[58]

13

MU dheireadh ràinig mi mo thigh fhìn.

Feumaidh mi innse dhuibh aig an àm seo gum bithinn afàgail an doruis gun ghlais air nuair a bhithinn a-muigh air chuairt.

Dh’fhosgail mi an doruss chuir mi air an soluss dìreach anns amhionaid chunna mi ina suidhe anns achathair ris an teine. Mo bhean. Anns amhionaid alasadh a-mach ás an dorchadas. ’Se siud achathair anns am biodh i suidhe an còmhnaidh anns na làithean a thréig. Chaidh mo chridhenam uchds theab mi tuiteam. Ach thionndaidh an saoghal mun cuairt, mar gum bithinn ann am pleuna, chuir minntinn car amhuiltein, sheòl an saoghal air ais a rithist gu àite fhéinsna suidhe anns achathair bhaSeonag.

Bha dreasa dhearg oirres a falt astruthadh sìos a


[59] guaillean.

tha thu . . . .” Thàinig na facail a-mach ás mo bhial ach stad mi iad. Tharraing mi na cùirtearan, shuidh mi air achathair air a bialaibh. seòrsa sgialachd a bha ga sgrìobhadh anns an rùm seo? Air a cùlaibh air abhalla chunna mi aon de na dealbhan a bha mi air a pheantadh, asealltainn cat-fiadhaichna sheasamh air creig luim.

Tha mathairs mo mhàthair asmaoineachadh gu bheil mi aig an danns’” ars ise. Cha dubhairt mi smid. bha i dèanamh an seo, anns achathair ud? Aig acheart àm bha eagal orm gun tigeadh cuideigin chun an doruis.

Am faca duine thu?” arsa mise rithe.

Chan fhac’ ,” ars ise.

Chaidh mi null chun an dreasairs chuir mi mach uisge-beatha dhomh fhìn. An robh ise ’g iarraidh pioc? Cha robh.

Chan eil móran tìdagam,” ars ise.

O,” arsa mise. “Chan eil.”

Chuir i aon chas tarsainn air an eile, ’s thubhairt i, “Thàinig e steach orm. Mu dheidhinn an suite,” ars ise.

Seadh,” arsa mise, ’s mi acoimhead a sliasaidean. Bha mi mar fhear a tha acoiseachd tarsainn air fàsachs a tha acoimhead bùrn aig acheann thall.

Is suite dearg mar ghréin dheirg adeàrrsadh air aghainmhich.

Ach bha airgead gu leòr agam, bha sin cinnteach, ’s bha mi dol a dhèanamh leis?

Ach nam faicte i dh’fheumainn am baile fhàgail. Bha sin cinnteach cuideachd. Chaidh mi null chun na cùirtearan a rithists shlaod mi iad gu chéile. Bha gàire air a h-aodanns i gam choimhead. A cumhachd. Chaidh an saoghal a chruthachadh eadar shliasaid nighne.

Bha i feitheamh rium, afeitheamh theirinn. thubhairt i? chiad nota?

Chaidh mi null chun an dreasairs thug mi mach airgead.


[60] Chuir mi na notaicheanna h-uchd.

Thoir leat na tha thu ’g iarraidh,” arsa mise, ’s mo làmhan air chrith.

Chunna mi a h-inntinn adol mar bheirt.

Chunnt mi mach an t-airgead gus an robh chiad not aice.

An aon turas seo,” ars ise. ’S bha i sealltainn sìos ris an airgead.

Mas e do thoil e,” arsa mise.

“ ’Na do thoil-sa tha mo shìth.” Dante. Is chaidh mi air chrith a rithist.

Anns achathair ud bhiodh mo bhean asuidhe asealltainn a-steach do’n teine.

Ach cha robh i cho bòidheach ri Seonag. Chuir i an t-airgead ann am baga a bhaice, baga-guaille.

Agus sheas i.

Càit a bheil sinn adol?” ars ise. Sheall mi an rùm dhi. Chaidh sinn a-steach ann.

Tharraing mi na cùirtearan anns an rùm seo cuideachd, acluinntinn fuaim nan dannsairean, ’s chaidh mi do’n leabaidh.

Bha mi sealltainn rithe fad na tìde, ’s i acur dhith a h-aodach. Bhiodh sinn nar laighe anns an aon leabaidh, far an robh mo bhean, far an do bhàsaich mo bhean. Geug ùr air craoibh aosd. Bha pian is miann-feòla aon-fhillte, sin a bha mi smaoineachadhs mi coimhead a cuirp asruthadh a-mach ás a h-aodach, lainnir airgeadach, iasg ùr soilleir. Air an dreasair chunna mi cìr a bhiodh mo bhean acleachdadh. Bha falt liath innte fhathast. Chuir i a h-aodach tarsainn air achathairs thàinig i do’n leabaidh.

Chuir i dheth an soluss thàinig i do’n leabaidh còmhla rium, fionnar mar mhàrbhail. Màrbhail na gealaich, màrbhail nan Greugach. Chuir mi mo ghàirdean mun cuairt oirre. Thàinig i mach ás an fhàsach airson chiad nota, airson


[61] suite dearg. Uill, airson gach gnìomh nach eil sinn uile asùileachadh duais. Math dhuinn ar peacannan . . . . Chuala mi fuaim an dannsfad air falbh, fuaim na mara. Cha dubhairt i smid fad na tìde. Bha na crùbagan anns achuan, fo’n phlaide shaillt ud. ’S cha dubhairt mise smid. Balbh chaidh sinn do’n bhùth còmhla, a cheannach ar feòla.

Chan eil móran tìdagam,” ars ise. Ann an ùine bha sinn deiseil. Chuir i air an solus a rithist. ’S chuir i oirre a h-aodach. Bha i falbh air feadh an rùim mar mhèirleach. Ach shuidh i airson mionaid aig bialaibh an sgàthain aig am biodh mo bhean asuidhe acìreadh a fuilt. “Cha leig thu leas éirigh,” ars ises i cho slàns cho geal. “Cha leig,” arsa mise, “ma tha sin ceart gu leòr.” Bha mi faireachdainn coirbte is aig acheart àm aotram mar gum biodh cuideam air éirigh bho mfheòil. An déidh dhi a h-aodach a chur oirre sheall i sìos rium airson aon diog, a fiaclan alasadhna h-aodann mar gum biodh i air cuimhneachadh orm airson an diog ud fhéin. An sin shlaod i an dorus ás a déidhs chuala mi an dorus mór adùnadh mar gum biodh i air slaodadh leac-uaghach ás a déidh. Airson ùine mhór bha mi ’g éisdeachd ach cha chuala mi càil ach fuaim an danns’. Theab mi éirigh is uisge-beatha a ghabhail ach bha mi ro sgìth. Thionndaidh mi air mo chliathaichs thuit minam chadal.

title13
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p

parent textAn t-Aonaran
<< please select a word
<< please select a page