[i] [ii] [iii] [iv] [vii] [ix] [x] [xi]
[xii]

DO ’N LEUGHADAIR.

A LEUGHADAIR SHUAIRCE,—

Tha mise cur a mach an leabhair so, chan ann a chionn gu bheil moran iarraidh aig an t-saoghal air, ach a chionn gur e mo thoil fhein sin a dheanamh. Tha mi creidsinn gun eireadhs gun laidheadh aghrian mar a rinn i bhon is cuimhne leam, ’s nach sguireadh àm curachd is foghair a thighn mun cuairt, ged a ghleidhinn-sa mo leabhar dhomh fhein; ’s gu dearbh nan gabhainn comhairle mo chairdeanni nach gabh duine sam bith aig a bheil toinnisg— ’s e ghleidheadh dhomh fhein a dheanainn. Mo bhean, aig nacheil facal Gaidhlig, an deigh dhi aon de na duilleagan a sgrudadh gu poncail, ’s an ceann cearr rithe, thuirt i nach deanadh e feum; gum bfhearr dhomh mo phìob a lasadh le mleabhar na daoine bhi gàireachdaidh mhagaidh orm. Thuirt mi rithe nam paigheadh iad air son mo leabhair, gu robh mi coma co-dhiù ghàireadh no chaoineadh iad. “Ma tha,” arsa mise, “duinann as lugha mo chiataich dheth na gach duineile, ’s e am fear sin nach urrainn gàire cridheil a dheanamh; agusna dhéigh-san, am fear sin, mas fhior e fhein, nach teid aigair breug innseadh. Fhaic thu, thig an ni sin, an gàires abhreug, cho nadurra do dhuine ri


[xiii] tarruing analach, ’s ciod a thann da ach a bhi breabadh an aghaidh nan dealgs abuaireadh an fhreasdail a bhi cur an aghaidh naduir.”

S e mar a tha nacheil tuilleadhs achòir de leabhraichean saGhaidhlig, ’s tha iadsan a tha deonach agus comasach air cur ris abheagan a thann, air am bacadh o sin a dheanamh leis cho beag iarraidhs a thaig Gaidheil air leabhraicheannan cànain fhein. Ach iarraidh ann no as, than leabhar so dol a mach a dhaindeoin co theireadh e. Tha mi, mar gum beadh, atilgeadh marain air aghaidh nan uisgeachan, an dùil ri e thilleadh air aisna cheapairean ròmais an déigh dhomhsa dol thar an aiseig; no am briathran maith a dhfhaoidte as freagarraiche don chùis, tha mi tilgeadh na spitheig so mu thuaiream carn ar litreachais; ma dhamaiseas i air, is maith; ’s mur an amais, nach beag an dolaidh.

A nis, a leughadair, ma tha amharus agad nach faigh thu uidhir gliocais ann am leabhars a gheibh thunLeabhar nan Gnathfhocal,’ chaneil mig radh nach fhaod thu bhi ceart, ach cuimhnich nach robh am freasdal cho fabharrach dhomhsas a bha e do Sholamh. Nam bithinn-sa air mo sgeadachadh an lion-eudach grinn, ’s crun òir air mo chnuaic, co is urrainn a radh nach fhaodainn a bhi na bu ghlice na tha mico-dhiù, an suilean dhaoine; achair ghaol sith’ ’s air eagal conais,” na bi talach air mo ghliocas:

Chaneil air, ma tha e gann,
Ach na bheil ann a thoirt as.”

Chan e nacheil gu leòir de ghliocas agam den t-seorsa thann; gliocas air nacheil mi fhein acur a bheag sam bith a dhfheum, ’s a dhfhaodainn a sheachnadh do neach sam


[xiv] bith aig am bheil iarraidh air; ach tha amharus agam nacheil an gliocas a gheibh duinen coingheall a chum moran feum dha. Is eigin do gach aon againn a chùrsa fhein a stiuradh leis an tomhas gliocais a chaidh a bhuileachadh air, gann no pailt gam bi e. Ach ma rannsaicheas tusa mo leabhar gu dichiollach, co aige tha fhios nach fhaod thu tighn trasd uir driothlunn céille an suds an sonuair is lugha tfhiughair ris, ’s ma thachras tu air dad, eadar an tughas an raineach, as fhiach dhuit a chnuasachd, ’s ma tha an ni sin a chum do bhuannachd, gabh ris, ach mur a bheil, guait e. Chan urrainn domhsan gnothach a dheanamh nas cothromaiche na sin. Slan leat.

Do Charaid dileas,

DOMHNULL MACEACHARN.

DUNEIDEANN, 1904.

titleDo ’n Leughadair
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textAm Fear-Ciuil
<< please select a word
<< please select a page