[225]

TROM-LIGHE.

Tha cuid de dhaoinann aig a bheil e mar chleachdainn a bhi bruidhinn riu fein; no co-dhiù, a bhi ceadachadh dam bilean run diomhair an cridhe leigeil ris do na feannagan. Tha muinntir eilann do nacheil e soirbh an inntinn a chumail fo ghlais, ach an àite bhi leigeil le gaoth an fhàsaich am barail a chraobh-sgaoileadh, tha iad adeanamh cruaidh-ghreim air acheud neach a shaoileas iad a bheir eisdeachd dhaibh, ’s ataomadh an sgeoil gun bhrighna chluais, olc air mhaith leis e. Chaneil mise, uile gu leir, cho ao-dionach riu so, achs gle thoigh leam seanachas beag a bhi agam ri mchù an dràsts a rithist; gu sonruichte, ’nuair a thachras dhuinn a bhi leinn fein air leth-taobh bruthaichs gun duineg ar n-eisdeachd. Is creutair compantan duine thaobh naduir, ’s mar sin tha iarrtas aige air a bhi leigeil inntinn ra cho-chreutair, gu sonruichte, ri caraid dìleas anns am bi lan-earbsaige. Ach tha mi mbarail nacheil e furasda do dhuine caraid as dìlse no as earbsaiche fhaotainn nan . Cha toir fuachd no teas, pathadh no acras air achù a mhaighstir a threigsinn. ’Nuair bhios tu fo laimh trioblaide, co as motha iomaguin mu ddhéighinn, no as motha co-fhulangas ri dchor na do chù? Chan ith e biadhs chan òl e deoch gus am faic e air do chasan thu. Cha chuir do chù facal a


[226]

taghaidh ged nach bi do chainnt, uile gu leir, cho crabhachs a dhfhaodadh i bhith. ’S ged a thuiteas dhuit, ann ad sheanachas, leum-taoibh a thoirt thar smior na firinn, mar a thachras dhuinn air uairean, chan e do chù a their riut gur h-olc. Faodaidh e, gun teagamh, car beag a chur an cuinnein a shroine mar gum biodh e faotainn fàileadh bragsaidh, ach chan abair e riut, am muighs a mach, gu bheil thu dol tuaitheal air stéidh aghnothaich. Cha mhotha na sin a thig e thairis, ri neach eile, air aon fhacal beag a their thu ris eadaruibh fein; ’snuair a dheireas droch thubaist dhuit, chan abair do chù riut gur ann agad fein a bha choire. Chan ionann sins do dcharaid ionmhuinn; thig esan le salann an achmhasain, ’ga shuathadh ann ad chreuchdan craiteach, gus am bfhearr leat na ni nach abair thu gun do ghabh e seachad air an taobh eile, no gu robh e gu comhfhurtachail ann an uchd Abrahàim, agabhail fois o a shaothair aimsireil, non àite sam bith eile ach far am faigheadh e cothrom air a bhig ad fheannadhsg ad phìosdaireachd le lann mheirgeach a chronachaidhs an earalachaidh. Uch! Thoir dhomhsa cuideachd Yarrow, a roghainn air cuideachd acharaid sin.

S e thug dhomh iomradh dheanamh air na nithe so aig an àm, gu robh seanachas beag eadar mi fhein is Yarrow, an la-roimhe, ’s ged nach fhiach an seanachas sin tighn thairis air, faodaidh mi cion-fàth aghnothaich ainmeachadh. Beagan laithean roimhe sin, thill caraid dhomh air ais o bhi gabhail a chuairt shamhraidh am measg eileanan boidheach na h-àirde- ’n-iar, agus mar nach do shaodaich am Freasdal e thug e gam ionnsaidh fhein an aona ghiomach a bu tlachdmhoire


[227]

a chunnaic mi idir. Bha mi fior thaingeil do mcharaid air son a chaoimhneis, agus gle thoilichten giomach fhaicinn, a thaobh gu robh mi eolach gu leòir air a sheorsas na laithean a dhfhalbh. Cha deanadh feum le bean-an-tighe ach gum biodh an giomach againn gur suipeir. Dhaontaich mi fhein ri so, ged nach robh mi idir cinnteach gum be sin an tràth a bu fhreagarraiche air son a leithid de chuirm. Co-dhiù, bhruich is dhith sinn an giomach, ’s air ball ghabh sinn mu thamh; ’s e sin ri radh, ghabh an còrr den teaghlach mu thamh, ach tamh no clos cha do ghabh mise. Cha bu luaithe dhruid mi mo shuil na thòisich mi air bruadar air gach ni a buamhasaiche na chéile, —uair an cunnart a bhi bàite; uair atuiteam bharr bearra nan creag, ’s uair atachairt air fiadh-bheathaichean neoghlan nacheil am mac-samhuil ri fhaotainn anns na neamhan shuas, no air an talamh a bhos. Mu dheireadh, shuidhich an gnothach a sios ann an trom-lighe cho dealbhachs a chunnaic duine den àl so. Bha mi nis air mo ruagadh gu dian le buidheann de dhaoine dubha, alluidh, nach cuala riamh iomradh air an t-seathamh àithne. Bha fios agamach ciamar a fhuair mi fios chaneil e ro shoilleir dhomhgur ann air son an lòn-feasgair a dheanamh dhiom a bha iad cho dian air mo thòir. Tha mi lan-chinnteach gun do ruith mi leth-cheud mile dhastar feadh cladaich is garbhlaich anns nach burrainn domh mo chasan a ghleidheadh, ’s na h-uilebheistean dubha sin air mo shàil. Mu dheireadh, thilg fear dhiubh ròpas dul air a cheann mum thuaiream. Chaidh an dul sin gu cruinn, cothromach, mum mhuineal, ’s cha robh dol na bfhaidagam. Duaichnidhs mar a bhan gnothach, ciod a


[228]

thainig am inntinn ach acheist a babhaist duinn fharraid aig suil-fhadaidh na h-àtha air Oidhche-shamhna— “Co sud shios air ceann mo ròpain?” Ach ged a rachadh acheist a chur aig an àm, cha robh de dhanail agam-sa na fhreagradh i. Shlaod iad leotha mi air ceann an ròpa gu bun craoibhe bha dluth laimh, ’s iad an run mo chrochadh ri meanglan den chraoibh; ach air acheud spadhadh a thug iad air an ròpa, leum misesan adhars dhuisg mi, agus gu dearbh bhan t-àm agam; mionaid eile dhuines bha mi cho crochte ri sgadan dearg. ’Nuair a thainig mi gum mhothachadh ceart, an àite gad na croiche bhi mum mhuineal, ’s ann a fhuair mi gairdean na mnatha trasd air ubhal mo sgornain. Thilg mi sud uams thug mi raoic an cluais na mnatha, “an robh i mothachail air ciod a bha i deanamh?” Chlisg i, ’s sheall in àird, ’snuair a chunnaic in coltas tilgte bhormmo shuilean an impis leum as mo cheannmfhallus asruthadh mu mghruaidheanmfhaltna sheasamh cho frionasach ri tom conaisg, ’s mi air chrith cho luath ri duilleig chrithinn, cha mhor nach do leum acridhe as a chochull leis an eagal; shaoil i gu robh mi air aona spruidhleach céille bhagam a chall.

Beannaich sinn,” arsise, “Ciod a tha cearr?”

Ciod a tha cearr?” arsa mise; “theagamh nach biodh dad cearr leatsa ged a chitheadh tu mi air mo chrochadh, agus sin cho àrd ri Hàman, Mac Hamedata.”

Bha mise ann am shuain chadail,” arsise.

Mur am bitheadh,” arsa mise, “cha bhiodh tu cho carthannach.”


[229]

An saoil nach dthug e tomhas de thoileachas inntinn dhomh gun dfhuair ise dluth air uidhir eagail rium fhein. Air eagals gun tuitinn am chadal a rithists gu faodainn a bhi air mo chrochadh am muighs a mach mu rachadh agam air dusgadh leum mi air mo bhonn, ghairm mi Yarrow, ’s thug sinn am bruthach oirnn. Ach ged a fhuair mi cuidhtes an dul a bha mum mhuineal, cha dfhuair mi cuidhte de bhuil an eagail. Bha sin an crochadh riums afagailmo chridhe cho trom ri cloich ann an gleann, nach caraich.” Bha mo shuilean ameudachadhs acur -dhreach air gach ni air an sealladh iad, ’s mo mhisneach air mo threigsinn cho buileachs gu robh mi cho sgaoimeach ri each cladhaire. Mar sin cha robh facal maith no dona agam ra sheachnadh ris achù. Mu dheireadh, thainig sinn gu àit-adhlaic anns a bheil tolman beag uaine as prìseala leamsa nan còrr den chruinne. Shuidh mi sios ra thaobh, ’s laidh Yarrow air mo chùlaibh. Thug mi greis an sin asmaointeachadh mo smaointean fhein, ’nuair a mhothaich mi rud-eigin abeantuinn ri mghairdean. Thionndaidh mi, ’s ciod a bhan so ach spàg Yarrow. Bha bhrùid bhochdna shuidhe ri mthaobh; a spàg gu reidh, faicilleach, air mo ghairdean; a dha shuil bhoidheach, lan iomaguin ag amharc am aodann, ’s afarraid cho soilleirs ged a chuireadh e ann an cainnt e, “Ciod a tha cur trioblaid ort?” Rug mi air spàig air, ’s thuirt mi ris nach robh mor-fheum dhomh fàth mo thrioblaid innseadh dhasan; nach tuigeadh e ged a rachadh innseadh dha, ’s gum bfhearr dha bhi mar bha e na bhi gabhail pairt ann an giulan trioblaid an duine. “Fhaic thu, a Yarrow,” arsa


[230]

mise, “Chaneil annadsach . Cha deach buaidhean inntinn a bhuileachadh ort comasach air gleachd ris na ceistean cruaidh a tha ghnathnan saothair anama don duine. Ciod an tuigse thagadsa air diomhaireachd beatha agus bàis, tìm agus siorruidheachd, no air na ficheadan cuspair eile air am bi inntinn an duine abeachd-smuainteachadh? Rinneadh thusann an staid iosail, ach rinneadh an duine ann an inbhe àird, beagan na bisle na na h-ainglean, ’s air dha bhi air fhagail gu saorsa thoile fein, fhuair e ni no dhà a mach nach deach a theagasg dhan tùs, gus a bheil e nis mar dhé, fiosrach air maith agus air olc; agus mar sin, a thaobh eolais, nas àirde na na h-aingil. Am fac thu aingeal riamh, a Yarrow?” Chrath e cheann, ach tha mi saoilsinn gur ann a chrathadh nan cuileag bharr a chluas. “Mata, a Yarrow, nam bu chuimhne leatsa an a thana cadal fon tolman sin, ’s e sin coimeas as dluithe as urrainn domhsa thoirt dhuit air an aingeal. Ach mar thuirt mi riut cheana, chaneil annadsach , ’s ged a tha thu leigeil ort a bhi geur-bhreithneachadh air na briathran cudthromach a tha tuiteam o mbhilean, chaneil iad ann ad chluais ach mar fhuaim na gaoithe; mar ni gun fhoidheam. Tha thu tur aineolach air na nithe sin; chan fhios duit cia as a thainig thu, no càite bheil thu dol, no ciod is crioch àraid do dhuine no do bheathach. Ach na cuireadh so mor-churam ort, oir nam bithinn-sa cho firinneachs cho onarach riutsa, dhaidichinn duit gu bheil mi fhein anns acheart suidheachadh, ’s tha amharus agam gu bheil mi fheins amhor-chuid de mchoimhearsnaich air ar tearradh leis an aona pheallan. Thuirt fear àraid mu dhéighinn aineolais


[231]

mhuinntir an t-saoghail so a thaobh an crannchuir, rud-eigin mar so:—

Than saoghal so mar thigh-òsd,
Aig taobh an ròid air son luchd-turuis;
Thig iad thuige guls abron,
Is théid fa-dheoidh abrons a tuireadh.
Thig is théid, a dhoidhch’ ’s a ,
S leo cuid an tràth anns an dol seachad;
Thig mar fhaileas, ’s théid mar sgàil,
Mar cheo asnamh air aodann leacainn.
S cruaidh-cheist so o thùs an ,
S a liuthad inntinn gheursa ghleachd rith’.
Cas a thainig? Càit an téid?
Chan fhioss cha léir do aon den fheachd sin.

Tha amharus agam gur ann mar so a tha chùis; ’s a dhaindeoin na bheil de dhaoine crabhach adol sioss a suas air an talamh, aleigeil orra gu bheil iadsan lan-chinnteach air a h-uile ceum den turus, gu sonraichte air ar ceann-uidhe mur creid sinn a h-uile facal a their iadsan ruinn, tha mi deanamh dheth nacheil tuillidh fiosrachaidh aca mun ghnothach na tha agadsa no agamsa. Tha mi toirt fainear, gu sonraichte, gur e chuid as lugha toinnisgs as aineolaiche dan luchd-leanmhuinn, as diorrasaiche chumas a mach gur ann acasan a mhain a tha iuchair na firinn, ’s gu bheil gach aon a tha dhatharrach beachd riu fein air an t-slighe chlì. Ach co a tha air an t-slighe cheart, no co tha air an t-slighe chlì, bhiodh e dàna do dhuine sam bith breith a thabhairt.

Thuirt aon àraid mu dhéighinn na muinntreach dhannarra so rud-eigin mar leanas:—

An saoil sibhn ann dur leithid-se de dhfhuigheall pòir,
A bhuamastairean leibideach na h-earra-ghlòir,


[232]

A dhfhoillsich Dia an diomhaireachd a dhiult e dhomhs’?
Seadh, seadh mata; creidibh-se sin mar ris achòrr.

Gu so? A choin gun mhodh, gun nàire! An robh thu dol a dheanamh mort agus mo dhà shuil ag amharc ort? Ciod am buaireas a thair taire? Mise taomadh roghas tagha na bardachd ann ad chluais leobhair, ghlais, agus thusa dealbh uilc ann ad chridhe, ’s a geurachadh tfhiaclan a chur an uilc sin an gniomh! Nach dthuirt mi riut, uair is uair, gun thu chur fiacail air creutair beo ach ann ad fhein-dhion, non dion do mhaighstir, no ma thachras dhuibh le chéile bhi dol bàs a dhìth sithinn? Nach dthuirt mi riut gu bheil acheart uidhir còir aig achreutair dhiblidh sin air a cuibhrionn fein den bheatha sin de bheil an saoghal lans a tha agadsa no agamsa? Nach farsuing an t-achadh airur son le chéile? An creutair neo-lochdach a bha gu saoithreach, dichiollach, asolar lòin dhi feins don mhuirichinn laig a dhfhag im bun an tuim thallad, agus thusa dol a thoirt bàs obann di mar luach saoithreach! O, Yarrow, Yarrow, nach e am peacadh gin a fhuair an droch ghreim ort! Seadh, seadh, tha thu smaointeachadh nacheil dhuit ach an spàg sin a thogail as apholls a cur am laimhs gu bheil an reite seulaichte. Ach na faiceam-sa leithid sud a rithist? Ma chi; chi thusa duine feargach adannsadhseann-triubhas,” air achnaimh as àirde dhiot. Gabh mo chomhairles bi iochdmhor ris gach creutair, eadhoin ris an dallaig-fheoir. An cual thu riamh mar a thuirt am bard Sasunnach; ’s gu dearbh, ged a bu Shasunnach e, bu ghrinn a labhair e? Eisd, mata, ’s bhon a dhionnsaich bean-an-tighe dhuit-sa Beurlani a dhfhairtlich oirre


[233]

ionnsachadh dhomhsabheir mi dhuit rann an duine laghaichna chànain fhein.

Thoir geur aire dha so, oir tha mig radh riut, gu bheil tuillidh de spiorad na diadhachd anns abheagan fhacal so na tha ann an leth-cheud searmoin:—

He prayeth best who loveth best
All things, both great and small;
For the dear God who loveth us
He made and loveth all. ”

A nis, a Yarrow, biomaid abogadh nan gad. “Tog orm mo phiob is theid sinn dachaidh.” O! than giomach sinna shac air beul mo chleibh, no air mo chogais, non àit-eigin mu mthimchioll, ’s tha e air mo ghruan a chur troimhe chéile, air chors gu bheil leusan dubha tighn mu mshuilean, a tha cho leathann ri dbhroilleach. Ach, O, bhan giomach maith, ’s bann le deagh-ghean caraid math a fhuair sinn e; ach nach boillteil an gnothach nan deachaidh mise chrochadh air a thàillibh? Mise air mo chrochadh air son giomaich! Uch! Tiugainn, a Yarrow!

titleTrom-lighe
internal date1907.5
display datea1908
publication date1910
level
reference template

MacEacharn Am Fear-Ciuil (1910) %p

parent textÒraidean is sgeulachdan
<< please select a word
<< please select a page