile am beatha is cha b’ urrainn, leis an stoirm, cha b’ urrainn do neach anns an t-àite sa dhol a-mach. Cha robh sgoth fit a dhol a-mach. Bha iad nis deis.
Nis, bha an t-amhran – seann bodach bha seo agus thog e an t-amhran‘ ’Linnet Mhòr’ – bha i mòr!
’Linnet Mhòr bha siubhal a’ chuan,
thàinig i steach air oidhche ghruaim
is thilg an stoirm a Chadabol i.
Seocan Mhorar, am meangan òg
a dh’èirich bho glùin a mhàthair
– gum biodh am bàs cho fagais air.
Le stoirm ainchrìosdail a bha ann – stoirm mòr – chuir e steach Chadabol nis i ann am mìrean, na criomagan.
title | An t-Seann Aimsir |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VIII. Eachdraidh na Dùthcha |