17
“CHAN eil mi creidsinn gun do thachair càil,” arsa Dougie. “Chan eil mi creidsinn gun do shuath e innte.”
“Chan e sin a tha i ’g ràdh,” arsa mise.
“Chan eil cron sam bith ann,” arsa Dougie. “Nuair a chunna mi an truaghan a’ dìreadh air a’ bhaiseagal ’s a’ fàgail a’ bhaile chuir e truas orm.”
Sheall e rium gu geur. “Chan eil mi creidsinn gun do shuath e innte,” thubhairt e rithist.
“Uill, carson a chanadh i e,” arsa mise.
“O bha aobhar aice, bha aobhar,” arsa Dougie ’s e a’ toirt an aon sùil gheur chruaidh orm. Bha mi cinnteach nach bruidhneadh Dougie rium tuilleadh oir bha a thruas ris an aonaran cho mór. ’S bhithinn fhìn buileach ’nam aonar.
“ ’S cha robh càil aige,” arsa Dougie, “cha robh càil aige ach am baiseagal ’s na dheidheadh ann am poca. ’S bha e
Cha dubhairt mi smid. Cha chanadh Seonag guth na bu mhotha, fhuair i airgead gu leòr bhuam. O bha an t-aonaran gun chron ann an dòigh, cha do shuath e ann an Seonag, ’s e bhriag a bh’aice an sin, ach ann an dòighean eile bha cron ann. Ann an ceann ùine thubhairt Dougie, “Uill, tha mi smaoineachadh gum biodh e na b’fheàrr nan sguireadh tu thadhal orm.” ’S le sin dh’fhàg e mi. Cha robh àit’ agam a nis dha’n deidhinn.
Chaidh mi a-steach do’n tigh ’s shuidh mi ris an teine le gloine uisge-bheatha ’nam làimh. Shàbhail mi am baile ’s bha mi ’nam aonar. Có bhruidhneadh rium a nis ach Cairstìona ’s Murchadh ’s am ministear? Uill, ann an dòigh bhruidhneadh am baile gu léir rium – nach e am fearg a sgiùrs an t-aonaran air falbh an déidh dhaibh cluinntinn mu dheidhinn Seonag – ach ás aonais Dhougie bhithinn ’nam aonar.
Shuidh mi airson ùine mhór anns a’ chathair gus na dh’éirich a’ ghealach làidir cruaidh anns an adhar. Cha robh i nise idir coltach ri Seonag, ’sann a bha i coltach ri inntinn gheur chruaidh. Bhiodh an t-aonaran a’ siubhal air a’ bhaiseagal ann an solus na gealaich. An solus ud a bha a’ foillseachadh beanntan àrsaidh briste, duslach na cloiche.
Chuir mi mo làmh a-mach ’s thug mi leabhar ás a’ phreas air mo chùlaibh. Cha do mhothaich mi an toiseach gur e am Bìobull a bh’ann. Dh’fhosgail mi e ’s thionndaidh mi na duilleagan gus an d’ràinig mi an Soisgeul. Leugh mi, “Anns an toiseach bha am Facal . . . .” Shuidh mi an siud a’ leughadh ’s an dorchadas a’ tuiteam mun cuairt orm ’s mi buileach ’nam aonar, ’s mi smaoineachadh air iomadh nì gus an do thuit an cadal orm.
title | 17 |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p |
parent text | An t-Aonaran |