[14]

3

RUGADH mi anns a’ bhaile seo fhéin, bliadhnachan móra air ais. An déidh dhomh an sgoil fhàgail chaidh mi do Oil-thigh Dhun Eideann, baile lom gaothach, trom le eachdraidh. Bhithinn a’ falbh air fheadh a’ smaoineachadh air an t-saoghal, air mo bheatha, air an gnothaich anns an t-saoghal. Co mheud leabhar a leugh mi anns na làithean ud, co mheud sealladh a chunna mi? Aon latha bha mi anns an leabhar-lann ’s choinnich mi ri nighinn. Tha cuimhn’ a’m sinn a dhol do’n tigh-dhealbh ’s mi ga pògadh aig a tigh fo sholuis ghorma a bha a’ dèanamh a h-aodann gorm. ’S faileas nan duilleag anns an leas a’ gluasad air a lethcheann. Bhiodh i cluiche na fìdhle anns na làithean ud, no violin mar a their sinn. ’S i a theagaisg ceòl dhomh. Ach nuair a thàinig i do’n bhaile seo sguir i chluich air an fhidhill ( bha dol a dh’éisdeachd rithe? ): ’s chuir i suas


[15] do’n chùlaisd i. Aon latha thàinig mi dhachaidh ás an sgoil gun fhios ’s bha i cluich oirre. Ach aig an deireadh dh’fhàs i coltach ris an fheadhainn a tha a’ fuireach anns a’ bhaile seo, dalma, gun doimhneachd.

Dun Eideann, am baile gaothach bòidheach lom. Co mheud cuairt a ghabh sinn còmhla anns na làithean ud, ’s air an oidhche cuideachd. ’S na tagsaidhean dubha a’ dol seachad oirnn air an t-sràid. Na rionnagan anns an adhar agus sinn a’ falbh air Princes Street. Agus ise le a fidhill anns na làithean ud. Ach aig an deireadh bha i aosd is liath ’s i a’ bàsachadh. chiall a th’aig sam bith? Agus an dithis againn sàmhach aig an deireadh: cha robh facal againn ri ràdh ri chéile. A’ coimhead an telebhisean. Is ise a’ fighe no a’ fuaigheal. Cho eucoltach ’s a bha i ris an nighinn a choinnich mi uair anns an leabhar-lann leis na h-ìomhaighean Greugach is Ròmanach, na sùilean falamh, marbhail. seòrsa saoghal anns a bheil sinn beò?

DE SEORSA SAOGHAL ANNS A BHEIL SINN BEO?

Ach nuair a bha mi fhathast anns an sgoil cha robh seo a’ cur dragh orm. Bha cus agam ri dhèanamh. A’ teagasg ’s a’ comharrachadh. ’S a’ chlann cho òg ’s cho neochiontach, iseanan a bha a’ falbh air feadh an adhair. Mar dhìtheanan a bha tighinn gu blàth, ’s a’ searg. ’S na ceistean a dh’fhaighnicheadh iad dhìom anns na làithean ud! Co ás a tha an dealanach a’ tighinn? Co ás an tàirneanach? Agus ise ’na suidhe anns an tigh, ris a’ chagailt, ’s a fidheall sàmhach ’s i a’ fàs reamhar, ’s ceòl na mara mun cuairt oirnn uile. Cha robh gnothach agam a thighinn dhachaidh an seo a rithist. Bu chòir dhomh a bhith air cumail air falbh. Oir cha robh Gàidhlig aice. Cha robh i tuigsinn nan daoine, cho domhainn ann an dòigh ’s a tha iad. ’S bha Dun Eideann cho fad air falbh le a chaisteal aosd, le a bhùitean. Bha a cridhe ann an Dun Eideann’na cheòl lom gaothachach cha do smaoinich mis’ air sin gus an robh e ro fhadalach. Dé’n dragh a bh’aice-se do’n chuan, do’n cheòl


[16] iongantach ud: cha chual i e riamh roimhe. Uaireannan bidh mi ga cluinntinn a’ falbh air feadh an tighe air an oidhche ’s math dh’fhaodte air tòir a fidhill a tha cho sàmhach anns a’ chùlaisd. Bha gu leòr agamsa ri dhèanamh ach ciamar a bha ise ri cur seachad na tìde? ’S gun fhios aice air ar cànan, ’s gun duine anns a’ bhaile a chluicheadh air an fhidhill no a dh’éisdeadh rithe le fìrinn. Briseadh-cridhe gun deireadh.

Dun Eideann cho fad air falbh. Le a shràidean lom, le a leabhraichean lom. Cha deach mi air ais a Dhun Eideann tuilleadh bho dh’fhàg mi e. ’S cha deidheadh ise air ais na bu mhotha. Bha cheòl fhéin aig Dun Eideann, ceòl na h-òige. ’S shealladh sinn ri chéile gun bhruidhinn, gun chàil againn ri ràdh ri chéile aig a’ cheann thall.

Gus an deach an cansair an sàs innte mar chlamhan, an tinneas uabhasach ud a tha ceangailte ris an inntinn, ris an anam, an tinneas ud gun cheòl. Dh’fhaodainn a bhith air a toirt air ais gu Dun Eideann ach cha do rinn mi sin. Bha an òige air falbh gu buileach aig an deireadh. Cha robh air fhàgail ach faileasan.

seòrsa àite th’anns an eilean agad?” ars ise.

Aite bòidheach,” arsa mise. “Daoine còire. Daoine laghach. Aite bòidheach.” ’S an cuan. An cuan. Ach cha robh ise eòlach air a’ chuan. Bha i eòlach air sràidean ach cha robh i eòlach air a’ mhòintich, air a’ chuan. Cha tàinig e steach orm gum biodh an t-eilean mar àite coimheach dhì-se. Cha tàinig e aon uair a-steach orm. Agus ghreimich an cansair mar chrùbaig. ’S an fhidheall anns a’ chùlaisd.

Aon latha thàinig mi dhachaidh gun fhios ’s bha i cluiche anns a’ chidsin air an fhidhill ach leum i gu a casan mar ainmhidh anns a’ choille ’s ruith i mach ás an rùm. Bliadhnachan air ais. An dùil an robh i cluich air an fhidhill nuair a bha mise anns an sgoil? Cha robh fhios a’m. Cha d’fhuair mi mach a riamh. Cha robh fhios a’m ciamar a bha i cur seachad a’ chuid mhór de a beatha no co air a bha i smaoineachadh.

title3
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p

parent textAn t-Aonaran
<< please select a word
<< please select a page