5
CHUIR mi romham e ’s rinn mi e. Aig trì uairean sa’ mhadainn – gus nach fhaiceadh duine mi – dh’éirich mi ás mo leabaidh bhlàth, chuir mi orm m’aodach, shlìog mi mach ás an tigh, ’s rinn mi mo shlighe gu bothan an aonarain. A dh’aindeoin m’fhaicill bha eagal orm fad na tìde gum faiceadh cuideigin mi, ’s a’ ghealach cho soilleir ’s cho cruinn anns an adhar. Gealach abachaidh an eòrna bheir i sinne Leódhas dhachaidh. An talamh mar mhàrbhail, màrbhail nan Greugach. Na h-eòin ’nan cadal. Chan fhaca mi taibhs’ idir ged a tha iad ag ràdh gu bheil taibhs faisg air a’ bhothan. Beagan faruim aig an allt ’s e sruthadh seachad troimh’n oidhche. Cha robh air feadh na h-oidhcheach a ghuth-san – an t-allt a tha a’ ruith gun sgur gus an ruig e an cuan. Aon turas chunna mi cat a’ ruith tarsainn air an rathad, le a shùilean uaine, a’ sealltainn air ais rium ann an solus na
Uill, ràinig mi am bothan. Is sheall mi steach air an uinneig ach chan fhaca mi càil ach dorchadas. Theab mi an dorus fhosgladh ’s a dhol a-steach air a’ ghuth thàmh do’n bhothan. Cha robh mi fiù a’ cluinntinn duine a’ tarraing anail. Sheas mi aig an dorus mar dhotar a bhios ag éisdeachd ri sgamhanan easlainteach ach cha chuala mi càil. Bha an oidhche cho sàmhach. Nam biodh duine air a dhol seachad an uair ud bha e air smaoineachadh gu robh mi ás mo chiall. ’S math dh’fhaodte gu robh mi ás mo chiall. Dé tharraing an seo mi co-dhiùbh? Bha an dorus dùinte ’s am bothan cho sàmhach ris an uaigh. Chunnaic mi sgrìobhte air an dorus ann an solus na gealaich ainmeannan feadhainn a bha uair anns an RAF, ainmeannan Sasannach. Dealbhan de chridheachan. Cupid an siud ’s an seo le sgiathan. Càit an robh na daoin’ ud an diugh.
Is aonaran ’nan àite.
Bha an oidhche cho sàmhach ’s mi ’nam sheasamh ris an dorus. Bhiodh e ’na laighe ’na leabaidh anns a’ bhothan ud far an robh na Sasannaich air a bhith uair a’ bruidhinn air itealain, air cogadh, air boireannaich. Air boireannaich. Na dealbhan òrail ann an solus na gealaich. Broillichean móra le saighdean tromhpa. Thionndaidh mi air falbh. Bha eagal orm gum faiceadh cuideigin mi. Bha mi air chrith, mar itealan anns an adhar, bha mo bhial tioram. Mar gum bithinn air tighinn a ghoid ionmhais. Mar mhèirleach. Mar gum bithinn air tòir òir ann an solus na gealaich. Bha am bothan ag éirigh cho deàlrach a-mach ás a’ mhòintich, am bothan aosd, le a dhorus sgàinte.
Thionndaidh mi air falbh ’s rinn mi mo shlighe dhachaidh, ’s mi a’ faireachdainn cho meallta. Bha dùil a’m gu robh mi air rudeigin fhaicinn. Ach chan fhaca mi càil. ’S cha chuala mi càil. An rathad air thoiseach orm a rithist, an rathad cumhang geal, màrbhail fuar air ais gu mo thigh air an
Bothan fiodha ’na sheasamh leis fhéin is ’na bhroinn an t-aonaran nach robh mi a’ tuigsinn. ’S a’ ghealach mhàrbhail air an rathad, air a’ chuan. ’S Cupid no dhà air an dorus sgàinte. ’S a’ ghealach cho mór ’s cho cruinn ’s cho faisg. ’S mo ghàirdeanan air cluasaig fhalamh.
PER ARDUA AD ASTRA.
title | 5 |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Mac a’ Ghobhainn An t-Aonaran %p |
parent text | An t-Aonaran |