10
THÀINIG an Calaman suas chun an tighe ’s sheas e aig an dorus, a’ sealltainn rium mar gum biodh e a’ sealltainn ri lìon.
“Dé bha siud a’ ciallachadh?” ars esan.
“Uill,” arsa mise, “chan eil . . . .”
“Tà, innsidh mi dhut,” ars esan. “Cho deach càil ceart bho thàinig an t-aonaran ud do’n bhaile. Nach eil thu fhéin a’ smaoineachadh sin, eh? ’Se sgoilear a th’annad. Tha fhios agad air na nithean sin.”
“Uill . . . .” arsa mise.
Ach bha an Calaman air cuspair eile a nis. “Nach eil làn thid aig Murchadh Mór an tigh sin a chrìochnachadh. Ach bha e dìreach mar sin an uair a bha e anns an Arm. Slaodach. Dé do bheachd air Coinneach Iain, eh? A’ togail air anns an dòigh ud. Tà, nach ann a bha an spunc, eh?” ’S thòisich e ri gàireachdainn. “Spunc,” ars esan a rithist, ’s e tighinn beagan
“Chan eil mi creidsinn nach dèan mi amhran dha,” thubhairt esan a rithist. ’Se bhiodh a’ dèanamh amhrain éibhinn mu dheidhinn tachartasan anns a’ bhaile. Rinn e aon do Ruaraidh nuair a thuit a’ chairt, a’ sadail na mònach air an talamh.
“Tha an saoghal air a dhol bun os cionn,” ars esan a rithist ’s amhaich a’ gluasad sìos is suas. Mar chirc a’ lorg biadh anns an adhar. “Dé tha thu fhéin a’ smaoineachadh?”
Cha robh duine a’ tighinn a-mach á tigh Choinnich Iain. Cha robh fhios ciamar a bha a bhean. Theab mi dhol a shealltainn oirre ach cha deach. Cha bhiodh i airson duine fhaicinn. Bhiodh eagal oirre gum biodh am baile a’ fanaid oirre. Agus cha robh i ceàrr an sin.
“A bheil fhios agad,” ars esan. “Cha leigeadh i leis càil a dhèanamh. Bha e dìreach air feisd. Air feisd, eh.” ’S rinn e gàire beag lìogach.
Tha am baile a’ coimhead aonaichte bho’n taobh a-muigh, arsa mise rium fhìn. Ach chan ann mar sin a tha e, da-rìribh. Tha na daoine a’ falbh air fheadh ach chan eil iad ceangailte ri chéile. Tha gach fear a’ feitheamh ri mearachd an fhir eile. ’S math dh’fhaodte gu bheil an t-aonaran ceart ’na dhòigh fhéin. A bhith fuireach air falbh bhuapa. Agus thàinig e steach orm gum feumainn a dhol a thadhal air. Mar gum biodh e air mo smaointean a leughadh thubhairt an Calaman. “Bidh e dol a-mach a dh’iasgach uaireannan. Tha e cho dòigheil leis fhéin anns a’ bhothan ud. Nach eil sin àraid? Eh? ’S bidh e dol do’n tobar a h-uile madainn ’s cha bhi e bruidhinn ri duine. Dé tha e dèanamh leis fhéin? A bheil càil a bheachd agad?
Bha a’ ghrian a’ dol sìos, cho bòidheach, ’s cho dearg ri
“Aon rud,” ars an Calaman, “Cha robh mise air siud a dhèanamh. Cha robh mise air mo thigh fhàgail. Smaoinich. Dh’fhàg e an coirc ’s a’ mhòine. Chan eil rian gu bheil e ciallach. Ach cha robh gnothaichean talmhain a’ cur dragh air . . . . ’Sann a bha e coltach ri faoileig. Ri faoileig, eh?”
Bha a’ ghrian a’ dol fodha ’s Murchadh ’na shuidhe air cloich mhóir ’s a’ sealltainn air thoiseach air mar gum biodh e sgìth no ann am bruadar. Is smaoinich mi air Coinneach Iain. Canabhas. Siùil. Crainn.
Chunna mi a bhean a’ tighinn a-mach ás an tigh. Bha i coimhead na bu shine mar thà, a corp crom, ’s i dol do’n chruaich ’s i a’ toirt fàd aisde. Thog i am fàd ’na làimh ’s sheall i ris mar nach biodh i tuigsinn dé bh’ann, no dé’n teine gu robh i ga thoirt, ’s chaidh i gu mall air ais gu a tigh. Chuireadh i am fàd air an teine ’s shealladh i a bhroinn an teine agus dé bha i dol a choimhead an sin? A saoghal a’ losgadh, a’ tuiteam, balla an déidh balla. Dé seòrsa beatha bh’aca còmhla ri chéile? Am faca Coinneach Iain uair i mar bhànrigh a chumadh fàileadh an t-sàil air falbh bhuaidhe, fàileadh na stoirme. ’S math dh’fhaodte gu robh an gaol ro-mhór airson an dithis ud, gur e facal ro-mhór a bh’ann. Cha deidheadh iad sìos ann an teine, ann an smàl, mar a chaidh Romeo is Juliet.
“Eh?” ars an Calaman. Bha mi smaoineachadh gu robh e air falbh ach bha e ’na sheasamh an siud fhathast le ghob fosgailte.
“Eh?” ars esan a rithist. “Dé tha thu smaoineachadh tha e dèanamh leis fhéin? Dé tha e ’g ithe? Cuin a tha e cadal? Cha toir duine obair dha, tha sin cinnteach. An dùil a bheil
Sheall mi sìos ri m’ bhrògan a bha salach le duslach Duine ’na aonar ’na sheasamh leis fhéin air bialaibh a thighe.
“Tà,” arsa mise, “Bha gaol agam air mo mhnaoi. Ghabh an gaol gréim oirnn mar chansair. Bha sinn còmhla. Cha do dh’fhàg sinn a chéile. Feumaidh e bhith gu bheil sin a’ ciallachadh rudeigin, nach do dh’fhàg sinn a chéile.”
Aon oidhche ’s i a’ sgriachail leis a’ phian chuir mi a ceann air mo bhroilleach ’s mi ga gluasad a-null ’s a-nall mar leanabh. Bha i ’na laighe air mo bhroilleach mar fhidhill. Fidheall de fheòil.
Chaidh mi steach do’n tigh, fhuair mi lorg air an fhidhill ’s thòisich mi ’ga cluich. Lìon an ceòl tiamhaidh an tigh. Mar uisge. Thòisich mi a’ gal le toileachas ’s chuir mi an fhidheall sìos.
title | 10 |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p |
parent text | An t-Aonaran |