[62]

14

LÀRNA-MHÀIREACH thàinig Coinneach Iain dhachaidh air abhus. Thàinig e mach ás abhus aig cóig uairean feasgar. ’S choisich e gu slaodach suas an staran gu a thigh. Bha e coimhead tòrr na bu shine na bha e nuair a dh’fhàg e. Shaoileadh duine gu robh cuideamna laighe air a dhruim. ’Sann a bha e coltach ri fear a chunna mi uair ann am film, fear a bha ’g obair ann am prìosan Ameireaganach, le sùilean balbh is aodann glas. Cha dfhuair mi cothrom bruidhinn ris an oidhchud ach thàinig seòrsa de chnead annam nuair a chunna mi e atilleadh, mar gum biodh uabhasach air tachairt. Mar gum biodh dorus eile air a dhùnadh anns an t-saoghal. Mar gum biodh siùil air tuiteam.

Chan fhaca mi e gus an ath latha a rithist. Bha ena shuidhe air bialaibh an doruis anns aghréin air cathair a thug a bhean a-mach dha. Shaoil mi gun do sheall i rium le


[63] sùil fhuar is thàinig e steach orm airson achiad uair nach robh móran aice mu mdheidhinn. ’S chuir seo iongnadh orm. Bha esan mar easlainteach air bialaibh sanatorium.

Shocraich mi cluasag air cùlaibh Choinnich Iains thug i an aon sùil ud orm ach cha dubhairt i càil ach gur e latha math a bhann. Agus ’se sin a bhann, latha saor gaothach blàth. Ann an ceann ùine thàinig i mach le cathair eile dhòmhsa ach cha robh cluasag idir aice.

Bha Coinneach Iain asealltainn dìreach air thoiseach air. Mu dheireadh thubhairt mi, “Tha sinn toilichte dfhaicinn a rithist.”

Cha dubhairt e smid. Bha aodach glan airs aodann air a bhearradh gu lom. Ann an ceann ùine thòisich e ri bruidhinn, cha bann rium-sa idir an toiseach, ach ri cuideigin eile, ’s math dh’fhaodte ris fhéin.

Cha robh obair aca dhomh,” ars esan. “Chaidh mi air bòrd soithichs thòisich iad ri gàireachdainn, ri fanaid orm. Seòladair? ars iadsan. Thalla dhachaidh chun an teine, a bhodaich. Thubhairt mi riutha gu robh mi uair ann a Hong Kcng, Valparaiso, Sydney. , ’s fhada bho’n uair sin, ars iadsan. ’S fhada bho’n uair sin. Thubhairt mi riutha gur iomadh turas a bha mi air bhàrr nan crann. Achsann a thòisich iad agàireachdainn a rithist. Chan eil crainn againn an diugh, ars iadsan. Chan eil? arsa mise. Chan eil, ars iadsan.

Co-dhiùbh chaidh mi sìos chun achidhe latha an déidh lathas fhuair mi an aon fhreagairt. Bha dòchas agam an toiseach, tha thu atuigsinn. Chan eil mi ’g iarraidh pàidheadh idir, arsa mise riutha. Chan eil airgead air maire. Chan eil mi ’g iarraidh càil ach mo bhiadh. Bed and board, arsa mise riutha. Tha thu ro-aosd, ars iadsan. Latha an déidh latha chaidh mi chun achidhes cha robh aca ach an aon duan: tha thu ro-aosd. Bha mi air rùm a ghabhail anns abhaile aig ris an can iad Mrs. Duffy air Sràid Watson. Bha mi


[64] pàidheadh cóig notaichean anns an t-seachdain. Thug mi leam fhichead not, cha robh ’n còrr agam. ’S bhithinnnam shuidhe leam fhìn anns an rùm a h-uile h-oidhch’. ’S bhithinn asmaoineachadh gun gabhadh iad mi fhathast, aig acheann thall. Cha do chòrd am boireannach ud rium idir, an a bhanns an tigh. Cha nigheadh i maodach dhomh gun tuilleadh airgid. ’S cha leigeadh i dhomh sealltainn ris an TV air an oidhch’. Agus bha na soithicheans na truinnsearan salach, tha mi cinnteach gu robh iad salach. ’S bhithinnnam rùm air an oidhches cha robh mi dol a-mach idir. Nach eil sin àraid? ’S am baile gu léir fosgailte fo mo chomhair. ’S a dh’aindeoin sin bhithinnnam shuidhe an siud gach oidhche asealltainn ris abhalla. Ri dealbh a bhair abhalla. Dealbh féidh. Achiad latha a ghabh mi an t-sràid chan fhaca mi duine a dh’aithnichinn. Aon duine. Iad uile afalbh air feadh abhaile gun sgur, gun stad. Bha trì féidh anns an dealbh. Féidh uaine. Tha mi smaoineachadh gur e goid an deilbh a rinn i: chunna mi dealbh coltach ris ann an trèuna nuair a bha mi òg, eadar an Caols Inbhirnis.

Uill, anns amhadainn bha mi ’g éirigh mochs adol sìos chun achidhe. ’S bha an aon fheadhainn afeitheamh rium fad na tìde. ’S thòisicheadh iad agàireachdainns ag ràdh, Seo am bodach a rithist. Tha e fhéin atighinn a rithist. Tha seo thugainn.

S thubhairt aon dhiubh, Tha e airson a bhith am bàrr nan crann ann a Valparaiso. ’Se Valparaiso Jim an t-ainm a bhacorm. ’S cha robh duine dhiubh air a bhith mach ás an eilean, tha mi cinnteach. ’S bha an t-soitheach ud dhomh mar thart, tha e duilich dhomh innse. Cho mórs cho geal anns amhuir. ’S cha robh aon bhoireannach ri fhaicinn ach an dràsds a rithist a bhiodh adol air bòrd le màileid. Tha na boireannaich all right air tìr, ach air muir feum a thannta?

Chan fhaca tusa riamh San Fransisco. An drochaid. Anns


[65] amhadainn. Air madainn shamhraidh dìreach mar a thagainn an dràsda, ach gum biodh ceò mun cuairt. Ceò ghorm shàmhach. Is an drochaid adeàlradh. Is am baile mór air bhoil le daoine ás gach ceàrnaidh.

Uill, thubhairt mi riutha gu robh mi airson San Fransisco fhaicinn aon uair eile. Shaoileadh tu gun cuireadh seo truas orra ach cha do chuir na. Cha robh iadsan air a bhith a riamh ann a San Fransiscos cha robh iad afaireachdainn mo phathaidh-sa. ’S thòisicheadh iad agàireachdainn, a h-uile neach dhiubh, ach aon fhear a bhruidhinn rium.

Tha mi duilich ach tha thu ro-aosd. Tha mi tuigsinn tha San Fransisco aciallachadh dhut ach tha thu ro-aosd.” ’S thug e steach gu cofaidh mis bha sinn acòmhradh airson ùine mhath.

Dh’innis mi dha gun do dh’fhàg mi an tigh.

Nach eil a thìd agad a dhol dhachaidh,” ars esan. “ tha thu dol a dhèanamh nuair nach bi sgillinn airgid agad?

Chan eil fhios am, ” arsa mise. “Bha dùil am . . . .”

Bha dùil agad a dhol a Shan Fransisco,” ars esan le gàire. Tha bean is triùir chloinne aige fhéins bidh e ’g obair shìos aig achidhe.

Nach eil e gu leòr dhut,” ars esan, “gun robh thu ann an San Fransisco mar thà? Cha robh misann eadhon aon uair.”

Agus bha sin ceart cuideachd. Bha mise de’n bheachd gu robh a h-uile duine uair no uaireigin ann an San Fransisco.

Dh’innis mi dha mu dheidhinn nam fiadh anns an dealbh agus mu dheidhinn mo rùims mu dheidhinn an TV.

Cha do chòrd am boireannach ud rium idir. Fiù teine cha robh i toirt dhomh air an oidhche, ’s aig an tigh bhithinn afaighinn botal tethna mo leabaidh.

Agus chan eil mi smaoineachadh gu robh i nighe nan soithichean. Sùilean cruaidh innte. Boireannach caol geur coltach ri droigheann. Cho biorach ri snàthaid. Uill, dh’éirich mi ’n dé ás mo leabaidhs sheall mi mach air an


[66] uinneig.

Latha bòidheach eile. Cuin a bha tìdagainn cho mìorbhaileach seo, aimsir gun smal? Chithinn an cuan a-mach air an uinneig. ’S dh’aithnich mi nach ruiginn San Fransisco tuilleadh. Gu robh mi ro-aosda. Phàidh mi i, thug mi mo mhàileid a-mach ás an tigh, ’s chaidh mi sìos chun abhus.

S thàinig mi dhachaidh.

Bha uspag gaoithe agluasad mun cuairt oirnn. Smaoinich mi air nighinn bhig a thàinig dhachaidh ás an sgoils a thubhairt gun cual i an t-aonaran a’ seinn leis fhéin an broinn abhothain. “Chaidh mi suas chun na h-uinneig,” ars ise, “ ’s bha ena shuidhe an siud aseinn. Cha robh eagal orm idir.”

Bha faileas tarsainn air abhaile ged nach robh e ’g ràdh facal. Bha e ann, ’s bha sin fhéin gu leòr.

Uill,” arsa mise, “tha mi cinnteach gun do rinn thu ceart a thighinn dhachaidh.”

Dh’éirich mi ás mo chathairs dh’fhàg mi ann an siud e air bialaibh a thighe. Cha robh mi airson a bhean fhaicinn a rithist.

title14
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p

parent textAn t-Aonaran
<< please select a word
<< please select a page