ORAIDEAN IS SGEULACHDAN.
AN CAT.
Theirinn ri caraid no bana-charaid ’s am bith a thig trasd air an duilleig so gun mhor-shuim a ghabhail di, nach ’eil dad innte ’s fhiach a leughadh. Cha ’n ’eil mi, mar gu ’m b’ eadh, ach ’g am thoileachadh fhein, ’s an uair a tha duine ’g a thoileachadh fein faodaidh e bhi cinnteach nach ’eil e toileachadh muinntir eile. Cha ’n e gu bheil e soirbh muinntir eile thoileachadh, eadhoin ’nuair a dh’ fheuchas duine ri sin a dheanamh. Tha ’n cat ’s mi-fhein an déigh cur a mach air a chéile, dìreach mu ’n cheart phuinc so. Dh’ fheuch mi r’a thoileachadh, ach an àit e bhi toilichte, ’s ann tha diomb na dunach air. Thug e greis ’na shuidhe aig an teine a’ glanadh aodainn ’s a’ cìreadh a chinn, ’nuair a thug e fainear nach robh ’n teine cho aoibheil ’s a bu mhaith leis. Sheall e mu ’n cuairt air son àite bu sheasgaire, ’s cha ’n fhac e àite, ar leis, a b’ fhearr na uchd fhir-an-tighe. Leum e ’n àird, ’s rinn e e-fhein cho socrach ’s ged bhiodh e pàigheadh air son a leapa. G’a thoileachadh, shuidh mi fodha ann an sin gus an robh an cadal-deilgneach a’ tigh’n am luirgnean.
Thuirt mi ris, mu dheireadh, gu ’m b’ fhearr dha dol gu làr, ach thuit gu robh esan de dh’ atharrach beachd, ’s a sios cha rachadh e. Dh’ fheuch mi ri iompaidh a chur air le mìn chomhairle, ach thug e cluas bhodhar dhomh. Cha ’n ’eil mise cho faighidneach ’s a bha ’n duine còir sin a bha aon uair ann an tir Uis, ’s bho nach ’eil, ghabh mi lasan ris a’ chat. Rug mi air bhad-mullaich cinn air, ’s theann mi r’a chur sios leis an laimh làidir; ach cha robh sin domhsa mar mo chuid fhein. Chuir esan a dhubhain an sàs gu greimeil ann am thriubhas, ’s chuir e roimhe nach geilleadh e oirleach. Gu mi-fhortanach, bha ’spuirean cho geur ’s gu ’n deach iad, cha ’n ann a mhain troimh ’n chlò, ach troimh ’n chraicionn a bha foidhe. Leum mis’ air mo bhonn a’ glaodhach, Mort! Leum esan thun an urlair, ach mu ’n d’ fhag e mo shealladh thug e suil orm thar a ghualainn—sùil anns an robh tuillidh spìd r’a leughadh na theid agams’ air a sgriobhadh. Tha so a’ deanamh soilleir dhuibh, cho doirbh ’s a tha muinntir eile thoileachadh, air cho maith ’s gu feuch sibh ris.
Tha seòrsa de thlachd agam fhein air a bhi beachdachadh air gnaths nan creutairean a thachras a bhi ’m choimhearsnachd, agus a bhi toirt fainear mar a tha ’n tuigse nàdurra chaidh a bhuileachadh orra ’ga nochdadh fhein annta. Leughaidh mi inntinn a’ choin, mar gu ’m biodh run dìomhair a chridhe sgriobht’ air clar aodainn. Cha ’n ’eil an cat, uile gu léir, cho fosgailteach, ach ’nuair gheibh sibh iuchair na h-inntinn aige, ’s a thuigeas sibh gur i ’s riaghailt beatha dha fìor dheagh churam a ghabhail mu phearsa phriseil fhein, ’s gur e so an t-aon lùdagan air a bheil a ghiùlan gu
h-iomlan a’ tionndadh; tha ’n còrr soilleir gu leòir. Tha ’n cat, mar so, na ’s glice air a shon fhein na tha ’n cù. Tha’n cù daonnan deas a chur a ghliocais fhein gu seirbhis an duine, ach tha fhios aig a’ chat nach ’eil an sin da ach an fhaoineas. Tha ’n cat ag amharc air an duine mar chreutair a chaidh ullachadh a dh’ aona ghnothach a chum freasdal dhasan ’s d’a uireasbhuidh.
Tha ’n duine, ’n a fhein-spéis, a’ gabhail g’a ionnsaidh fhein gu bheil a thuigse-san cho àrd os cionn tuigse nan creutairean diblidh leis a bheil e air a chuartachadh, ’s a tha na neamhan os cionn na talmhainn; ach ma sheallas sinn a stigh na ’s dluithe ’s a’ ghnothach, chi sinn—co-dhiù, cho fhad ’s as léir dhomhs’ e—nach ’eil eadar-dhealachadh sam bith eatorra an gnè, ach a mhain anns an tomhas ’s a bheil an tuigse sin air a buileachadh. Cha ’n e sin a mhain, ach tha co-chordadh nach beag eadar giùlan an duine gu nadurra, agus giùlan nan ainmhidhean as dluithe dha an inbhe. Ma shamhlaicheas mi beusan an duine ri beusan a’ chait air a bheil mi ’g iomradh, cha ’n ’eil mi faicinn gu bheil aobhar mor sam bith aig an duin’ air uaill a dheanamh. Ma theirear nach ’eil an cat cho onarach ’s a dh’fhaodadh e bhith; co as urrainn a ràdh gu bheil an duine? Ma theirear gu bheil an cat ’na chreutair ro fheineil; nach cuala sinn iomradh air daoine nach robh, uile gu léir, saor o’n fhàilinn cheudna? Ma thàtar a’ cur as leth a’ chait gu bheil e mì-thaingeil; mo chreach! nach ’eil aon no dhà de m’ luchd-eolais fhein, nach ’eil ro-chomharraicht’ air son an taingealachd.
Faodaidh mi eisimpleir bheag no dhà thoirt seachad air beusan a’ chait ma tha e ceadaichte dhuinn beusan a ràdh
ri nithean nach ’eil idir beusach; co-dhiù, biodh na beusan maith no dona, cha ’n ’eil an cat gun toinnisg.
An cat so againne, d’an ainm “Tómas,” tha e ro dhéidheil air iasg. Latha o chionn ghoirid, chaidh e fhein ’s mise fhagail leinn fhein a ghleidheadh an tighe. ’Nuair thainig àm gu lòn a dheanamh deas, chuir mi de dh’ iasg ann an coire air an teine na dh’ fhoghnadh dhuinn le chéile. Chaidh mi ’n sin an àird an staidhir air son leabhair a bha dhìth orm. ’Nuair a fhuair mi ’n leabhar, thug mi suil ann, ’s a reir coltais, leig mi ’n t-iasg air dhearmad; ach ma leig mise, cha do leig Tómas. Air ball, thòisich e air nuallanaich aig bonn na staidhreach, ’s air dhomh dol le leathad, stiuir e ’n rathad thun na teine, far an robh ’n coire nis a’ goileadh ’s a’ cur thairis. Bha so a’ nochdadh tomhas nach bu bheag de thuigse; ach fhaic sibh, bha fhios aige gu robh a chuibhrionn fhein ’s a’ choire, ’s bha eagal air gu rachadh e ’n dolaidh, mar a chaidh “càl nam Bodach Gallda.” Na ’m bu phoit bhuntata bh’ air an teine, cha chuireadh e iomagain sam bith air Tómas ged a chitheadh e i dol a mach troimh ’n luidheir.
Dhearbh mi cuimhne Thómais uair no dhà, ’s feumaidh mi ràdh gu bheil i glé mhaith ’nuair as fhiach an ni cuimhne ghleidheadh air. Tha e ’n a dheagh shealgair, ’s mar sin cha ’n ’eil radain no luchaidh a’ cur a bheag de dhragh oirnn; ach dh’ fhag sin an fhiadhach car gann ’na chriochan dligheach fhein, ’s b’ éigin da seilg fhaotainn air fonn eile. Thòisich e air sealg nan eun beaga bha tighinn a neadachadh ’s a sholar lòin mu thaobh-cùil an tighe. Cha robh so taitneach leamsa, ach dh’ fheith mi gus an d’ fhuair mi fianuis
’na aghaidh. Latha de na laithean, thainig e steach ’s eun ’na bheul, ’s e ’g a leigeil fhaicinn do gach neach a bha mu ’n cuairt. ’Nuair a thainig e far an robh mise rug mi air, ’s dh’ innis mi dha nach robh mi idir buidheach dheth; nach b’i sin an seorsa sithinn a bha dhìth ormsa; ’s a bharrachd air sin, gu robh Achd Pàrlamaid an aghaidh a bhi marbhadh eun as eugmhais cead laghail air a shon; ’s na faicinn-sa a leithid so de sheilg a rithist, gu ’n cuirinn maoir is madaidh a’ bhaile ’na dhéigh. “Fhaic thu,” arsa mise, ’s mi crathadh mo chorraig r’a shroin, “b’ fhearr leamsa eisdeachd ri ceilear an eoin bhig sin fad choig mionaidean, na ged bhiodh tusa ’s do chompanaich a’ seinn domh fad choig ràidhean.” Tha amharus agam nach do leig Tómas dheth, uile gu léir, a bhi sealg nan eun, ach thuig e, maith gu leòir, nach robh cliu aige ri fhaotainn air a shon, ’s leig e dheth a bhi toirt dachaidh na cairbh.
Còrr is bliadhna ’n déigh dhomh ’n t-achmhasan sin a thoirt do Thómas mu shealg nan eun, thachair dhomh bhi ’m sheasamh aig an dorus-chùil, ’s a’ sealltainn mu ’n cuairt, ’nuair thug mi fainear eun beag boidheach a’ piocadh crioman arain a chaidh a thilgeadh a mach. Goirid uaithe chunnaic mi gluasad faoin am measg na luibheannaich. Ciod a bha ’n so ach Tómas ’s e snàg troimh ’n fheur ag ealadh air an eun; a shuilean mar chaora teine ’na cheann, ’s mort dearg ’na chridhe. Bha ’n t-eun bochd cho trang a’ dinneadh a sgrobain ’s nach robh smaointeachadh aige air bàs obann, ’s bha ’n cat cho dian air a’ ghnothach fhuilteach a bha ’n a bheachd ’s nach robh suil aige air son ni sam bith eile. Mar sin, cha d’ thug aon dhiubh ’n aire gu robh mise gabhail iolla
riu. ’Nuair a shaoil mi gu robh an cat ullamh gu buille-mhuineil a thoirt seachad, rinn mi casd, ’s chunnaic e mi. Ann am prioba na sùl, bha e ’g amharc an àird an adhair, mar gu ’m buaileadh grad iomagain e mu chor na sìde, agus fiamh cho neo-chiontach air a mhalaidh ’s ged nach do thuinich droch smuain riamh ’n a coimhearsnachd. ’S a dhearbhadh dhomh gur ann mar sin a bha, thòisich e air cur char dheth ’s an fheur, ’s air mire r’a earball. O, an t-uan neo-choireach! Co a chuireadh olc as a leth? Esan a’ dol a thoirt droch ionnsaidh air an eun bhochd! Ud! Ud! Cha do smaointich e riamh air a leithid. Cha robh e ach a dol a chur clisgeadh air; direach, a dh’ fhaicinn mar a leumadh e. Tha mi ’g ràdh ribh gu’n robh an gnothach uile gu léir cho coltach ri rud a dheanainn fhein ’s gu’n do chuir e eagal orm.
Tha nighean duinn a chomhnaidh air an duthaich. Chuir i uair crioman ime g’ar n-ionnsaidh, ag innseadh aig a’ cheart àm gur i fhein a rinn e. Cha robh thar luach tastain ann, ach rinn a mathair uidhir othail mu dheighinn ’s ged a bu mheall òir a bhiodh ann. Mhol sinn an t-ìm, ’s ghuidh sinn beannachd air an laimh a chuir thugainn e, ’s chaidh a chur seachad. An ath uair a chaidh tarruing a thoirt air an ìm, chunnaic mi gu’n robh gòmag bheag air a toirt as, ’s air sealltainn na bu dluithe, thuig mi gur i ’n luch a bha feuchainn a fiacail air. Bha’n cat air an ùrlar, ’s e ’g a shuathadh fhein ri m’ luirgnean, ’g am dheanamh mothachail gu robh esan a lathair, ’s gu robh e deas air son a chuibhrionn fhein de dh’ aon dad a bha dol. Thog mi air a’ bhord e ’s nochd mi dha dìol an ime, ’s thug mi dha, aig a’ cheart àm, mo shaor bharail air teisteas cait a’ bhaile;
nach b’ airidh iad air an tearmunn a bha iad a’ faotainn; gu’m bu mhò an cron na’m maith, ’s nach b’ fhiach iad a bhi ’g an cumail am biadh ’s an deoch; agus gu robh amharus nach bu bheag agam nach b’ fhearr esan na aon diubhsan. Thug mi fainear gu’n d’ amhairc e glé gheur air an aileachd a dh’ fhag fiacail na lucha ’s an ìm, ach cha robh tuillidh air aig an àm. An la-r- na-mhàireach, mu bhristeadh na fàire, chaidh mo dhusgadh as mo chadal le ulartaich oillteil aig dorus an t-seomair. Leum mi as mo leabaidh ’s mi cinnteach gu robh na meirlich air bristeadh a steach, no gu robh an tigh r’a theinidh. Dh’ fhosgail mi le cabhaig an dorus, ach cha robh r’a fhaicinn an sin ach an cat. Bha esan ’na sheasamh fa m’ chomhair ’s a cheann cho àrd ri ceann saighdeir. Sheas mi tiota beag ’s gun mi tuigsinn aobhar an fhuathais a chuireadh orm; ach cha robh mi fada mar sin ’nuair a thuig Tómas nach robh mi gabhail a steach suidheachadh a’ ghnothaich. An dara cuid gu robh mi fhathast am leth chadal, no, anns an odhar dhorcha, nach robh mi léirsinn na lucha bh’ aige-san ’na bheul. A dheanamh a’ ghnothaich cinnteach thilg e ’n luch ’s an adhar, ’s cheap e i ’s an tigh’n a nuas; thilg e ’n sin mu’m chasan i ’s leum e air mo ladhran, ’s dhamhais e mu chorp na lucha gus an robh e dearbh-chinnteach gu robh mise mothachail air an treuntas a rinn e. Thuig mise mar a bha chùis. Chaidh mo dhusgadh á m’ shuain chadail, aig àm cho mì-chneasda, a shealltainn air corp lucha, ’s a dh’ fhaotainn dearbhaidh air cho neo-airidh ’s a bha cait a’ bhaile—gu sonraichte aon diubh—air an tuaileas a bha mise cur a mach orra. Ciod a b’ urrainn domhsa dheanamh ach aithreachas a ghabhail, ’s mo cheann a
chromadh le tamailt, ’s aideachadh do Thómas gu’m bu dheagh sheirbhiseach e.
Theagamh gu’n abair cuideigin, gu nochdadh Tómas tuillidh gliocais le a lòn maidne dheanamh de’n luch ’s gun diog a ràdh mu déighinn. Tha moran dhaoine tha tuiteam ’s a’ cheart mhearachd sin. Tha iad a’ smaointeachadh gur leòir dhaibh an gnothach a chaidh earbsa riu a dheanamh gu dichiollach, onarach, ’s gu ’n toir an saoghal creideas dhaibh air a shon. Cha ’n ’eil an so dhaibh ach an amaideachd. Ciod as moth’ air an t-saoghal iad fhein ’s an gnothaichean suarach? Ma’s àill leo creideas fhaotainn air son an gnìomhara, feumaidh iad an trombaidean fein a shéideadh na ’s cruaidhe na sin, ’s a chur an céill anns gach ionad-féille gur iadsan, gun teagamh, an sluagh, agus maille riusan gu ’m bàsaich gliocas. Na creidibh gur feala-dhà tha ’n so, ’s ann a th’ ann smior na fìrinn. “Is mise bha ’n sin ’s a chunnaic” daoine nach b’ fhiach a bheag no mhor ann an greim duineil sam bith a’ tighinn gu àitean àrda air neart a bhi ghnàth, a dh’ oidhche ’s a latha, moch is anmoch, a’ trompaideachadh an tapadh fhein, agus sin, iomadh uair, ann an gnothaichean cho suarach ’s gu ’m bu nàr leam iomradh dheanamh orra. Fhir leis am b’ aill faotainn air t’ aghairt ’s an t-saoghal so, tilg naire thun nam feannag; cruadhaich do bhathais, ’s na leig an cothrom as lugha seachad ort gun do ghuth a thogail ’s do chliu fhein a sheinn. Na cuireadh e miapadh sam bith ort nach ’eil do ghniomh ach suarach; dean uidhir fuaim m’a dhéighinn ’s ged a b’e cuilean na crith-thalmhainn a bhiodh ann. Séid do thrompaid ’s cuir an ceill do ’n t-saoghal mhor m’an iadh
a’ ghrian, gur tu fhein is mor-ionmhuinneach ann, ’s do choimpire nach ’eil r’a fhaotainn. ’N ad aonar rinn thu euchdan aibheiseach. Le d’ ghairdean neartmhor fhein mharbh thu—luch!
Cha ’n ann idir amaideach a tha Tómas againne.
title | An Cat |
internal date | 1907.5 |
display date | a1908 |
publication date | 1910 |
level | |
reference template | MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p |
parent text | Òraidean is sgeulachdan |