[43]

11

LÀRNA-MHÀIREACH chaidh mi mar a bàbhaist sìos an starans thug mi am bainne bho Sheonag, am bainne geal ás a làimh. An diugh bha léine bhuidhe oirre, ’s i fosgailt aig an amhaichs a falt dubh asruthadh sìos a cùlaibh. Bha ise, co-dhiùbh, bòidheach is òg. Airson mionaid chuir mi mo làmh air abhotal mar gum be gibht a bhanns nach robh mi pàidheadh air a son idir.

Tha latha math ann,” arsa mise.

Tha,” ars ise, ’s i dol a dh’fhalbh, cho fionnar, cho sunndach. Stad mi i.

Tha mi cluinntinn gu bheil thu dol a phòsadh.”

Tha,” ars ise, “uaireigin.”

Cha bhi e fada,” arsa mise.

Chan eil fhios am air a sin,” fhreagair i.

Cha bhi e furasd tigh fhaighinn,” arsa mise, “ ’s


[44] trealaichean air a shon.”

Sheall i rium.

O,” arsa mise, “tha nithean cho daor.” Do chasan, do shliasaidean, do bhroilleach.

Seana mhaighstir-sgoile,” bha i ’g ràdh rithe fhéin asealltainn sìos ri a brògan buidhes i gun smal adeàrrsadh anns aghréin.

Nuair a phòs mi fhìn bha cosgais mhór againn,” arsa mise. Cha dubhairt i smid.

Bha cuibhleachan fionnar a h-inntinn acur char.

Ann an ceann ùine thubhairt i ann an guth làidir cruaidh.

Bu chaomh leam suite fhaighinn. Suite a chunna mi anns abhaile mhór. Suite dearg. Chunna mi ann an uinneig bùtha e. Chan eil gin air abhaile coltach ris. Bu chaomh leam sin fhaighinn co-dhiùbh. Seach nach eil e aig duineile air abhaile.

O,” arsa mise. Ann an ceann ùine dh’fhaighnich mi bha e cosg. “ chiad not,” ars ise. “Ach feumaidh mi bhith falbh.”

Uill,” arsa mise, “tha mi ’n dòchas gum faigh thu e . . . .” ’S mi sealltainn ris aghréins asmaoineachadh air an suite dearg balbh. Bha ise bòidheach, co-dhiùbh ann am baile a bha bàsachadh. bha i ciallachadh le suite dearg. Achs e mi fhìn a chuirna ceann e. Aghrian adeàrrsadh le a gathan borbs an suite dearg ann an rùm air chrith le sannt.

Nuair a bha i coiseachd air falbh thàinig an t-aonaran seachad air a bhaiseagal. Bha e sealltainn dìreach air thoiseach air. ’Na shuidhe air abhaiseagal, ’s e dol, bha mi cinnteach, do’n bhùth. Bhiodh e dol do’n bhùth aon turas anns an t-seachdain, sin a dh’innis Dougie dhomh. Chunna mi Seonag ationndadhs asealltainn ás a déidh ach cha do sheall e rithe idir.

Bha aodach dorch airaodach salach dorchis ròpa


[45] mun cuairt air. Smaoinich mi anns amhionaids e tighinn a-mach ás aghréin gur ann a bha e coltach ris aBhàs fhéin. Cha do sheall e ’n taobh seo no ’n taobh ud ach dìreach air thoiseach air.

A chraiceann donn: an ann salach a bha chraiceann cuideachd? ’S an t-aodach dubh. ’Sann a bha e coltach ri fear a bhios aglanadh shimileirean. Ach bha e coimhead cho dòigheil cuideachd mar nach robh feum aige air duine sam bith ach e fhéin. Co ás a thàinig e? An e sgoilear a bhann? An e mèirleach? Murtair? Air cùl aodainn an robh e fanaid air gach duinagainn? Bha a chòta uabhasach fada, cha mhór nach robh e suathadh a bhrògan. “Ciamar a tha thu beò,” arsa mise ris gu sàmhach. Cha robh e ceannach uisge-beatha no lionn. Bha e dol do’n bhùth air tòir lof is ìm is càiss cha robh e bruidhinn ri duine. Bha e mar fhaileas tarsainn air abhaile. Mar am Bàs dubh. ’S math dh’fhaodte gur e manach a bh’ann no duine diadhaidh air choreigin. Ach co-dhiùbh ghabh e seachad. Cha robh e dèanamh cron air duine ach an cron nach robh iad atuigsinn. Sheall mi ás a dhéidh gus an deach e á sealladh le bhithna mo chridhe.

Cha tug e sùil air Seonag idir anns an dol seachad. Bha e na bu làidire na mise. Bha e mar aon de na clachan a bha Murchadh acur ri thigh.

title11
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p

parent textAn t-Aonaran
<< please select a word
<< please select a page