[142]

IX

SEANFHACLAN

Ma thrèigear a sean fhocal, bhrèugnar è (Hughes 1998, àir. 600)

AM BÀS

(1)
Am fear tha beò thig e uaireigin, am fear tha marbh cha tig e gu bràch. (AX)

(2)
Tha leigheas air gach càs ach chan eil leigheas air abhàs. (ÙR)

Coim. BG Death defies the doctor (Ramsay 1979, 240); Chan fhuil lia leigheas ar an bhás (Ó Muirgheasa 1976, àir. 616); Níl luibh leigheas i n-aghaidh an bhàis (Ua Maoileoin 1984, àir. 85, Ó Máille 1948, àir. 353).

AN DÀN

(3)
A rèirs mar thuiteas.

i. Na dèan dad gus am faic thu ciamar a bheirear cùisean gu ìre.

Faic Naidheachd 46, far a bheil eisimpleir den t-seanfhacal seo.

(4)
An rud fhimireas a bhith bios e.

Coim. An ni a than dàn tachraidh e (Nicholson 1951, 320); An rud a bhíonn bíonn (Ua Maoileoin 1984, àir. 313).

(5)
An rud nach tig a-steach air na hurdy gurdies, thig e a-steach air na merry-go-rounds.


[143]

Faic Naidheachd 1, far a bheil eisimpleir den t-seanfhacal seo.

(6)
S iomadh uair chinnich luchd na fachaid dar chaidh luchd fearmaid an èis. (ÙR)

Coim. Nach minig a chinnich fuigheall fanaid agus a chaidh fuigheall farmaid a dholaidh (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 152); Is minic a rinneadh magadh dhuine a mharbhóchadh fiadh (Ó Máille 1952, àir. 2576).

(7)
S iomadh rud thig air an laogh nach saoil a mhàthair. (ÙR)

Coim. Is minig a thainig air laogh mear, galair nach do shaoil a mhàthair (Nicholson 1951, 278; MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 106); BG A good cow may have an ill calf (Ramsay 1979, 6); An ill cow may have a good calf (Ramsay 1979, 10) ; Geal leis an bhfiach ndubh a gheárrcach féin (ORahilly 1922, àir. 166); GM Ta booa vie ny gha as drogh lheiy ec: ‘Many a good cow hath a bad calf’ (Wood 1894, àir. 137) .

(8)
Cha chreid an òg gun tig an aois. (IAx)

(9)
Cha tàna muir tràghaidh gun muir làn na dheaghaidh.

Chaidh an seanfhacal seo a dhaingneachadh ann an cuimhne an t-sluaigh bhon a tha e na shreath de dhòran a bhite aseinn gu math tric san dùthaich, ‘Mo rùn geal dìleas’.

Coim. Cha dthàinig tràigh gun mhuir-lànn a dhéigh (Nicholson 1951, 99); Chan eil tuil air nach tig traoghadh (Nicholson 1951, 116; MacIlleathainn agus NicPhàil 2005,


[144]

148); BG Every flow has its ebb (Ramsay 1979, 27) ; Níl tuile trághann; gnáth tuile nach dtig tráigh (ORahilly 1922, àir. 104); Níl tuile dhá mhéid nach dtráigheann (Ó Máille 1948, àir. 661); Is annamh tig tráigh gan lán-teacht marana diaidh (Ó Máille 1948, àir. 1873); GM Lurg roayrt hig contraie (Wood 1894, àir. 63) .

(10)
Chan eil anns an t-saoghal a tha ann nach teirig ach ceò.

Coim. Chan fhuil sa tsaol ach ceo, Agus cha seasann an ach seal (Ó Muirgheasa 1976, 564); Níl insan saoghal ach ceo, ’s mhaireann an ceo ach seal (Ó Máille 1952, àir. 3625).

(11)
Tha a smùdan fhèin air ceann gach fàd
S than lili (1) afàs am measg droighean geur
S gach dhiubh a chèile tha mealas tha gal. (ÙR)

Tha e follaiseach gu bheil an tritheamh cuid dheth seo air a thruailleadh.

Coim. Thasmùideag fhéinan ceann gach fòid (Nicholson 1951, 362); Tha smùdan féin an ceann gach fòid/ Is dòruinn ceangailt ris gach math (MacDonald 1926, àir. 287); agus faic an ceathramh a tha annsAm Bruadar’, sr. 4952, le Dùghall Bochanan: Thasmùdan féin a ceann gach fòid./ ’Us dòruinn ceangailtris gach maith;/ Than ròs afàs air drisibh géur./ ’S an taica chéiltha mhils an gath (Sinclair 1875, 11213).

(12)
Thig an aon uair rud nach tig ann am bliadhna.

Coim. Tachraidh ri aon uair nach tachair ri aon uair deug (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 152); Thig ri nach tig ri linn (Nicholson 1951, 409); BG It may come in an hour


(1) Leugh lili.


[145]

what winna come in seven year (Ramsay 1979, 62) ; Tig rud i mbomaite nach dtig i gcéad bliain (Ó Muirgheasa 1976, àir. 1745).

(13)
Is cam is dìreach an lagh: thig gu cunntas, gu pàigheadh. (ÙR)

.i. ’S ann cam a tha an dòigh anns a bheil an lagh ag obrachadh gus an ceartas a ruigsinn, agus, ged nach aithnichear an toiseach e, thig an t-àm anns am feudar èirig a phàigheadh airson an uilc.

Coim. Is cams direach a thig an lagh (Nicholson 1951, 248); BG Laws costly, take a pint andgree (Ramsay 1979, 65) ; liathaighe an abhainn anonn anall caimeacht sa dligheadh (Ó Máille 1952 àir. 281); ghabhann dlí le riachtanas (Ua Maoileoin 1984, àir. 142).

DÀIMH

(14)
Bfheàrr liom fàgail tastan aig mo nàmhaid na bhith an comain mo chàirdean. (ABh)

Bfheàrr liom fàgail tastan aig mo nàmhaid na bhith comain mo chàirdean. (ÙR)

Coim. Is fhearr rud fhàgail aig nàmhaid, na rud iarraidh air caraide (Nicholson 1951, 249); Is fhearr dhut do chuid fhàgail aig do nàmhaid, na dolan innibh do charaide (Nicholson 1951, 245); BG Better leave to my faes than beg frae my friends (Ramsay 1979, 19) ; Is fearr fuacht do charad teas do nàmhad (Ó Máille 1948, àir. 867).

(15)
S fheàrr tastan an sporan na caraid sa chùirt. (ABh)

S fheàrr crùn an sparan na caraid na cùirt. (ÙR)


[146]

Coim. Is fhearr caraids a chùirt na crùns an sporan (Nicholson 1951, 244); BG A friend in court is worth a penny in purse (Ramsay 1979, 5) ; Is fearr focal (/ cara) sa chúirt bonn (/ púnt) sa sparán (ORahilly 1922, àir. 71); Is fearr cara sa chúirt na bonn sa sparán; Is fearr caraid sa chlúid glúin sa sparán (Ó Muirgheasa 1976, àir. 184); Is fearr focal sa chúirt púnt (/ bonn) sa sparán (Ua Maoileoin 1984, àir. 379).

(16)
Is lom sùil gun abhrad. (ÙR)

Coim. Is lom an t-sùil gun an rosg (Nicholson 1951, 263); Is iomrallach duine ann an dall-cheò agus is lom gualainn gun bhràthair (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 34); Is lom gualainn gan bráthair (Ó Muirgheasa 1976, àir. 210).

(17)
S math an sgàthan sùil caraid. (ÙR)

Coim. Is math an sgàthan sùil caraide (Nicholson 1951, 273); Is maith an sgathan sùil charad (Hughes 1998, àir. 323).

FIALAIDHEACHD IS SPÌOCAIREACHD

(18)
Gabh mar gheobh thus gheobh thu mar chaitheas!

Gabh thusa na gheobh thusas gheobh thusa mar chaitheas!

Faic Naidheachd 19, far a bheil eisimpleir den t-seanfhacal seo.

Coim. Caith mar a gheabh, ’s gheabh mar a chaitheas (Nicholson 1951, 75); Cha ghabh thu dar gheobh thu, ’s chan fhaigh dars áill (Dorian 1974, àir. 120); BG Spend and God will send, spare and ay be bare (Ramsay 1979, 87) ; Glac an rud do gheobhair; Glac a bhfuighir, agus díol a bhféad-


[147]

fair (ORahilly 1922, àir. 99); Caith do chuid is gheobhair, Taiscidh agus rachaidh amú; Ach murgcaithe tusa é, Caithfidh an Gaibhleán Gabha é (Ó Muirgheasa 1976, àir. 857).

(19)
Iallan fada le leathar càch. (ÙR)

Coim. Iallan fadá leathar chàich (Nicholson 1951, 209); BG Of other fowks leather take large whangs (Ramsay 1979, 79); Ye cut lang whangs out of other fowks leather (Ramsay 1979, 116) ; Iall fada de leathar chàich (Hughes 1998, àir. 517); Bíonn cosa cruaidh ag gearrán iasacht’ (Ó Muirgheasa 1976, àir. 870); Is fial stiall de leathar dhuine eile (Ua Maoileoin 1984, àir. 1162).

(20)
S e an t-sùil a chìs an làimh nach ruig. (Thoir rudeigin don leanabh!)

.i. Nuair a bhios biadh math aig na h-inbhich, cha bu chòir achlann a dhìochuimhneachadh. (Chòrd an seanfhacal seo gu h-anabarrach math ri athair màthair Isbeil Anna.)

Coim. rud nach còir a bhith falamh: goile an t-seann duine agus làmh an leanaibh bhig (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 30); Mian mic a shúil [tabhair blúire don bhfireannach] (Ua Maoileoin 1984, àir. 76).

SEALBH IS -SHEALBH

(21)
S ann air an dùthaich thàinig an . (ABh)

(22)
S ann daibh rug an cat an cuilean. (ÙR, ABh)

Coim. ’Sann dut a rug an cat an cuilean (Dorian 1974, àir. 122); Nach ann dhut a rug an cat an cuilean (MacIlleathainn


[148]

agus NicPhàil 2005, 107); Rug laogh dha (Nicholson 1951, 341); Is mór an teannta le cat pisín (Ó Máille 1948, àir. 1356).

(23)
S iomadh fear chaidh gus achoille airson bata da fhèin.

Tha seo anochdadh ann an Naidheachd 19.

Coim. Chaidh e don choilleghearradh bata gu gabhail air fhéin (Nicholson 1951, 135); BG He brings a staff to break his ain head (Ramsay 1979, 35); I have gotten an ill kame for my ain head (Ramsay 1979, 49) ; Is minic do bhuin duine slat a bhuailfeadh é féin (/ chun é féin do bhualadh) (ORahilly 1922, àir. 364); Is minic do chum a bhuailte/ théid duine do bhuain slaite (Williams 1979, 66); Tig an cumann druim tar ais; buailtear duine shlait féin (ORahilly 1926, àir. 364); Is iomaí duine a ghearr slat le haghaidh é féin a bhualadh / Is iomaí duine a bhain slat le é féin a sciúradh / Is minic a bhain duine slat a sciúr é féin (Ò Muirgheasa 1976, àir. 900).

(24)
Is làidir am blàr nach teàrn aon air choreigin. (ÙR)

Is cruaidh am blàr nach teàrn aon air choreigin. (ÙR)

Coim. Is cruaidh an cath às nach tig aon fhear (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 146); Is cruaidh an cath as nach tig aon fhear; Is olc am blàr as nach tàr cuideigin (Nicholson 1951, 224); BG It is a sair field where as slain (Ramsay 1979, 58) ; gnáth ár gan éalóidhtheach; Níl aon chath teagann duine as; Níl cath mhéid nach dtigeann duine as (ORahilly 1922, àir. 294); Is cruaidh an cath nach dtig fear innsidh an sgéil (Hughes 1998, àir. 571); An cogadh ba mhó a bhí riamh tháinig duine sábháilte as (Ó Muirgheasa 1976, àir. 392); Níl cath dhá mhéid nach dtigeann duine as (Ó Máille 1948, àir. 1892).


[149]

(25)
Thàinig eile air fear tha buain na mòine. (ÙR, ABh)

Shaoil le ÙR gur ann ri duine a dhaithnich Teàrlach Òg nuair a bha e na fhògarrach, agus e an riochd fear-buain na mònach, a chaidh an seanfhacal seo a luaidh an toiseach. ’S eThere ’s other days on [a leithid de dhuine] am mìneachadh sa Bheurla a bha aig nighean Isbeil Anna air an t-seanfhacal seo.

Coim. Bu eile do dh-fhear buain na mòine (Nicholson 1951, 71); Bha latha eilaig fear na mònach (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 94); Cha robh duine riamh gun , ach am fear gun lathidir (Nicholson 1951, 125).

(26)
Tha deoch bho leanabh riataich làn cho milis ri deoch bho leanabh anns aphòsadh. (ÙR)

AN T-SLÀINTE

(27)
Gabhaidh cnàimh craicinns gabhaidh craicinn feòil. (ÙRx)

.i. Cho fadas a bhios duine beò, ged nach biodh e ann an deagh chor, m.e. an dèidh tinneis, thig e thuige fhèin a-rithist.

Coim. Gleidhidh cnàimh feòil, fhads is beò smior; Gheabh feòil cnàimh, ’s gheabh cnàimh feòil (Nicholson 1951, 205); Truisidh cnaimh feòil fhads is beò an smior (MacDonald 1926, àir. 303); feoil gan a cnáimh (Ó Máille 1952, àir. 4636); An rud a geintear sa gcnáimh is deacair a bhaint as an bhfeoil (Ó Máille 1948, àir. 1948).

PÒSADH

(28)
Is urrainn do h-uile neach a cheannsachadh an droch-bhean ach an duine aig am beil i. (ABh)


[150]

Is urrainn do h-uile fhear a cheannsachadh an droch-bhean ach an duine aig am beil i. (ABh)

Coim. Ceannsaichidh ah-uile fear an droch-bhean, ach am fear aig am bi i (Nicholson 1951, 78); Sradagan teine air loch;/ tiormachadh clachan achuain/ comhairle thoirt air mnaoi bhuirb –/ mar bhuille air iarann fuar! (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 163); BG Every man can guide an ill wife well but he that has her (Ramsay 1979, 27; Ceannsuigheann gach uile fhear droch-bhean acht a fear fhèin (Hughes 1998, àir. 350); Níl aoinne is fearr a mhíníonn an bhean mhínáireach an fuil aige (Ua Maoileoin 1984, àir. 26); Glacann droch-bhean comhairle gach fir ach a fir féin (Ó Máille 1952, àir. 2877).

AM FREASTAL

(29)
Dar as fhaisge an fheòil air achnàimh, ’s fhaisge na sin an smior. (ÙR)

.i. Mas e caraid dhut a tha ann an èiginn, feumar a chuideachadh.

(30)
Eadar stòl tuitidh tòin.

Coim. Tuitidh tòn eadar dha chathair, agus tigheadas eadar dha mhuinntir (Nicholson 1951, 374); Eadar dha chathair tuitear gu làr (Nicholson 1951, 171); BG Between twa stools the arse fas through (Ramsay 1979, 21) ; Thainig a tòn chun talamh eadar a dhà sdòl (Hughes 1998, àir. 45); GM Eddyr daa stoyl tan toyn er laare (Wood 1894, àir. 23).

(31)
Gabhaidh sinn na cruachan ach feumaidh sinn bhith beò air na tùdanan. (ABh)


[151]

Coim. Ghabhamaid na cruachan móra, ’s dhfhoghnadh na cruachan beaga (Nicholson 1951, 202); Dhitheadh daoine na cruachan, ach thigeadh iad suas air na tudanan. People would eat the big stacks, but they could do with the little ones (Nicholson 1951, 385) ;Ithear na cruachan móra, ’s nìtear leis na cruachan beaga (Nicholson 1951, 295); Is fheàrr bàrr mòr, ach fòghnaidh bàrr beag (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 150).

(32)
Itean bòidheach air eòin fada às. (ÙR)

Coim. Bidh iteagan bòidheach air na h-eòintha fad as (Nicholson 1951, 65); Tha iteagan bòidheach air na h-eòin a thig fad às; Is geal an cunnradh a thig fad às (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 161); BG Far away fowls have fìne feathers (Ramsay 1979, 28) ;GM Cronk glass fodday, voym, loam, loam tra roshym eh (Wood 1894, àir. 87); Bìann adharca mòra air bhà a bh-fad ò bhaile (Hughes 1998, àir. 232); adharca fada ar bhuaibh i bhfad ó bhaile; adharca fada ar bhuaibh i gConnachta (Ó Muirgheasa 1976, àir. 997); Is glas iad na cnoic i bhfad uainn (Ua Maoileoin 1984, àir. 783); Is glas iad na cnuic i bhfad uainn,/ s glasmhar iad, féarmhar (Ó Máille 1948, àir. 1434).

(33)
Ithidh an t-acras rud sam bith.

Coim. Ithidh an t-acras rudsam bith (Dorian 1974, 121, MacFhearguis 1995, 59); Is maith an t-anlann an t-ocras (Hughes 1998, àir. 103, Ua Maoileoin 1984, àir. 324).

(34)
Am biadh dhitheas tu an-diugh cha dèan e feum dut a-màraich.

Coim. Eaten feeds are soon forgotten (seanfhacal a bha aig


[152]

athair an fhir-dheasachaidh, a rugadh ann an 1907 is a thogadh ann am Beul Feirste).

(35)
Am fear a cheangaileas a shiùbhleas. (ÙR).

S eHe who ties well will walk wellan t-eadar-theangachadh a thug am fear-aithris dhomh.

Coim. Am fear a cheanglass eshiubhleas. He that ties best travels best (Nicholson 1951, 12; MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 111); BG Fast bind fast find (Ramsay 1979, 29) ; An cheanglas, ’s è shiubhlas (Hughes 1998, àir. 1); An a cheanglas, is é a shiúlas; An a cheanglas, is é a scaoileas (Ó Muirgheasa 1976, àir. 945).

(36)
Na bean ri rud nach buin riut. (ABh)

Coim. bain leis an nidh nach m-baineann duit/leat (Hughes 1998, àir. 201); Comhairle Cholm Cille/ Is é sin a chomhairle choir,/ An rud nach mbaineann duit,/ bain (Ó Muirgheasa 1976, àir. 947).

(37)
clachan beag dùn. (ÙR)

Coim. Togar càrn mór de chlachan beaga (Nicholson 1951, 370); Nìtear càrn mór de chlachaibh beaga (Nicholson 1951, 334); Is ann mu seach a thogar an dùn (Nicholson 1951, 215); As na bailte beaga a níthear na bailte móra (Ó Muirgheasa 1976, àir. 846); Tóigeann mion-chlocha caisleáin (Ó Máille 1948, àir. 405).

(38)
S e cadal fada an t-iomramh teth. (ÙR)


[153]

.i. Mur èirich duine tràth gu leòr, bidh aige ri bhith ag iomramh glè chruaidh gus an grunnd-iasgaich a ruigsinn an àm.

Coim. Is en cadal fadanin t-iomradh teth (Nicholson 1951, 230); Cadal fad’ ’s an t-iomradh teth (Dorian 1974, 123); Deineann codla fada tòin leis ag duine (ORahilly 1922, àir. 49); Ghnidh codladh fada tòn lom (Hughes 1998, àir. 84); Fágfaidh codladh fada druim nochttha agad (Ó Máille 1952, 1186a); Déanann codladh fada faillighe agad (Ó Máille 1952, 1186).

(39)
Is iomadh rud chì fear an t-sùil fhada. (ÙR)

S eMany is the thing the man with the long [far - seeing] eye can seean t-eadar-theangachadh a thug am fear-aithris dhomh.

Coim. Am fear as fhaide saoghals es a chì (Nicholson 1951, 16); ’S iomadh rud a chì fear an t-saobhal fhad’ (Dorian 1974, 121); a mbíonn saol aige, bíonn scéal aige (Ó Muirgheasa 1976, 716).

(40)
Is trom an t-eallach an leisge. (ÙR)

Coim. Is trom an t-uallach an fhallsachd (Hughes 1998, 83).

(41)
Teirigeas uisge nan gleann mur bi dul na cheann. (ÙR)

Teirigidh uisge nan gleann mur bi dul na cheann. (ÙR)

.i. Chan fhiach do dhuine a bhith astrì ri cruaidh-chàs sam bith, a chionn thig ceann air gach fear dhiubh mu dheireadh thall.


[154]

(42)
Gheobh cearc sgrìoban rud air choreigin.

Coim. Gheibh cearc an sgrìobain rudeigin, ’s chan fhaigh cearc achrùbain dad idir (Nicholson 1951, 226); Ge bith gheibh cearc an sgrìobaidh, chan fhaigh cearc achrùbaidh càil (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 102); BG It is a sair hen that canna scrape for ae ( = one) bird (Ramsay 1979, 58) ; Is olc an chearc scríobfadh di féin (Ua Maoileoin 1984, àir. 186); Gheibh cos ar siúl rud nach bhfaigheann cos ina cónaí; Cos atá ar bhóthar i gcónaí gheobhaidh rud eigin; Chan fhaigheann cos ina cónaí aon rud (Ó Muirgheasa 1976, àir. 78).

GNÈITHEAN IS FEARTAN AN DUINE

(43)
Ceann mòr air duine glic, ceann cearc air amadan. (ABh)

Coim. Ceann mór air duine glic, ceann cearc air amadan (Dorian 1974, 122); Ceann mór air duine glic, ’s ceann-circair amadan (Nicholson 1951, 78); Ceann mor (sic) air duine glic/ Is ceann circ air amadan (mar fhreagairt aig abhàrd, Mac Rath, air cainnt ministeir; Maclennan, gun bhliadhna, 66); Ceann mór ar bheagán céille; Ceann mór agus beagán céille ann; Ceann mór na céille bige; (Ó Muirgheasa 1976, 298); GM Kione mooar er y veggan cheilley, as kione beg gyn veg edyr; towse cheilley rish (Wood 1894, àir. 21); Cloigeann mór le ciall sgóir 7 cloigeann circe ar amadán (Ó Máille 1948, àir. 1018a).

(44)
Cha tèid am madadh-ruadh nas fhaide na bheir na casan e. (ÙR)

Thèid am madadh-ruadh cho fadas a bheir a chasan e. (ÙR)

Coim. Cha téid an sionnach nas fhaide na bheir a chasan e (Nicholson 1951, 129); Cha mhair an sionnach air a shìor-ruith (Nicholson 1951, 104); s gasta an gearr-fhiadh,


[155]

beirthear fa dheireadh air (Hughes 1998, àir. 68); gur gasta an madadh ruadh greim sa deireadh air (Mag Uidhir 1956, 39).

(45)
Cha sheas poca falaimh. (ÙR)

Cha do sheas poca falaimh ris abhalla. (ABh)

Coim. Cha sheas poca falaimh ri balla (Dorian 1974, 121); Cha sheas poca falamh (Nicholson 1951, 128); Cha sheas am poca falamh ri balla (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 56); Cha seasann sac falamh (Hughes 1998, àir. 266); Cha seasann sac folamh (Ó Muirgheasa 1976, àir. 712); fhéadfadh mála folamh seasamh cat marbh siúl (Ua Maoileoin 1984, àir. 379); sheasann mála folamh le balla (Ó Máille 1952, àir. 4224).

(46)
Chan e an math nach tigs e an droch duine nach fhuirich ris. (ÙR)

Coim. Chan en math nach tigeadh, ach an duine dona nach fanadh (Nicholson 1951, 108); Cha be an am fear nach tigeadh. The day will come, come who may (Nicholson 1951, 81) ; Anaidh fear sona le séan (ORahilly 1922, àir. 345; cuir an mhaith ar cáirde (ORahilly 1922, àir. 204); Fanann duine sona le sèun, agus bheir duine dona dubh-leum (Hughes 1998, àir. 11); Fanann fear sona le séan, ach tugann duine dona duibh-léim (Ó Máille 1948, àir. 645); An fhuireos le maith, gheobhaidh maith (Ó Muirgheasa 1976, àir. 387); cuir maith ar cáirde (ORahilly 1922, àir. 204).

(47)
Gheobh thu scent an liom( /lionn ÙR) bho saup an tum. (ÙR, ABh)


[156]

Faic Dorian 1974, 119, far am faighear tair-sgrìobhadh fogharach den dearbh sheanfhacal. Faodaidh nach eil anns an fhacal mu dheireadh ach tunbuideal leannasa Bheurla agus sa Bheurla Ghallda, agus an -m deireannach air tighinn bho -nn anns an dualchainnt, anns an aon dòighs a thachair do lionn fhèin.

Coim. na tha ann am bailead sa Bheurla Ghallda, There was nae drink but a soup/ Ithe boddam oa tun (SND, 433) .

(48)
Am fear a bhios talach anns abhaile sa, cha bhi e ach talach anns abhaile ud thall. (ÙR)

Coim. Am fear a bhios carachs abhaile so bidh e carachs abhailud thall (Nicholson 1951, 11); Am fear a tha cealgach sa bhaile seo tha e cealgach sa bhailud eile (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 44); An fear atá cam sa bhaile seo beidh cam sa bhaile thall (Ua Maoileoin 1984, àir. 1737).

(49)
Am fear nach bi aige ri dhèanamh bi e acur na cait san teine. (ABh)

Coim. Am fear a bhiosn a thàmh cuiridh en cats an teine (Nicholson 1951, 12).

(50)
Am madadh-ruadh asearmonachadh ris na cearcan. (ABh)

Am madadh-ruadh aprèisteadh gu na cearcan. (ÙR)

Coim. Is math an ni amadadh-ruadh searmoin (Nicholson 1951, 273); Gleidheadh an t-sionnaich air na caoirich (Nicholson 1951, 205; MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 102); Gleideadh achlamhain air na cearcan (Nicholson 1951, 202); BG When the tod preaches take tent of the lambs


[157]

(Ramsay 1979, 109) ; An madarua i mbun na gcearc (Ua Maoileoin 1984, àir. 2209).

(51)
S dual do isean an ròn a dhol an aghaidhthòin gus na mara. (ÙRx)

Thèid isean an ròn an aghaidhthòin ris amhuir. (ÙR)

Coim. Bu dual do isean an ròin a dhol an comhair a thòin chun na mara (MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 97); Bu dual do isean an ròin a dhol thun na mara (Nicholson 1951, 71); Céard a dhéanfadh mac an chait ach luch a mharbhú; dúthchas na lachan snámh (Ó Máille 1948, àir. 1958); Dúthchas na heilite leanas an fiadh (Ó Máille 1948, àir. 1966a); Tiocfaidh an dúthchas tríd na crúba 7 leanfaidh an girrfhiadh (Ó Máille 1952, àir. 4580); Gach dalta mar oiltear (ORahilly 1922, 4); Cad do dhéanfadh mac an chait acht luch do mharbhadh (ORahilly 1922, 10).

(52)
Tha a chas air a ghualainn. (ÙR)

.i. Tha an duine sin asìor ghluasad mun cuairt.

Coim. Nuair atá mo hata ar mo cheann, sclátaí ar mo thoigh; Nuair atá do bhearad ar do cheann, díon ar do thoigh; Nuair atá sop in do bhróga, bia ag do chuid eallaigh (Ó Muirgheasa 1976, àir. 758).

OILEAN AGUS FOGHLAM

(53)
Millidh dànadas oilean. (ÙR)

Coim. Thig dànadas gu droch oilean (Nicholson 1951, 366; MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 47); Millidh dànadas modh (Nicholson 1951, 31; MacIlleathainn agus NicPhàil 2005, 47).


[158]

(54)
An car tha san t-seanna mhaide tha e duilich chur às. (ÙRx)

An car tha san t-seanna mhaide tha e duilich air thighinn às. (ÙRx)

An car tha san t-seanna mhaide tha e duilich e thighinn às. (ÙRx)

Coim. An car a bhioss an t-seana mhaides duilich a thoirt as (Nicholson 1951, 26) air a bheil iomradh ann an sr. 10104 den dànAn Geamhradhle Dùghall Bochanan: Na labhair an sean-fhocal,/ ’s deimhin leam fìor e,/ ‘An car théid san t-sean mhaid’/ gur h-ainmic leis dìreadh’ (Sinclair 1875, 13334); Nuair chruaidheann an tslat, is deacair í shníomh (/ lúbadh) (ORahilly 1922, àir. 343); Nuair a chríonas slat, is deacair a sniomhadh (Hughes 1998, 27; Ó Muirgheasa 1976, 922); Is furasda an tslat úr a fheacadh, / Ach is deacair an tslat chríon a chasadh (Ó Máille 1948, àir. 299).

(55)
Nach iomadh rud am foghlaim. (US)

Tha an seanfhacal seo ga chleachdadh ann an Naidheachd 38, far a bheil amadan atoirt freagairt ghlic air ministear foghlaimte.

BEARTAS IS INBHE

(56)
Cha tig an còta fada gu h-uile neach. (ÙR)

.i. Cha bu chòir dha neach do nach eil e iomchaidh a bhith ga ghiùlan fhèin mar mhinistear.

Coim. Cha tig an còta glas (al. fad’) cho math do-n ah-uile fear (Nicholson 1951, 131).

(57)
Asuidh gu h-uasal air an dùthaich sa agus apàigheadh gu sìorraidh. (IAx)


[159]

Coim. Suidh gu h-ìosal, ’us dìol gu h-uasal (Nicholson 1951, 350).

(58)
Thig na tìmean air na tighearnan.

Coim. BG When lairds break carles get land (Ramsay 1979, 110) ;GM Er ny ard-gheiney hig ard-cherraghey (Wood 1894, àir. 17a).

titleIX. Seanfhaclan
internal date1982.5
display date1967-83
publication date2007
level
reference template

Saoghal Bana-mharaiche (2007) %p

parent textSaoghal Bana-mharaiche
<< please select a word
<< please select a page