TÌM A’ CHOGAIDH
(143) Bellag a’ falbh leis na saighdeirean
Bha saighdeirean an seo anns an campa an-àirde sin agus bha dà dhuine [de na maraichean] dol gus a’ mhuir agus, aig a’ hotel ann am Baile an Todhair, bha dìg ann is ghabh iad anail; chuir iad sgùileachan dhiubh.
Agus am fear sa – b’ àbhaist don bhean aiteal teatha dhèanamh do na saighdeirean bhiodh air an look-out tron oidhche – agus thuirt am fear sa, seòrt do bàrd [.i. de dhuine èibhinn] a bha ann, arsa eise ris,
‘Dòmhnall Alec, ciamar tha thu dol gus a’ mhuir?’ thuirt e.
‘Carson nach d’ rachainn gus a’ mhuir?’ thuirt e.
‘Och, Thighearna,’ arsa eise, ‘nach eil fhios agad,’ arsa eise, ‘gu bheil Bellag agad dol còmhla ris na saighdeirean?’
Dh’fhàg e an sgùil aig Baile an Todhair is thàinig e dachaigh gus an taigh agus dh’èirich a’ bhean.
‘Dè thug air ais thu?’
‘À, thuirt am fear tha còmhla rium gum biodh tu còmhla ris na saighdeirean.’
‘Ò, amadan an donais!’ arsa ise, ‘Na bi cho diabhlaidh amaideach! Siubhail gus a’ mhuir ach am faigh thu rudeigin!’
Bha teaghlaich aig a’ bhean. Ach thuirt an diabhal sa do fear, thuirt e,
‘Chan fheadar nach eil na saighdeirean còmhla ri Bellag!’
Ach bha an là deis da: bha an tìde a-nis a-muigh is cha b’ urrainn da fhèin dhol gus a’ mhuir, a bheil thu tuigeil? Dar a thèid an tìde a-mach chan urrainn do sgoth dhol a-mach.
(144) An Natal
Thàinig long an-àirde, aon don fleet, gu Inbhir Gòrdain, agus, aon do na h-oidhchean bha i an-àirde an Invergordon, thug an caiptean invitation do na h-uaisibh, do Evanton, Invergordon agus an-àirde gu Inbhir Nis, nas fhada na sin. Agus anns an uair sin sa mhadainn, dar nach robh dùrd aca mu dheidhinn German submarine, thàinig an submarine is chuir i an Natal san adhar. Agus bha na ceudan air agus bha iad uile bàthte.
Ach bha am brogach sa [a bha air bòrd] , ’s e gobhainn a bha ann agus bhuineadh e do Seannduaig. Bha athair marbh ach bha an t-seann mhàthair beò. Dar a bha e foreign, cheannaich e dà phioctair bheireadh e dachaigh – rudeigin da mhàthair. Is thuirt an commander,
‘Fimireas sinn h-uile one a tha ann bhith aig na bòird.’
Chaidh e [.i. am brogach] a thìr agus chaidh e gus am fòn. Fònaig e gu mhàthair nach b’ urrainn da fhaighinn air falbh leis an dannsa mòr bha seo. Dar bha eise aig am post office, dh’fhalbh an Natal san adhar.
Ach fuirich ach an innis mi sin dut. Bliadhnachan an deaghaidh sin, nis, thàinig e dachaigh agus retire-ig e ann an Seannduaig. Bha e gu dona airson dropag liquor.
Bha e dol dachaigh aon oidhche. Càite an deach e leis an liquor ach anns a’ mhuir. Fhuair a’ mhuir grèim air. Cha b’ urrainn da thighinn leis an liquor às. Ò, bha e air an Natal fada.
*
Bha mi dol leis an t-iasg gus an taigh sa an Inbhir Gòrdain agus, dar chaidh mi steach anns a’ mhadainn, bha an t-seann boireannach a bhuineadh ’an taigh, bha i còineadh rium is bha leanabh beag aice timcheall ceithir mìosachan agus thuirt i rium,
‘Coimhead seo,’ thuirt i, ‘tha an leanabh air fhàgail agamsa agus an t-athair is a’ mhàthair anns a’ chuan. Chuir mi fios ag iarraidh am piuthar aice-sa ach an tig iad ag iarraidh an leanabh.’
(145) An Jellicoe
An Jellicoe? Fuirich ach an innis mi dut, ma-thà. Bha cogadh air, an Daradh Cogadh, agus, h-uile brogach bha anns an Nèibhidh, dh’fhimireadh iad dhol aig Invergordon agus chuireadh e [.i. an t-ùghdarras] iad fhèin an-àirde. Bha brogach an ath-dhoras domh, brogach beag òg, an aon aois ri Doilidh, agus fhuair eise call a dhol, is chaidh e, an leanabh bochd. Bha e mach ann an Sasainn: bha iad airson mìos, bha iad cur na brogaich tro drile, a bheil thu faicinn?
Bha mi leis an t-iasg an Inbhir Pheofharain, is thuirt an station-master rium,
‘A bheil càirdean idir agad air an Jellicoe?’
‘Ò, chan eil fhios agamsa,’ arsa mise – cha robh fhios agamsa cò an trèan a bha sa Jellicoe [.i. cò an trèan a bhuineadh dhan t-soithich] .
Ach – fuirich thusa! – bha fhios aig a’ bhrogachan bochd bha an ath-dhoras gur e mise a bha ann agus, dar bha an Jellicoe tighinn a-steach, am fear a bha dràibhigeadh, thilg e an cable, thilg e steach anns an raon e – nis, dh’fhimireadh càr dhol null timcheall.
Thàinig an station-master thugam. Thuirt e,
‘Mrs MacAngus, there somebody calling you. ’
Ò, chaidh mi bhàn mìle, fagais air mìle bhàn is thuirt a leanabh bochd,
‘Innis do mo mhàthair gun fhaca thu mi is gum bi mi cur mo ghaol gu mo mhàthair bochd.’
Is an ath-rud a fhuair sinn gun deach e fodha.
(146) Nolda
Aon do na làthachan bha mi fhìn is an nàbaidh agam, dh’fhalbh sinn ag iarraidh stoban gu taoibh a’ mhuir agus bha cù agamsa, cù mòr agus, dar bha sinn tighinn dachaigh, bha craobh an sin agus bha an cù tarraing an t-aodach agam an-àirde gus a’ chraobh. Is thuirt mi ris a’ bhoireannach eile,
‘Thighearna, fimireas rudeigin bhith aig a’ chraobh sin. Tha an cù toirt an t-aodach dìom.’
‘Uill, cumaidh mise am bike agad. Siubhail an-àirde ach am faic thu cò tha ann!’
Ò, thàinig mise air ais.
‘Ò, m’ eudail, tha boireannach foreigner agus tha i leughadh litir.’ – Fhuair i fios gun d’ robh leanabh beag bàthte – ’s e caileag bheag a bha anns an sgoil – gun do mharbh na Germans i. ‘Agus tha i còineadh,’ thuirt mi.
Ò, chaidh mi [air ais] .
‘Nis,’ thuirt mi rithe, ‘tig dachaigh còmhla riumsa!’ Rinn mi cupa teatha di. Thuirt mi rithe,
‘Càite a bheil thu na laighe?’
Thuirt i,
‘Shuas sin.’ – Bha fhios aice.
Agus dh’iarr mi oirre an e anns a’ bhailean sa [anns a’ bhaile bheag sa] . Chuir i car a’ cheann:
‘Fada, fada suas [don àird an ear] .’ – Cha robh dùrd Beurla aice.
Dh’fhalbh i. Bha rùm aice ann am Baile an Todhair is chuir mi an-àirde gus a’ chùlaibh i agus chuir mi air an rathad gu Baile an Todhair i.
Nis, bha mi gu tinn leis am flu agus thàinig mo nighean agus an duine aice a-mach airson an weekend bhail gun d’ robh mi gu tinn. Agus, gun canadh tu, timcheall trì uairean no ceithir thàinig, gnog gus an doras, is chaidh mo nighean gus an doras.
Thuirt i [.i. a’ bhana-choigreach] ,
‘Chan e, chan e, chan e! Chan e an aon boireannach, chan e!’ – Is bha mi ag innseadh do Doilidh mu dheidhinn i, agus thuirt i [.i. Dolly] ,
‘Fimireas tu èirigh à do leabaidh thighinn a-bhàn.’
Rinn i gloc dar chunnaic i mi. Ach bha aiteal Beurla aig an duine. Thuirt e,
‘Thàinig mi airson taing, taing [thoirt] dut, seachad na taingean,’ arsa eise, ‘gun tug thu a’ bhean gus an taigh còmhla riut.’
’S e an tè bheag aig an t-searbhanta [aice] , mharbh na
Nis, dar choimhead mise oirre cha robh bòt air a cas.
‘Thì! Thighearna,’ thuirt mi ri Doilidh, ‘chan eil bòt air a cas.’
‘Ò uill, chan fhaigh i bòtachan gun cùpon.’
Agus thuirt mi rithe,
‘A bheil cùponan agad?’
‘Chan eil.’
Cha robh fhios aice dè bha ann an cùpon – ’s e anns an t-àite againn bha e. Agus thuirt George rithe,
‘Tha naoi cùponan agamsa fhuair mi airson dungarees. An gabh thu sin?
‘Gabhaidh,’ arsa mise, ‘is thèid mi gu Mr Cormack an Inbhir Pheofharain.’
Chaidh mi gus a’ bhùth. Cò bha ann ach a nighean.
Thuirt mi,
‘Cuine a chì mi t’ athair?’
‘Uill, ma thig thu air ais aig eadar uair is dà uair, gheobh thu e, bhail tha e dèanamh an-àirde na leabhraichean.’
Chaidh mi air ais is thuirt mi,
‘Mr Cormack, ma tha Dia umad, tha foreigner agamsa is chan eil bòt air a cas. Feuch am faigh thu paidhir bòtan.’
‘Gu dè an number aice?’
‘Chan eil fhios agamsa. Chan eil fhios.’ Ach ’s e cas leathan a bha oirre, cas ploideach, leathan.
Chaidh e an-àirde is fhuair e am paidhir bòtan sa. Thuirt e,
‘Is fheàrr domh thoirt number sia dut agus bheir mi sia beag dut.’
‘All right!Nì sin an gnothaich, is mur dèan iad i, an toir thu air ais paidhir eile domh?’
‘Bheir, ach tha iad nota, Mrs MacAngus.’
‘Chan eil diofar. Shin an nota dut.’
Phàigh mi iad. Dar thàinig mise dachaigh, rinn i leum aig an oidhche, dar chunnaic i na brògan. Fitigeadh iad A-one i.
Nis, chaidh i dhachaigh [an deaghaidh a’ chogadh] : bha i giùlan is chaidh i dachaigh. Bha brogach aice, Paul – rugadh e an deaghaidh i dhol dachaigh. Dh’iarr i air Doilidh is an duine dhol a Norway, is chaidh iad. Ò, dè an èilteachadh fhuair iad!
(147) A’ chantie
Cheannaich iad am piàno eadar-riutha, na daoinibh [sa champ] , agus bha iad dol a thoirt am piàno do mo mhàthair an a phrèasant airson dol an-àirde leis an t-iasg. Agus thuirt mo mhàthair ris an tè,
‘Tha mise dol a dh’fhaighinn am piàno ann an J-Block!’
Agus dè rinn mo nàbaidh airson diabhlaireachd ach chaidh i an-àirde is thuirt i ri mo mhàthair,
‘A bheil fhios agad dè tha iad dol a thoirt dut ach seann chantie. Ò, Thighearna, na bi dèanamh òinnseach dìot fhèin! Chan eil no piàno! A bheil fhios agad dè tha iad dol a thoirt dut ach chantie mòr.’
‘Uill,’ arsa mo mhàthair, ‘mas e chantie tha mise dol a dh’fhaighinn, cha toir mise an chantie às am block aca!’
Siud a dh’fhalbh i air ais is thuirt i ris an duine-uasal,
‘I’ m no wanting the piano. I have plenty pianos at home. ’
Ò, thàinig mise gu mo mhàthair air ais.
‘M’ anam fhìn, chan eil fhios agam dè nì mi leat! Nam biodh tu ceart, dh’innseadh tu domhse an tòs gun d’ robh thu dol a dh’fhaighinn e agus bhiodh an gliocas agamsa gun gabhadh tusa e.’ – Thug iad gu Saltburn e! – ‘Agus an diabhal boireannach, gun tuirt i gur e chantie fon leabaidh tha e dol thoirt dut airson diabhlaireachd!’
(148) A còcaireachd anns an Drome
Bha mi còcaireachd; bha mi anns an Drome cho fada is bha a’ chogadh ann. Bha mi dà bhliadhna gu leth san Drome, cookigeadh anns an Drome. Bha mi cookigeadh airson dà bhliadhna gu leth
‘Càite a bheil thu dol ach gum bi thu marbh? Tha iad cantainn gu bheil razor-slashers ann agus gheobh thu aon san aghaidh leis am boineid agus bios tu marbh agus cha bhi mice ceart nam inntinn!’
Bhiodh i tighinn h-uile Wednesday:
‘Am bu chaomh leat bhith ann?’
‘Ò, chan iarrainn thighinn às.’
‘Ò, tha thu morta le obair.’
‘Chan eil, no morta!’
Agus bha mi ann airson dà bhliadhna gu leth gus an deireadh agus bha fichead a seachd daoinibh agam. Bha agam ri èirigh sa mhadainn aig sia uairean sa mhadainn às an taigh againn. Bha agam ri siubhal gus an Drome. Bhithinn a-steach anns an campa aig cairteal an deaghaidh seachd.
Ach innsidh mi seo dut, ’s e an t-àite as fheàrr a bha mi riamh na mo bheatha. Ag innseadh dut an fhìrinn, ’s ann a bha bròn orm dar bha mi dol a dh’fhàgail e, bhail bha an t-airgead gu math. Gheobhainn aiteal bheag gàire a ruigeadh mo chridhe.
*
Thug e pana mòr domh airson bhith dèanamh dumplings agus thug iad sguitear airson bhith togail bùrn is thug e leth-phoca buntàta is bogsa biosgaidean domh. Is chaidh e – [Bensey, an ceannard] – nis, dar bha an campa deis, chaidh e bhàn gu Bonar is chuir e fios orm thighinn a-bhàn a chookigeadh sin da, ach cha deach mi. Bha hotel aige.
Thàinig Bensey [on camp] airson mi. An tè bha ann, bha i dèanamh soup – a bheil thu tuigeil? – agus cha robh i dèanamh fòghnaidh. Chuireadh i excuse do rudeigin air agus faodas tu bhith cinnteach nach d’ robh Bensey ag iarraidh sin a bhiodh gu ro-extravagant – nan lìonadh iad an corp le lite agus soup, sin uile bha eise ag iarraidh.
Agus air Là na Sàbaid thàinig an duine às an Drome, an deaghaidh mi thighinn às an eaglais, is thuirt e rium,
Isbeil Anna air taobh a-muigh an taigh aice, ‘Nairnview’, ann am Baile a’ Chnuic sna 1950an.
Isbeil Anna air taobh a-muigh ‘Nairnview’ an ath-dheichead.
‘Dè tha thu dèanamh?’
‘Chan eil mi dèanamh nichein. Chan eil nichein ri fhaighinn.’
Cha robh iasg sin dol, a bheil thu faicinn? Bha na daoinibh aig an cogadh.
‘Chan eil mi dèanamh nichein.’
‘Uill,’ arsa eise, ‘tha brod job agamsa dut.’
‘Tha mi creideil gu bheil.’
‘Tha fhios agam gur e còcaire math tha ionnad. Tha fhios agam gun gabh thu rud sam bith chanas iad riut, nach tèid thu ro fhada air. Agus ma ghabhas tu e, tig an-àirde a-màraich!’
Is chaidh mi an-àirde. Cha deach mi gus a’ chookigeadh idir: ghlan mi làn a saoghal a soithichean. Dar chaidh mi an-àirde, bha iad anns an sink feitheamh rium – ach ’s e a’ chiad uair is an uair mu dheireadh – ach cha robh mi dèanadaich an uair sin anns an Drome. Thàinig Bensey is thuirt e,
‘I got a lovely character on you. Will you come up in the morning? ’
Is chaidh mi. Bha seachad ceithir notachan san t-seachdain agam agus mo bhiadh agus, dar bhiodh na làraidhean falaimh aig ceithir uairean, thigeadh e steach,
‘Get on your coat! ’
Chuireadh e bhàn mi gus an taigh; bha e glè mhath mar sin. Dh’fhimirinn bhith ann aig cairteal an deaghaidh seachd sa mhadainn. Bha mi siubhal, mi fhìn is a’ chaileag sa – bha table-girl agam.
Dh’fhimirinn-sa am biadh dhèanamh do na daoinibh. Thighearna, bha uinneag agam – bha e mar aon do na h-uinneagan – ach chithinn aig cairteal an deaghaidh dà-reug: bha iad mar regiment tighinn an-àirde. Bha hutachan aca uile. Thigeadh iad steach aig leth-uair an deaghaidh dà-reug, ciudha diubh tighinn steach mar sin. Nis, dar dh’itheadh iad an diathad, rachadh e air falbh. Bha na spàinean is bha na sgianan is h-uile nì aig na table-girls – bha table-girls cur a-bhàn an diathad daibh. Agus nis, rachadh iad a-mach, chan fhimireadh iad fuireachd aig na
bòrdachan, na shuidhe aig a’ bhòrd. Dh’fhimireadh iad dhol a-mach dar dh’ith iad an diathad. Rachadh iad a-mach, cuid diubh bhiodh cluich [.i. cluich chairtean] leis na putanan agus cuid dhiubh le airgead, a-muigh, taoibh a-muigh ’an t-àite.
(149) A’ ghlainne aig an lampa
Cha robh glainneachan ri fhaighinn dar bha mise anns an Drome – bha a’ chogadh air is chan fhaigheadh tu nì leis a’ chogadh. Bhris mo mhàthair – ’s e lampa a bha againn – agus bhris i glainne. Chuir mi a’ chaileag bha còmhla rium dèanadaich, thuirt mi,
‘Siubhail ach am faigh thu glainne no dhà bhios aig do mhàthair agus agam fhìn!’
Is dh’fhalbh i is fhuair i ceithir, dhà di fhèin is dhà dhomhse.
Is thuirt mi ris [a’ cheannard an deaghaidh sin] gun do bhris mo mhàthair a’ ghlainne.
‘Och,’ ars eise, ‘gheobh thu aon à seo.’
‘A bheil dhà ann?’
Cha robh one aige. Bha e [Leugh iad] againn ach cha robh fhios aige.
(150) A’ dèanamh stiudha anns an Drome
[Bhiodh fear de na paidhleatan a’ faighinn rudeigin a dh’itheadh e bho Isbeil Anna a thuilleadh air na bha e a’ faighinn bhon chòcaire a bha a’ gabhail cùram don roinn aige fhèin.]
Dar bha mi anns an Drome, na daoinibh bha agam, bha pilotan ann agus bha feadhainn bha dèanadaich air an talamh. Agus aon chuairt bha sinn gun feòil airson dèanamh diathad do na daoinibh is thuirt mi ri aon diubh,
‘Siubhail a-bhàn gus an taigh agamsa. Chì thu caob bolt mòr, bheir thu an-àirde am bolt. Thèid sibh le lìon air uachdar an gunnars agus gheobh sinn na rabaidean. Glanaidh mise iad is stiudhaigidh mi iad.’
Agus bha am fear sa – à Sasainn a bha e – agus dar a bha e à Sasainn, thigeadh e ag iarraidh criomag an-còmhnaidh agam do
‘Mam Riley, cùm aiteal don stiudha agad domh dar thig mi bhàn!’
Chanainn-sa ris,
‘Gheobh mise an sac is gheobh thu fhèin an sac, an diabhal a tha ionnad. Nach fhaigh thu bhon tè agad fhèin?’
Charadh e cheann: nach fhaigh!
(151) I’m Baile a’ Chàil too!
Dar bha mi anns an Drome cookadh, bha mi airson dà bhliadhna gu leth ann. Agus corr uair bha am biadh, chan fhaigheadh sinn fòghnaidh airson dèanamh. Agus b’ àbhaist domh dhol leis an t-iasg dh’Inbhir Pheofharain, agus tha mi creideil gum b’ aithne don duine sa mi, bhail ’s e an t-ainm agam ceart a chanadh e. Agus criomag feòil no uigh rachadh gu aoneigin, dh’iarrainn air an tè bha toirt aig a’ bhòrd,
‘Feuch an toir thu sin do “Baile a’ Chàil” !’ Agus sin an t-ainm aig Inbhir Pheofharain – Baile a’ Chàil.
Fuirich nis! Bha fear bha fagais oirre agus ’s e Sasannach a bha ann agus bha e faicinn an duine sa faighinn criomag dar bhiodh còrr do diathad no nì agus, là-eigin, thàinig e mach agus thuirt e rium,
‘I’m Baile a’ Chàil too. Give me a bittie! ’
title | Tìm a’ Chogaidh |
internal date | 1982.5 |
display date | 1967-83 |
publication date | 2007 |
level | |
reference template | Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p |
parent text | VIII. Eachdraidh na Dùthcha |